Geàrr-chunntas coinneamh na Comataidh Ghàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Àros na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diardaoin 13 Màrt 2008 aig 2.00 feasgar
An Làthair:
Mgr S Farlow, Mgr J McGillivray, BhUas I Chaimbeul, Dr A Nic na Ceàrdadh, BhUas M Nic a’ Ghobhainn, Mgr C Friseal, Mgr A M Millar, Mgr E Hunter, Mgr I MacDhòmhnaill, Mgr I Finnie, Mgr F Parr, Mgr C MacLeòid, Mgr R Balfour, Mgr J Holden, Mgr R Pedersen, BhUas J Douglas, Mgr D Camshron, Dr M E M Foxley
Neo-bhuill an làthair:
Mgr D MacAoidh, Mgr R Coghill
Oifigearan a’ frithealadh na coinneimh:
Mgr R MacCoinnich, Ceann Sheirbheisean Taic, Foghlam, Cultar agus Spòrs
BhUas J Menabney, Prìomh Oifigear Cultair, Foghlam, Cultar agus Spòrs
Mgr A Campbell, Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig an Gnìomh, Foghlam, Cultar agus Spòrs
BhUas M A NicLeòid, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig, Oifis an Àrd-Oifigeir
Mgr J Allison, Prìomh Rianaire, Oifis an Àrd-Oifigeir
BhUas M Mhoireach, Neach-taic Rianachd, Oifis an Àrd-Oifigeir
Riochdairean Bhuidhnean Cultarach no Leasachaidh Ghàidhlig:-
BhUas D Pheutan, Àrd-Oifigear, Cànan Earr
BhUas S Ghrannd, Manaidsear Obraichean, Cànan Ltd
Tha rionnag air iomall na duilleig a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle. Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Comataidh.
Gnothach
Taghadh Cathraiche
O nach robh Mgr S Friseal, an Cathraiche, an làthair, ghabh am Prìomh Rianaire a’ Chathair agus dh’iarr e ainmean airson dreuchd Cathraiche na coinneimh. Thaghadh Mgr S MacDhòmhnaill gu h-aon-ghuthach mar Chathraiche agus ghabh e thairis a’ Chathair.
Ron choinneimh
Mus do thòisichear air gnothach na coinneimh, ghabh Còisir Òg Lochabair òrain, fo stiùireadh a’ BhUas Criosaidh NicEacharna, Neach-saorsa Loch Abair. Thug an Cathraiche taing dhaibh.
Mhol Mgr Camshron a’ chòisir, a bha air a bhith soirbheachail aig mòdan ionadail agus nàiseanta, agus thug e tiodhlac don BhUas NicEacharna, rud a ghabh i ris le taing.
Soraidh
Rinn an Cathraiche moladh air Catriona Nic an t-Saoir, Oifigear Foghlaim Tràth agus Cùram Chloinne, a bhiodh a leigeil dhi a dreuchd aig deireadh a’ mhìos.
Thòisich a’ BhUas Nic an t-Saoir a dreuchd mar thidsear ann am Bun-sgoil Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas. Bho 1991 gu 1992 rinn i obair leasachaidh ann an sgìre Loch Abair agus, mar thoradh air a sin, chaidh an t-iarrtas airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an-àird gu mòr an sin. Bho 1992 gu 2000 bha i na tidsear tro mheadhan na Gàidhlig ann am Bun-sgoil Àth Tharracail. Ghluais i an uair sin gu obair a’ toirt taic do chlasaichean tro mheadhan na Gàidhlig agus buidhnean foghlaim ro-sgoile. Bha i air a bhith anns an obair a tha aice an-dràsta o 2003.
Às leth na Comataidh, ghuidh an Cathraiche deagh dhùrachd don BhUas Nic an t-Saoir, nach b’ urrainn a bhith an làthair aig a’ choinneamh, nuair a leigeadh i dhi a dreuchd agus thug e taing dhi airson na bliadhnaichean de obair chruaidh a thug i seachad agus airson na pàirt chudromach a chluich i ann a bhith a’ toirt cothrom do dhaoine òga agus an teaghlaichean a’ Ghàidhlig ionnsachadh.
Mhol an Dr M E M Foxley an obair ionmholta a rinn a’ BhUas Nic an t-Saoir ann a bhith brosnachadh iarrtas airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Loch Abar agus ann a bhith ga thoirt gu buil.
