Geàrr-chunntas coinneamh na Comataidh Ghàidhlig a chumadh anns a’ Phrìomh Rùm Coinneimh, Sabhal Mòr Ostaig, An Teanga, Slèite air Diardaoin 5 Ògmhios 2008 aig  2.00 feasgar

 

An Làthair:

 

Mgr S Friseal, Mgr S Farlow, Dr A Nic na Ceàrdadh, BhUas M Nic a’ Ghobhainn, Mgr C Friseal, BhUas M E NicPheadrais, Mgr E Hunter, Mgr I Holden, Mgr I Finnie, Mgr F Parr, Mgr C MacLeòid, Mgr J Holden, Mgr R Pedersen, Mgr D Camshron, Dr M E M Foxley

 

Oifigearan a’ frithealadh na coinneimh:

 

Mgr U Friseal, Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs
Mgr D MacDhòmhnaill, Ceann Sheirbheisean Foghlaim, Foghlaim, Cultair agus Spòrs
BhUas J Menabney, Prìomh Oifigear Cultair, Foghlam, Cultar agus Spòrs
Mgr D MacNèill, Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig, Foghlam, Cultar agus Spòrs
Mgr A Campbell, Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig an Gnìomh, Foghlam, Cultar agus Spòrs
Mgr L Young, Àrd-Oifigear Foghlaim, Foghlaim, Cultair agus Spòrs
BhUas M A NicLeòid, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig, Oifis an Àrd-Oifigeir
Mgr I Allison, Prìomh Rianaire, Oifis an Àrd-Oifigeir
BhUas M Mhoireach, Neach-taic Rianachd, Oifis an Àrd-Oifigeir

 

Riochdaire Bhuidhnean Cultarach no Leasachaidh Ghàidhlig

 

Mgr C Mhoireach, Àrd-Oifigear, Bòrd na Gàidhlig

 

Cuideachd an làthair:-

 

Mgr C Young, Stiùiriche, Young Films

 

Mgr U Friseal sa Chathair

 

Tha rionnag air iomall na duilleig a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle.  Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Comataidh.

 

Gnothach

 

Mus do thòisich a’ choinneamh, chuir an Cathraiche fàilte air Mgr C Young, Stiùiriche Young Films, a thug seachad taisbeanadh air pròiseact dèanamh fhilmichean anns an robh sgoilearan a Àrd-sgoiltean Phort Rìgh agus a’ Phluic agus Bun-sgoil Shlèite air pàirt a ghabhail. Bhathas air am pròiseact-rannsachaidh seo a chur air chois, fo sgiath An Sgàilean Ùr, airson sgoilearan a bhrosnachadh gus filmichean goirid a dhèanamh agus airson gun ionnsaicheadh iad na sgilean iomchaidh. Bha am pròiseact air a mhaoineachadh le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig is Comhairle na Gàidhealtachd agus thug Mgr Young taing dhan Chomataidh airson an taic.

 

Sheall sgoilearan à Bun-sgoil Shlèite am film, Bob am Bòcan, a chaidh a shealltainn aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach ann an Gallaimh. Bhiodh am film seo, agus feadhainn eile a rinn Àrd-sgoiltean Phort Rìgh agus a’ Phluic air an sealltainn air a’ BhBC uaireigin às dèidh seo.  Bha am pròiseact air còrdadh ris an fheadhainn a ghabh pàirt ann agus bha iad air fiosrachadh fhaighinn air na cothroman cosnaidh a tha an lùib dèanamh fhilmichean.

 

Thug an Cathraiche taing do Mhgr Young airson an taisbeanaidh aige agus do na sgoilearan airson an fhilm àibheiseach aca.

 

THUG a’ Chomataidh FAINEAR DHAN taisbeanadh.

 

1. Leisgeulan

 

Ghabhadh leisgeil Mgr J McGillivray, BhUas I Chaimbeul, BhUas S Urchadan, Mgr A M Millar, Mgr A Greumach, Mgr I MacDhòmhnaill, Mgr R Balfour, Mgr A S Park agus a’ BhUas J Douglas.

