Geàrr-chunntas Coinneamh na Comataidh Ghàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Ceann-oifisean na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diardaoin 20 Sultain 2007 aig 2.00 feasgar
An làthair:
Mgr S Friseal, Mgr G Farlow, Mgr I MacGillebhrath, Dr A Nic na Ceàrdadh, BhPh S Urchadan, Ms M Nic a’ Ghobhainn, BhPh M NicPheadrais, Mgr C Friseal, Mgr E Hunter, Mgr H Wood, Mgr S MacDhòmhnaill, Mgr I Finnie, Mgr F Parr, Mgr C MacLeòid, Mgr R Balfour, Mgr R Pedersen, Ms J Dhùghlas,Mgr D Camshron
Oifigearan an làthair:
Mgr Ù Friseal, Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs, Mgr D MacDhòmhnaill, Ceann Sheirbheisean Foghlaim, Foghlam, Cultar agus Spòrs, Mgr I Moireach, Ceann Sheirbheisean Coimhearsnachd agus Chur-seachadan, Foghlam, Cultar agus Spòrs, Mgr G Watson, Manaidsear Leasachaidh Coimhearsnachd, Foghlam, Cultar is Spòrs, Ms J Menabney, Prìomh Oifigear Cultair, Foghlam, Cultar agus Spòrs, Mgr I MacDhòmhnaill. Àrd-oifigear Ionnsachadh agus Cur-seachadan Coimhearsnachd, Foghlam, Cultar agus Spòrs, Ms M A NicLeòid, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig, Oifis an Àrd-Stiùiriche, Mgr D I MacLeòid, Oifigear Leasachadh Feabhais, Mgr I Allison, Àrd-Rianaire, Oifis an Àrd-Stiùiriche, Miss M Mhoireach, Neach-taic Rianachd, Oifis an Àrd-Stiùiriche
Riochdairean Bhuidhnean Cultarach no Leasachaidh Ghàidhlig:
Mgr M Moireasdan, Manaidsearan a’ Mhòid, An Comunn Gàidhealach
Cuideachd an làthair:-
Mgr D Màrtainn, a bha na Stiùiriche air Comunn na Gàidhlig, Mgr A MacLeòid, Oifigear Poileasaidh agus Leasachaidh, Comhairle nan Eilean Siar, Mgr I MacAoidh, Cathraiche, Buidheann Obrach Ghàidhlig Comhairle nan Eilean Siar
Mgr S Friseal sa Chathair
Tha rionnag air oir na duilleig a’ comharrachadh moladh don Chomhairle. Tha co-dhùnaidhean gun rionnag fo ùghdarras na Comataidh fhèin.
Gnothach
Mus do thòisich gnothach na coinneamh, sheinn a’ bhuidheann, Fionnar. Thug a’ Chomataidh taing do Fhionnar agus chuireadh meala-naidheachd orra airson cho math is a chaidh dhaibh aig an Eisteddfod sa Chuimrigh.
Mholadh cuideachd an obair a tha Fiona NicCoinnich, Oifigear Urras Òrain Ghàidhlig Màiri Mhòir, a’ dèanamh as leth na Comhairle.
1. Leisgeulan
Ghabadh leisgeul Mgr D Millar, Mgr A Greumach, Mgr A Park, Mgr J Holden agus an Dr M Foxley.
2. Am Plana Gàidhlig
Aig a coinneamh air 12 Ògmhìos 2007, ghabh a’ Chomataidh Ghàidhlig ri dreachd den Phlana Ghàidhlig mar bhunait airson a’ cho-chomhairleachaidh a tha air iarraidh san lagh: thòisich an co-chomhairleachadh air 16 Iuchar agus chrìochnaich e air 31 Lùnastal 2007. An dàimh ri sin, chuartaicheadh Aithisg Àir. N/03/07 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ag innse do Bhuill gun robhas air am Plana a chuartachadh fad is farsaing tron phost agus post-dealain agus tro Ionadan Sheirbheisean agus Leabharlannan agus gun deach a thaisbeanadh air làrach-lìn na Comhairle. Chumadh sia coinneamhan poblach.