DH’AONTAICH a’ Chomataidh gun cuireadh an Cathraiche litir gun BhUas Nic an t-Saoir, a’ toirt taing dhi airson na bliadhnaichean de sheirbheis a thug i seachad ann an raon na Gàidhlig agus airson a h-obair chruaidh agus a dìlseachd ann a bhith brosnachadh dhaoine òga a thaobh na Gàidhlig.
1. Leisgeulan
Ghabhadh leisgeul às leth Mgr S Friseal, a’ BhUas S Urchadan, Mgr H Wood agus Mgr A Greumach.
2. Buidseat Sgrùdaidh Ionmhais
Chuartaicheadh Aithisg Àir G-05-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs a’ cur an cèill an t-suidheachaidh a thaobh a’ bhuidseat sgrùdaidh ionmhais airson an ama eadar 1 Giblean agus 31 Faoilleach 2008 agus an suidheachadh ris an robh dùil aig deireadh na bliadhna. Aig an àm seo, bhathas an dùil gum biodh mu £100,000 fhathast gun chosg aig deireadh na bliadhna, air sgàth maill an dàimh ri Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF), ach bha Bòrd na Gàidhlig air aontachadh ann am prionnsabal gun gabhadh airgead nach deach a chosg ro 31 Màrt 2008 a chumail chun an ath bhliadhna airgid.
Mar fhreagairt do cheistean, dh’innseadh do Bhuill gun robh sanasan air a dhol a-mach airson Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig, post nach deach a lìonadh fhathast. Dh’iarr Buill gun deigheadh fios a chumail riutha air dè bha tachairt a thaobh puist a bha bàn.
i. THUG a’ Chomataidh FANEAR DHAN aithisg agus a’ chunntas air an t-
suidheachadh ionmhais o 1 Giblean 2007 gu 31 Faoilleach 2008; agus
ii. DH’AONTAICH A’ Chomataidh gun deigheadh fios a chumail ri Buill air an t-
suidheachadh a thaobh puist Ghàidhlig a bha bàn.
3. A’ toirt taic do leasachaidhean Gàidhlig – An Taic-Lann Gàidhlig
Chuir an Cathraiche fàilte air a’ BhUas D Pheutan, Àrd-Oifigear, Cànan Earr, a thug taisbeanadh do Bhuill air an taic-lann a bha Cànan air a dhèanamh dhan Chomhairle gus fiosrachadh a thoirt seachad air a’ Ghàidhlig, cùrsaichean Gàidhlig air-loidhne, faclairean agus liostaichean briathrachais agus abairtean, teamplaidean agus oideachadh-dealain do luchd-tòiseachaidh. Bhiodh seo na phàirt de làrach-lìn na Comhairle agus bhiodh e gu h-àraidh na thaic do Bhuill agus luchd-obrach tarsaing seirbheisean na Comhairle.
Dhaingnich a’ BhUas Pheutan cho cudromach is a bha am pròiseact ùr-nodha seo agus mhol i na bha an sàs ann a bhith ga chur ri chèile. Thug i an uair sin cothrom don BhUas S Ghrannd, Manaidsear Obraichean, Cànan Earr, a thug seachad taisbeanadh air an Taic-lann mar a bhiodh e a’ nochdadh air làrach-lìn na Comhairle.
Ann am freagairt cheistean, dh’innseadh do Bhuill gum biodh ceangal gun Taic-lann Ghàidhlig air duilleag-dachaigh làrach-lìn na Comhairle agus gum b’ urrainn an sluagh a ruighinn.
THUG a’ Chomataidh FANEAR DHAN taisbeanadh agus chuir iad an taic ris a’ phròiseact, a bhiodh a’ cur na Gàidhlig an cèill an taobh a-staigh agus a-muigh dhan Chomhairle.
