Geàrr-chunntas Coinneamh na Comataidh Ghàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Àros na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diardaoin 17 Faoilleach 2008 aig 2.00 feasgar.

 

An Làthair:

 

Mgr S Friseal

Mgr J McGillivray

Bh-Uas I Chaimbeul

Dr A Nic na Ceàrdadh

Bh-Uas S Urchadan

Bh-Uas M Nic a’ Ghobhainn

Bh-Uas M E NicPheadrais

Mgr C Friseal

 

Mgr A M Millar

Mgr I Hunter

Mgr A Greumach

Mgr I MacDhòmhnaill

Mgr C MacLeòid

Mgr R Balfour

Mgr R Pedersen

Dr M E M Foxley

Oifigearan a’ frithealadh na coinneimh:

 

Mgr U Friseal, Stiùiriche Foghlam, Cultar agus Spòrs

Mgr R MacCoinnich, Ceann Sheirbheisean Taic, Foghlam, Cultar agus Spòrs

Bh-Uas J Menabney, Prìomh Oifigear Cultair, Foghlam, Cultar agus Spòrs

Mgr I MacDhòmhnaill, Àrd Oifigear Foghlaim Coimhearsnachd agus Chur-seachadan, Foghlam, Cultar agus Spòrs

Bh-Uas M A NicLeòid, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig

Mgr A  Caimbeul, Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig an gnìomh

Mgr I Allison, Prìomh Rianaire, Oifis an Àrd-Oifigeir 

Bh-Uas M Mhoireach, Neach-taic Rianachd, Oifis an Àrd-Oifigeir 
 

Riochdairean Bhuidhnean Cultarach no Leasachaidh Ghàidhlig:-

 

Mgr D Grannd, Deiseal Earr

 

 

Mgr S Friseal sa Chathair

 

 

Tha rionnag air iomall na duilleig a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle.  Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Comataidh.

 

 

Gnothach

 

 

1.           Leisgeul

 

Ghabhadh leisgeul Mgr G Farlow, Mgr I Finnie, Mgr F Parr, Mgr J Holden, Bh-Uas J Dhùghlas agus Mgr D Camshron.

 

2.           Taisbeanadh air Ùlpan

 

Chuir an Cathraiche fàilte air Mgr D Grannd, Deiseal Earr, a thug taisbeanadh  do na Buill air Ùlpan, dòigh structarach air cànan a theagasg leis a’ chuideam air èisteachd agus bruidhinn an àite gràmar, a bha air tòiseachadh ann an Israel mar dhòigh air luchd in-imrich a dhèanamh fileanta ann an Eabhrais. Chaidh a leasachadh gu bhith freagarrach air a’ Chuimris agus tha Ùlpan air a bhith air a chleachdadh sa Chuimrigh airson còrr is 40 bliadhna agus air mìltean de inbhich a dhèanamh fileanta sa chànan. Chaidh Deiseal Earr a stèidheachadh ann an 2005 gus na chaidh ionnsachadh sa Chuimrigh a chur gu feum le Gàidhlig Alba agus tha iad ag obair an dlùth-dhàimh ri CLI Gàidhlig, comann luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, airson cùrsaichean Gàidhlig a chur air dòigh air a’ Ghàidhealtachd stèidhte air dòigh-teagaisg Ùlpan.

 

 Dh’innis Mgr Grannd gun robh còrr is 100 sgoilear air a dhol tro na cùrsaichean seo on Iuchair 2007.  Bha cùrsaichean trèanaidh thaoitearan air àite a ghabhail air feadh Alba, a dhà dhiubh ann an Inbhir Nis, agus chaidh 33 thaoitearan a thrèanadh.  Bha e san amharc 60 thaoitearan a thrèanadh sa bhliadhna. Bha ochd thaoitearan ag obair air a’ Ghàidhealtachd aig an àm seo. Dh’iarr e gum beachdaicheadh a’ Chomataidh air Ùlpan a thoirt a-steach an lùib a’ Phlana Ghàidhlig.

 

THUG a’ Chomataidh FANEAR DHAN taisbeanadh agus chuir iad an taic ris an iomairt seo a bheireadh ùrachadh do theagasg na Gàidhlig agus a chuireadh ris an àireamh fhileantach a bha air a’ Ghàidhlig ionnsachadh anns na bliadhnaichean ri teachd.

 

3.           Buidseat Sgrùdaidh Ionmhais

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-01-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs a’ cur an cèill an t-suidheachaidh a thaobh a’ bhuidseat sgrùdaidh ionmhais airson an ama eadar 1 Giblean agus 30 Samhain 2007 agus an suidheachadh ris an robh dùil aig deireadh na bliadhna. Aig an àm seo, bhathas an dùil gum biodh am buidseat gu lèir cothromaichte air deireadh na bliadhna ionmhais.

