Gabhaidh coinneamh den Chomataidh Ghàidhlig àite ann an Seòmar na Comhairle, Àrd-Thogalach na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diardaoin 17 Faoilleach 2008 aig 2.00 feasgar.
Tha cuireadh agaibh a bhith an làthair aig a‘ choinneamh seo agus tha clàr ghnothaichean air a son an cois seo.
Le Dùrachd
Alistair Dodds
Àrd-Stiùiriche
Thoiribh an aire gum bi a’ choinneamh air a cumail sa Ghàidhlig, le eadar-theangachadh gu Beurla.
Cur an cèill com-pàirteachas – Tha e air iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirteachas a bu chòir dhaibh a chur an cèill co-cheangailte ri gnothaich sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirteachas ionmhasail no neo-ionmhasail a tha ann agus beagan innse mu nàdar a’ chompàirteachais. Gheibhear comhairle air a seo o oifigearan ron a’ choinneamh.
Gnothach
1. Leisgeulan
2. Taisbeanadh air Ùlpan
Bheir Mgr D Grannd, Deiseil Earranta seachad taisbeanadh air Ùlpan, cùrsa a chaidh chleachdadh an toiseach ann an Israeil agus ris an do ghabh iad, le atharraichean, anns a Chuimrigh airson 40 bliadhna. Tha Deiseil Earranta air siostam na Cuimrigh atharrachadh airson Gàidhlig Alba agus tha iad ag obair ann an com-pàirteachas le Clì Gàidhlig am buidheann airson luchd ionnsachaidh na Gàidhlig, airson cùrsaichean Gàidhlig Ùlpan a ruith anns a’ Ghàidhealtachd.
3. Taic Ionmhais
Tha aithisg Àir G-01-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ga cuartachadh ag innse mun t-suidheachaidh ionmhais eadar 1 Giblean agus 30 Samhain 2007 agus an suidheachadh ris am bheil dùil aig deireadh na bliadhna.
Tha e air iarraidh air a’ Chomataidh toirt fainear dhan suidheachadh seo.
4. Plana Canan Gàidhlig
Tha aithisg Àir G-02-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ga cuartachadh le iomradh air a’ chiad cheumannan ann a bhi cuir an cèile am Plana Canan Gàidhlig.
Tha e air iarraidh air a’ Chomataidh toirt fainear agus beachdan thoirt air adhartas a’ Phlana.
5. Foghlaim Gàidhlig anns na Sgoiltean ‘s na Sgoiltean Àraich
Thathas a’ cuartachadh Aithisg Àir G-03-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ag innse mun t-suidheachadh an dràsta le Foghlam Gàidhlig aig ìre bun-sgoil, àrd-sgoil agus ro-aois sgoile. Tha an Aithisg a comharrachadh leasachaidhean airson Foghlam Gàidhlig anns a’ chiad bhliadhna den Phlana ceithir bliadhna.
Tha e air iarraidh air a’ Chomataidh toirt fainear suidheachadh na Gàidhlig agus Foghlam Gàidhlig agus na leasachaidhean ‘s an Aithisg agus anns a’ Phlana Canan Gàidhlig airson an t-seirbheis a leudachadh thairis air an ceithir bliadhna den Phlana.
6. Ghàidhealtachd – Alba Nuadh Meòrachan Breithneachaidh Sgrùdadh agus Pròiseactan san amharc airson 2008
Thathas a’ cuartachadh Aithisg Àir G-04-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs a’ mìneachadh eachdraidh a’ Mheòrachain Breithneachaidh eadar a’ Chomhairle agus Alba Nuadh, le geàrr-iomradh air tachartasan agus pròiseactan san amharc anns a’ bhliadhna 2008.
Tha e air iarraidh air a’ Chomataidh toirt fainear agus beachdachadh air adhartas a’ Mheorachain gu seo agus na pròiseactan airson 2008.