Gaelic Development

Fad linntean is e eaconamaidh àiteachais an dòigh a b'fheàrr air eaconamaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean a mhìneachadh. An dèidh dha na Seumasaich a bhith air an ruagadh aig Cùil Lodair ann an 1746, thàinig atharrachadh luath bho eaconomaidh àiteachais gu eaconomaidh calpa. Bha siostam nan cinnidhean a bha na bhunait do choimhearsnachd na Gàidhlig agus dhan eaconomaidh, gus tuitean às a chèile.

 

Thòisich a' Ghàidhealtachd a-nis a' gluasad gu luath gu bhith nas fhaisg air a' chòrr de stàit Bhreatainn agus thòisich cùisean ùra co-cheangailte ris an eaconamaidh a' toirt buaidh air an sgìre. Tron 19mh linn, b' e an t-eisimpleir a b'ainmeile agus a bu mhaslaiche dhen seo mar a chaidh tuathan chaorach a thoirt a-steach agus mòran dhaoine fhuadach, chan ann a-mhàin gu Galldachd na h-Alba ach cuideachd a-null thairis.

 

A to Z of Council Services [skip]

A | B | C | D | E | F | G | H | I | J | K | L | M | N | O | P | Q | R | S | T | U | V | W | X | Y | Z |