 

Dh’innseadh do na Buill gun robh Bòrd na Gàidhlig, às dèidh dhan aithisg a bhith air a sgrìobhadh, air aontachadh ri dara caob ionmhais a thoirt seachad fa chomhair a’ Phlana Ghàidhlig, £71,000 gu h-iomlan, agus gun tigeadh aithisg fa chomhair an ath choinneamh den Chomataidh ag innse nam pròiseactan air an deach aontachadh an t-airgead seo a chleachdadh. Bha dragh ann nach gabhadh an t-airgead airson pròiseactan a chosg air fad an taobh a-staigh den bhliadhna ionmhais seo mar a bha cùmhnantan nan tabhartas ag iarraidh agus mholadh gun deigheadh cead iarraidh air Bòrd na Gàidhlig airgead sam bith nach biodh air a chosg ro 31 Màrt 2008 a ghiùlan air adhart dhan ath bhliadhna ionmhais.

 

Ann am freagairt cheistean, dh’innseadh gun robh a’ Chomhairle a’ toirt £40,000 sa bhliadhna dhan Chomunn Ghàidhealach mar phàirt de aonta gum biodh am Mòd air a’ Ghàidhealtachd a h-uile trì bliadhna. Chumadh Mòd 2007 ann an Loch Abar agus bhiodh e ann an Gallaibh ann an 2010.

 

Rè na deasbad a lean, mhol Buill gun deigheadh beachdachadh air càite am biodh am Mòd air a chumail ann an 2013 agus gum bu chòir co-luadar a chur air chois leis a’ Chomunn Ghàidhealach a thaobh mar a tha taic airgid na Comhairle air a chur gu feum agus mar a b’ urrainn a’ Chomhairle taic a thoirt do mheuran ionadail a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus a’ choimhearsnachd ionadail.

            

i.      THUG a’ Chomataidh FANEAR DHAN aithisg agus na h-aithrisean a bha a’
        sealltainn suidheachadh a’ bhuidseit sgrùdaidh ionmhais eadar 1 Giblean
        agus 30 Samhain 2007;

 

ii.      DH’AONTAICHEADH iarraidh air Bòrd na Gàidhlig leudachadh air an ùine
        a bhiodh aig a’ Chomhairle gus airgead Maoin Gnìomhachaidh Achd
        na  Gàidhlig a chosg; agus

 

iii.    DH’AONTAICHEADH coinneamh a chur air dòigh leis a’ Chomunn
       hàidhealach gus bruidhinn air prògram nam Mòdan air a’ Ghàidhealtachd
       agus ceistean maoineachaidh.

 

4.           Plana Gàidhlig – Fiosrachadh air cur-an-gnìomh

 

Chuir Mgr A Greumach an cèill gun robh com-pàirt ionmhasail aige sa chuspair eo mar Mhanaidsear Ionmhais agus Rianachd Bòrd na Gàidhlig agus dh’fhàg e an seòmair.

 

Chuir Dr M E M Foxley an cèill com-pàirt ionmhasail sa chuspair seo mar Bhall de Bhòrd na Gàidhlig ach, ann an solas a’ chead a bha Coimisean Inbhean na h-Alba air a thoirt, cha do dh’fhàg e an seòmair agus ghabh e pàirt anns an deasbad.

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-02-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs a’ toirt cunntas air a’ chiad cheumannan ann an cur a’ Phlana Ghàidhlig an gnìomh.  Dh’innis an aithisg gun deachaidh dreachd deireannach den Phlana Ghàidhlig ullachadh an dèidh dhan Chomataidh beachdachadh air san t-Sultain 2007, gun deach seo a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig ro cheann-latha 1 Dàmhair 2007 agus gun robh dùil ri beachdan air a’ Phlana o Bhòrd na Gàidhlig ro dheireadh an Fhaoillich 2008.  Bha Mgr A Caimbeul, a bha roimhe na Àrd-Oifigear air Bòrd na Gàidhlig, air fhastadh pàirt-ùine an ionad Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig na Comhairle agus bhiodh esan an urra ri cur a’ Phlana an gnìomh agus ri ro-innleachd gnìomhachaidh a chur an sàs airson nam pròiseactan a bha ri dhol air adhart sa chiad bliadhna den Phlana ceithir bliadhna. 

 

Chuir an Cathraiche fàilte air Mgr Caimbeul. Leudaich Mgr Caimbeul air an aithisg, a’ moladh na h-obrach a bha a’ Chomhairle air a dhèanamh gus a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh.  Bha e an dòchas gum faighiste freagairt fàbharach o Bhòrd na Gàidhlig.

