Geàrr-chunntas coinneamh na Comataidh Ghàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Àros na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diardaoin 13 Samhain 2008 aig 3.40 f

 

An Làthair:

 

Mgr S Friseal, Bh-Uas I Chaimbeul, Mgr G M Mac a’ Ghobhainn, Mgr J McGillivray, Dr A Nic na Ceàrdadh, Bh-Uas M Nic a’ Ghobhainn, Bh-Uas M E NicPheadrais, Mgr C Friseal, Mgr A M Millar, Mgr E Hunter, Mgr A Greumach, Mgr J Finnie, Mgr F Parr, Mgr R Pedersen, Bh-Uas J Dhùghlas, Mgr D Camshron

 

Neo-Bhuill cuideachd an làthair:

 

Mgr U Fernie

 

Oifigearan a’ frithealadh na coinneimh:

 

Mgr U Friseal, Stiùiriche, Foghlam, Cultar agus Spòrs
Mgr D MacDhòmhnaill, Ceann Sheirbheisean Foghlaim, Cultair agus Spòrs
Mgr D MacNèill, Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig
Bh-Uas F Hampton, Stiùiriche, Gàidhealtachd 2007
Mgr I Allison, Prìomh Rianaire, Oifis an Àrd-Oifigeir
Bh-Uas M Mhoireach, Neach-taic Rianachd, Oifis an Àrd-Oifigeir

 

Riochdairean Bhuidhnean Cultarach no Leasachaidh Ghàidhlig:

 

Mgr M Moireasdan, MG Alba

 

Cuideachd an làthair:

 

Mgr C Thornton, Craigforth HACS Earr

 

Tha rionnag air iomall na duilleig a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle.  Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Comataidh.

 

Mgr S Friseal sa Chathair

 

Gnothach

 

Ro-ràdh

 

Thug Buill iomradh air cho fadalach is a bha a’ Chomataidh ron tè seo air a bhith agus dh’iarr iad gun deigheadh suim a ghabhail de uairean na Comataidh Ghàidhlig.

 

1. Leisgeulan

 

Ghabhadh leisgeulan Mgr S MacDhòmhnaill, Bh-Uas I Chaimbeul, Mgr R Balfour agus Mgr Mr J Holden.

 

2. Buidseat Sgrùdaidh Ionmhais – 1 Giblean gu 30 Sultain 2008

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-26-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs a’ cur an cèill an t-suidheachaidh a thaobh a’ bhuidseat sgrùdaidh ionmhais airson an ama eadar 1 Giblean agus 31 Iuchair 2008 agus an suidheachadh ris an robh dùil aig deireadh na bliadhna.

 

Dh’iarr Buill gun deigheadh pàrantan a bhrosnachadh gus innse ro làimh ma bha iad an dùil an clann a chlàradh ann am Foghlam tron Ghàidhlig, gu h-àraidh ann an àiteachan dùthchail no iomallach, airson gum biodh fhios càite an robh feum gu bhith air tidsearan Gàidhlig san àm ri teachd.

 

i. THUG a’ Chomataidh FAINEAR DHAN aithisg agus na cunntasan sgrùdaidh a
   bha a’ sealltainn staid a’ bhuidseit airson an ama eadar 1 Giblean agus 30
   Sultain 2008; agus
ii. DH’AONTAICHEADH gum brosnaicheadh Ceannardan sgoiltean pàrantan
   gus innse ro làimh ma bha iad an dùil an clann a chlàradh ann am Foghlam
   tron Ghàidhlig  airson gum biodh fhios càite am biodh feum air tidsearan
   Gàidhlig san àm ri teachd.

 

3. Cur-air-bhog BBC Alba

 

Chuartaicheadh Aith. Àir G-27-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ag innse mun ìre aig an robh an t-sianal ùr Ghàidhlig,  BBC Alba, agus mar a gheibhiste cothrom air an t-seirbheis.

