Geàrr-chunntas coinneamh na Comataidh Ghàidhlig a chumar ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis na Comhairle, Rathad Ghleann Urchardain air Diardaoin 7 Lùnastal 2008 aig 2.00 f.

 

An làthair:

 

Mgr G M Smith, Mgr J McGillivray, A’ Bh-ph I Chaimbeul, Dr A Nic na Ceàrdaich, BhUas M Nic a’ Ghobhainn, Mgr C Friseal, Mgr H Friseal, Mgr A M Millar, Mgr E Hunter, Mgr A Greumach, BhUas J Chaimbeul, Mgr J Finnie, Mgr F Parr, Mg C MacLeòid, Mgr R Balfour, Mgr R Pedersen, BhUas J Douglas, Mgr D Camshron, Dr M E M Foxley

 

Cuideachd an làthair:

 

Dr D Alston

 

Oifigearan a’ frithealadh:

 

Mgr H Friseal, Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus  Spòrs
Mgr D MacDhòmhnaill, Ceann Sheirbheisean Foghlaim, Foghlaim, Cultair agus Spòrs
Mgr R MacCoinnich, Ceann Sheirbheisean Taice, Foghlaim, Cultair agus Spòrs
BhUas J Menabney, Prìomh Oifigear Cultair, Foghlaim, Cultair agus Spòrs
Mgr D MacNèill,Manadsear Leasachaidh Gàidhlig, Foghlam, Cultar agus Spòrs
BhUas M ANicLeòid, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig, Oifis an Àrd Oifigeir
Mgr J Allison, Prìomh Rianaire , Oifis an Àrd Oifigeir
BhUas M Mhoireach, Neach-taic Rianachd, Oifis an Àrd Oifigeir

 

Riochdairean bho Buidhnean Cultarach no Leasachaidh na Gàidhlig:

 

Mgr D Morris, Iar Cheann-suidhe, Ainmean-Àite na h-Alba

 

Tha rionnag air iomall na duilleig a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle. Tha co-dhùnaidhean gun chomharra fo ùghdarras na Comataidh.

 

Mgr H Friseal sa Chathair

 

Gnothach

 

Gnothaichean Tòiseachail

 

Thug an Neach-cathrach iomradh air Mgr Coinneach Moireach, Àrd Oifigear Bòrd na Gàidhlig, a leig dheth a dhreuchd o chionn ghoirid. Thug e taing dha Mgr Moireach airson na rinn e, gu h-àraidh airson a chuideachaidh le deasachadh Plana Gàidhlig na Comhairle, agus mhol e gum bu chòir dhan Chomhairle leantainn oirre a’ toirt taic dhan Bhòrd.

 

1. Leisgeulan

 

Ghabhadh leisgeulan às leth Mhgr G Farlow, Bh-ph M E NicPheadrais, Mhgr J MhicDòmhnaill agus Mhgr J Holden.

 

2. Ùghdarrasan Fosaidh

 

THUG an Comataidh FA-NEAR nach deach na h-Ùghdarrasan Fosaidh a bhuilich a’ Chomhairle aig a coinneimh air 26 Ògmhios 2008 a chur an gnìomh a thaobh gnothaich Comataidh na Gàidhlig.

 

3. Sgrùdadh air Buidseat an Ionmhais

 

Chaidh cuairteachadh a dhèanamh air Aithisg G-15-08 Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus Spòrs, a tha a’ socrachadh suidheachadh sgrùdaidh buidseat an ionmhais bho 1 Giblean gu 30 Ògmhios 2008 agus ro-mheasadh air suidheachadh deireadh na bliadhna.  Aig an àm tha làthair chan eil eas-aontan ro-mheasaichte ann ach bha coltas ann gum biodh sàbhalaidhean ag èirigh às an dàil ann a bhith fastadh taobh a-staigh Sgioba Leasachaidh na Gàidhlig.

 

San deasbad, mhol Buill gum biodh e feumail aithisgean cunbhalach, co-cheangailte ri dreuchdan bàn sa Ghàidhlig, fhaighinn gus cothrom a thoirt dha Buill sùil a chumail is beachdachadh air an t-suidheachadh.

 

Rinn A’ Chomataidh na leanas:-

 

i. THUG iad FA-NEAR an aithisg agus aithrisean sgrùdaidh a bha sealltainn
   suidheachadh sgrùdaidh buidseat an ionmhais bho 1 Giblean gu 30 Ògmhios
   2008; agus
ii. DH’AONTAICH iad gum bu chòir aithisg a chur chun Chomataidh a h-uile sia
   mìosan a’ cur suidheachadh ghnàthaichte dreuchdan bàn ann an teagasg is
   leasachadh na Gàidhlig an cèill.

