Geàrr-chunntas coinneamh na Comataidh Ghàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diardaoin 21 Cèitean 2009 aig 2.00 feasgar.

 

An làthair:

 

Mgr S Friseal, Bh-Uas I Chaimbeul, Mgr S Farlow, Mgr G M Mac a’ Ghobhainn, Mgr U MacAoidh, Mgr J McGillivray, Dr A Nic na Ceàrdadh, Bh-Uas M Nic a’ Ghobhainn, Bh-Uas M E NicPheadrais, Mgr A M Millar, Mgr E Hunter, Mgr F Parr, Mgr C MacLeòid, Mgr I Holden, Mgr R Pedersen, Mgr T Prag, Bh-Uas J Dhùghlas, Mgr D Camshron, Dr M E M Foxley

 

Neo-Bhuill an làthair:

 

Mgr J Rosie, Mgr U Fernie, Dr D Alston, Mgr D Fallows

 

Oifigearan a’ frithealadh na coinneimh:-

 

Mgr U Friseal, Stiùiriche, Foghlam, Cultar agus Spòrs
Mgr R MacCoinnich, Ceann Sheirbheisean Taic, Foghlam, Cultar agus Spòrs
Mgr D MacNèill, Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig
Bh-Uas J Menabney, Prìomh Oifigear Cultair, Seirbheis Foghlam, Cultar agus Spòrs
Mgr I Allison, Prìomh Rianaire, Oifis an Àrd-Oifigeir
Bh-Uas M Mhoireach, Neach-taic Rianachd, Oifis an Àrd-Oifigeir

 

Riochdairean Bhuidhnean Cultarach no Leasachaidh Ghàidhlig:-

 

Mgr A MacIlleathain, Àrd-oifigear, Comunn na Gàidhlig

 

Tha rionnag air iomall na duilleig a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle.  Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Comataidh.

 

Mgr S Friseal sa Chathair

 

Gnothach

 

Ro-làimh

 

Chuir an Cathraiche fàilte air Buill ùra na Comataidh Ghàidhlig, Mgr U MacAoidh agus Mgr Tòmas Prag, chun na coinneimh.

 

Dh’iarr an Cathraiche cuideachd gun deigheadh dùrachd na Comataidh a chur gu Mgr Craig Friseal airson fàigheadh seachad air an tinneas a bha air a bhith air o chionn greise.

 

Soraidh

 

Dh’innis an Cathraiche gur e seo a’ choinneamh mu dheireadh aig am biodh Mgr Iain  Allison, am Prìomh Rianaire, a bhiodh a’ leigeil dheth a dhreuchd air 30 Ògmhìos 2009.  Às leth na Comataidh, thug e taing do Mhgr Allison airson obair mar Chlàirc dhan Chomataidh Thaghte Ghàidhlig agus, às dèidh sin, a’ Chomatraidh Ghàidhlig, agus ghuidh e gach sonas dha air chluaineas.   Fhreagair Mgr Allison gu h-iomchaidh.

 

Thug an Cathraiche cuideachd taing do Fhiona NicCoinnich airson na rinn i airson Urras Òrain Ghàidhlig Màiri Mhòir.

 

1. Leisgeulan

 

Ghabhadh leisgeul Mgr C Friseal, Mgr A Greumach, a’ Bh-Uas S Chaimbeul, Mgr I Finnie agus Mgr A S Park.

 

2. Iomairtean Cànain Gàidhlig

 

Chuairticheadh Aithisg Àir G-13-09 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ag innse gun robh Iomairtean Cànain Gàidhlig an impis a bhith air an cur air bhog ann an grunnan àitichean air feadh Alba, nam measg trì ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd. Bha iad stèidhte air eisimpleir shoirbheachail nam ‘Mentrau Iaith’ sa Chuimrigh far an robhas air a bhith a’ stèidheachadh iomairtean coimhearsnachd o chionn 20 bliadhna agus far an robh pàirt chudromach air a bhith aca ann an ath-bheothachadh na Cuimris aig ìre ionadail.

