Gabhaidh coinneamh den Chomataidh Ghàidhlig àite anns a’ Phrìomh Sheòmar Coinneimh, Sabhal Mòr Ostaig, An Teanga, An t-Eilean Sgitheanach air Diardaoin 5 An t-Ògmhios 2008 aig 2.00f.
Seo am prògram airson an latha:-
8.30 m - Còmhdhail, dhan chuid a dh’iarr i, a’ fàgail Prìomh Àros na Comhairle
11.00 m - Cuairt air Fàs, an t-ionad ùr aig Sabhal Mòr Ostaig airson nan gnìomhachasan ealain agus cultair
12.30 f - Lòn - brot agus ceapairean
2.00 f - A’ Chomataidh Ghàidhlig
Crìoch na coinneimh na - Tillidh a’ chòmhdhail a dh’Inbhir Nis
Tha cuireadh agaibh com-pàirt a ghabhail anns a’ choinneamh agus tha clàr ghnothaichean air a son an cois seo.
Le dùrachd
Alistair Dodds
Àrd-Oifigear
Cur an cèill com-pàirteachas – Tha e air iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirteachas a bu chòir dhaibh a chur an cèill co-cheangailte ri gnothaich sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirteachas ionmhasail no neo-ionmhasail a tha ann agus beagan innse mu nàdar a’ chompàirteachais. Gheibhear comhairle air a seo o oifigearan ron a’ choinneamh.
Gnothach
Mus tòisich a’ choinneamh bidh taisbeanadh ann air dèanamh filmichean Gàidhlig le sgoilearan à Bun-Sgoil Shlèite.
1. Leisgeulan
2. Buidseat Sgrùdaidh Ionmhais – 1 Giblean gu 30 Giblean 2008
Tha Aithisg Àir G-08-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ga cuartachadh ag innse mun t-suidheachadh ionmhais eadar 1 Giblean agus 30 Giblean 2008 agus an suidheachadh ris am bheil dùil aig deireadh na bliadhna.
Tha e air iarraidh air a’ Chomataidh toirt fainear dhan t-suidheachadh.
3. Am Plana Gàidhlig agus Bòrd na Gàidhlig
Chuartaicheadh Aithisg Àir G-09-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs a’ toirt cunntas air a’ cho-luadar le Bòrd na Gàidhlig air Plana Gàidhlig na Comhairle.
Tha e air iarraidh air a’ Chomataidh toirt fainear dha, agus beachdachadh air, na h-atharraichean a rinneadh sa Phlana às dèidh a’ cho-luadair fhoirmeil ri Bòrd na Gàidhlig.
4. Cur-an-gnìomh a’ Phlana Ghàidhlig
Chuartaicheadh Aithisg Àir G-10-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ag innse mun dòigh anns am bi Plana Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd (PGCG) 2007-2011 air a chur an gnìomh. Tha an aithisg ag innse gu bheil ro-innleachd gnìomhachaidh mhionaideach ga h-ullachadh airson gach bliadhna den Phlana, a’ cur an cèill nan targaidean bliadhnail sònraichte airson gach seirbheis, mar a bhios an obair air a maoineachadh agus cò an t-oifigear ris am bi coileanadh gach targaid gu mòr an urra. Thathas an dùil cosgaisean a chur mu choinneamh nan ro-innleachdan gnìomhachaidh agus gun tèid plana maoineachadh thrì bliadhna ullachadh airson na tha air fhàgail de theirm a’ phlana. Bidh seo a’ gabhail a-steach iarrtas gu Urras Maoineachaidh Cur-an-gnìomh Achd na Gàidhlig (GLAIF) aig Bòrd na Gàidhlig agus buidseatan tuairmseil airson nam bliadhnaichean ionmhais 2009/10 agus 2010/11 a bhith air an cur tro phròiseas sgrùdaidh buidseit na Comhairle. Cuiridh gnìomhachadh Plana Gàidhlig na Comhairle gu mòr ri Prògram an Rianachd.
Tha e air iarraidh air a’ Chomataidh toirt fainear dhan adhartas a rinneadh a thaobh ro-innleachd gniomhachaidh dhan Phlana Ghàidhlig.
5. Co-chomhairleachadh air Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air
àrainn a’ Ghearasdain
Chuartaicheadh Aithisg Àir G-11-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ag innse mar a tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a liubhart aig an àm seo air àrainn a’ Ghearasdain. Tha an aithisg a’ cur an cèill roghainnean a thaobh stèidheachadh Sgoil Ghàidhlig. Tha a’ Chomhairle air aontachadh, na Plana Ghàidhlig 2007-2011, àireamh nan Sgoiltean Gàidhlig a mheudachadh.
