Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar a’ cumail feasgar fiosrachaidh

Read this in English

Air Disathairne 5 Dùbhlachd, thathar a’ toirt cuireadh do phàrantan Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar, do phàrantan eile a tha a’ beachdachadh air an cuid chloinne a chur gu Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, agus do bhuill na coimhearsnachd gus sùil a thoirt timcheall an togalaich ùir agus gus barrachd a chluinntinn mun t-solar a thathar a’ tabhann. Dh’fhosgail an sgoil san Lùnastal am-bliadhna agus tha 70 leanabh air clàr na bun-sgoile agus 10 air clàr na sgoil-àraich an-dràsta.

Tha an sgoil cuideachd a’ cumail Buidheann Pàrant is Pàiste agus Cròileagan Grianach – club foghlaim ionadail do chloinn aois 2 bhliadhna agus do chloinn mus tèid iad dhan sgoil-àraich. Tha clasaichean Gàidhlig do dh’inbhich cuideachd rim faotainn san sgoil air Oidhche Mhàirt agus Oidhche Ardaoin.

Bheir am feasgar fosgailte air 5 Dùbhlachd cothrom neo-fhoirmeil do phàrantan agus buill na coimhearsnachd gus fiosrachadh a chruinneachadh mu na buannachdan a tha an lùib a bhith ag ionnsachadh dà chànan.

Bidh na stàilichean fiosrachaidh a’ gabhail a-steach riochdairean bhon Bhuidhinn Pàrant is Pàiste, Cròileagan Grianach, Sgoil-àraich, Bun-Sgoil, Roinn Ghàidhlig Àrd-Sgoil Loch Abar agus Sabhal Mòr Ostaig (a’ cholaiste Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach). Bidh grunn bhuidhnean Gàidhlig cuideachd an làthair, nam measg Bòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig, Fèisean nan Gàidheal, Comhairle nan Leabhraichean Gàidhlig, Stòrlann agus Gaelic4Parents.

Bidh pàrantan làithreach cuideachd ann gus ceistean a fhreagairt mu obair-dachaigh agus mu bhith a’ toirt taic do chloinn aig nach eil a’ Ghàidhlig san dachaigh. Bidh raon chleasan ann cuideachd do chloinn de gach aois, nam measg cluiche sgluidseach, cleasan ionnsachaidh air a’ bhlàr a-muigh agus dannsa. Gheibhear tì agus cofaidh cuideachd.

Nach tig sibh còmhla rinn gus barrachd fhaighinn a-mach mu bhuannachdan dà-chànanais agus an sgoil ùr fhaicinn. Disathairne 5 Dùbhlachd, 1f – 3f aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar, Rathad Àird Ghobhar, An Caol.