 

An dàimh ri seo, chuir an Cathraiche fàilte air Mgr Eàirdsidh MacIllEathain, Àrd-oifigear Comunn na Gàidhlig, a’ bhuidheann a bha an urra ri cur air chois nan Iomairtean ann an Alba.   Thug e seachad taisbeanadh aig a’ choinneamh agus dh’innis e gun robh Iomairtean Gàidhlig nam pàirt de Phlana Nàiseanta na Gàidhlig agus gun robh Comunn na Gaidhlig ag obair ann an dlùth-dhàimh ri Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus a’ Chomhairle gus sgìrean àraidh a chomharrachadh airson na Gàidhlig a leasachadh. B’ e Loch Abar a’ chiad tè dhiubh sin agus bha a’ chiad choinneamh air a bhith ann gus an Iomairt a chur air bhog an sin. Bhiodh Iomairtean gan cur air chois cuideachd ann an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich agus ann an Ceann an Iar Thuath Chataibh a dh’aithghearr.   B’ e na h-amasan àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd a chur an-àird agus bhiodh oifigear agus Buidheann Stiùiridh aig gach sgìre dhaibh fhèin, a’ tòiseachadh le Loch Abar far an robhas a’ coimhead airson dhaoine le ùidh sa ghnothaich.  Thug Mgr MacIllEathain taing dhan Chomataidh airson cothrom innse mu na h-Iomairtean Gàidhlig agus dhaingnich e cho  cudromach is a bha taic na Comhairle ann a bhith a’ cur nan Iomairtean air chois air a’ Ghàidhealtachd.

 

Rè na deasbad a lean, thogadh na puingean a leanas:-

  • chuireadh fàilte air toiseach tòiseachaidh nan Iomairtean Gaidhlig agus bhathas an dùil gun leudaicheadh iad gu sgìrean eile den Ghàidhealtachd;
  • bu chòir Iomairt Ceann an Iar Thuath Chataibh agus Asainte a leudachadh gu bhith gabhail a-steach na Còigich far an robh an deagh-chuid de ùidh ann an leasachadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd;
  • bha riochdairean on Chomhairle, HIE agus bhuidhnean eile air a bhith nam pàirt de Bhuidheann Stiùiridh an Fhìonain, a bha a’ dol tràth anns na 1990an: bhiodh iad a’ deasbad ghnothaichean ionadail agus ag innse dha chèile mu na dòighean-obrach a bha air a bhith soirbheachail dhaibh.  Bha an fheadhainn a ghabh pàirt san obair seo air tòrr ionnsachadh às agus mholadh gun deigheadh Buidhnean Stiùiridh nan Iomairtean Gàidhlig a stèidheachadh san aon dòigh; agus
  • bu chòir ainmean coimhearsnachd Gàidhlig a chleachdadh, far a bheil sin iomchaidh, ann an aithisgean na Comataidh Ghàidhlig.

Às dèidh sin:-

 

i. THUG a’ Chomataidh FAINEAR DHAN aithisg agus dhan taisbeanadh a
   chaidh leatha;
ii. DH’AONTAICHEADH gun obraicheadh oifigearan na Comhairle còmhla ri
   Comunn na Gàidhlig agus na Buidhnean Stiùiridh ionadail gus na molaidhean a
   chur an gnìomh; agus
iii. DH’AONTAICHEADH ainmean coimhearsnachd Gàidhlig a chleachdadh, far
    an robh sin iomchaidh, ann an aithisgean dhan Comataidh Ghàidhlig às dèidh
    seo.

 

3. Sgrùdadh Buidseit Ionmhais – 1 Giblean 2009 gu 30 Giblean 2009

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-14-09 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs a’ cur an cèill an t-suidheachaidh a thaobh a’ bhuidseat ionmhais airson an ama eadar 1 Giblean agus 31 Giblean 2009 agus an suidheachadh ris an robh dùil aig deireadh na bliadhna.

 

THUG a’ Chomataidh FAINEAR DHAN aithisg agus na cunntasan sgrùdaidh a bha air an cuartachadh.