 

4. Comataidh Ainmean-Àite na h-Alba

 

Chaidh cuairteachadh a dhèanamh air Aithisg G-16-08 Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus Spòrs ag innse dha Buill mu leasachaidhean gu ruige seo co-cheangailte ri  Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA).

 

Chuir an Neach-cathrach fàilte air Mgr D Morris, Iar Neach-cathrach AÀA, a thug taisbeanadh seachad a’ leudachadh air an aithisg. Dh’inns Mgr Morris gur e com-pàirteachas de bhuidhnean poblach is saor-thoileach a bh’ ann an AÀA, maoinichte le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheil is Bhòid, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle na Gàidhealtachd, aig an robh e na phrìomh amas a bhith a’ rannsachadh ainmean-àite Gàidhlig airson cruthan ceart is cunbhalach a stèidheachadh dha mapaichean, soidhnichean is cleachdadh coitcheann. Bha iarrtas fàsail ann airson fiosrachadh leithid sin agus bha AÀA, le maoineachadh bho Bòrd na Gaidhlig, an sàs ann an stèidheachadh Clàr-àitean Nàiseanta Ainmean Àite Gàidhlig, goireas air-loidhne a bheireadh fiosrachadh ùghdarraichte seachad air ainmean-àite Gàidhlig le fianais thaiceil.  Thug e geàrr-chunntas air pròiseactan rannsachaidh AÀA, coileanta agus a’ dol air adhart, agus chomharraich e gun robh àireamh chudromach de dh’iarrtasan co-cheangailte ri prògram soidhnichean rathaid dà-chànanach tron Ghàidhealtachd.  Bheireadh buileachadh Plana Gàidhlig na Comhairle àrdachadh air àireamh nan iarrtasan cuideachd. Chrìochnaich Mgr Morris le bhith a’ comharrachadh nan dùbhlan a tha mu choinneamh AÀA agus nan cothroman leudachaidh a tha an t-seirbheis a’ tabhann.

 

Thug an Neach-cathrach taing dha Mgr Morris airson a thaisbeanaidh agus mhol e na bha an sàs ann an AÀA airson na rinn iad de dh’obair luachmhor.

 

San deasbad, thug Buill iomradh air na sgàileanan didseatach air trèanaichean, a’ sealltainn an ath chinn-uidhe agus mhol e gum bu chòir fios a chur gu solaraiche rèile mu bhith a’ taisbeanadh cheann-uidhe sa Ghàidhlig a thuilleadh air sa Bheurla airson an t-sluagh ionadail agus luchd-turais a bhrosnachadh gus ùidh a ghabhail sa chànan Ghàidhlig.

 

Chuir Buill an cèill cuideachd cho cudromach ‘s a tha e soidhnichean dà-chànanach a chur air prìomh rathad an A9.

 

THUG a’ Chomataidh FA-NEAR an aithisg agus an taisbeanadh na cois; agus

 

chaidh AONTACHADH:-

 

i. gun rannsaicheadh oifigearan le solaraichean rèile an robh e comasach cinn-
   uidhe a thaisbeanadh sa Ghàidhlig a thuilleadh air sa Bheurla air sgàileanan
   didseatach thrèanaichean air loidhnichean taobh siar na Gàidhealtachd is a’
   Chaoil; agus
ii. gun deigheadh litir a chur às leth na Comataidh gu Ùghdarras nam Prìomh
    Rathaidean ag iarraidh gun deigheadh prìomhachas a thoirt dha
    suidheachadh soidhnichean dà-chànanach air an A9.

 

5. Plana na Gàidhlig

 

i. Ùrachadh Buileachaidh

 

Chaidh cuairteachadh a dhèanamh air Aithisg G-17-08 Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus Spòrs a’ toirt ùrachadh seachad air na modhan a bhathas a’ gabhail os làimh airson Plana Gàidhlig na Comhairle 2008-2011 a bhuileachadh.  Chomharraich an aithisg grunn de phrìomh ghnìomhan co-cheangailte ri Sgrùdadh Sgilean Luchd-obrach Comhairle na Gàidhealtachd, a’ togail mothachadh den Phlana, fastadh agus buidseatan.

 

THUG a’ Chomataidh FA-NEAR an adhartas le buileachadh Plana na Gàidhlig agus thug iad taing dha Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig airson na h-obrach a choilean e bho thàinig e dhan dreuchd na bu tràithe sa bhliadhna.