 

Chuir an Cathraiche fàilte air Mgr M Moireasdan bho MG Alba a thug seachad taisbeanadh a’ leudachadh air an aithisg. Dh’innis Mgr Moireasdan gur e MG Alba an t-ainm ùr a bha air Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a bha air tòiseachadh ann an 1991 mar a’ Chomataidh Telebhisein Ghàidhlig.  B’ e dleastanas na buidhne a bhith dèanamh cinnteach gun robh roghainn fharsaing de phrògraman matha Gàidhlig rim faotainn le muinntir Alba. Chuireadh BBC Alba air bhog air an 19amh den t-Sultain 2008 agus bha còrr is 600,000 air a choimhead sa chiad seachdain.  Bha e a’ craobh-sgaoileadh gach latha airson seachd uairean a thìde. Mar shianal digiteach gheibhist e an-dràsta air Sky agus Freesat.   Bha e mar amas, ge-tà, gum biodh e ri fhaotainn air na seirbheisean dhigiteach uile, nam measg càbal agus freeview.  Cho-dhùin Mgr Moireasdan le iarraidh air a’ Chomataidh an taic a chur ri MG Alba san iomairt aca gus cothrom a thoirt do bharrachd dhaoine air BBC Alba fhaotainn.

 

Mar fhreagairt cheistean, dh’innis Mgr Moireasdan gun robh MG Alba air a bhith a’ bruidhinn ri Comunn na Camanachd agus gu robh planaichean ann airson geamannan iomain a chraobh-sgaoileadh ann an 2009, nam measg gèam dùbhlain eadar nam prìomh sgiobannan san Earrach.  Bhiodh iad cuideachd a’ bruidhinn ris a’ Chomunn Ghàidhealach mu chraobh-sgaoileadh mhòdan ionadail.  Bha daoine air craobh-sgaoileadh Blas a mholadh agus bhathas an dùil fèisean a chòmhdach san àm ri teachd.

 

i. THUG a’ Chomataidh FAINEAR DHAN aithisg agus an taisbeanadh a bha dol
   leatha;
ii. DH’AONTAICHEADH taic a chur ri oidhirpean MG Alba gus BBC Alba a bhith
    air a chraobh-sgaileadh air Freeview, leis a sin a’ toirt cothrom do thòrr a
    bharrachd a dhaoine fhaicinn; agus
iii. DH’AONTAICHEADH taic a thoirt do MG Alba  le bhith a’ leudachadh air an
    roghainn phrògraman a bha air an craobh-sgaoileadh air BBC Alba, a’ gabhail
    a-steach iomain, mòdan ionadail agus fèisean.

 

4. Suirbhidh air Cleachdadh agus Comasan Gàidhlig Luchd-obrach

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-28-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs le cunntas agus sgrùdadh air co-dhùnaidhean na suirbhidh a choimiseanaich a’ Chomhairle o chionn ghoirid air cleachdadh agus comasan luchd-obrach na Comhairle sa Ghàidhlig.

 

Chuir an Cathraiche fàilte air Mgr C Thornton aig Craigforth HACS Earr, a’ chompanaidh a rinn an t-suirbhidh.  Thug Mgr Thornton seachad taisbeanadh airson leudachadh air an aithisg agus dh’innis e gum b’ e amasan na suirbhidh tomhas a dhèanamh air cleachdadh na Gàidhlig aig an àm seo le luchd-obrach na Comhairle, lorg a-mach an fheadhainn a bha airson na Gàidhlig ionnsachadh agus slat-tomhais a thoirt seachad a ghabhadh cleachdadh airson tomhas adhartais san àm ri teachd.  Chaidh ceisteachain a chur gu luchd-obrach na Comhairle uile agus fhuaradh 4,360 fhreagairtean, ’s e sin reat freagairt 35%, reat a bha math an taca ri suirbhidhean luchd-obrach a rinneadh le ùghdarrasan eile agus a bha gu leòr airson leigeil le sgrùdadh mionaideach a bhith air a dhèanamh.  Tharraing e aire gu prìomh cho-dhùnaidhean na suirbhidh a thaobh comas labhairt agus sgrìobhaidh na Gàidhlig, cleachdadh na Gàidhlig san àite obrach agus ùidh ann an ionnsachadh na Gàidhlig no an comasan innte a leasachadh. A thaobh brosnacahdh na Gàidhlig, ged a bha 10% a’ faireachdainn nach bu chòir dhan Chomhairle barrachd a dhèanamh gus a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh no gus taic a thoirt dhi, fhuaradh freagairtean taiceil on mhòr-chuid agus b’ e barrachd chothrom goireasach air a’ Ghàidhlig ionnsachadh a’ phrìomh chuspair a bha air èirigh.