Tha e air iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. na roghainnean anns an aithisg a dheasbad agus beachdachadh air
roghainnean sam bith eile; agus
ii. tighinn gu co-dhùnadh a thaobh am bu chòir pàipear co-chomhairleachaidh
reachdail a dheasachadh air stèidheachadh Sgoil Ghàidhlig air àrainn a’
Ghearasdain.
Ma dh’aontaicheas a’ Chomataidh air pàipear co-chomhairleachaidh reachdail, tha e air iarraidh air a’ Chomataidh cuideachd:-
i. co-dhùnadh dè na roghainnean a bu chòir a bhith sa phàipear co
-chomhairleachaidh reachdail, agus
ii. iarraidh air oifigearan dreachd ullachadh de phàipear co-chomhairleachaidh
reachdail gus a dhol fa chomhair Comataidh Foghlaim, Cultair agus Spòrs.
6. Co-chomhairleachaidh air Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann am
Port Rìgh agus Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich
Chuartaicheadh Aithisg Àir G-12-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ag innse mu mar a tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a liubhart an-dràsta ann am Port Rìgh agus Ceann a Tuatha an Eilein Sgitheanaich. Tha an aithisg a’ toirt cunntas air roghainnean a dh’fhaodar a thaghadh airson stèidheachadh Sgoil Ghàidhlig. Tha a’ Chomhairle air aontachadh, na Plana Gàidhlig 2007-2011 agus ann am Prògram an Rianachd, gluasad air adhart le stèidheachadh sgoiltean a bhios a’ teagasg gu tur tro mheadhan na Gàidhlig.
Tha e air iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. na roghainnean a tha air an cur an cèill san aithisg a dheasbad agus
beachdachadh air roghainnean sam bith eile; agus
ii. aontachadh a thaobh an tèid no nach tèid pàipear co-chomhairleachaidh
reachdail a dheasachadh air stèidheachadh sgoil tur-Ghàidhlig airson Port Rìgh
agus Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich.
Ma dh’aontaicheas a’ Chomataidh air pàipear co-chomhairleachaidh reachdail, tha e air iarraidh air a’ Chomataidh cuideachd:-
i. co-dhùnadh dè na roghainnean a bu chòir a bhith sa phàipear co-chomhairleachaidh reachdail, agus
ii. iarraidh air oifigearan dreachd ullachadh de phàipear co-chomhairleachaidh reachdail gus a chur fa chomhair Comataidh Foghlaim, Cultair agus Spòrs.
7. Plana Gàidhlig – Sgrùdadh air Sgilean Gàidhlig Luchd-obrach
Chuartaicheadh Aithisg Àir G-13-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs a’ toirt cunntas air an adhartas a rinneadh gu seo le Sgrùdadh Sgilean Gàidhlig Luchd-obrach Chomhairle na Gàidhealtachd, a tha mar phàirt de chur-an-gnìomh Plana Gàidhlig na Comhairle. Tha an aithisg ag innse gu bheilear an dùil ceisteachain a chur gu luchd-obrach na Comhairle cho luath is a ghabhas às dèidh do phròiseas nan tairgsean a bhith air a chrìochnachadh. Thathas an dùil gum bi co-dhùnaidhean an Sgrùdaidh air an cur fa chomhair na Comataidh Ghàidhlig san t-Sultain 2008.
Tha e air iarraidh air a’ Chomataidh toirt fainear dhan adhartas a rinneadh gu seo a thaobh Sgrùdadh Sgilean Gàidhlig Luchd-obrach na Comhairle.
8. Obair ann an co-phàirteachas le Sabhal Mòr Ostaig agus Fàs
Chuartaicheadh Aithisg Àir G-14-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ag innse gu bheil moladh anns a’ Phana Ghàidhlig airson barrachd co-obrachaidh eadar a’ Chomhairle agus Sabhal Mòr Ostaig, a’ cholaiste Ghàidhlig ann an Slèite. Tha e san amharc grunn leasachaidhean a thoirt air adhart còmhla gus taic a chur ri ionnsachadh agus teagasg sgoilearan agus ri leasachadh proifeiseanta leantainneach thidsearan agus luchd-obrach eile an taobh a-staigh de Sheirbheis Foghlaim, Cultair agus Spòrs agus cuideachd luchd-obrach ann an seirbheisean eile a tha airson na Gàidhlig ionnsachadh. Tha an aithisg ag innse mun a’ chiad chòmhraidhean a tha air gabhail àite agus gum bi aithisg eile a’ tighinn fa chomhair na Comataidh rè ùine.
Tha e air iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. toirt fainear dha na cuspairean a thathas air a chomharrachadh airson
barrachd co-obrachaidh eadar a’ Chomhairle agus Sabhal Mòr Ostaig;
ii. aontachadh ris na molaidhean san aithisg; agus
iii. aontachadh gun tèid aithisgean eile a thoirt fa chomhair na Comataidh rè
ùine nuair a thathas air na molaidhean a dheasbad agus adhartachadh.