Chuir an Cathraiche fàilte air Dòmhnall Màrtainn, a bha air a bhith na Chathraiche neo-eisimeileach air coinneamhan a’ cho-chomhairleachaidh mar a tha air iarraidh ann an Achd na Gàidhlig. Thug Mgr Màrtainn cunntas seachad air na coinneamhan agus na puingean a chaidh a thogail aca agus chrìochnaich e le ràdh gun robh an dreachd Phlana air còrdadh math ri daoine agus gur ann a’ sireadh soilleireachaidh no airson tuilleadh taic a chur ri puingean a bha sa Phlana mu thràth a bha a’ mhòr-chuid de na ceistean air a bhith.
Thug an Cathraiche taing do Mhgr Màrtainn agus, on a bha e fhèin air a bhith aig na coinneamhan cuideachd, chuir e aonta-san ri na beachdan a thugadh seachad orra. Bheachdaich a’ Chomataidh gu mionaideach air na puingean a chaidh a thogail sa cho-chomhairleachadh agus rè na deasbad a lean chaidh na co-dhùnaidhean a leanas aontachadh:
i. THUG a’ Chomataidh FANEAR DHA na prìomh phuingean a dh’èirich às a’
cho-chomhairleachadh;
ii. DH’AONTAICH i an riochd mu dheireadh dhen Phlana a chur a-steach gu
Bòrd na Gàidhlig ro 1 Dàmhair 2007, leis an h-atharraichidhean agus na
leasaichidhean a chaidh a mholadh;
iii. DH’AONTAICHEADH lethbhreacan dhen Phlana a chuartachadh do na
Buill leis na h-atharraichidhean a chaidh a mholadh; agus
iv. DH’AONTAICHEADH fiosrachadh a thoirt do Mhgr I Finnie mu
chosgaisean foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Dh’innis Mgr R Pedersen gun robh com-pàirt ionmhasail aige ris an ath ghnothach on a bha e air a bhith an sàs mar neach-comhairleachaidh ann an ullachadh aithisg air Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd mus deach a thaghadh na Chomhairleach. Cha do ghabh e an còrr pàirt san deasbad air a’ ghnothach seo.
3. A’ mìneachadh na Gàidhlig ann an Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd
Chuartaicheadh Aithisg Àir. G/04/07 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ag innse do Bhuill mu mholaidhean airson mìneachadh air cànan agus cultar na Gàidhlig a bhith aig cridhe an fhiosrachaidh a gheibheadh luchd-tadhail ann an Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd. Bha an taigh-tasgaidh a’ toirt dealbh earbsach air àmannan àraidh ann an eachdraidh na Gàidhealtachd, tro thogalaichean air an ath-thogail no air an dealbh as ùr, stuthan eachdraidheil a bha cudromach aig ìre ionadail agus eadar-nàiseanta agus mìneachadh beò. Bha na h-uimhir de Ghàidhlig anns an an taigh-tasgaidh agus anns na mìnichidhean ach ’s e Beurla a bu mhotha a bha ann. Bha am moladh a’ gabhail a-steach a’ Ghàidhlig a bhith aig cridhe na sgeòil a bha an taigh-tasgaidh ag innse. Bha seo airson gum biodh tuigse chothromach aig luchd-tadhail air an àite a tha aig cànan agus cultar na Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd agus gle amas gum faodadh an taigh-tasgaidh fàs gu bhith na ionad cudromach aig ìre nàiseanta airson foillseachadh agus tasgadh dualchas na Gàidhlig.
DH’AONTAICH a’ Chomataidh:-
i. gluasad air adhart leis an leasachadh a bha air a mholadh a thaobh
mìneachadh air cànan agus cultar na Gàidhlig ann an Taigh-tasgaidh na
Gàidhealtachd, a’ cur na Gàidhlig aig cridhe an fhiosrachaidh a bhiodh
luchd-tadhail a’ faighinn agus ag amas air an taigh-tasgaidh a bhith na
ionad chudromach aig ìre nàiseanta a thaobh foillseachadh agus tasgadh
dualchas na Gàidhlig; agus
ii. ùghdarras a thoirt do Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs, an co-
chomhairle leis a’ Chathraiche, triùir Bhuill den Chomataidh Ghàidhlig a
thaghadh gus tadhal air St Fagan’s, Taigh-tasgaidh Eachdraidh Nàiseanta
na Cuimrigh faisg air Cardiff, a bha na choltas glè choltach ri Taigh-
tasgaidh na Gàidhealtachd ach far an robh foillseachadh air a’ Chuimris
agus air a’ chultar Chuimreach aig cridhe an taisbeanaidh.
