Geàrr-chunntas coinneamh na Comataidh Gàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diardaoin, 17 Gearran 2011 aig 10.30m.

 

An Làthair:

 

Mgr S Friseal, A’ Bh-uas I Chaimbeul, Mgr U Fernie, Mgr G M Mac a’ Ghobhainn, Mgr U MacAoidh, Mgr S MacGilleBhrath, Dr A Nic na Ceàrdaich, A’ Bh-uas S Urchadain, A’ Bh-uas M E NicPheadrais, Mgr C Friseal, Mgr E Mac an t-Sealgair, Mgr A Greumach, A’ Bh-uas S Chaimbeul, Mgr I Finnie, Mgr F Parr, Mgr C MacLeòid, Mgr I Holden, Mgr R Pedersen, Mgr T Prag, A’ Bh-uas J Dhùghlas

 

Neo-Bhuill an làthair:

 

Mgr D Fallows

 

Oifigearan a’ frithealadh na coinneimh:

 

Mgr Ù Friseal, Stiùiriche Foghlaim, Cultair is Spòrs
Mgr C Moireach, Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig, Seirbheis Foghlaim, Cultair is Spòrs
A’ Bh-uas M NicGilleMhoire, Oifigear Cùram-cloinne and Foghlam Thràth-bhliadhnachan (Gàidhlig), Seirbheis Foghlaim, Cultair is Spòrs
A’ Bh-uas N Young, Prìomh Oifigear Foghlaim san Eadar-ama, Seirbheis Foghlaim, Cultair is Spòrs
A’ Bh-uas S NicIllinnein, Prìomh Rianaire, Oifis an Àrd-Oifigeir
A’ Bh-uas F NicBheathain, Prìomh Neach-cuideachaidh Rianachd, Oifis an Àrd-Oifigeir

 

Cuideachd an Làthair:

 

Mgr P Scrimgeour, Stiùiriche Cunntas-sluaigh na h-Alba, Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh
Mgr I MacLeòid, Ceann-suidhe, An Comunn Gàidhealach
Mgr I Moireasdan, Àrd-Oifigear, An Comunn Gàidhealach
Mgr D Mac an t-Saoir, Stiùiriche, Market Specialists

 

Tha rionnag air iomall na duilleige a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle.  Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Comataidh.

 

Mgr S Friseal sa Chathair

 

Gnothach

 

1.  Leisgeulan

 

Ghabhadh leisgeul Mhgr S Farlow, Mhgr A M Mhic a’ Mhuilleir, Mgr A S Park agus an Dr M E M Foxley.

 

2.  Foillseachaidhean Compàirt

 

THUG a’ Chomataidh FA-NEAR dhan fhoillseachadh compàirt a leanas:

 

Cuspair 6 agus 8 – Mgr A Greumach (Ionmhasail)

 

3.  Sgrùdadh Buidseit Ionmhais – Aithisg gu 31 Dùbhlachd 2010

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-1-11 le ceann-là 9 Gearran 2011 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ mìneachadh dearbh shuidheachadh a’ bhuidseit ionmhasail airson an ama 1 Giblean gu 31 Dùbhlachd 2010.  Aig an ìre seo sa bhliadhna ionmhais, bha coltas ann gum biodh tar-chosg beag ann an earrainn Foghlaim a’ bhuidseit; gum biodh fo-chosg beag de £10,000 ann an earrainn Leasachadh Gàidhlig a’ bhuidseit; is bhathar an dùil gun deidheadh teachd-a-steach a choileanadh gu h-iomlan.

 

THUG a’ Chomhairle FA-NEAR do shuidheachadh a’ bhuidseit ionmhasail aig 31 Dùbhlachd 2010 agus dhan t-suidheachadh ris an robh dùil aig deireadh na bliadhna, a bha a’ sealltainn gun deidheadh buidseat cothromaichte a choileanadh.

 

4.  Cunntas-sluaigh na h-Alba 2011

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-2-11 le ceann-là 31 Faoilleach 2011 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fiosrachadh do Bhuill mun Chunntas-sluaigh a bha gu bhith ann a dh’aithghearr – an suirbhidh sluaigh as motha an Alba.