 

2. Buidseat Sgrùdaidh Ionmhais – 1 Giblean gu 30 Giblean 2008

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-08-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs a’ cur an cèill an t-suidheachaidh a thaobh a’ bhuidseat sgrùdaidh ionmhais airson an ama eadar 1 Giblean agus 30 Giblean 2008 agus an suidheachadh ris an robh dùil aig deireadh na bliadhna. Cha robh dealachadh sam bith ann on bhuidseat aig an àm thràth seo den bhliadhna, ach bha e coimhead coltach gum biodh sàbhalaidhean ann air sgàth an dàil a bha air a bhith ann le fastadh luchd-obrach dhan Sgioba Leasachaidh Ghàidhlig.

 

Rè na deasbad a lean, dh’iarr Buill tuilleadh fiosrachaidh air na leanas:-

  • ciamar a bha an £150,000 de mhaoineachadh calpa o Riaghaltas na h-Alba a bha air a chomharrachadh airson leasachadh togalaich ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis gu bhith air a chur gu feum;
  • cosgais air soidhnichean dà-chànanach agus buidhnean leasachaidh ionadail Gàidhlig;
  • na cuspairean a tha air an teagasg tron Ghàidhlig ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis;
  • dìth shoidhnichean dà-chànanach air an A9 eadar Inbhir Nis agus cearcall-rathaid an Todhair.

THUG a’ Chomataidh FAINEAR DHAN aithisg agus na cunntasan ionmhais a bha a’ sealltainn suidheachadh an ionmhais airson an ama eadar 1 Giblean agus 30 Giblean 2008; agus

 

DH’AONTAICHEADH:-

 

i. gum biodh fiosrachadh a bharrachd ann an aithisgean às dèidh seo air na
   cuspairean a thog Buill;
ii. gun deigheadh faighneachd do Ùghdarras nam Prìomh-rathaidean carson
   nach robh soidhnichean dà-chànanach air an cur air an A9 eadar Inbhir Nis
   agus cearcall-rathaid an Todhair mar phàirt den phrògram ùrachadh
   shoidhnichean; agus
iii. gun deigheadh fiosrachadh air na cuspairean a bha air an teagasg sa
    Ghàidhlig ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis a thoirt do Mhgr R Pedersen.

 

3. Am Plana Gàidhlig agus  Bòrd na Gàidhlig

 

Chuartaicheadh aithisg Àir G-09-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ag innse mun cho-luadar a bha air a bhith ann le Bòrd na Gàidhlig mu Phlana Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd.  Dh’innseadh gun robh freagairt a’ Bhùird dhan Phlana air a bhith fàbharach sa mhòr-chuid, ged a bha grunn ann de leasaichidhean a bha ‘air am moladh’ no ‘air an iarraidh’, a’ buntainn gu h-àraidh ris na prìomh dhleastanasan, am Plana Nàiseanta agus an ro-innleachd foghlaim.  Bha na leasaichidhean a bha ‘air am moladh’ an urra ris a’ Chomhairle fhèin ach bha impidh air a’ Chomhairle na molaidhean a bha ‘air an iarraidh’ a chur an gnìomh.  Tro cho-luadar eadar luchd-obrach a’ Bhùird agus na Comhairle, bhathas air aonta a ruighinn air a h-uile ceist a chaidh a thogail.

 

Chuir Mgr C Moireach, Àrd-Oifigear Bòrd na Gàidhlig, meala-naidheachd air a’ Chomhairle airson a Plana a dheasachadh, a’ chiad tè ann an Alba ris an deach aontachadh, agus chuir e cuideam gu h-àraidh air cho feumail is a bha e gum biodh am Bòrd agus a’ Chomhairle ag obair ann an dlùth-dhàimh ri chèile.  Bha e nise cudromach gun deigheadh am Plana a chur an gnìomh agus bha maoineachadh agus taic de sheòrsaichean eile rim faotainn airson seo.  Bha Bòrd na Gàidhlig ag obair ann an dlùth-dhàimh ris an Riaghaltas Albannach gus dèanamh cinnteach gun robh amasan Achd na Gàidhlig (Alba) air an coileanadh.