 

4. Plana Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd – Dreachd-Chunntas 
    Gnìomhachaidh Bliadhnail 2008/09

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-15-09 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ag innse gun deach gabhail ri Plana Gàidhlig na Comhairle le Bòrd na Gàidhlig, às leth nam Ministearan Albannach, anns a’ Chèitean 2008 agus gun robh am Plana a’ gealltainn aithisg bhliadhnail ullachadh air cur-an-gnìomh a’ Phlana agus air an adhartas a bhathas a’ dèanamh a dh’ionnsaigh nan targaidean.  An dàimh ri seo, bha gnìomhan agus targaidean a’ Phlana an cois na h-aithisg le measadh stèidhte air ‘solais trafaig’ a’ sealltainn an adhartais a chaidh a dhèanamh gu seo.

 

Rè na deasbad a lean, thogadh na puingean a leanas:-

  • bu chòir colbh a chur ris a’ chlàr de ghnìomhan is thargaidean a’ Phlana airson beachdan agus molaidhean co-cheangailte ris na ceistean a bha ag èirigh;
  • bha e cudromach an Co-labhairt Sgoiltean air Dreuchdan Gàidhlig a chur air adhart agus foillseachadh nas fheàrr a dhèanamh air dreuchdan sa Ghàidhlig anns na sgoiltean agus anns a’ choimhearsnachd;
  • bha uireasbhaidhean ann an seirbheis cùram-chloinne agus foghlaim ro-sgoile Ghàidhlig aig an àm seo ris am feumaiste deiligeadh agus dh’fheumadh a’ Chomhairle pàirt a ghabhail anns an sgrùdadh air na gnothaichean seo;
  • bu chòir Buill na sgìre pàirt a bhith aca ann an còmhraidhean a thaobh nan ceumannan a bhathas a’ gabhail a dh’ionnsaigh bun-sgoiltean tur-Ghàidhlig air àrainn a’ Ghearasdain agus ann am Port Rìgh; agus
  • a’ leantainn air a’ chòmhradh aig coinneamhan ron a seo mu fhastadh thidsearan Gàidhlig nuair a bhathas air iarraidh gun deigheadh deiligeadh ri seo gu luath, mholadh gun deigheadh coinneamh a chumail gus bruidhinn air grunn cheistean, nam measg bursaraidhean airson trèanadh thidsearan Gàidhlig, taic-airgid le taigheadas agus buannachdan ionmhasail  leithid “golden hellos” agus pàigheadh-dheth iasadan oileanach thairis air ùine.  Bu chòir coinneamh a chur air dòigh às dèidh sin gus bruidhinn air mar a ghabhadh sgeama bhuannachdan a chur an gnìomh.

A’ freagairt cheistean, dh’innis an Stiùiriche gun robh an tabhartas sònraichte a bha a’ tighinn on Riaghaltas Albannach air a thoirt seachad gus taic a thoirt do sheirbheisean agus leasachaidhean Gàidhlig.  Bha an tabhartas uile air a chur gu feum airson na seirbheis a bha ann mu thràth agus b’ e cosgaisean thidsearan a’ mhòr-chuid dheth.  Chaidh a mholadh air sgàth sin gun deigheadh aithisg mhionaideach air an tabhartas shònraichte Ghàidhlig a thoirt fa chomhair coinneamh den Chomataidh às dèidh seo.

 

A thaobh an iomraidh air soidhnichean Gàidhlig anns an Dreachd-Chunntas Gnìomhachaidh Bliadhnail, dh’iarr cuid a Bhuill gun deigheadh seantans a bharrachd a chur ris ag innse gun robh an t-Àrd-oifigear a’ deasbad nan gnothaichean seo le Bòrd na Gaidhlig agus a’ Chomhairle agus bha a’ Chomhairle a’ feitheamh buil na deasbaireachd sin.

