Oileanaich Ghàidhlig Ùlpan a’ faighinn dhuaisean

Read this in English

Bho chionn ghoirid fhuair leth-cheud oileanach Gàidhlig ’s a ceithir teisteanasan coileanaidh Ùlpan aig cuirm dhuaisean aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis (Diardaoin 25 Ògmhios).

Tha dòigh-obrach Ùlpan a’ cleachdadh mhodhan airson cànan ionnsachadh a tha air an cleachdadh gus Cuimris agus Eabhra a theagasg is tha Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith a’ cleachdadh seo gus Gàidhlig a theagasg bho 2007.  Tha na cùrsaichean, a tha air an cur air dòigh eadar Seirbheis Foghlaim, Cultair agus Spòrs Chomhairle na Gàidhealtachd, agus Colaiste Inbhir Nis, a’ faighinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig.

Tha cuid de dh’oileanaich air a bhith ag ionnsachadh le Ùlpan airson dà bhliadhna, cuid a’ dol gu dà chlas san t-seachdain, mar mheasgachadh de chlasaichean latha agus feasgair.

Fhuair fichead oileanach Teisteanas Aonad 107, fhuair 15 oileanach Teisteanas Aonad 48, fhuair 8 oileanach Teisteanas Aonad 24 agus fhuair 11 eile Teisteanas Aonad 18.

Thuirt an Comhairliche Hamish Friseal bho Chomataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, a thug seachad na teisteanasan: “Tha mi fìor thoilichte le coileanaidhean nan oileanach aig gach ìre a’ gabhail a-steach obair dhìcheallach nan oidichean.  Bha e cuideachd tlachdmhor a bhith a’ faicinn grunn theaghlaichean a’ gabhail com-pairt sa phrògram.  Tha lìbhrigeadh dòigh-teagaisg Ùlpan sa Ghàidhealtachd na thaisbeanadh soilleir gu bheil dealas aig a’ Chomhairle ris a’ phrògram rianachd far a bheil sinn air gealltainn obrachadh le Bòrd na Gàidhlig agus com-pàirtichean eile gus taic a thoirt do leasachadh Cànan agus cultar na Gàidhlig.

Bidh na cùrsaichean seo a’ leantainn air adhart gus dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile duine sa Ghàidhealtachd, a tha ag iarraidh a’ chànain ionnsachadh, a’ faighinn cothroman is roghainnean measgaichte agus cuiridh seo ris na prògraman eile a tha suidhichte mar-thà.”

Thuirt Rosemary Nic a’ Bhàird, Manaidsear Foghlaim Bòrd na Gàidhlig: “Tha am Bòrd toilichte a bhith a’ toirt taic do Ùlpan a tha air e fhèin a dhearbhadh mar dhòigh shoirbheachail air a’ Ghàidhlig a theagasg agus ionnsachadh.  Tha structair àraid Ùlpan a’ toirt seachad na taic riatanaich a tha a dhìth air luchd-ionnsachaidh gus adhartas a dhèanamh gu ruige fileantachd.

“Tha e cudromach gu bheil sinn a’ toirt brosnachadh is taic do luchd-ionnsachaidh airson gach cothrom a thoirt dhaibh gus na sgilean aca a chleachdadh.  Bu toil leam gach soirbheachas a ghuidhe do na h-uile a tha a’ gabhail com-pàirt sa chùrsa seo.”

Tha clasaichean Inbhir Nis a’ leantainn air adhart bho sheachdain trèanadh-oidiche a chaidh air adhart air an t-seachdain-sa chaidh.  Thug an cùrsa seo, a chaidh a chur air adhart le Clì, an cothrom do dh’oidichean ionadail trèanadh fhaighinn ann an dòigh-obrach Ùlpan.  Tha còignear de na h-oidichean ùra aig Ùlpan a’ ruith nan clasaichean aig Bun-sgoil Ghaidhlig Inbhir Nis.

Tòisichidh an ath sheisean de chlasaichean Ùlpan san t-seachdain a’ tòiseachadh 24 Lùnastal agus tha daoine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig a’ faighinn cuireadh gus clàrachadh an-dràsta airson dèanamh cinnteach às àite.  Bidh cùrsaichean a’ ruith airson 18 seachdainean eile le saor-làithean ceala-deug san Dàmhair agus bloc eile de 18 seachdainean gu ruige deireadh an Ògmhios 2010.

Gus clàrachadh ann an gin de na clasaichean seo faodaidh oileanaich iarrtas a chur a-steach gu Fiosrachadh agus Stiùireadh aig Togalach an Longman ann an Colaiste Inbhir Nis.  Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir fios gu Colaiste Inbhir Nis aig 01463 273180 no gu Mairead Mulholland aig Comhairle na Gàidhealtachd air 01463 724278.

-crìoch-

30 Jun 2009