English version
Co-chomhairleachadh air foghlam bun-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach is Loch Abar
’S e toradh na co-chomhairle air solar Bun-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach agus Loch Abar gun robhar a’ toirt taic sa cho-chomhairle do sgoiltean Gàidhlig a bha a’ seasamh leotha fhèin agus gan aontachadh ann am prionnsapal sa Ghearasdan agus ann am Port Rìgh, fhad ’s a dheidheadh maoineachadh iomchaidh a chomharrachadh. Thathar an-dràsta a’ measadh roghainnean gus làraich fhreagarrach a lorg agus thèid Aithisg a chur mu choinneamh na Comataidh Foghlaim, Cultair agus Spòrs san Fhaoilleach 2011.
Consultation on Gaelic Medium Primary School provision in Skye and in Lochaber
The outcome of the consultation on Gaelic Medium Primary School provision in Skye and Lochaber is that stand alone Gaelic schools were supported in the consultation and agreed in principle in Fort William and Portree, subject to appropriate funding being identified. An options appraisal is currently underway to identify appropriate sites and a Report will be presented to the January 2011 Education, Culture and Sport Committee.