 

Thug Mgr Peadar Scrimgeour, Stiùiriche Cunntas-sluaigh na h-Alba, seachad taisbeanadh air Cunntas-sluaigh 2011 agus, gu h-àraid, gnothaichean a thaobh na Gàidhlig san eacarsaich.  Mhìnich e adhbhar a’ chunntais, ciamar a bhiodh an dàta a dheidheadh a chruinnreachadh air a chleachdadh agus thug e seachad fiosrachadh mun dòigh san deidheadh cuideachadh a thoirt do dhaoine ann a bhith a’ lìonadh an fhoirm.  Chaidh iomradh sònraichte a thoirt air làrach-lìn a’ Chunntais-sluaigh agus chaidh innse gun gabhadh a chleachdadh tro 11 diofar chànan, a’ Ghàidhlig nam measg, agus, airson a’ chiad uair, bhiodh foirm a’ Chunntais-sluaigh ri fhaighinn air-loidhne le cothrom do dhaoine na ceistean fhaighinn tro mheadhan na Gàidhlig. 

 

Tha ceistean a’ buntainn ri Gàidhlig air a bhith mar phàirt den chunntas-sluaigh bho 1881 agus, thairis air na bliadhnachan, tha na ceistean air atharrachadh airson fiosrachadh nas mionaidiche fhaighinn air cleachdadh na Gàidhlig.  Tha an àireamh a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig air lùghdachadh ach tha am fiosrachadh a th’ air a chruinneachadh a’ ciallachadh gun gabh mapadh sgìreil a dhèanamh airson gum bi e nas fhasa fhaicinn an ìre sa chiad de luchd-labhairt na Gàidhlig air feadh Alba.  Bhathar an dòchas gu toireadh na ceistean sa chunntas-sluaigh 2011 cothrom airson coimeas a dhèanamh air fiosrachadh bho chunntasan roimhe agus gus tomhas an deach stad a chur air a’ chrionadh.  Dhaingnich e cuideachd, nam biodh iarrtas ann airson a leithid, gun deidheadh Aithisg Ghàidhlig a chur air dòigh a bheireadh mìneachadh air na chaidh ionnsachadh bho chunntas-sluaigh 2011.

 

Ri linn deasbaireachd, thog buill grunn cheistean a thaobh diofar nithean a’ buntainn ris a’ chunntas-sluaigh.  Gu sònraichte, mhìnich Mgr Scrimgeour gun deach beachdachadh gu cùramach air na ceistean a dheidheadh fhoighneachd ach an gabhadh coimeas a dhèanamh air toraidhean bho chunntasan roimhe.  Leis a sin, bhathar a’ faireachdainn gun deach na ceistean a thaobh na Gàidhlig an toirt cha fada sa ghabhadh aig an ìre seo agus, mar sin, cha deach ceistean mu ìre fileantais agus an robh no nach robh neach ag ionnsachadh na Gàidhlig an cur dhan cheisteachan.  Chomhairlich e do bhuill, ge-tà, gun robh an obair co-chomhairleachaidh a bhiodh a’ gabhail àite ron h-uile cunntas-sluaigh gu math farsaing agus mhol e dhan Chomataidh beachdan a chur air adhart a thaobh dè bu chòir a bhith air a ghabhail a-steach sa chunntas-sluaigh 2021.  Chaidh iomagain a chur an cèill gun robh an cunntas-sluaigh gu bhith ann air Là na Sàbaid 27 Màrt agus cun cuireadh seo dragh air cuid, air sgàth creideimh.  Chaidh a dhèanamh soilleir, ge-tà, gun deach cunntas-sluaigh a chumail air Là na Sàbaid grunn thursan roimhe, oir bhathar am beachd gur e an latha as dualtaiche daoine a bhith aig an taigh.  Bathar ag iarraidh air daoine am foirm a lìonadh “air no timcheall air” 27 Màrt ach, ged a dh’fheumadh freagairtean a bhith stèidhte air an t-suidheachadh air 27 Màrt, chan fheumadh am foirm a lìonadh air an latha fhèin.  A’ leantainn, dhaignich e gun robh cùisean air an cur air dòigh airson cuideachadh a thoirt dhaibhsan a bha ann an dachannan-cùraim, msaa, mòran dhiubh a dh’fhaodadh a bhith nan luchd-làbhairt Gàidhlig.

 

Dh’aithnich Buill cho cudromach sa bha e do luchd-labhairt na Gàidhlig a bhith a’ lìonadh an fhoirm, a’ gabhail a-steach gum biodh toraidhean a’ chunntais-sluaigh ga chleachadh airson seirbheisean a phlanadh san àm ri teachd agus airson dearbhadh ciamar a dheidheadh ionmhas a roinn.  Mar sin, bhiodh buaidh mhòr aig co-dhùnaidhean a’ chunntais-sluaigh air dè an t-ionmhas a bhiodh ga chur ma seach airson na Gàidhlig san deichead ri teachd, gu h-àraid ri linn lùghdachadh ionmhais san roinn phoblaich.