 

ii. Maoineachadh Buileachaidh

 

Foillseachaidhean Com-pàirt

 

Dh’fhoillsich Mgr A Greumach ùidh ionmhasail sa chuspair seo mar Mhanaidsear Ionmhais is Rianachd Bòrd na Gàidhlig, agus dh’fhàg e an rùm.

 

Dh’fhoillsich Dr M E M Foxley ùidh ionmhasail sa chuspair seo mar Bhall de Bhòrd na Gàidhlig ach, ri linn cead coitcheann Coimisean nan Inbhean, dh’fhuirich e gus pàirt a ghabhail san deasbad.

 

Chaidh cuairteachadh a dhèanamh air Aithisg G-18-08 Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus Spòrs airson fiosrachadh as ùr a thoirt dha Buill mu ullachadh iarrtasan Comhairle na Gàidhealtachd airson taic mhaoineachaidh fo Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF).  Mhol an aithisg rianachd le Bòrd na Gàidhlig, a bha air stiùireadh fhoillseachadh mu iarrtasan maoineachail air 20 Ògmhios 2008 le  31 Iuchar 2008 na cheann-là airson iarrtasan a chur a-steach. Aig an àm seo bha am Bòrd air iarrtasan a’ còmhdach trì bliadhna suas gu Màrt 2011, iarraidh.

 

Sheall Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig fiosrachadh mu na h-iarrtasan a chuir a’ Chomhairle gu Bòrd na Gàidhlig agus dh’inns e nach robh am fiosrachadh air a bhith ri làimh aig an àm san deach an aithisg a sgrìobhadh seach gun robhar ag ullachadh nan iarrtasan gus coinneachadh ris a’ cheann-là air 31 Iuchar 2008.  Dheigheadh am fiosrachadh seo a chuairteachadh a-nis, ge-tà.

 

Rinn a’ Chomataidh na leanas:-

 

i. THUG iad FA-NEAR faotainneachd is nàdar maoineachadh GLAIF agus na
   dòighean anns an deach iarrtasan na Comhairle ullachadh; agus
ii. DH’AONTAICH iad gum bu chòir fiosrachadh mu iarrtasan GLAIF na
   Comhairle aig 31 Iuchar 2008 a sgaoileadh gu Buill na Comataidh gu
   eileagtronaigeach.

 

6. Am Mòd Nàiseanta agus An Comunn Gàidhealach

 

Chaidh cuairteachadh a dhèanamh air Aithisg G-19-08 Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus Spòrs, a’ toirt fiosrachadh ùraichte do Bhuill mu dheasbadan eadar oifigearan na Comhairle agus An Comunn Gàidhealach co-cheangailte ris a’ cho-aonta eadar an dà bhuidheann agus mu òrdachaidhean ri thighinn airson am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail sa Ghàidhealtachd.

 

San deasbad, chaidh na beachdan a leanas a thogail:-

  • bha e riatanach gun deigheadh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail sa Ghàidhealtachd a h-uile trì bliadhna;
  • feumaidh àite a’ Mhòid co-aonta fhaighinn bhon Chomunn Ghàidhealach agus Comhairle na Gàidhealtachd;
  • chaidh fàilte a chur air a bhith a’ gabhail a-steach leasachaidhean ùra ann an ath-sgrùdadh àiteachan a dh’fhaodadh a bhith freagarrach;
  • bu chòir dhan Chomhairle a bhith a’ co-obrachadh gu dlùth ris a’ Chomunn Ghàidhealach airson iomall a’ Mhòid a leasachadh;
  • tha co-obrachadh le comataidhean ionadail a’ Mhòid cudromach;
  • bu chòir beachdachadh air dòigh airson dèiligeadh ri àireamh ìosal inntrigidhean Mòid, gu h-àraidh bho sgoiltean anns a bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig;
  • bu chòir rannsachadh a dhèanamh air dòighean anns am b’ urrainn dhan Chomhairle cuideachadh le adhartachadh a’ Mhòid;
  • bu chòir fiosrachadh a lorg mu na cosgaisean a tha an lùib a bhith a’ ruith Mòd agus air mar a tha maoineachadh bliadhnail £40,000 na Comhairle ga chleachdadh;
  • bu chòir cuireadh a thoirt dha riochdaire bhon Chomunn Ghàidhealach gu coinneamh na Comataidh;
  • bhathas a’ lorg fiosrachadh mu àireamh nam Mòdan ionadail a bhathas a’ cumail sa Ghàidhealtachd agus mu cho soirbheachail ‘s a bha iad.

Dhaingnich an neach-cathrach gun deigheadh beachdachadh air na cùisean a thog Buill aig coinneamh leis a’ Chomunn Ghàidhealach a dh’aithghearr.

