Geàrr-chunntas coinneamh na Comataidh Ghàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Àros na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diardaoin 15 Faoilleach 2009 aig 2.00 f

 

An Làthair:

 

Mgr S Friseal, Bh-Uas I Chaimbeul, Mgr S Farlow, Mgr G M Mac a’ Ghobhainn, Mgr J McGillivray, Dr A Nic na Ceàrdadh, Bh-Uas M Nic a’ Ghobhainn, Bh-Uas M E NicPheadrais, Mgr R Balfour, Mgr A M Millar, Mgr E Hunter, Mgr C MacLeòid, Mgr A Greumach, Mgr J Finnie, Mgr R Pedersen, Bh-Uas J Dhùghlas, Mgr D Camshron, Dr M E M Foxley

 

Neo-Bhall a bha an làthair:

 

Mgr D Hendry

 

Oifigearan a’ frithealadh na coinneimh:

 

Mgr U Friseal, Stiùiriche, Foghlam, Cultar agus Spòrs
Mgr D MacNèill, Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig
Bh-Uas J Menabney, Prìomh Oifigear Cultair, Seirbheis Foghlam, Cultar agus Spòrs
Bh-Uas M A NicLeòid, Oifigear Leasachaidh Foghlaim, Oifis an Àrd-Oifigeir
Mgr I Allison, Prìomh Rianaire, Oifis an Àrd-Oifigeir
Bh-Uas M Mhoireach, Neach-taic Rianachd, Oifis an Àrd-Oifigeir

 

Tha rionnag air iomall na duilleig a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle.  Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Comataidh.

 

Mgr S Friseal sa Chathair

 

Gnothach

 

1. Leisgeulan

 

Ghabhadh leisgeul Mgr I McGillivray, Mgr A Greumach, Mgr S MacDhòmhnaill, Bh-Uas S Chaimbeul agus Mgr F Parr.

 

2. Sgrùdadh Buidseit Ionmhais – 1 Giblean gu 30 Samhain 2008

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-01-09 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs a’ cur an cèill an t-suidheachaidh a thaobh a’ bhuidseat ionmhais airson an ama eadar 1 Giblean agus 31 Samhain 2008 agus an suidheachadh ris an robh dùil aig deireadh na bliadhna.

 

THUG a’ Chomataidh FAINEAR DHAN aithisg agus na cunntasan sgrùdaidh a bha a’ sealltainn staid a’ bhuidseit airson an ama eadar 1 Giblean agus 30 Samhain 2008.

 

3. Foghlam Gàidhlig anns na Sgoiltean agus na Sgoiltean Àraich

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-02-09 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs  ag innse an t-suidheachaidh an-dràsta a thaobh foghlam Gàidhlig aig ìre bun-sgoile, àrd-sgoile agus ro-sgoile.

 

Dh’innis an Stiùiriche mu na duilgheadasan a bha ann fhathast a thaobh fastadh thidsearan tro mheadhan na Gàidhlig agus thuirt e gun robh e cudromach gum biodh còmhraidhean ann aig ìre nàiseanta mu dhòighean air an suidheachadh a leasachadh airson gun gabhadh foghlam tron Ghàidhlig ann an sgoiltean agus sgoiltean-àraich a leudachadh mar a bha am Plana Gàidhlig ag iarraidh.

 

Rè na deasbad a lean, thogadh na puingean a leanas:-

  • dh’iarradh fiosrachadh mun àireamh sgoilearan a bha a’ leigeil seachad na Gàidhlig mar chuspair às dèidh AS2 agus na h-adhbhair a bha sin a’ tachairt:
  • bu chòir còmhraidhean gabhail àite le Bòrd na Gàidhlig, an Riaghaltas Albannach agus aonaidhean an luchd-teagaisg, le sùil ri deiligeadh ri na duilgheadasan a bha ann a thaobh fastadh thidsearan Gàidhlig;
  • bu chòir Plana Gnìomh ullachadh airson fastadh thidsearan Gàidhlig, a’ gabhail a-steach cuid de na molaidhean a chaidh a dheasbad roimhe sa Chomataidh leithid taic ionmhais agus taigheadais;
  • bha feum air foghlam ro-sgoile Ghàidhlig a sgrùdadh agus a leudachadh ma bha e dol a chur ris na h-àireamhan ann am foghlam bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig;
  • bu chòir barrachd airgid a shireadh on Riaghaltas Albannach airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig;
  • bha feum air barrachd brosnachaidh air dreuchdan sa Ghàidhlig on t-Seirbheis Dhreuchdan;
  • bu chòir leudachadh air an àireamh chuspairean a tha air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, gu h-àraidh aig AS 3 agus 4;
  • bha e na chùis dragh nach robh cuid a thidsearan àrd-sgoile a bha fileanta sa Ghàidhlig a rèir choltais deònach an cuspair a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig;
  • bu chòir pàrantan a bhrosnachadh gus clàradh gun robh ùidh aca ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, gu h-àraidh ann an àitichean iomallach air an dùthaich, gus am biodh dearbhadh ann air iarrtas phàrantan agus adhbhar mar sin airson tidsearan tro mheadhan na Gàidhlig fhastadh;
  • bu chòir beachdachadh air coinneamh den Chomataidh Ghàidhlig a chumail air taobh an Iar Rois no Chataibh gus beachdachadh air na duilgheadasan a bha aig na sgìrean sin ann a bhith fastadh thidsearan Gàidhlig agus na bha pàrantan a’ miannachadh a thachradh a thaobh foghlam tron Ghàidhlig san sgìre aca;
  • bha uallach air Buill na Comataidh Ghàidhlig cànan agus cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh agus bu chòir dhaibh cur rompa a’ Ghàidhlig ionnsachadh;
  • bha e feumail rannsachadh a dhèanamh air na h-adhbhair a bha aig cuid a phàrantan gun an clann a chur gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig;
  • bha e na bhriseadh-dùil nach do thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Inbhir Theòrsa airson nach d’fhuaradh tidsear agus mholadh beachdachadh air fo-fhastadh no air duaisean a thoirt seachad.