4. Plana Gàidhlig – Seirbheisean Eadar-theangachaidh
Chuartaicheadh Aithisg Àireamh G-06-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs a’ mìneachadh mar a dh’fhaodadh Comhairle na Gàidhealtachd ceum air thoiseach a ghabhail le bhith stèidheachadh agus a’ ruith seirbheis eadar-theangachaidh cho-òrdanaichte eadar-ùghdarrais Ghàidhlig a bhiodh a’ toirt seirbheis eadar-theangachaidh mhath dhan Chomhairle fhèin agus do ùghdarrasan poblach eile a bha stèidhichte air a’ Ghàidhealtachd. Chaidh innse gun robh feuman eadar-theangachaidh na Comhairle an-dràsta air am frithealadh le bhith fastadh eadar-theangairean a bha ag obair air an ceann fhèin no le luchd-obrach eile na Comhairle. Mar a bha Plana Gàidhlig na Comhairle ga chur an gnìomh barrachd is barrachd, ge-tà, bhiodh an t-iarrtas airson eadar-theangachadh a’ fàs gu mòr agus bha e cudromach a thaobh coileanadh a’ Phlana gum biodh cothrom aig Seirbheisean na Comhairle air seirbheis eadar-theangachaidh èifeachdach agus phroifeasanta sa Ghàidhlig.
Chuir Buill taic ri na molaidhean, a bhiodh nam meadhan air airgead a chosnadh agus a bhiodh a‘ daingneachadh nan geallaidhean anns a’ Phlana Ghàidhlig a thaobh freagairtean Gàidhlig do sgrìobhainnean ann an Gàidhlig agus a thaobh aithisgean, pàipearan agus foirmean dà-chànanach.
DH’AONTAICH a’ Chomataidh gun deigheadh cosgaisean obrachadh a-mach airson Aonad Eadar-theangachaidh Ghàidhlig agus gun deigheadh aontachadh air cìsean airson nan Aontan Ìre Seirbheis a dheigheadh a thabhann air ùghdarrasan poblach eile, air am biodh e an uair sin air iarraidh tighinn gu aonta air na h-Aontan Ìre Seirbheis a bha a’ freagairt air na feuman eadar-theangachaidh ris am biodh dùil aca.
5. Cuairt –rannsachaidh gu Taigh-tasgaidh An Naoimh Fagan, a’
Chuimrigh
Chuartaicheadh Aithisg Àir G-07-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs a’ toirt cunntas air a’ chuairt-rannsachaidh a rinn buidheann on Chomhairle gu Taigh-tasgaidh An Naoimh Fagan sa Chuimrigh, airson faighinn a-mach mu mar a bha cànan agus cultar na Cuimrigh air an taisbeanadh agus air am mìneachadh, le sùil ri bhith cur cànan agus cultar na Gàidhlig aig cridhe na dh’fhiosraicheadh an neach-tadhail aig Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd. Dh’iarr an aithisg cuideachd air Buill beachdachadh air pàipear beachdachaidh airson cultar na Gàidhlig a chur aig cridhe na dh’fhiosraicheadh an neach-tadhail aig Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd, a bha air a dhealbh anns na mìosan mu dheireadh agus a bhathas air atharrachadh gu mòr air lost na cuartach.
Dh’innis Mgr R Pedersen gun robh e fhèin agus a’ BhUas M E NicPheadrais, le Manaidsear Leasachaidh Coimhearsnachd agus Prìomh Oifigear Cultarach na Comhairle nan cuideachd, air tadhal air Taigh-tasgaidh an Naoimh Fagan agus air coinneachadh ri luchd-obrach aig inbhe àrd ann am Museum Nàiseanta na Cuimrigh. Mholadh gun cuireadh Buill an taic ris na molaidhean airson Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd a leasachadh mar ionad nàiseanta airson cànan agus cultar na Gàidhlig.
i. THUG a’ Chomataidh FANEAR DO na thàinig às a’ chuairt-rannsachaidh dhan
Chuimrigh agus don phàipeir beachdachaidh, “Highland Folk Museum – A
National Centre for Gaelic”; agus
ii. DH’AONTAICHEADH co-luadar a stèidheachadh le Riaghaltas na h-Alba a
thaobh com-pàirteachas a bheireadh an dùrachd seo air adhart.
6. Taghadh Riochdaire air a’ Bhiùro airson Mion-chànanan Eòrpach
(EBLUL)
* DH’AONTAICH a’ Chomataidh moladh gun deigheadh Mgr S Friseal
ainmeachadh mar riochdaire na Comhairle air a’ Bhiùro airson Mion-chànanan
Eòrpach (EBLUL)
Chrìochnaich a’ choinneamh aig 3.10 feasgar.