Bidh coinneamh den Chomataidh Ghàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diardaoin 21 Cèitean 2009 aig 2.00 feasgar.
Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr ghnothaichean air a son an cois seo.
Le dùrachd
Michelle Morris
Iar-Àrd-Stiùiriche
Thoiribh an aire gum bi a’ choinneamh air a cumail sa Ghàidhlig, le eadar-theangachadh mar-aon gu Beurla.
Foillseachaidhean com-pàirt – Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothaich sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle air a seo o oifigearan ron a’ choinneimh.
Gnothach
1. Leisgeulan
2. Iomairtean Cànain Gàidhlig
Tha Aithisg Àir G-13-09 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ga cuartachadh ag innse gu bheil Iomairtean Cànain Gàidhlig an impis a bhith air an cur air chois air feadh Alba, a trì dhiubh taobh a-staigh sgìre Comhairle na Gàidhealtachd. Tha iad stèidhichte air prionnsabal soirbheachail “Menter Iaith” na Cuimrigh, far a bheilear air iomairtean coimhearsnachd a chur air bhonn thar nam 20 bliadhna mu dheireadh is far a bheil iad air pàirt chudromach a chluiche ann an ath-bheothachadh na Cuimris aig ìre ionadail.
’S e Comunn na Gàidhlig a tha an urra ri bhith a’ cur nan Iomairtean Cànain air chois ann an Alba agus bheir an t-Àrd-Stiùiriche, Eàirdsidh MacIlleathain, taisbeanadh seachad air a’ phrionnsabal agus air na freagairtean tùsail air Iomairt Loch Abair a thathar air tòiseachadh a chur an gnìomh.
Tha e air iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. toirt fainear dhan aithisg agus an taisbeanadh a tha dol leatha;
ii. beachdachadh air na planaichean airson Iomairtean Cànain a chur air chois an
Alba agus air a’ Ghàidhealtachd; agus
iii. aontachadh gun co-obraich oifigearan na Comhairle le Comunn na Gàidhlig
agus na buidhnean stiùiridh ionadail gus na molaidhean a chur air adhart.
3. Sgrùdadh Buidseit Ionmhais – 1 Giblean 2009 gu 30 Giblean 2009
Tha Aithisg Àir G-14-09 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ga cuartachadh a’ cur an cèill an t-suidheachaidh a thaobh an sgrùdadh buidseit ionmhais airson an ama o 1 Giblean 2009 gu 30 Giblean 2009 agus an suidheachadh ris a bheil dùil aig deireadh na bliadhna.
Tha e air iarraidh air a’ Chomataidh toirt fainear dhan t-suidheachadh.
4. Plana Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd – Dreachd Chunntas
Sgrùdadh-gnìomhachaidh Bhliadhnail
Tha Aithisg Àir G-15-09 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ga cuartachadh ag innse gun deach gabhail ri Plana Gàidhlig na Comhairle le Bòrd na Gàidhlig, às leth nam Ministearan Albannach, sa Chèitean 2008. Tha am Plana a’ gealltainn aithisg bhliadhnail air buileachadh a’ phlana agus air an adhartas a rinneadh a dh’ionnsaigh nan targaidean. Tha gnìomhan agus targaidean a’ Phlana an cois na h-aithisg, le measadh ‘solas-trafaig’ a’ cur an cèill far an deach, agus far nach deach, adhartas a dhèanamh.
Tha e air iarraidh air a’ Chomataidh toirt fainear dhan aithisg is am beachdan a thoirt oirre, is gnìomhan iomchaidh sam bith a mholadh, agus às dèidh sin aontachadh ris a’ Chunntas Sgrùdadh-gnìomhachaidh Bhliadhnail a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig.
5. Fàs/Sabhal Mòr Ostaig – Aonta Com-pàirteachais mar ath-dhìoladh
airson taic on Chomhairle
Tha Aithisg Àir G-16-09 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ga cuartachadh a’ cur an cèill chùmhnantan aonta a thathas a’ moladh mu cho-obrachadh eadar Sabhal Mòr Ostaig agus a’ Chomhairle air grunn phròiseactan mar ath-dhìoladh airson na taic a thug a’ Chomhairle do Fhàs, an t-Ionad airson Gnìomhachasan Cruthachail agus Cultarach a tha suidhichte air àrainn na Colaiste.
Tha e air iarraidh air a’ Chomataidh toirt fainear dha na molaidhean agus am beachd a thoirt orra gus an gabh a’ chiad bhliadhna den Aonta Com-pàirteachais a stèidheachadh.
6. Mòdan ionadail
Aig coinneamh na Comataidh Gàidhlig air 7 Lùnastal 2008, dh’iarradh aithisg mu Mhòdan ionadail air a’ Ghàidhealtachd. A thaobh sin, tha Aithisg Àir G-17-09 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ga cuartachadh ag innse an t-suidheachaidh a tha ann aig an àm seo a thaobh Mhòdan ionadail agus miann a’ Chomuinn Ghàidhealaich a thaobh an cumail a’ dol agus an leudachadh san àm ri teachd.
Tha e air iarraidh air a’ Chomataidh aontachadh:-
i. ris an dòigh-obrach a tha air a cur an cèill san aithisg; agus
ii. gun sir oifigearan dòighean san gabh taic a chumail ri Mòdan ionadail.
7. Trèanadh sa Ghàidhlig do Luchd-obrach Comhairle na Gàidhealtachd
Tha Aithisg Àir G-18-09 leis an Iar-Àrd-Stiùiriche agus Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ga cuartachadh a’ sireadh aonta airson moladh gun tèid da chùrsa pìolat Ùlpan Gàidhlig a chur air dòigh airson luchd-obrach Comhairle na Gàidhealtachd agus gun tèid taic a thoirt do 20 luchd-obrach eile airson a dhol tro chùrsaichean Ùlpan air an ruith le buidhnean eile.
Tha e air iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. aontachadh ris a’ mholadh gun tèid dà chùrsa pìolat Ùlpan Gàidhlig a chur air
dòigh airson luchd-obrach Comhairle na Gàidhealtachd, a’ gabhail a-steach
maoineachadh agus tìde luchd-obrach; agus
ii. aontachadh taic a thoirt do suas ri 20 luchd-obrach Comhairle na
Gàidhealtachd o thaobh a-muigh Inbhir Nis gus a dhol tro 20 aonad Ùlpan air
an ruith le buidhnean eile.
8. Cunntas Adhartais a’ Mhanaidseir Leasachaidh Ghàidhlig
Tha Aithisg Àir G-19-09 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ga cuartachadh a’ toirt cunntas air caochladh chuspairean sa bheil ùidh aig a’ Chomataidh Ghàidhlig.
Tha e air iarraidh air a’ Chomataidh toirt fainear dhan aithisg agus am beachdan a thoirt seachad oirre.