 

THUG a’ Chomataidh FA-NEAR an aithisg agus adhartas nan còmhraidhean mu bhith a’ faighinn Aonta Inbhe Seirbheis ùr eadar an Comhairle agus An Comunn Gàidhealach; agus

 

Chaidh na leanas AONTACHADH:-

 

i.  gun leanadh còmhraidhean leis a’ Chomunn Ghàidhealach mu bhith a’
    faighinn Aonta Inbhe Seirbheis ùr agus mu na cùisean a chaidh a thogail san
    deasbad;
ii. gun deigheadh cuireadh a thoirt dha riochdaire bhon Chomunn Ghàidhealach
    gu coinneamh eile na Comataidh airson beachdachadh air an aonta leis a’
    Chomhairle agus mu aontaidhean san àm ri teachd mu bhith a’ cumail a’
    Mhòid Nàiseanta Rìoghail sa Ghàidhealtachd agus
iii. gun deigheadh aithisg a chur gu coinneamh eile na Comataidh mun àireamh
    de Mhòdan ionadail a bha gan cumail sa Ghàidhealtachd agus mu cho
    soirbheachail ‘s a bha iad.

 

7. Fiosrachadh ùraichte Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig

 

Chaidh cuairteachadh a dhèanamh air Aithisg G-20-08 Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus Spòrs, agus rinn i ùrachadh air caochladh chùisean aig am biodh ùidh aig Comataidh na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach:-

  • Fastadh
  • Sgrùdadh Sgilean Luchd-obrach Comhairle na Gàidhealtachd
  • Leabhar nan Gàidheal Òga
  • FilmG – Farpais Film Goirid Gàidhlig
  • Meòrachan Tuigse Alba Nuaidh agus Iomlaid Chiùird Ceap Breatainn

San deasbad, thog Buill na duilgheadasan co-cheangailte ri bhith a’ fastadh thidsearan gu dreuchdan teagaisg Gàidhlig sa Ghàidhealtachd agus chuir iad an aire gum faodadh gur e dìth thaighean freagarrach ann an cuid a dh’àitean bu choireach. Chaidh a mholadh gum bu chòir beachdachadh air nithean a dh’fhaodadh brosnachadh a thoirt dha àrdachadh ann an gabhail dreuchdan teagaisg Gàidhlig.

 

A thaobh Meòrachan Tuigse eadar Alba Nuadh is a’ Ghàidhealtachd, chuir Buill an cèill cho cudromach ‘s a tha e gun tog luchd-turais gu Alba Nuadh mothachadh air cùisean gnàthaichte mar dreuchdan teagaisg sa Ghàidhealtachd, buileachadh Plana Gàidhlig na Comhairle agus Bliadhna an Tighinn Dhachaigh 2009.

 

THUG a’ Chomataidh an aithisg FA-NEAR; agus

 

chaidh na leanas AONTACHADH:-

 

i. gun deigheadh iarraidh air Comataidh an Fhoghlaim, a’ Chultair agus Spòrs
   beachdachadh air dè a ghabhadh a dhèanamh airson tidsearan a
   bhrosnachadh gus dreuchdan teagaisg Gàidhlig a ghabhail sa Ghàidhealtachd;
   agus
ii. mar phàirt de Mheòrachan Tuigse eadar Alba Nuadh is a’ Chomhairle, bu
   chòir pasganan fiosrachaidh a thoirt dha luchd-turais a dh’Alba Nuadh airson
   tuigse mu Phlana Gàidhlig na Comhairle, a bhuileachadh agus cleachdadh na
   Gàidhlig sa Chomhairle agus ann an Coimhearsnachd na Gàidhealtachd san
   fharsaingeachd, àrdachadh.

 

8. Co-chomhairle air Solarachd Foghlaim tro Mheadhan na Gàidhlig sa
    Ghearastan agus ann am Port Rìgh

 

THUG a’ Chomataidh FA-NEAR gun robh Comataidh Foghlaim, Cultair agus Spòrs air aontachadh a dhol gu co-chomhairle air molaidhean airson Bun-sgoiltean coisrigte Gàidhlig a leasachadh anns a’ Ghearastan agus ann am Port Rìgh. Dheigheadh toradh nan co-chomhairlean a chur an cèill dha Comataidh Foghlaim, Cultair agus Spòrs air 13 Samhain 2008.

 

Chrìochnaich a’ choinneamh aig 4.00 f.

A to Z of Council Services [skip]

A | B | C | D | E | F | G | H | I | J | K | L | M | N | O | P | Q | R | S | T | U | V | W | X | Y | Z |