 

Air an làimh eile, bha Buill eile dhen bheachd nach robh feum air dad a chur ris on is cunntas adhartais airson Bòrd na Gàidhlig a bha sa Chunntas Gnìomhachaidh agus bha fhios acasan mu thràth mun chonaltradh a bha a’ dol air adhart.

 

Às dèidh deasbaid, nuair a chaidh a ràdh gum biodh a’ Chomhairle shlàn a’ deasbad ceist nan Soidhnichean Gàidhlig air 25 Ògmhios 2009, dhaingnich an Cathraiche nach deigheadh an Cunntas Gnìomhachaidh atharrachadh agus gum biodh beachdan nam Ball air an clàradh sa Gheàrr-chunntas agus gun deigheadh lethbhreac dheth a chur gu Bòrd na Gàidhlig.

 

Às dèidh sin:-

 

i.  THUG a’ Chomataidh FAINEAR DHAN aithisg a bha air a cuartachadh;
ii.  DH’AONTAICHEADH gun deigheadh an Cunntas Sgrùdadh Gnìomhachaidh
    Bhliadhnail a chur gu Bòrd na Gàidhlig, le beachdan nam Ball air a chur ris;
iii. DH’AONTAICHEADH sgeama bhuannachdan ullachadh gus tidsearan tro
    mheadhan na Gaidhlig a thàladh chun na Gàidhealtachd agus gun deigheadh
    coinneamh a chur air dòigh le riochdairean Bòrd na Gàidhlig agus an
    Riaghaltais Albannaich gus bruidhinn air a leithid sin a sgeama a chur an
    gnìomh; agus
iv. DH’AONTAICHEADH gun deigheadh aithisg mhionaideach air mar a bha an
    tabhartas sònraichte Gàidhlig air a chur gu feum a chur fa chomhair
    coinneamh den Chomataidh às dèidh seo.

 

5. Fàs/Sabhal Mòr Ostaig – Aonta Com-pàirteachais mar ath-dhìoladh
    airson taic on Chomhairle

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-16-09 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs a’ toirt cunntas mionaideach air an aonta a bha air a mholadh le Sabhal Mòr Ostaig a thaobh iad a bhith a’ co-obrachadh leis a’ Chomhairle air grunn phròiseactan mar ath-dhìoladh air an taic airgid a thug a’ Chomhairle do Fhàs, an t-Ionad airson Gnìomhachasan Cruthachail agus Cultarach a tha suidhichte air àrainn na Colaiste.

 

Rè na deasbad a lean, thogadh na puingean a leanas:-

  • bha àireamh mhòr ann de thaoitearan Fhèisean aig an robh eòlas farsaing air a bhith ag obair le clann aois na sgoile agus bha e air a mholadh gun deigheadh faicinn am biodh e comasach do chuid aca trèanadh fhaighinn aig Sabhal Mòr Ostaig airson iad a bhith nan Luchd-taic Sgoile no nan tidsearan tro mheadhan na Gàidhlig;
  • a thaobh a’ mholaidh gun deigheadh àitichean a cur air leth do luchd-obrach na Comhairle air prògram chùrsaichean goirid na Colaiste, chaidh a mholadh gun deigheadh seo a leudachadh gu bhith a’ gabhail a-steach Buill na Comhairle cuideachd; agus
  • nan deigheadh an lasachadh cosgais a bha air a thabhann do bhuidhnean sgoile agus òigridh a chur an-àird, bhrosnaicheadh seo barrachd dhaoine òga gu tadhal air a’ Cholaiste.

As dèidh sin:-

 

i.  GHABHADH RIS na molaidhean airson a’ chiad bliadhna den Aonta Com
    -pàirteachais, le beachdan nam Ball air an cur riutha;
ii.  DH’AONTAICHEADH gun deigheadh coimhead am biodh e comasach
    trèanadh a bharrachd a thoirt do thaoitearan Fhèisean a leigeadh leotha a
    bhith nan Luchd-taic Sgoile no nan tidsearan cànain Gàidhlig; agus
iii. DH’AONTAICHEADH gun deigheadh faighneachd mu dheidhinn na h
    -àitichean a bha air an cur ma seach do luchd-obrach na Comhairle air
    prògram chùrsaichean goirid na Colaiste  a bhith air an leudachadh gu bith
    gabhail a-steach nam Ball.