 

Chuir Buill fàilte air na freagairtean bàigheil a thaobh brosnachadh na Gàidhlig.   Bha an àireamh a bha airson na Gàidhlig ionnsachadh no an comasan innte a leasachadh na adhbhar misneachd agus thuirteadh gum bu chòir beachdachadh air an gabhadh clasaichean Gàidhlig a ruith an taobh a-staigh den tìde obrach, an dà chuid am Prìomh Àros na Comhairle agus anns na h-oifisean ionadail.

 

i.  THUG a’ Chomataidh FAINEAR DHAN aithisg agus an taisbeanadh a chaidh
    leatha;
ii.  DH’AONTAICHEADH ann am prionnsabal gun toireadh a’ Chomhairle
    cothrom do luchd-obrach a’ Ghàidhlig ionnsachadh; agus
iii. DH’AONTAICHEADH gun deigheadh beachdachadh air am biodh e
    comasach clasaichean a ruith an taobh a-staigh den tìde obrach.

 

5. Blas 2008

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-29-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ag innse mar a chaidh do Bhlas, an fhèis a tha a’ taisbeanadh na Gàidhealtachd, a ghabh àite eadar 5 agus 13 Sultain 2008.  Bha cunntas anns an an aithisg air na bha air a bhith ann de thachartasan agus na bha an làthair agus cuideachd air ionmhas.  Bha cunntas innte cuideachd air mar a chòrd gnothaichean ris an luchd-èisteachd, air a tharraing o cheisteachain, agus fiosrachadh mu rudan ùra a chaidh a chur ri prògram Blas.

 

Mhol Buill an obair chruaidh a bha a h-uile duine a tha an sàs ann am Blas air a dhèanamh.  B’ e seo an ceathramh bliadhna den fhèis agus bha i cumail a’ fàs agus a’ soirbheachadh.

 

Mholadh na leanas airson Blas 2009:-

  • bu chòir am maoineachadh airson tachartasan a’ buntainn ri biadh a chumail;
  • dh’fhaodaiste buffets a’ cleachdadh stuthan on àite fhèin a chur air dòigh ro thachartasan;
  • dh’fhaodadh tachartasan a bhith air an clàradh agus an craobh-sgaoileadh air rèidio ionadail no air an telebhisean às dèidh làimhe, nan toireadh an luchd-cluiche an cead;
  • bha air a dhol gu math le na oidhirpean a rinneadh gus toirt air an luchd-èisteachd pàirt a ghabhail anns na tachartasan le bhith ag ionnsachadh beagan fhaclan Gàidhlig agus bu chòir seo a chumail a’ dol is a leudachadh.

THUG a’ Chomataidh FAINEAR DHAN chunntas air a’ cheathramh fèis Blas agus DH’AONTAICHEADH gum bu choir molaidhean nam Ball airson Blas 2009 a chur fa chomhar Bòrd Blas.