 

Thug an Cathraiche taing do Mhgr Moireach agus thuirt e gun robh obair mhòr ri dhèanamh anns na mìosan agus na bliadhnaichean ri teachd agus dhaingnich e cho cudromach is a bha co-obrachadh eadar a’ Chomhairle agus Am Bòrd.  Thug e cuideachd taing do Mhgr Caimbeul, am Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig an Gnìomh, airson na bha e air a dhèanamh.  B’ e seo a’ choinneamh mu dheireadh den Chomataidh Ghàidhlig aig am biodh Mgr Caimbeul agus ghuidh e gach soirbheachadh dha san àm ri teachd.

 

Rè na deasbad a lean, bhruidhinn Buill air an ùidh a bha am mòr-shluagh air nochdadh ann an cur-air-dòigh a’ Phlana agus gun robh e cudromach gun deigheadh an co-luadar seo a chumail a’ dol, ’s dòcha tro choinneamhan poblach, gus an ùidh sin a bhrosnachadh agus gus dèanamh cinnteach gun robh am Plana a’ coileanadh feuman agus dùrachdan a’ mhòr-shluaigh.

 

i. THUG a’ Chomataidh FAINEAR DHA na leasaichidhean a rinneadh air a’
   Phlana às dèidh a’ cho-luadar fhoirmeil le Bòrd na Gàidhlig; agus
ii. DH’AONTAICHEADH dèanamh cinnteach gum biodh com-pàirt aig a’ mhòr-
   shluagh ann an cur-an-gnìomh agus leasachadh a’ Phlana.

 

4. Cur-an-gnìomh Plana Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-10-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs a’ cur an cèill  mar a bhathas an dùil Plana Gàidhlig Comhairle na Gàidhlig 2007-2011 a chur an gnìomh.  Dh’innis an aithisg gun robh ro-innleachd gnìomhachaidh mhionaideach ga cur an gnìomh, le cosgaisean, airson gach tè de na trì bliadhna a bha air fhàgail den Phlana gus sònrachadh: na targaidean bliadhnail àraidh airson gach Seirbheis; an t-oifigear Comhairle leis a’ phrìomh uallach airson an targaid a choileanadh; agus mar a bhiodh an obair air a maoineachadh.  Dheigheadh iarrtasan a chur gu Urras Maoineachaidh Gnìomhachadh Achd na Gàidhlig (GLAIF) aig Bòrd na Gàidhlig agus dheigheadh buidseatan tuairmseach ullachadh airson nam bliadhnaichean ionmhais 2009/10 agus 2010/11 a dheigheadh a chur tron phròiseas sgrùdaidh buidseit aig a’ Chomhairle. Chuireadh cur-an-gnìomh Plana Gàidhlig na Comhairle gu mòr ri Prògram an Rianachd.  Bhathas an dùil tuilleadh fiosrachaidh air cur-an-gnìomh a’ Phlana a chur  fa chomhair na Comataidh Ghaidhlig as t-fhoghar.

 

Anns an deasbad a lean, bhruidhinn Buill air tachartasan air a’ Ghàidhealtachd leithid cupa cruithne nam baidhsagail monaidh a bhiodh a’ gabhail àite sa Ghearasdan san Ògmhios. Bha cuid de na tachartasan sin a’ faighinn taic-airgid shusbainteach on Chomhairle agus dhaingnicheadh gun robh e cudromach a bhith brosnachadh an fheadhainn a bha cur nan tachartasan air chois gu bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig.

 

THUG a’ Chomataidh FAINEAR DHAN adhartas a rinneadh le ro-innleachd gnìomhachaidh a’ Phlana Ghàidhlig; agus

 

DH’AONTAICHEADH:-

 

i. gun deigheadh aithisg a thoirt fa chomhair an ath choinneamh aig a’
   Chomataidh a’ cur an cèill molaidhean nas mionaidiche airson cur-an-gnìomh a’
   Phlana, an dà chuid a thaobh gnìomhan na Comhairle fhèin agus ùidh a’
   mhòr-shluaigh; agus
ii. gun deigheadh buidhnean a bha cur thachartasan poblach air chois a
   bhrosnachadh gus soidhnichean dà-chànanach a chleachdadh.

