Aithisg Mheasaidh air Mòd Ghallaibh a’ daingneachadh deagh bhuaidh eaconamach dhan sgìre.

Read this in English

Sheall sgrùdadh, a chaidh a dhèanamh am measg dhaoine a thadhail air Mòd Ghallaibh ann an 2010, gun deach còrr is £2 mhillean a chosg san sgìre tro chaiteachas dhìreach agus £1millean a bharrachd tro chaiteachas neo-dhìreach. Chaidh còrr is leth dhen chaiteachas seo a chumail taobh a-staigh eaconamaidh Ghallaibh.

B’ iad seo na prìomh fhigearan a nochd ann an aithisg a chuireadh air beulaibh bhuill Chomataidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd às leth luchd-stiùiridh a’ Mhòid, an Comunn Gàidhealach, le Dàibhidh Mac an t-Saoir bho Value8 Research & Consultancy.

Dh’ainmich Mgr Mac an t-Saoir cuideachd gun deach 6,673 neach a thàladh gu Mòd Ghallaibh (le leth dhen àireimh sin a’ gabhail pàirt ann am farpaisean agus an leth eile nan luchd-coimhead/luchd-tadhail).

Bha am piseach ann an Gallaibh air seilbh airgid aig 9 gu 1 airson an £133,000 bho Chomhairle na Gàidhealtachd, agus an taic de £36,000 bho Event Scotland aig 31 gu 1, airson gach not a chaidh a chur a-steach.

Sheall an sgrùdadh air luchd-tadhail a’ Mhòid gun robh:

Dhearbh Mgr Mac an t-Saoir gun robh am Mòd Nàiseanta air ìomhaigh Ghallaibh àrdachadh air feadh Alba tron fhoillseachadh fharsaing a chaidh a dhèanamh air sna meadhanan, a’ gabhail a-steach am Prionnsa Teàrlach, Diùc Bhaile Bhòid, a’ nochdadh air an àrd-ùrlar.

Thuirt e cuideachd: “Thog Mòd Ghallaibh misneachd coimhearsnachd san sgìre le bhith a’ cruthachadh sgeulachd shoirbheachail.  Bhrosnaich e muinntir an àite gus a dhol an sàs ann an gnothaichean, le misneachadh bhon chomataidh stiùiridh ionadail.  Dhùisg e dòigh-smaoineachaidh mhisneachail am measg sluagh na sgìre agus, aig a’ cheann thall, thug e gu chèile na coimhearsnachdan agus na cultaran Lochlannach is Gàidhlig le bhith a’ leudachadh mothachaidh a thaobh dualchais.”

A’ cur fàilte air builean na h-aithisg, thuirt an Comhairliche Hamish Friseal, Cathraiche Chomataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Fhuair an fheadhainn againn a fhritheal Mòd Ghallaibh blas dhen aoigheachd bhlàth is dhen mhisneachd a bha ri fhaireachdainn san Dàmhair.  Tha mise a’ cur fàilte air an aithisg seo, a tha a’ sealltainn nam buannachdan eaconamach a fhuair an sgìre aig àm a’ Mhòid agus, cuideachd, a’ togail aire chun nan soirbheachasan cultarail agus sòisealta a thig an lùib a’ Mhòid agus tha seo air leth misneachail a thaobh leasachadh na Gàidhlig san àm ri teachd.”

Thuirt Iain MacLeòid, Ceann-suidhe A’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha An Comunn Gàidhealach fìor thoilichte le Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010.  Tha na buannachdan làidir eaconamach cudromach dhuinne.  Cuideachd, tha sinn air ar misneachadh leis an taic làidir a fhuair sinn tro sheachdain a’ Mhòid airson Cànan, Ceòl agus Cultar na Gàidhlig.  Tha Gallaibh na phàirt chudromach de shaoghal na Gàidhlig.”

-crìoch-

28 Feb 2011