 

6. Mòdan Ionadail

 

Thugadh fainear gun deach aithisg air mòdan ionadail air a’ Ghàidhealtachd iarraidh aig coinneamh na Comataidh Ghàidhlig air 7 Lùnastal 2008.  An dàimh ri seo, chuartaicheadh Aithisg Àir G-17-09 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs ag innse mun t-suidheachadh aig an àm seo a thaobh Mhòdan ionadail agus miann a’ Chomuinn Ghàidhealaich a thaobh an cumail a’ dol agus an leudachadh san àm ri teachd.

 

Rè na deasbad a lean, mhol Buill, an àite a bhith an urra ri luchd-obrach shaor-thoileach aig ìre ionadail, gum bu chòir Seirbheisean na Comhairle uile na Mòdan ionadail a chuideachadh gu bhith nan tachartasan nas cudromaiche agus gus an cleachdadh gus airgead a chosnadh agus luchd-turais a thàladh dha na sgìrean sa bheil iad.  Bhruidhneadh cuideachd air Iomall a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail agus mholadh gun obraicheadh oifigearan na Comhairle le na coimhearsnachdan gus fèisean iomall-mòid ionadail a chur air chois.

 

Às dèidh seo:-

 

i.  GHABH a’ Chomataidh RIS an dòigh-obrach a bha air a mholadh san aithisg;
ii. DH’AONTAICHEADH  gun sireadh oifigearan dòighean air taic a thoirt do
    Mhòdan ionadail; agus
iii. DH’AONTAICHEADH gun deigheadh a h-uile Seirbheis Comhairle a
    bhrosnachadh gus taic a thoirt do Mhòdan ionadail airson an dèanamh nan
    tachartasan nas cudromaioche agus gus obair airgid agus turasachd a
    mheudachadh anns na sgìrean san robh na mòdan.

 

7. Trèanadh sa Ghàidhlig do Luchd-obrach Comhairle na Gàidhealtachd

 

Chaidh Aithisg Àir G-18-09 leis an Iar-Àrd-Stiùiriche agus le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs a chuartachadh, a’ sireadh cead airson moladh gun deigheadh dà chùrsa pìolat Ùlpan Ghàidhlig a chur air dòigh airson luchd-obrach Comhairle na Gàidhealtachd agus gus 20 luchd-obrach a chur tro chùrsaichean Ùlpan air an ruith le buidhnean eile.

 

Rè na deasbaid a lean, thogadh na puingean a leanas:-

  • bha eòlas aig riochdairean Maoin Ionnsachaidh Aonaidhean-ceàird Alba (Scottish Union Learning Fund/SULF) agus aig Còmhdhail nan Aonaidhean-ceàird Albannach (STUC) air sireadh airgid airson a leithid seo a chùrsaichean; agus
  • bhiodh na cùrsaichean feumail do Bhuill agus mholadh, nuair a bhiodh am pìolat ullamh, gun deigheadh beachdachadh air an sgeama a chumail a’ dol agus a leudachadh.

Às dèidh seo, DH’AONTAICHEADH:-

 

i.  gun deigheadh dà chùrsa pìolat Ùlpan a chur air dòigh airson luchd-obrach
    Comhairle na Gàidhealtachd, a’ gabhail a-steach maoineachadh agus ùine
    obrach;
ii. taic a thoirt do shuas ri 20 luchd-obrach Comhairle na Gàidhealtachd air
    taobh-a-muigh Inbhir Nis airson an cur tro 20 aonad Ùlpan air an ruith le
    buidhnean eile:
iii. rannsachadh an robh maoineachadh ri fhaighinn o Mhaoin Ionnsachaidh
    Aonaidhean-ceàird Alba agus o Chòmhdhail nan Aonaidhean-ceàird
    Albannach (STUC) airson taic a thoirt do thrèanadh Gàidhlig; agus
iv. nuair a bhiodh am pìolat seachad, gun deigheadh beachdachadh air na
    cùrsaichean a chumail a’ dol agus a leudachadh.

