The Highland Council ~ Comhairle na Gaidhealtachd : Serving The Highland Community  |  Corran Ferry and Central Primary School, Inverness

Gàidhlig

A’ brosnachadh Gàidhlig air Ghàidhealtachd

Tha A’ Chomhairle air fear dhen chiad shia bhuidhnean ann an Alba air an do dh’iarr Bòrd na Gàidhlig obrachadh còmhla ris a’ Bhòrd gus Plana Cànain dhan Ghàidhlig ullachadh agus a chur an gnìomh.

’S e Bòrd na Gàidhlig Buidheann Leasachaidh Reachdail na Gàidhlig, a chaidh a stèidheachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, gus a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh ann an Alba agus thall thairis. Fon Achd, feumaidh am Bòrd Plana Nàiseanta ullachadh dhan Ghàidhlig gus modh-obrach ro-innleachdail a stèidheachadh a thaobh leasachadh a’ chànain agus an dualchais.

Thathar ag amas air 31 ùghdarras poblach eadar 2006 agus 2009 gus planaichean a chur an gnìomh. Tha an taghadh ga dhèanamh a rèir na buaidh a dh’fhaodadh a bhith aig na buidhnean sin air beòthalachd na Gàidhlig sa choimhearsnachd agus san dachaigh; air gach ìre ann am foghlam; agus air beatha na coimhearsnachd san fharsaingeachd, gu hàraidh
air A’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan.

Chuir a’ Chomhairle air bhog a’ chiad Phlana Cànain ann an Alba sa Chèitean 2005. Bha seo a’ cur an cèill dealas na Comhairle a thaobh brosnachadh a’ chànain agus an dualchais agus thathar toilichte gun deach iarraidh oirnn an sgrìobhainn seo a leasachadh còmhla ris a’ Bhòrd.


| Gaelic in the Highlands | Gaelic Language Plan | Plana GaidhligGaelic Links |
| Gaelic Language Toolkit |


The Council is among the first six bodies in Scotland to be instructed by Bòrd na Gàidhlig to work with the Bòrd to prepare and implement a Gaelic Language Plan.

Bòrd na Gàidhlig is the statutory Gaelic Development Agency, established under the Gaelic Language (Scotland) Act 2005, to promote Gaelic both in Scotland and abroad. The Act, requires the Bòrd to prepare a National Plan for Gaelic to establish a strategic approach to the development of the language and its culture.

A total of 31 public authorities have been targeted between 2006 and 2009 to implement plans, with the selection being made on the basis of the potential impact which these bodies could deliver to the vitality of Gaelic in the community and home; education at all levels; and the general community life of the Highlands and Islands area in particular.

The Council launched Scotland’s first Language Plan in May 2005, setting out the Council’s commitment to promoting the language and culture and is pleased to have been asked to develop this document in partnership with the Bord.

A to Z of Council Services [skip]

A | B | C | D | E | F | G | H | I | J | K | L | M | N | O | P | Q | R | S | T | U | V | W | X | Y | Z |