 

5. Co-chomhairleachadh air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air
    àrainn a’ Ghearasdain

 

Dh’aontaich Comataidh Foghlaim, Cultair agus Spòrs, aig a coinneamh air 22 Cèitean 2008, iarraidh air a’ Chomataidh Ghàidhlig dreachd ullachadh de phàipear co-chomhairleachaidh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa Ghearasdan san àm ri teachd.  An dàimh ri sin, chuartaicheadh Aithisg Àir G-11-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ag innse gu mionaideach mar a bha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a liubhart an-dràsta airson sgoilearan air àrainn a’ Ghearasdain. Bha an aithisg a’ cur an cèill diofar dhòighean san gabhadh sgoil tur-Ghàidhlig a stèidheachadh agus ag innse gun robh a’ Chomhairle air aontachadh, ann am Plana Gàidhlig 2007-2011 agus ann am Prògram an Rianachd, stèidheachadh Sgoiltean Gàidhlig a ghluasad air adhart tro bhith gabhail brath air cothroman sam bith a dh’èireadh gus Sgoiltean Gàidhlig a chur air chois, leis an amas gun deigheadh dà sgoil a chur air chois rè beatha a’ Phlana.

 

San deasbad a lean, thogadh na puingean a leanas:-

  • bha taic ga chur ri Sgoil Ghàidhlig air àrainn a’ Ghearasdain;
  • dh’fhaodadh a’ Chomhairle ionnsachadh o Èirinn far an robh duilgheadas aca le dìth rùm ann an sgoiltean mar thoradh air a bhith a’ brosnachadh ùidh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig;
  • bha ùidh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ sìor fhàs agus bha e cudromach planadh airson leudachadh;
  • bu chòir cumail ris a’ chlàr-ama a bha air a mhìneachadh san aithisg;
  • bu chòir do fhiosrachadh mu mhathas dà-chànanais a chur an cèill sa phàipear co-chomhairleachaidh;
  • bu chòir do Sgoil tur-Ghàidhlig a bhith na fòcas airson na Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd agus a bhith toirt aoidheachd do rudan mar fèisean, clasaichean-oidhche Gàidhlig agus co-labhairtean;
  • bu chòir do bhuidhnean phàrantan ann an Loch Abar agus  san Eilean Sgitheanach ceangal a dhèanamh ri, agus ionnsachadh bho, Bhun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, a’ chiad sgoil a thog a’ Chomhairle a dh’aon ghnothaich airson na Gàidhlig;
  • bu chòir don phàipear co-chomhairleachaidh mìneachadh gu soilleir dè bha air a chiallachadh le “campus arrangement” anns an aithisg;
  • roghainn d) – cha bu chòir ath-shònadh sgoile a tha ann cheana mar Sgoil Ghàidhlig a bhith mar roghainn anns a’ phàipear co-chomhairleachaidh;
  • mholadh gun deigheadh roghainn a) atharrachadh gu “Adaptation of an existing building.”;
  • bha dragh air Buill mu cho beag is a bha ri fhaotainn de fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil;
  • bu chòir teicneòlas aig-astar a chleachdadh gus leigeil le tidsearan àrd-sgoile ann an àiteachean eile sgoilearan a theagasg ann an sgoiltean Gàidhealach;
  • bha “new site” na b’ fheàrr na “green field site” agus mholadh roghainn b) atharrachadh an dàimh ri sin.

Mar fhreagairt cheistean, dh’innseadh na leanas do Bhuill:-

  • bhathas air togalaichean a bha ann cheana, làrach ùr agus ‘campus site’ a chomharrachadh mu thràth ach cha robh cosgaisean a ghabhadh coimeas ri chèile rim faotainn fhathast;
  • ged a b’ e Comataidh Foghlaim, Cultair agus Spòrs a bhiodh a’ cur mholaidhean chun na Comhairle air atharraichean ann an seirbheisean foghlaim, bhiodh fiosrachadh a’ tighinn chun a’ Chomataidh Ghàidhlig mun cho-chomhairleachadh fhad ’s a bha e dol air adhart;
  • aon uair ’s gum biodh an co-chomhairleachadh ullamh agus co-dhùnadh air a dhèanamh, bhiodh co-luadar ann ri Buill agus a’ choimhearsnachd mun ìre ghoireasan air am biodh feum air an làrach agus rudan sam bith eile air am biodh feum mar cùram fad-latha airson clann 0-4 bliadhna a dh’aois no ionad Gàidhlig do inbhich.