 

8. Cunntas Adhartais a’ Mhanaidseir Leasachaidh Ghàidhlig

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-19-09 le Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs a’ toirt cunntas adhartais air grunn chuspairean sa bheil ùidh aig a’ Chomataidh Ghàidhlig agus ag innse gun robh a’ Chomhairle a’ cur air adhart grunn phròiseactan stèidhte air targaidean sa Phlana Ghàidhlig le taic airgid o Bhòrd na Gàidhlig.  Nam measg bha:-

  • Aonad Eadar-theangachaidh
  • Dreuchd Leasachadh Coimhearsnachd ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
  • “Outward Bound”
  • Ainm is Àite (Pròiseact Ainmean-àite Sgoiltean/Coimhearsnachd)
  • An Sgàilean Ùr (Pròiseact Film)
  • Clasaichean Cànain Ceumnaichte
  • Treànadh agus Fiosrachadh do Luchd-obrach
  • Fèis Spòrs
  • Trèanadh Web 2.0
  • Spòrs Mòr
  • Dràma Sgoiltean
  • Sgrìobh sa sgìre (Litreachas Gaidhlig)

An dàimh ri seo, thug am Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig seachad taisbeanadh a’ mìneachadh nam pròiseactan.

 

Rè na deasbad a lean, thogadh na puingean a leanas:-

  • bha an Latha Fiosrachaidh Gàidhlig air Dihaoine, 8 Cèitean 2009 tlachdmhor, èifeachdach agus air a dheagh ruith.  Chaidh a h-uile duine a bha an lùib an tachartais a mholadh agus mholadh gun deigheadh a h-uile Ball a bhrosnachadh gu dhol gu Lathaichean Fiosrachaidh Gàidhlig às dèidh seo; agus
  • nan deigheadh an ceangal-goirid chun an Taic-lann Ghàidhlig air duilleag-dachaigh làrach-lìn na Comhairle a chur air ais, bhiodh e na b’ fhasa ruighinn air.

Às dèidh sin:-

 

i. THUG a’ Chomataidh FAINEAR dhan aithisg a chaidh a chuartachadh; agus
ii. DH’AONTAICHEADH gun deigheadh coimhead air an gabhadh an ceangal
   -goirid chun an Taic-lann Ghàidhlig (Gaelic Toolkit) air duilleag-dachaigh làrach
   -lìn na Comhairle ath-stèidheachadh gus am biodh e na b’ fhasa ruighinn air.

 

9. Atharrachadh deit na Comataidh Ghàidhlig

 

Thug an Cathraiche iomradh air coinneamh na Comataidh a chumadh air 15 Faoilleach 2009 nuair a bhathas air aontachadh beachdachadh air coinneamh den Chomataidh Ghàidhlig a chumail air Taobh Siar Rois no Chataibh gus coimhead air na duilgheadasan a bha ann a’ fastadh thidsearan tro mheadhan na Gàidhlig anns na ceàrnaidhean sin agus na bha pàrantan a’ sùileachadh a thaobh seirbheis foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig san sgìre aca.

 

An dàimh ri seo, mholadh gun gabhadh a’ choinneamh seo àite ann an Ulapul air Dihaoine 25 Sultain 2009.

 

* DH’AONTAICH a’ Chomataidh MOLADH dhan Chomhairle shlàn gun
   deigheadh deit coinneamh na Comataidh Ghàidhlig san t-Sultain 2009
   atharrachadh o Dhiardaoin, 17 Sultain gu Dihaoine, 25 Sultain, agus gun
   deigheadh a’ choinneamh a chumail ann an Ulapul.

 

Chrìochnaich a’ choinneamh aig 4.05 feasgar.

A to Z of Council Services [skip]

A | B | C | D | E | F | G | H | I | J | K | L | M | N | O | P | Q | R | S | T | U | V | W | X | Y | Z |