Dh’innis an Stiùiriche gun robh a’ Chomhairle a’ feuchainn air tidsear làn-thìde fhastadh air cùmhnant maireannach airson Inbhir Theòrsa agus gum faodte fo-fhastadh a thabhann mura soirbhicheadh le seo.

 

i.  THUG a’ Chomataidh FAINEAR DHAN t-suidheachadh aig an àm seo a
    thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus na molaidhean anns an
    aithisg airson an t-seirbheis a leudachadh mar a bha air a chur an cèill ann am
    Plana Gàidhlig na Comhairle;
ii. DH’AONTAICHEADH fiosrachadh a thoirt do Bhuill air an àireamh sgoilearan
    a bha a’ leigeil seachad na Gàidhlig mar chuspair às dèidh AS2 agus na h
    -adhbhair airson sin;
iii. DH’AONTAICHEADH Plana Gnìomh ullachadh ag innse nan duilgheadasan a
    bha co-cheangailte ri fastadh thidsearan Gàidhlig agus seo a chur fa chomhair
    na Comataidh ro fhosadh 2009; agus
iv. DH’AONTAICHEADH beachdachadh air coinneamh den Chomataidh
    Ghàidhlig a chumail air taobh an Iar Rois no Chataibh gus coimhead air na
    duilgheadasan a bha aig na sgìrean sin le bhith a’ fastadh thidsearan Gàidhlig
    agus na bha pàrantan a’ miannachadh a thaobh foghlam tron Ghàidhlig san
    sgìre aca.

 

4. Sgrùdadh air a’ Ghàidhlig ann an Seirbheisean na Comhairle

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-03-09 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs  ag innse gun robh Plana Gàidhlig na Comhairle a’ gealltainn gun deigheadh sgrùdadh a dhèanamh air cleachdadh na Gàidhlig ann an Seirbheisean na Comhairle airson bun-shlat-tomhais a dhealbh a ghabhadh cleachdadh gus adhartas a thomhas agus gus comharrachadh far a bheil feum air leasachadh.

 

An cois na h-aithisg, bha dreachd de theamplaid airson an sgrùdaidh seo, a dh’fhaodadh a bhith air a dhèanamh aig ìre gach Seirbheis fa leth.  Ged a dh’fhaodadh tòrr den obair seo a dhèanamh le Manaidsearan Seirbheis, bha e air a mholadh gun biodh an dreachd deireannach air a mheasadh agus air aontachadh aig ìre Stiùirichean.

 

DH’AONTAICH a’ Chomataidh ri dreachd teamplaid air ìre cleachdadh na Gàidhlig ann an Seirbheisean na Comhairle.

 

5. Cùram Chloinne Inbhir Nis

 

Dh’innseadh dhan Chomataidh gun robh Cùram Chloinne Inbhir Nis air a bhith a’ dèanamh obair ullachaidh o chionn greise airson  goireas cùram-chloinne fad-latha a thogail ri taobh Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.  B’ e an t-amas gun toireadh seo seachad foghlam aig na tràth-aoisean gus meudachadh an àireamh anns an sgoil agus cuideachd cùram-chloinne fad-latha airson clann 0-5 agus cùram taobh-a-muigh na sgoile do chloinn aois na bun-sgoile.

 

Bha Cùram Chloinne Inbhir Nis air sgrùdadh a choimiseanadh a bha a’ sealltainn gum faodadh seo soirbheachadh san ùine fhada agus bha oifigich air a bhith ag obair leis a’ bhuidheann gus am moladh a thoirt air adhart.  Bhiodh an t-seirbheis air a ruith mar Iomairt Shòisealta le Cùram Chloinne Inbhir Nis a dh’fheuchadh ri airgead a thogail airson nan cosgaisean calpa a bhathas an dùil a bhiodh timcheall air £2m, le dùil ri tabhartas susbainteach on Riaghaltas Albannach. Dh’fhaoidte gum biodh feum air taic ionmhais o mhaoin a’ chom-pàirteachas cùram-chloinne agus ‘s dòcha cuideachd anns na chiad bhliadhnaichean on Riaghaltas Albannach agus o Bhòrd na Gàidhlig.