 

6. Fastadh agus Taic Thidsearan Gàidhlig

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-30-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ag innse mun t-suidheachadh aig an àm seo a thaobh fastadh thidsearan tro mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil agus an àrd-sgoil agus ag innse mu phuist a bha bàn fhathast agus na h-oidhirpean a bhathas a’ dèanamh gus an lìonadh.  Bha an aithisg cuideachd a’ tarraing gu aire na Comataidh na dreachd mholaidhean airson daoine a bhrosnachadh gu dhol a-staigh airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, an dà chuid tidsearan a bha air teisteanas fhaighinn o chionn ghoirid agus cuideachd tidsearan le teisteanas agus eòlas fada air teagaisg a bha fileanta sa Ghàidhlig agus a dh’fhaodadh gluasad a-nall gu teagasg tron Ghàidhlig.

 

Thogadh na puingean a leanas rè na deasbaid:-

  • bu chòir beachdachadh air taic airgid a thoirt seachad airson tidsearan a bhrosnachadh gu dhol a-staigh airson prògram nan Chartered Teachers;
  • chuireadh taic ri prionnsabal a bhith tabhann brosnachadh ionmhasail do thidsearan ùra nuair a chrìochnaicheadh iad am bliadhna dearbhaidh agus a’ chiad bhliadhna aca ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus thuirteadh gun cuideachadh e le stèidheachadh puist teagaisg sa Ghàidhlig nam biodh seo air a leudachadh chun na ceathramh agus na treas bliadhna, gu h-àraidh ann an sgìrean dùthchail agus iomallach;
  • bha dìth thaigheadais na dhuilgheadas ann an sgìrean àraidh agus bu chòir beachdacahdh air ciamar a b’ urrainn a’ Chomhairle tidsearan a chuideachadh gus àiteachan-fuirich seasmhach fhaighinn;
  • bha cuid de thidsearan sa bhliadhna dearbhaidh aca nach robh mothachail air na cùrsaichean Gàidhlig a bha ann dhan leithid agus chuireadh fàilte air an iomairt follaiseachaidh a bha cur an cèill nan cothroman a bha a’ chùrsa Streap a’ tabhann do thidsearan a bha airson gluasad a-null gu teagasg sa Ghàidhlig;
  • dh’fhaodadh brosnachadh ionmhasail tidsearan a bha air a’ Ghàidhealtachd fhàgail a tharraing air ais agus tidsearan ann an dùthchannan eile a bhrosnachadh gus imrich a dhèanamh chun na Gàidhealtachd.

THUG a’ Chomataidh FAINEAR DHA dha na ceistean a bha ag èirigh co-cheangailte ri fastadh thidsearan Gàidhlig agus DH’AONTAICHEADH:-

 

i. gum bu chòir do Oifigearan leantainn orra le na còmhraidhean ri Bòrd na
   Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, Roinnean Oilthighean agus Sabhal Mòr Ostaig
   air na molaidhean a bha san aithisg no a thàinig o na Buill; agus
ii. aithisg eile air a’ ghnothaich seo a thoirt fa chomhar coinneamh den
    Chomataidh san àm ri teachd.

 

7. Prògram Dìleib Gàidhealtachd 2007 – Stiùireadh air Brosnachadh na
    Gàidhlig

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-31-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs le molaidhean a thaobh stiùireadh mun riatanas as-ìsle a thaobh brosnachadh na Gàidhlig a dh’fheumaiste a choileanadh gu bhith airidh air duaisean fo Phrògram Dìleib Gàidhealtachd 2007.

 

Chuir Buill fàilte air an Stiùireadh ùr agus rinn iad soilleir gum bu chòir a bhith ag amas air barrachd na an riatanas as-ìsle far an gabhadh sin dèanamh.

 

i. DH’AONTAICHEADH ris na dreachd Stiùireadh airson Brosnachadh na
   Gàidhlig a tha ann an Eàrr-ràdh 1 dhen aithisg; agus
ii. DH’AONTAICHEADH  gum bu chòir Oifigearan obrachadh còmhla ris an
   fheadhainn a tha a’ ruith an tachartais airson dèanamh cinnteach gun robhas
   ag amas nas àirde na an riatanas as-ìsle, le bhith dèanamh dhaoine mothachail
   air cothroman gus cànan agus cultar na Gàidhlig a chur fa chomhar tòrr a
   bharrachd dhen t-sluagh agus an comhairleachadh mu dhòighean air seo a
   thoirt gu buil.