DH’AONTAICH a’ Chomataidh moladh do Chomataidh Foghlaim, Cultur agus Spòrs:-

 

i. gum biodh am pàipear co-chomhairleachaidh a’ gabhail a-steach nan
   roghainnean a leanas:-

  • an status quo;
  • tionndadh sgoil a tha ann cheana gu bhith na Bun-Sgoil Ghàidhlig;
  • Bun-sgoil Ghàidhlig air-leth air làrach ùr;
  • Bun-sgoil Ghàidhlig air-leth air an aon ‘àrainn-sgoile’ no ‘campus’ ri bun-sgoil ùr airson a’ Ghearasdain a dh’fhaodadh tighinn às an sgrùdadh air seirbheisean foghlaim sa bhaile;

ii. gum biodh fiosrachadh anns a’ phàipear co-chomhairleachaidh mu mhathas
   dà-chànanais, an dà chuid a thaobh comas ionnsachaidh agus cothroman
   cosnaidh; agus
iii. aithisg a bhith air a toirt fa chomhair coinneamh den Chomataidh Ghàidhlig
    às dèidh seo mun amas anns a’ Phlana Ghàidhlig air co-dhiù còig chuspairean
    air an teagasg tron Ghàidhlig ann an àrd-sgoiltean.

 

6. Co-chomhairleachadh air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann am
    Port Rìgh agus Ceann  a Tuath an Eilein Sgitheanaich

 

Dh’aontaich Comataidh Foghlaim, Cultair agus Spòrs, aig a coinneamh air 22 Cèitean 2008, iarraidh air a’ Chomataidh Ghàidhlig dreachd ullachadh de phàipear co-chomhairleachaidh air staid foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach san àm ri teachd. An dàimh ri sin chuartaicheadh Aithisg Àir G-12-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs a’ toirt cunntas air an dòigh san robh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a liubhart aig an àm seo do sgoilearan ann am Port Righ agus Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich.  Bha an aithisg a’ cur an cèill diofar roghainnean airson stèidheachadh Sgoil Ghàidhlig agus ag innse cuideachd gun robh a’ Chomhairle air aontachadh, ann am Plana Gàidhlig 2007-2011 agus ann am Prògram an Rianachd, a bhith a’ gluasad gu stèidheachadh Sgoiltean tur-Ghàidhlig.

 

Thug Ceann Sheirbheisean Foghlaim iomradh air litrichean a fhuaradh bho phàrantan san Eilean Sgitheanach on a chaidh an aithisg a sgrìobhadh ag ràdh gun robh Comann nam Pàrant Phort Rìgh dhen bheachd nach bu chòir co-chomhairleachadh a chumail ach air an iarrtas airson bun-sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh o nach robh pàrantan ann an Ceann a Tuath an Eilein air Sgoil Ghàidhlig iarraidh.

 

Rè na deasbad a lean, thogadh na puingean a leanas:-

  • bu chòir beachdan nam pàrantan uile a shireadh oir dh’fhaodadh gun robh pàrantan nach robh cur an clann gu foghlam tron Ghàidhlig an-dràsta a bhiodh airson an clàradh ann an Sgoil Ghàidhlig;
  • bu chòir co-luadar air leth a chumail air stèidheachadh Àrd-sgoil Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach;
  • bu chòir an co-chomhairleachadh cuimseachadh air Port Rìgh sa chiad dol-a-mach;
  • bu chòir do ghealladh a chur dhan phàipear co-chomhairleachaidh a’ daingneachadh gum biodh seirbheisean foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Stafainn agus Cille Mhoire air an cumail a’ dol mar a tha iad;
  • mholadh roghainn a) atharrachadh gu “Adaptation of an existing building.”;
  • bha “new site” na b’ fheàrr na “green field site” agus mholadh roghainn b) atharrachadh dha rèir sin.