 

B’ e a’ chiad dùbhlan a bha ro Chùram Chloinne Inbhir Nis airgead a lorg airson obair ailtirean, mar phàirt den sgrùdadh ion-dhèantachd leantainneach, agus gus taic a chur ri an iarrtasan airson maoineachadh calpa. Bhathas a’ moladh gun toireadh a’ Chomataidh airson Clann agus Daoine Òga taic airgid luach £5k airson seo agus dh’iarradh air a’ Chomataidh tacsa a chur ris a’ mholadh seo. Dheigheadh beachdan na Comataidh Ghàidhlig a chur an cèill don Chomataidh airson Clann agus Daoine Òga.

 

Chuir Buill an taic ris a’ phròiseact chudromach seo a bha air fhaicinn mar leasachadh bunaiteach airson Inbhir Nis agus a shealladh dè ghabhadh dèanamh ann an àitichean eile.

 

DH’AONTAICH a’ Chomataidh tacsa a chur ris a’ phròiseact agus moladh don Chomataidh Chloinne agus Dhaoine Òga gun deigheadh £5k de thaic airgid a thoirt seachad gus pàigheadh airson obair ailtireachd a bha na phàirt den sgrùdadh ion-dhèantachd.

 

6. Cunntas Adhartais a’ Mhanaidseir Leasachaidh Ghàidhlig

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-04-09 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs a’ toirt cunntas air caochladh chuspairean a’ buntainn ri obair na Comataidh Ghàidhlig, nam measg cur an gnìomh Plana Gàidhlig na Comhairle, Plana Gàidhlig an Riaghaltais Albannaich, Còisir Òigridh Ghàidhlig na Gàidhealtachd agus fastadh luchd-obrach airson Sgeama Leasachaidh Gàidhlig na Comhairle.

 

A bharrachd air na bha san aithisg, dh’innis am Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig dhan Chomataidh gun robh e mar uallach air a’ Chomhairle Lathaichean Fiosrachaidh Gàidhlig a chumail, gum biodh a’ chiad tè dhiubh sin ann air 8 Cèitean 2009 is gum biodh Buill na Comataidh a’ faighinn cuireadh.

 

Rè na deasbad a lean, thogadh na puingean a leanas:-

  • Rinneadh toileachas ris an naidheachd gun deach Oifigear Cùram-chloinne is Ghoireasan Teaghlaich Gàidhlig agus Oifigear Leasachaidh Foghlaim Gàidhlig fhastadh agus mholadh gun deigheadh cuireadh a thoirt dhaibh chun na Comataidh air a’ bhliadhna seo gus bruidhinn air an obair a bha rompa;
  • Bhiodh Comataidh Eòlaichean Comhairle na h-Eòrpa (ComEx) a’ tighinn a dh’Alba ann an 2009 agus mholadh gum faigheadh am Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig a-mach cuin a bhiodh iad a’ tighinn gus an gabhadh ullachadh dèanamh air an son;
  • Bha Nòs Ùr, Co-fharpais Òran Cheilteach agus Albais, gu bhith a chumail ann an Inbhir Nis air 20 Ògmhìos 2009, agus mholadh ceangal a dhèanamh ris an fheadhainn a bha a’ ruith an tachartais agus, nam biodh sin freagarrach, gun deigheadh cuireadh a thoirt do riochdairean ComEx a bhith an làthair.

i.  THUG a’ Chomataidh FAINEAR DHAN aithisg;
ii.  DH’AONTAICHEADH cuireadh a thoirt do na h-Oifigearan ùra airson Cùram
    -chloinne is Ghoireasan Teaghlaich agus airson Leasachadh Foghlaim Gàidhlig
    gu coinneamh den Chomataidh nas fhaide dhen bhliadhna seo a bhruidhinn
    air an obair a bha rompa;
iii. DH’AONTAICHEADH gum faigheadh am Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig a
    -mach cuin a bha Comataidhean Eòlaichean Comhairle na h-Eòrpa (ComEx)
    dol a thadhail air Alba gus an gabhadh an t-ullachadh iomchaidh dèanamh;
    agus
iv. DH’AONTAICHEADH, nam biodh e iomchaidh, gun deigheadh cuireadh a
    thoirt do riochdairean ComEx gu Nòs Ùr gus aire dhaoine a tharraing chun
    tachartais seo.

 

Chrìochnaich a’ choinneamh aig 3.20 f.

A to Z of Council Services [skip]

A | B | C | D | E | F | G | H | I | J | K | L | M | N | O | P | Q | R | S | T | U | V | W | X | Y | Z |