4. An Comunn Gàidhealach
Chuir an Cathraiche fàilte air Mgr M Moireasdan, Manaidsear Mòd Rìoghail Nàiseanta a’ Chomuinn Ghàidhealaich.
Thug Mgr Moireasdan cunntas air structar ath-leasaichte a’ Chomuinn Ghàidhealaich, a bha a’ gabhail a-steach am measg rudan eile buaidh dòigh-obrach nam Fèisean agus dh’innis e na bha san amharc airson a’ Mhòid Rìoghail Nàiseanta a bhiodh a’ gabhail àite anns a’ Ghearasdan agus ann an Loch Abar. Bha urram Saorsa Loch Abar gu bhith air a chur air Criosaidh NicEacharna aig fosgladh a’ Mhòid airson còrr is 20 bliadhna de obair ionmholta as leth na Gàidhlig. Bhathas an dùil ‘iomall’ a’ Mhòid a leudachadh aig Mòd na bliadhna seo agus ceanglaichean a bhith ann ri Alba Nuadh. Bha dùil ris a’ Phrògram dheireannach a dh’aithghearr.
Thugadh cuireadh don a h-uile Ball de Chomataidh pàirt a ghabhail ann an tachartasan a’ Mhòid.
Thug an Cathariche as leth na Comataidh taing do Mhgr Moireasdan airson a thaisbeanaidh agus THUG a’ Chomataidh FANEAR DHAN fhiosrachadh.
5. Cunntas Adhartais
Chuartaicheadh Aithisg Àir. G/05/07 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ag innse do Bhuill mun obair a bha a’ dol fo dhiofar chinn, nam measg:-
-
Latha Mòr na Gaidhlig
-
Ainmean Àite na h-Alba
-
Moch ’s mi ‘g Èirigh – a’ Cuimhneachadh Màiri Mhòr nan Òran
-
an t-seirbheis dhigiteach Ghàidhlig
-
Seachdainean Teaghlaich Ghàidhlig
-
Ceanglaichean Eadar-nàiseanta – Meòmhrachan Co-obrachaidh – Comhairle na Gàidhealtachd agus Riaghaltas Roinneil Alba Nuaidh
-
Goireasan IT Ghàidhlig
-
Mapaichean bhailtean Gàidhlig.
THUG a’ chomataidh FANEAR DHAN obair a tha a’ dol.
6. Urras Òrain Ghàidhlig Màiri Mhòir
Chuartaicheadh Aithisg Àir. G/06/07 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ag innse gun robh a’ Chomhairle air a bhith a’ ruith Urras Òrain Ghàidhlig Màiri Mhòir o chionn còig bliadhna agus ag innse an obair a rinneadh o thòisich e. Bha e san amharc gum maireadh an t-Urras gu Dùbhlachd 2007 ach, on a bha airgead ann airson a chumail a’ dol, mholadh a chumail a’ ruith airson dà bhliadhna eile.
DH’AONTAICH a’ Chomataidh an gnothach seo fhàgail gun ath choinneamh den Chomataidh airson tuilleadh fiosrachaidh air cùmhnantan an Urrais.
7. A’ Chomataidh Ghàidhlig – 8 Samhain 2007
Dh’innis an Cathraiche gum biodh an ath choinneamh den Chomataidh Ghàidhlig a’ gabhail àite air 8 Samhain 2007 agus mhol e gun deaghadh a cumail sa Ghàidhlig le eadar-theangachadh Beurla.
DH’AONTAICH a’ Chomataidh gun deaghadh coinneamh na Comataidh Ghàidhlig air 8 Samhain 2007 a chumail sa Ghàidhlig le eadar-theangachadh Beurla.
Thàinig a’ choinneamh gu crìoch aig 4.20 feasgar.