 

Às dèidh sin:

i.  THUG a’ Chomataidh FA-NEAR dhan taisbeanadh; agus
ii.  DH’AONTAICHEADH gun cumadh Comhairle na Gàidhealtachd ceangal ri
    Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh agus Bòrd na Gàidhlig gus an toir iad am follais
    cho cudromach ’s a tha e gun tèid an dà cheist mun a’ Ghàidhlig a lìonadh.

 

5.  An Comunn Gàidhealach – Am Mòd Nàiseanta Rìoghail

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-3-11 le ceann-là 27 Faoilleach 2011 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a bha a’ toirt fiosrachadh às ùr do Bhuill mun taic is mu na nithean a chaidh a ghabhail os làimh aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a chumadh ann an Gallaibh tràth san Dàmhair 2010.  Bha an aithisg cuideachd a’ toirt fiosrachadh mionaideach mu thoraidhean Aithisg Mheasaidh Mòd Ghallaibh agus mu na còmhraidhean tùsail a chaidh a chumail leis a’ Chomunn Ghàidhealach a thaobh an ath Mhòd a bhith gu bhith air aoigheachd sa Ghàidhealtachd, ann an Inbhir Nis ann an 2014.

 

Rinn Mgr Dàibhidh Mac an t-Saoir, Stiùiriche – Market Specialists, mion-sgrùdadh air buaidh agus toraidhean sgrùdaidh Aithisg Measaidh Mòd Ghallaibh.  Na thaisbeanadh, mhìnich e gun robh còrr is 6000 neach an làthair aig a’ Mhòd agus gun deach còrr is £2,000,000 a chosg san sgìre.  Bha seo na bhuannachd mhòr do sgìre Ghallaibh agus chaidh ìomhaigh na sgìre a neartachadh air feadh Alba.  A bharrachd air turasachd, thug am Mòd cuideachd buaidh mhòr air gnothaichean coimhearsnachd agus cultarail agus bha e a’ faireachdainn gun robh misneachd air a dhol am meud san sgìre air sgàth soirbheachas a’ Mhòid.  Bhrosnaich am Mòd muinntir na sgìre gus a dhol an sàs ann an gnothaichean agus thug e luaidh gu sònraichte air an co-obrachadh a chaidh a dhèanamh tron Chomataidh Stiùiridh Ionadail.  Gu sònraichte, bha e toilichte gun do sheall am Mòd gun gabhadh dualchas na Gàidhlig agus nan Lochlannach a dhol làimh ri làimh.  Na cho-dhùnadh, chur e an cèill gu robh Mòd Ghallaibh 2010 air a bhith na b’ fheàrr na bha daoine an dùil a bhiodh e ach, a’ gabhail ri beachdan a chuala e bho mhòran ann an Gallaibh agus ri bheachdan fhèin, bha buannachdan ri tighinn às fhathast agus dìleab mhaireannach ri chruthachadh. 

 

Ri linn deasbaireachd, chuir Buill an cèill am meas a bha iad a’ cur air a’ Chomataidh Stiùiridh Ionadail airson an obair mhòr a chaidh a dhèanamh agus air muinntir Ghallaibh airson an cuid-aoigheachd.  Chaidh an luach a bhiodh ann a bhith a’ sireadh dòigh-measaidh mhionaideach aithneachadh airson coimeas a dhèanamh eadar dhiofar Mhòdan agus chaidh a dhaingneachadh gun gabhadh an doigh-measaidh a bhiodh EventScotland a’ cleachadh a roghnachadh, nam biodh An Comunn Gàidhealach air a shon.

 

Às dèidh sin:

 

i.  THUG a’ Chomataidh FA-NEAR dhan aithisg agus dhan taisbeanadh 
    “Caithness Mod – An Evaluation”; agus
ii.  DH’AONTAICHEADH gun deidheadh Buidheann Ceangail Mòid a chur air
    bhonn air an taobh a-staigh, a’ gabhail a-steach Oifigearan Comhairle, ann
    an co-chomhairle le Cathraiche is Iar-Chathraiche na Comataidh Gàidhlig, gus
    cuideachadh le eagrachadh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis
    ann an 2014.

 

6.  Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig – Aithisg Ùrachaidh

 

Foillseachaidhean Compàirt

 

Dh'fhoillsich Mgr A Greumach com-pàirt ionmhasail sa chuspair seo, seach gu bheil e ag obair do Bhòrd na Gàidhlig, agus dh’fhàg e an seòmar.