 

Rè na deasbad, thogadh na puingean a leanas:-

  • Bu chòir buannachdan dà-chànanais a chraobh-sgaoileadh fad is farsaing;
  • Bu chòir Dreuchdan Alba a bhrosnachadh gus cothroman cosnaidh sa Ghàidhlig a thoirt fa chomhair sgoilearan àrd-sgoile;
  • Bu chòir bùthan-obrach a chumail do sgoilearan bun-sgoile agus àrd-sgoile gus an dèanamh mothachail air rèidio coimhearsnachd;
  • Cha robh soidhnichean dà-chànanach air an cleachdadh ann an
    sgeamaichean taigheadais ùra ann an Inbhir Nis no air a’ Ghàidhealtachd
    san fharsaingeachd.  Dhaingnicheadh gun robh e ar leth cudromach a
    bhith a’ cur poileasaidh shoidhnichean dà-chànanach na Comhairle an gnìomh.

 

Dh’innseadh do na Buill gun robh Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig air ionmhas a thoirt seachad gus an lìonra rèidio coimhearsnachd neo-eisimeileach a bhrosnachadh gu barrachd phrògraman Gàidhlig a chur a-mach.  Bha pàirt den airgead sin nach deach a chleachdadh, ge-tà, agus dh’iarradh cead pàirt dheth a chur gu feum airson daoine òga le Gàidhlig a thrèanadh ann a bhith ag obair le stèiseanan rèidio coimhearsnachd.  Bhathas an dùil seo fheuchainn a-mach le dà stèisean rèidio air a’ bhliadhna seo.

 

THUG a’ Chomataidh FANEAR DHAN chunntas air a’ chiad cheumannan ann an cur a’ Phlana Ghàidhlig an gnìomh agus DH’AONTAICHEADH:-

 

i.      gun deigheadh Poileasaidh Dà-chànanach na Comhairle a chur an cuimhne
        Sheirbheisean na Comhairle aon uair eile, gum bu chòir soidhnichean dà
        -chànanach a bhith ann an leasachaidhean ùra, saor is an-asgaidh dhan
        Chomhairle, agus gum bu chòir cumha a thaobh soidhnichean dà
        -chànanach a bhith air a ghabhail a-steach ann an Ceadan Dealbhachaidh
        agus Ceadan Togail Rathaidean; agus 

 

ii.     gun deigheadh suim a ghabhail de bheachdan nam Ball a thaobh a bhith
       a’ brosnachadh dà-chànanas, Dreuchdan Alba a bhith a’ toirt taic dhan
       Ghàidhlig agus daoine a  dhèanamh mothachail air seirbheisean rèidio
       coimhearsnachd Ghàidhlig.

 

5.           Foghlam Gàidhlig ann an Sgoiltean agus Sgoiltean-àraich  

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-03-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs a’ toirt fiosrachadh mun t-suidheachadh aig an àm seo a thaobh foghlam Gàidhlig ann am bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean agus ann am foghlam ro aois na sgoile.  Bha an aithisg a’ toirt iomradh air molaidhean airson tuilleadh leasachaidh air foghlam Gàidhlig anns a’ chiad bhliadhna den Phlana Ghàidhlig ceithir bliadhna.

 

Rè na deasbad, thogadh na puingean a leanas:-

 

  •  bu chòir dhan Chomhairle obrachadh ann an dlùth-dhàimh ri  Bòrd na Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba gus taic a thoirt dhaibh le tional thidsearan airson teagasg sa Ghàidhlig;
  • bu chòir rannsachadh a dhèanamh air an lughdachadh ann an àireamh
    sgoilearan tro mheadhan na  Gàidhlig eadar foghlam ro-sgoile agus a’ bhun-sgoil;
  •  bu chòir dhan Chomhairle feuchainn ris an tuilleadh roinnean ro-sgoile
    Ghàidhlig a stèidheachadh airson cothrom a thoirt do bharrachd  phàrantan agus chloinne air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig;
  •  bhiodh e feumail fiosrachadh fhaighinn air ro-innleachd na Comhairle a thaobh èideadh-sgoile, soidhnichean, sgrìobhainnean agus àrainneachd dhà-chànanach ann an sgoiltean le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig;
  • bha an àireamh bheag de chuspairean a tha air an teagasg tro
    mheadhan na Gàidhlig a’ toirt buaidh air pàrantan nuair a bha iad a’
    beachdachadh air an clann a chlàradh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre na bun-sgoile agus ro-sgoile;
  • bu chòir dhan Chomhairle tuilleadh ionmhas calpa a shireadh o Riaghaltas na h-Alba airson sgoiltean a bha a’ teagasg na Gàidhlig.

