Bun-Sgoil Shlèite
Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RF
fòn: 01471 844326
post-d: bunsgoil.shleite@highland.gov.uk
Làrach-lìn: http://www.bunsgoilshleite.com/
Latha Sgoile nan Sgoilearan:
P1, 2 agus 3 - Diluain gu Dihaoine 09.15 gu 15.15
P4, 5, 6 agus 7 - Diluain gu Dihaoine 09.15 gu 15.15
Ceannard: A’ Bh.Ph. Ms Barbara Smith - Acting
Click here for English Version
Tha cliù àraidh aig Bun-sgoil Shlèite seach gur i an aon sgoil ann an Alba a tha na Bun-sgoil Ghàidhlig le roinn Bheurla. Mar sin tha àite shònraichte aice an co-cheangail ri foghlam ann an Alba agus ri foghlam dà-chànanach. Sa phrìomh thogalach tha talla a thathar a’ cur gu feum air iomadh adhbhar, na trì seòmraichean-teagaisg Gàidhlig, oifis na sgoile, lann obrach agus seòmar-coinneachaidh coimhearsnachd. Tha an Taigh-sgoile ga chleachdadh airson foghlam tro mheadhan na Beurla. Ri taobh na sgoile gheibhear Lann Ioma-spòrsa (no am MUGA) a tha na ghoireas dhan sgoil is dhan choimhearsnachd. Tha an Sgoil-àraich stèidhichte ann an ionad air iomall pàirc-chluiche na sgoile. Tha an sgoil a’ dol an sàs gu dùrachdach ann an companais agus co-obrachadh leis a’ Chomhairle Phàrant agus le Fòram nam Pàrant, le sgìre Shlèite ’s a’ choimhearsnachd fharsaing agus le luchd-gnìomhachais ionadail. ’S e ar rùn àrainneachd a thathann dhan chloinn uile sam bi iadsan sona, cruthachail is misneachail. Tha sinn an dòchas gun toir sinn dhaibh a bhith mothachail air fèin-smachd, neo-eisimeileachd agus co-fhaireachdainn do dhaoine eile agus gum bi làithean na sgoile nan deagh bhunait dhaibh ann an saoghal na h-inbheachd ’s na h-obrach anns na bliadhnaichean a tha romhpa. Tha 3 clasaichean sa phrìomh-shruth (tro Mheadhan na Gàidhlig) san sgoil le 50 sgoilear agus aon chlas ag obair tro Mheadhan na Beurla (P1,2,3,4, 6 is 7) sa bheil 12 sgoilear eile, a’ toirt dhuinn 62 duine cloinne uile gu lèir.
Àrd-sgoil Cheangailte:
• Portree High School
Prìomh Ghnìomhan
Tha àite cudromach aig Bun-sgoil Shlèite sa choimhearsnachd, gu h-àraidh an lùib ath-bheothachadh na Gàidhlig ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich, agus tha na leanas nam prìomh thachartasan agus ghnìomhan:
- Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig ìre Bun-sgoile agus Ro-sgoile
- Tachartasan an dèidh sgoile a leithid badminton, ball-coise, oidhche gheamannan, Dannsa-dùthcha agus, an ath-dhoras ann an Sabhal Mòr Ostaig, karate.
- Clubaichean aig àm-bìdh: Coisir Ghàidhlig, Ruith is Leughadh
- Club Obair-dachaigh an dèidh sgoile
- Tha Comhairle Sgoilear agus Comataidh-Eco adhartach aig an sgoil a tha ag obair, gu dealasach is dìcheallach, a dh’ionnsaigh Duais Airgid
- Comataidh-ealain fo stiùir nan sgoilear: ‘Lasair Ealain’:
- b’ e am pròiseact mu dheireadh aca, a rinneadh an co-cheangail ris “An Sgàilean Ur”, film goirid “Bob am Bochdan”; fhuair e ciad-shealladh aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach ann an Èirinn, 2008
- thaisbean iad ‘An Dealbh Mòr’, an dàrna pròiseact mu dheireadh aca, ann am Pàrlamaid na h-Alba 12 Ògmhios 2007 agus chaidh ainmeachadh leis a’ bhuidhinn Children in Scotland mar fhìor eisimpleir den Churaicealam airson Sàr-mhaitheis an gnìomh
- ri teachd, 2008 – 2010: “An Iomlaid” - pròiseact ealain Gàidhlig a nì ceangal eadar Bun-sgoil Shlèite agus Bun-sgoil Chrois na Cìse ann an Dùn Èideann.
- Tha an sgoil na goireas coimhearsnachd anns a bheil grunn thachartasan gan cumail taobh a-muigh uairean na sgoile.
Back to Top of Page
Bun-Sgoil Shlèite
Sleat, Isle of Skye IV44 8RF
Tel: 01471 844326
e-mail: bunsgoil.shleite@highland.gov.uk
website: http://www.bunsgoilshleite.com/
School day for pupils:
P1, 2 and 3 - Monday to Friday 09.15 to 15.15
P4, 5, 6 and 7 - Monday to Friday 09.15 to 15.15
Headteacher: Mrs Gwen Culbertson
Bun-sgoil Shlèite enjoys unique status as the only Gaelic Medium School with an English Department in Scotland. As such it has an important and unique role in Scottish and bilingual education. The main building comprises of a multi-purpose hall, the three Gaelic-medium classrooms, school office, work area and a community meeting room. The School House is used for the English Medium class. Adjacent to this is the Multi Use Games Area (MUGA); a school and community resource. The demountable unit which houses the sgoil-àraich/nursery is at the edge of the school pitch. The school actively promotes partnership and close working with the Parent Council and Forum, Sleat and the wider community and the local business community. Our desire is to create a happy, creative and inspiring learning environment for all the children. We hope that through this, they may acquire self-discipline, independence and consideration for others, enabling them to fulfil useful roles in the future. There are 3 mainstream classes (Gaelic medium) with 50 children and one English Medium class (P1,2,3,4, 6 and 7) with 12 children, making 62 children in total.
Associated Secondary School:
Key Features
Bun-sgoil Shlèite plays an important role in the community, particularly in the resurgence of Gaelic in South Skye, and key features include:
- Gaelic Medium pre-school and primary education provision
- After school badminton, football, games night, Scottish Country Dancing and nearby karate at Sabhal Mòr Ostaig.
- Lunch-time Clubs: include Còisir Ghàidhlig (Gaelic Choir), Running and Reading
- After-School Homework Club
- The school boasts a very active Pupil Council and Eco-Committee that is striving for Silver Award
- Pupil- run Arts committee ‘Lasair Ealain’:
- last project in conjunction with “An Sgailean Ur” was the short-film “Bob am Bochdan” premiered at the Celtic Media Festival in Ireland
- prior to this exhibiting second most recent project ‘An Dealbh Mòr’ in Scottish Parliament 12 June 2007, cited by Children in Scotland as a model example of Curriculum for Excellence in action
- forthcoming 2008 – 2010 project – “An Iomlaid” a Gaelic arts exchange project between Bun-sgoil Shlèite and Tollcross Primary, Edinburgh.
- The school is a community resource that is widely used outwith school hours for various activities.
Back to Top of Page