Geàrr-chunntas Coinneamh Shònraichte na Comataidh Ghàidhlig a chumadh ann an Seòmas na Comhairle, Ceann-thogalach na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diardaoin 12 Luchar 2007 aig 10.30m.
An làthair:
Mgr S Friseal, Mgr G Farlow, Mgr J MacGhilleBhrath, BhPh S Urchadan, Ms M Nic a’ Ghobhainn, BhPh M NicPheadrais, Mgr C Friseal, Mgr D Millar, Mgr E Hunter, Mgr H Wood, Mgr J Finnie, Mgr F Parr, Mgr R Balfour
Neo-bhuill a bha an làthair:
Mgr B Murphy
Oifigich a’ frithealadh na coinneimh:
Mgr D MacDhòmhnaill, Ceann Sheirbheisean Foghlaim, Mgr G Watson, Manaidsear Leasachadh Coimhearsnachd, Ms J Menabney, Prìomh Oifigeach Cultarail, Ms M A NicLeòid, Oifigeach Leasachaidh Gàidhlig, Mgr D I MacLeòid, Oifigeach Leasachadh Mathais, Mgr I Allison, Prìomh-rianaire, Seirbheisean Corporra, Miss M Mhoireach, Neach-taic Rianachd, Seirbheisean Corporra
Riochdairean Bhuidhnean Cultarach no Leasachaidh Gàidhlig:
Mgr A MacCarmaig, Stiùiriche, Fèisean nan Gàidheal
Cuideachd an làthair:
Mgr D Ansdell, Ceann Aonad Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba
Mgr S Friseal sa Chathair
Gnothach
1. Leisgeulan
Ghabhadh leisgeul an Oll. A Nic na Ceàrdadh, Mgr I MacDhòmhnaill, Mgr C MacLeòid, Mgr J Holden, Mgr R MacPheadrais, Ms J Dhùghlas, Mgr D Camshron agus an Dr M Foxley.
2. Sgeama Tiomnaidh
Chuartaicheadh airson fiosrachadh nam Ball agus mar stiùireadh Earrann den Sgeama Tiomnaidh agus Rianachd a’ sealltainn nan comasan a bha air an tiomnadh chun na Comataidh Ghàidhlig.
THUG a’ Chomataidh FANEAR DO raon-ùghdarrais na Comataidh a rèir an Sgeama Tiomnaidh agus Rianachd.
3. Plana Gàidhlig
Chuartaicheadh Aithisg Àir. G/01/07 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ag innse do na Buill gun deach iarraidh air a’ Chomhairle le Bòrd na Gàidhlig Plana Gàidhlig ullachadh, fo ùghdarras Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Bha an aithisg ag innse gur i a’ Chomhairle tè den a’ chiad sia buidhnean air an deach iarraidh Plana ullachadh ro 1 Dàmhair 2007. Chuartaicheadh air leth leth-bhreac den dreach Phlana Gàidhlig.
Bha ullachadh a’ Phlana a’ gabhail a-steach co-chomhairleach poblach agus bha an clàr-àma airson seo air a chuartachadh mar Eàrr-ràdh 1 dhen aithisg.
Thug Ceann Sheirbheisean Foghlaim agus an t-Oifigear Leasachadh Mathais taisbeanadh seachad a bha a’ toirt geàrr-iomradh air a’ Phlana agus a’ cur an cèill cuid de na prìomh amasan aige.
Rè na deasbad air an dreach Phlana Gàidhlig, thogadh na puingean a leanas:-
· Bu chòir A’ Bhuidheann Comhairleachaidh a chleachdadh mar mheadhan air dèanamh cinnteach gun robh luchd-obrach na Comhairle uile eòlach air poileasaidhean na Comhairle, leithid na poileasaidh air soidhnichean dà-chànanach, agus air poileasaidhean ùra:
· bu chòir barrachd foillseachaidh a dhèanamh air na caochladh sheòrsaichean taic a bha ann do phàrantan airson am cuideachadh gus a’ Ghàidhlig a bhruidhinn san dachaigh;
· bu chòir dhan Chomhairle a dhol nas fhaide na bhith a’ ‘brosnachadh’ nan sgoiltean gus gabhail ri clasaichean/prògraman agus bu chòir co-luadar a chumail leis an fheadhainn a bha an urra ris a’ churaicealaim gus feuchainn ri dhèanamh cinnteach gun robh teagasg/prògraman Gàidhlig rim faighinn anns a h-uile bun-sgoil agus àrd-sgoil;
· ma bha am Plana soirbheachail agus gum biodh àireamh na cloinne le Gàidhlig a’ dol an-àird, bu chòir dhan Chomhairle amas air Àrd-sgoil Ghàidheal a thogail ann an ùine gun a bhith fada;
· bu chòir dhan Phlana barrachd brosnachadh a dhèanamh air cuairtean oideachail do oileanaich Ghàidhlig;
· bu chòir fiosrachadh air cosnadh sa Ghàidhlig a thoirt do sgoilearan àrd-sgoile tro, mar eisimpleir, Careers Scotland;
· bu chòir dhan Chomhairle obrachadh gu dlùth le Bòrd na Gàidhlig gus barrachd thidsearan fhaighinn a dh’obair dhan Chomhairle;
· bu chòir dhan Chomhairle foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a chur air chois ann am barrachd sgoiltean anns gach sgìre dhen Chomhairle gus nach biodh aig pàrantan agus clann ri siubhal cho fada;