 

A’ freagairt cheistean, dh’innseadh do Bhuill gun robh am Prògram Calpa a’ gabhail a-steach sgoiltean a chur còmhla ann an Loch Abar, rud a dh’fhaodadh an cothrom a thoirt Bun-sgoil Ghàidhlig a chruthachadh an sin.  Is e adhartas mòr a bha ann am fosgladh na Sgoil Ghàidhlig ùir ann an Inbhir Nis agus stèidheachadh sgoil dhà-chànanach ann an Slèite agus bu chòir a-nise co-chomhairleachadh a chur air chois gus prìomhachas a stèidheachadh a thaobh an tuilleadh adhartais, gu h-àraidh san Eilean Sgitheanach, an taobh a-staigh de structar a’ Phlana Ghàidhlig.

 

 i.     THUG a’ Chomataidh FANEAR DHAN t-suidheachadh mar a tha e an
       -dràsta, agus bhiodh i a’ sùileachadh aithisg eile mu dheidhinn leudachadh
       air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an sgoiltean agus roinnean
       -sgoile ùra; agus

 

ii.    DH’AONTAICHEADH:-           

 

a)     pàrantan agus clann a bhrosnachadh gus leantainn oirre ann am foghlam
     tro mheadhan na Gàidhlig bho fhoghlam ro-sgoile, tron bhun-sgoil agus
     dhan àrd-sgoil;

b)     leudachadh uimhir is a ghabhadh air an àireamh chuspairean a bha air an
     teagasg tron Ghàidhlig san àrd-sgoil;

c)     fiosrachadh a thoirt don Chomataidh a thaobh cur-an-gnìomh molaidhean a’
     Phlana Ghàidhlig mu àrainneachd dhà-chànanach ann an sgoiltean le
     foghlam tro mheadhan na Gàidhlig;

d)     tuilleadh maoineachaidh calpa a shireadh o Riaghaltas na h-Alba airson
     sgoiltean a tha a’ teagasg Gàidhlig.

 

6.           Meòrachan Còrdaidh,  a’ Ghàidhealtachd – Alba Nuadh, Sgrùdadh
        agus Pròiseactan air am moladh airson 2008

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-04-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ag innse na bha air cùl a’ Mheòrachan Còrdaidh eadar a’ Chomhairle agus Alba Nuadh agus ag innse na bha air tachairt o chionn ghoirid agus na pròiseactan a bha san amharc airson 2008.

 

San deasbad, chuir Buill an tacsa ris na pròiseactan a bha air am moladh airson 2008. A thaobh Bliadhna an Tilleadh Dhachaigh, dh’innseadh nach robh Gàidhlig air làrach-lìn an taic-airgid agus mholadh gun deigheadh buidhnean a bhrosnachadh gus Gàidhlig a chleachdadh nan gabhadh sin dèanamh.  Dh’innseadh do Bhuill gun robh Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd ann an Ceann a’ Ghiùthsaich an impis leudachadh agus gum biodh barrachd cuideam air a chur air a’ Ghàidhlig.  Shaoilte gum biodh ceanglaichean ri taigh-tasgaidh den aon seòrsa ann an Ceap Breatann feumail dhaibh san àm ri teachd. 

 

i.     THUG a’ Chomataidh FANEAR DO chur-an-gnìomh a’ Mheòrachain
       Còrdaidh chun a seo agus na pròiseactan a bha san amharc airson 2008;
       agus

 

ii.    DH’AONTAICHEADH:-

 

a)     iarraidh gum biodh làrach-lìn Bliadhna an Tilleadh Dhachaigh dà-chànanach;
     agus

 

b)     rannsachadh a dhèanamh mu cheanglaichean eadar Taigh-tasgaidh na
     Gàidhealtachd agus taigh-tasgaidh coltach ris ann an Ceap Breatann.

 

 

7.           An ath choinneamh

 

Dh’innis an Cathraiche gun robh a’ Bh-Uas Criosaidh NicEacharna, a bha air cùl Còisir Òg Loch Abar, ag iarraidh cothrom dhan chòisir seinn aig coinneamh den Chomataidh Ghàidhlig.

 

DH’AONTAICH a’ Chomataidh cuireadh a thoirt do Chòisir Òg Loch Abar seinn aig an ath choinneamh den Chomataidh.

 

Chrìochnaich a’ choinneamh air 3.40 feasgar.

 

A to Z of Council Services [skip]

A | B | C | D | E | F | G | H | I | J | K | L | M | N | O | P | Q | R | S | T | U | V | W | X | Y | Z |