​​​​​​​Bun-sgoil Taobh na Pàirce a’ glèidheadh tiotal Cuach na Cloinne 2017

.

Read this in English

‘S iad Bun-sgoil Taobh na Pàirce, Dùn Èideann, a ghlèidh farpais ball-coise Cuach na Cloinne 2017!

Bha deagh fharpais sna Cuairtean Deireannach, a chumadh aig pàirce Caledonian Thistle FC Inbhir Nis, agus, aig deireadh na farpais, b’ iad Bun-sgoil Taobh na Pàirce a thàinig am bàrr, le Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis san dàrna àite. A dh’ aindeoinn fìor dhroch aimsir bha deagh chluich aig na sgiobannan air fad agus bha e na thlachd a bhith gan èisteachd agus iad a’ conaltradh le chèile cho siubhlach sa Ghàidhlig. 

Thairis na beagan sheachdainean a chaidh seachad chaidh farpaisean roinneil a chumail an Leòdhas, Uibhist, An t-Eilean Sgitheanach, Inbhir Nis, An Gearasdan, agus Glaschu, agus, a’ buannachadh troimhe chun cuairtean deireannach a chaidh a chumail an dè, Dimàirt 30 Cèitean, bha sgiobannan bho na bun-sgoiltean a leanas - am Bac, Dalabrog, Port Rìgh, Inbhir Nis, Loch Abair agus Taobh na Pàirce, Dùn Èideann.  A thuilleadh air a bhith a’ cluich nan geumannan ball-coise sna Cuairtean Deireannach, fhuair na sgiobannan air fad cuideachd grunnan seiseanan còidseadh bho luchd-còidseadh Caley Thistle.

Is e co-fharpais ball-coise nàiseanta a tha ann an Cuach na Cloinne, a tha a’ cruthachadh cothrom do dhaoine òga bho bhun-sgoiltean air feadh Alba a tha ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, a bhith a’ coinneachadh agus a’ farpais an aghaidh a chèile.  Tha e a’ toirt a’ chothrom dhan òigridh coinneachadh ri agus caraidean ùra a dhèanamh le ‘n co-aoisean o sgoiltean agus sgirean eile agus na dhearbhadh dhaibh gur e cànan a th’ anns a’ Ghàidhlig a thathas a’ cleachdadh air feadh Alba, agus nach ann a-mhàin sna coimhearsnachdan aca fhèin.  Tha an fharpais air a cumail gu tur sa Ghàidhlig.  Bha an àireamh is àirde a riabh a’ gabhail pàirt am farpais 2017 - 62 sgioba, bho 33 sgoiltean.

B’ e an Comairliche Bill Lobban, Neach-gairm Chomhairle na Gàidhealtachd a thug an cuach seachad don sgioba shoirbheachail agus thuirt e, “Bu mhath leam meal-a-nàidheachd a chuir air Bun-sgoil Taobh na Pàirce.  Tha Cuach na Cloinne a-nis stèidhte aig ìre nàiseanta am measg òigridh an sàs an spòrs. Tha e a’ toirt deagh chothrom do dhaoine òga bho air fheadh Alba, a tha a’ dol tro fhoghlam Gàidhlig, an sgilean cànain a chleachdadh tro chur-seachadan taobh a-muigh na sgoile.”

Chaidh cuach ùr fhoillseachadh airson farpais na bliadhna sa, le taic o Bhord na Gàidhlig, Sar Neach Cleachdaidh na Gàidhlig, airson an neach, ann am beachd na rèitirean, as fheàrr a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig tron fharpais.  Agus se Murchadh Seathach, o Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abair a ghlèidh an duas sa.

Thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd, Bòrd na Gàidhlig, agus e a’ toirt an duais do Mhurchadh, “Tha Bòrd na Gàidhlig toilichte taic a chuir ri farpais Cuach na Cloinne agus tha sinn a' cur meal-a-naidheachd air a h-uile duine a ghabh pàirt san fharpais.

Gu sonraichte tha  e a' tort tòileachas mòr dhuinn a cluinntinn an òigridh a' cleachdadh a' Ghàidhlig gu nàdurra am measg a chèile agus tha sin gu math cudromach airson maith a chànain"

Thuirt an Comhairliche Tormod Dòmhnallach, Neach-gairm Chomhairle nan Eilean Siar: “Tha mi a’ cur meala naidheachd air Sgoil Taobh na Pàirce airson cho math sa rinn iad an fharpais a tha seo a ghleidheadh.   Le còrr air 60 sgiobannan a’ gabhail pàirt san fharpais rinn iad sònraichte math tighinn a-mach am bàrr.  Tha Comhairle nan Eilean Siar air leth toilichte a bhith a’ cumail taic ris an fharpais sa leis gu bheil e a’ toirt cothrom do chlann nan eilein compàirteachadh ann am farpais spòrs aig ìre lig nàiseanta, a th’ air a chumail gu tur sa Ghàidhlig. Tha mi cinnteach gun do chòrd e ris a h-uile duine a bha an làthair `s a fhuair an cothrom mìorbhaileach a bha seo gus cluich aig Pàirc Caledonian Thistle Inbhir Nis.” 

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard Chomunn na Gàidhlig, a tha a’ ruith na farpais, “Tha e air leth misneachail a bhith a’ faicinn uimhir de dhaoine òga bho air feadh Alba a’ gabhail pàirt san fharpais.  Tha Cuach na Cloinne gu tur mu chlann a bhith a’ faighinn tòrr spòrs – agus bidh iad cuideachd an sàs ann an eacarsaich, a’ faighinn cothrom daoine òga eile bho air feadh Alba a choinneachadh, agus cothrom an cuid Ghàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile agus gu sònraichte gum bi iad a’ dol air ais dhachaigh an dèidh fèin-fhiosrachadh fìor mhath a bhith aca.  Creididh mise gum bidh cuimhneachain air leth dòigheil is prìseil aig an òigridh a’ dol dhachaigh an dèidh dhaibh a bhith a’ cluich air pàirce Caley Thistle agus air seiseanan còidseadh fhaighinn o chòidsichean Caley Thistle, cuimhneachain a bhios aca airson ioma bliadhna.  Tha sinne aig CnaG air leth taingeil do Chomhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar agus Bòrd na Gàidhlig airson an taic leantainneach do Chuach na Cloinne.”

Tha Cuach na Cloinne 2017 air a mhaoineachadh le Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus Bòrd na Gàidhlig agus air a stiùireadh le Comunn na Gàidhlig.