 

8. Co-chomhairleachadh air Sgoiltean Gàidhlig

 

Dh’innis an Stiùiriche gun robh Comataidh Foghlaim, Cultair agus Spòrs air aontachadh ann am prionnsabal ri Bun-sgòiltean ar-leth Gàidhlig airson àrainn a’ Ghearasdain agus Port Rìgh agus na coimhearsnachdan air an robh Bun-sgoil Phort Rìgh a’ frithealadh aig an àm seo.

 

THUG a’ Chomataidh FAINEAR DHAN cho-dhùnadh mhisneachail seo agus thug iad taing do na bha air a bhith an sàs ann.

 

9. Cunntas Adhartais a’ Mhanaidseir Leasachaidh Ghàidhlig

 

Thug am Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig seachad cunntas air an adhartas a bha air tighinn air gnothaichean san robh ùidh aig a’ Chomataidh.  Dh’innis e gun robh seiminear air a ruith leis a’ Chomhairle agus Bòrd na Gàidhlig air àite a ghabhail ann am Prìomh Àros na Comhairle air 4 Samhain 2009.  Bha an tachartas seo ann airson taic do bhuidhnean a bha air Plana Gàidhlig a dheasachadh no a bha a’ dèanamh sin a-nise agus bha air dol leis gu math.  Aon rud a bha gu h-àraidh misneachail ‘s e gun robh ùidh aig na buidhnean poblach air feadh Alba ann an lìonradh no fòram far an deigheadh bruidhinn air raointean far am biodh co-obrachadh na bhuannachd.

 

A thaobh fastadh luchd-obrach, dh’innis e gun deach sanas a-mach airson Àrd Eadar-theangair le ceann-latha 5 Dùbhlachd 2008.   Chaidh agallamh a chumail airson obair Oifigear Leasachaidh Foghlaim agus bhathas an dòchas gum biodh neach air fhastadh anns na lathaichean ri tighinn. Bha an obair seo ar leth cudromach on a bha mu 50% de na gnìomhan sa Phlana Ghàidhlig a’ buntainn ri foghlam. Bha an ceann-latha seachad airson obair an Oifigear Cùram-chloinne agus Taic Teaghlaich agus bha grunn iarrtasan air tighinn a-steach. Bha na trì puist seo uile cudromach ann a bhith a’ stèidheachadh sgioba Gàidhlig làidir.

 

THUG a’ Chomataidh FAINEAR DHAN t-suidheachadh.

 

10. Soraidh

 

Dh’innis an Cathraiche gun robh Mgr D MacDhòmhnaill, Ceann Sheirbheisean Foghlaim, a’ leigeil dheth a dhreuchd tràth san Fhaoilleach 2009 agus gur i seo a’ choinneamh mu dheireadh dhen Chomataidh Ghàidhlig aig am biodh e.

 

Chuir Mgr MacDhòmhnaill gu mòr ri leasachadh seirbheisean an fhoghlaim san fharsaingeachd agus foghlam Gàidhlig gu sònraichte, air a’ Ghàidhealtachd agus gu nàiseanta.

 

Às leth na Comataidh, ghuidh an Cathraiche gach deagh dhùrachd do Mhgr MhacDhòmhnaill.  Thug e cuideachd taing phearsanta do Mhgr MacDhòmhnaill airson na thug e dha fhèin de chomhairle agus de chuideachadh thairis air na bliadhnaichean.

 

Thug Mgr MacDhòmhnaill taing don Chathraiche airson a dheagh dhùrachdan.

 

Chrìochnaich a’ choinneamh aig 5.25 f.