· bha e cudromach gun robh teagasg ri fhaotainn ged a bhiodh e uaireannan a’ ciallachadh clasaichean le àireamhan beaga;
· b’ e dleastanas A’ Chomuinn Ghàidhealaich tachartasan mar mòdan ionadail agus nàiseanta a chur air adhart agus dh’fheumadh a’ Chomhairle obrachadh còmhla riutha gus taic a chur ris na tachartasan sin;
· bha ionnsachadh na Gàidhlig aig aois òig a’ cuideachadh chloinne gus cànanan eile ionnsachadh na b’ fheàrr;
· bu chòir am Plana a chleachdadh gus barrachd co-obrachadh a bhrosnachadh eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus luchd-foghlaim eile leithid UHI;
· bu chòir rannsachadh a dhèanamh air an robh e comasach fiosan Gàidhlig a chluicheadh nuair a dh’fhònadh daoine Ionad Seirbheis gus am b’ urrainnear luchd-bruidhne Gàidhlig a stiùireadh gu neach-obrach le Gàidhlig;
· bha a’ Chomhairle air mòran a dhèanamh anns na ceithir bliadhna mu dheireadh gu bhith cur taic ri sianal digiteach Gàidhlig agus bha e na bhriseadh-dùil nach robh seo a-nise dol a thòiseachadh ann an 2007 mar a bha san amharc;
· air duilleag 38 den Phlana, bu chòir a’ chiad seantans den dara paragraf atharrachadh gu “Bidh e mar fhiachaibh air luchd-cùmhnant an dà chànan a chleachdadh air soidhnichean geàrr-shealach”;
· bhathas dhen bheachd nach robh na ceithir àitichean a chaidh a thaghadh airson nan coinneamhan co-chomhairleachaidh a’ riochdachadh na Gàidhealtachd gu lèir agus gum bu chòir coinneamhan eile a chur air dòigh. Chaidh Ulapul, Geàrrloch, Am Blàran Odhar agus Inbhir Pheofharain ainmeachadh; agus
· ma bha am Plana gu bhith soirbheachail, dh’fheumadh foillseachadh a bhith ann gus daoine a dhèanamh mothachail air a’ Chomataidh Ghàidhlig ùr.
a) THUG a’ Chomataidh FANEAR DHA na beachdan, atharraichean agus
leasaichidhean a chuireadh air adhart a thaobh an dreach Phlana; agus
b) DH’AONTAICHEADH:-
i. gun deaghadh am Plana, le na leasaichean a chaidh a mholadh, a chur a-
mach airson co-chomhairleacahah poblach mar a bha air a chur an cèill san
aithisg; agus
ii. gun deaghadh àireamh nan coinneamhan poblach a chur am meud agus
gun deaghadh beachdachadh air na h-àitichean a b’ fheàrr airson nan
coinneamhan a bharrachd.
4. Fèis Blas
Chuartaicheadh Aithisg Àir. G/02/07 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs a’ toirt fiosrachadh do Bhuill mu dheidhinn Blas, an fhèis bhliadhnail de cheòl Gàidhealach a bhiodh a’ gabhail àite eadar 31 Lùnastal agus 8 Sultain 2007, ag innse mun phrògram agus an t-ionmhas airson an tachartais agus a’ cur an cèill gun robh a’ Chomhairle a’ pàigheadh £105,000 de chosgais iomlan na fèis, a bha air a mheas aig mu of £275,000.
Thug Mgr A MacCarmaig, Stiùiriche Fèisean nan Gàidheal, taisbeanadh seachad, a’ leudachadh air an aithisg.
Thug na Buill taing do Mhgr MacCarmaig agus a sgioba airson na h-obrach a rinn iad ann a bhith a’ cur air chois agus a’ foillseachadh Fèis Blas agus a’ phàirt a bha aige fhèin gu pearsanta san obair sin.
THUG A’ Chomataidh FANEAR DHA na planaichean airson Blàs 2007.
5. Riochdairean air Bòrd Blas
Ag èirigh on chuspair a thàinig ron a seo agus a’ freagairt cheistean, dh’innseadh gum biodh dà Bhall air an ainmeachadh mar riochdairean air Bòrd Blas aig coinneamh Comataidh Foghlaim, Cultair agus Spòrs air 9 Lùnastal 2007. Dhearbhadh gum faodadh Buill iarraidh gur e Buill den Chomataidh Ghàidhlig a bhiodh air an ainmeachadh mar riochdairean.
DH’AONTAICH a’ Chomataidh iarraidh gun ainmicheadh Comataidh Foghlaim, Cultair agus Spòrs dà Bhall den Chomataidh Ghàidhlig nuair a bhiodh iad a’ cnuasachadh air riochdairean air Bòrd Blas.
6. Latha na h-ath choinneimh
Dh’innis an Cathraiche gun robh coinneamh na Comataidh Ghàidhlig a bha ri àite a ghabhail air 9 Lùnastal 2007 air a cur dheth air sgàth cho faisg ‘s a bha i air a’ choinneamh seo agus gus cothrom a thoirt cunntas slan a thoirt air a’ cho-chomhairleacahdh air a’ Phlana Ghàidhlig. Dheaghadh seo a chur fa chomhar na coinneamh a bhiodh a’ gabhail àite air 20 Sultain 2007.
THUG A’ Chomataidh FANEAR DHAN t-suidheachadh.
Chrìochnaich a’ choinneamh aig 1.05f.