DH’AONTAICH a’ Chomataidh moladh do Chomataidh Foghlaim, Cultur agus Spòrs:-

 

i. na roghainnean a leanas a bhith air an gabhail a-steach sa phàipear co-
   chomhairleachaidh:-

  • an status quo;
  • tionndadh sgoil a tha ann cheana gu bhith na Bun-Sgoil Ghàidhlig;
  • Bun-sgoil Ghàidhlig air-leth air làrach ùr; agus

ii. gealladh a bhith sa phàipear co-chomhairleachaidh gum biodh foghlam tro
    mheadhan na Gàidhlig an Ceann a Tuath an Eilein air a chumail mar a tha e.

 

7. Sgrùdadh air Sgilean Gàidhlig Luchd-obrach

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-13-08 by le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs a’ toirt cunntas air an adhartas a rinneadh gu seo le Sgrùdadh Sgilean Gàidhlig Luchd-obrach Chomhairle na Gàidhealtachd, a tha air a ghealltainn ann am Plana Gàidhlig na Comhairle. Tha an aithisg ag innse gu bheilear an dùil ceisteachain a chur gu luchd-obrach na Comhairle cho luath is a ghabhas às dèidh do phròiseas nan tairgsean a bhith air a chrìochnachadh.

 

Dh’innis am Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig gun robhas air iarraidh air na cunnradairean aithisg a dheasachadh air co-dhùnaidhean an Sgrùdaidh ron t-Sultain 2008 agus gum biodh aithisg eile a’ tighinn fa chomhair na Comataidh san t-Samhain 2008, chan ann san t-Sultain mar a bha san aithisg.

 

THUG a’ Chomataidh FAINEAR DHAN adhartas a rinneadh gu seo a thaobh Sgrùdadh Sgilean Gàidhlig Luchd-obrach na Comhairle.

 

8. Obair ann an co-phàirteachas le Sabhal Mòr Ostaig agus Fàs

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-14-08 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ag innse gu bheil moladh anns a’ Phlana Ghàidhlig airson barrachd co-obrachaidh eadar a’ Chomhairle agus Sabhal Mòr Ostaig, a’ cholaiste Ghàidhlig ann an Slèite.  Bha e san amharc grunn leasachaidhean a thoirt air adhart còmhla gus taic a chur ri ionnsachadh agus teagasg sgoilearan agus ri leasachadh proifeiseanta leantainneach thidsearan agus luchd-obrach eile an taobh a-staigh de Sheirbheis Foghlaim, Cultair agus Spòrs agus cuideachd luchd-obrach ann an seirbheisean eile a tha airson na Gàidhlig ionnsachadh. Bha an aithisg ag innse mun a’ chiad chòmhraidhean a bha air gabhail àite agus a’ cur an cèill gum biodh aithisg eile a’ tighinn fa chomhair na Comataidh rè ùine.

 

Rè a’ cho-luadair a lean, thuirt Buill gun robh dragh orra gun robh cuid a thidsearan àrd-sgoile aig an robh a’ Ghàidhlig nach robh a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Thugadh an aire gun robh cuid a dhaoine a bha fileanta sa Ghàidhlig nach robh misneachail a thaobh sgrìobhadh na Gàidhlig.

 

i. THUG a’ Chomataidh FAINEAR DHA na raointean-obrach a bha air an
   comharrachadh airson barrachd co-obrachaidh eadar a’ Chomhairle agus
   Sabhal Mòr Ostaig;
ii. DH’AONTAICHEADH ri na molaidhean san aithisg; 
iii. DH’AONTAICHEADH gun deigheadh aithisgean eile a thoirt fa chomhair na
    Comataidh rè ùine nuair a bhiodh na molaidhean air an deasbad agus an
    leudachadh; agus
iv. DH’AONTAICHEADH faighinn a-mach carson nach robh tidsearan àrd-sgoile
     le Gàidhlig a’ dèanamh nan cùrsaichean a bha ann airson an ullachadh gu
     bhith teagasg sa Ghàidhlig.

 

Thug an Cathraiche taing do Shabhal Mòr Ostaig airson an aoigheachd agus airson na cuairt a fhuaireadh air na goireasan àibheiseach aca.

 

Chrìochnaich a’ choinneamh aig 4.40 feasgar.

A to Z of Council Services [skip]

A | B | C | D | E | F | G | H | I | J | K | L | M | N | O | P | Q | R | S | T | U | V | W | X | Y | Z |