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-4-11 le ceann-là 8 Gearran 2011 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs a’ toirt fiosrachadh do Bhuill mun adhartas ann a bhith a’ cur phròiseactan Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) 2008-11 an gnìomh.  ’S iad seo An t-Aonad Eadar-theangachaidh, Baile Fàilte, Cùrsaichean Cànain Adhartach, Trèanadh is Togail Aire Luchd-obrach, Fèis Spòrs, An Sgàilean Ùr, Sgrìobhadh sa Sgìre, Oifigear Leasachadh Coimhearsnachd Gàidhlig, Soidhnichean air Prìomh Shlighean agus Comharrachadh 25 Bliadhna de sholar FMG le Comhairle na Gàidhealtachd.

 

Chaidh dearbhachd a thoirt gun robh a’ Chomhairle ag obair còmhla ri Bòrd na Gàidhlig a thaobh an deisealachadh a dh’fhaodadh a bhith a dhìth airson leantainn le pròiseactan GLAIF ma bha maoineachadh ann airson 2011-12.  Cuideachd, a thoabh an tar-chosg de £3,000 air feadh nam pròiseactan, chaidh a dhaingneachadh gun robh seo iomchaidh bho thaobh na Comhairle agus Bòrd na Gàidhlig.

 

Mar fhreagairt do cheistean Bhall, chaidh na leanas a mhìneachadh:

  • a thaobh Shoidhnichean Phrìomh Shlighean, b’ e a’ chiad mholadh gun deidheadh soidhnicheacn dà-chànanach Gàidhlig/Beurla a chur suas air feadh sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd.  Chiadh dàil a chur air cùisean ann an cuid de sgìrean, ge-tà, air sgàth ’s gun do chuir cuid de Chomhairlean Coimhearsnachd an aghaidh an dà-chànanas sna soidhnichean.  Lùghdaich seo an àireamh de shoidhnichean a bha a dhìth agus dh’adhbharaich e tar-chosg de £10.9k airson a’ phròiseict; 
  • Bha dleastanas air Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh airson Lìonradh Shoidhnichean Phrìomh Shlighean ann an Bàideanach is Srath Spè agus dhèiligeadh iad ri gnothaichean a’ buntainn ri dà-chànanas anns a’ Phlana Gàidhlig aca; agus
  • Chaidh cead fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig airson airgead ath-riarachadh eadar phròiseactan airson dèanamh cinnteach gum biodh am buidseat cothromach aig deireadh na bliadhna.

Am measg nam puingean eile a thog Buill bha:

  • fàilte ga chur air leudachadh de chleachdadh na Gàidhlig agus foillseachadh de leabhar-iùil Gàidhlig le Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd, Bail’ Ùr an t-Slèibh, agus bhathar an dòchas gum biodh taobh làidir Gàidhlig air Taigh-tasgaidh nan Gàidheal aig Gearastan Sheòrais, Àrd nan Saor, a bha gu bhith air a stèidheachadh a dh’aithghearr agus gum biodh an dà thaigh-tasgaidh ag obair còmhla airson stuthan Gàidhlig a leasachadh;
  • a thaobh Fèis Spòrs na Gàidhlig, gun deidheadh beachdachadh air foillseachadh bileig anns am biodh briathrachas co-cheangailte ri spòrs, mar a chaidh a dhèanamh ann an Eilean Mhanainn;
  • maoineachadh bho Uàrd 20, Inbhir Nis a Deas, air a chleachadadh airson Rathad Armailteach an t-Seanalair Wade a chàradh eadar Inbhir Nis agus Deimhidh agus chaidh soidhnichean dà-chànanach an cur suas mar phàirt den phròiseact sin; agus
  • gur e briseadh dùil a bh’ ann an co-dhùnadh na Comhairle ionmhas a chumail bho Sgoil-chiùil a’ Phluic bhon bhliadhna-sgoile 2013/14 air adhart.

Às dèidh do Bhuill beachdadh gun robh e cudromach gun deidheadh cleachdadh na Gàidhlig a dhèanamh àbhaisteach ann am beatha làitheil, THUG a’ Chomataidh FA-NEAR dhan adhartas leis na pròiseactan GLAIF agus dhan aithisg bhuidseit cho-cheangailte.

 

7.  Clàradh Ro-innleachdail Foghlam Gàidhlig agus Foghlam Ro-sgoile

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-5-11 le ceann-là 9 Gearran 2011 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs a’ toirt fiosrachadh às ùr mu chlàradh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus solar Foghlam Ro-sgoile thar sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd.

 

Tron taisbeanadh, chaidh sealltainn dhan Chomataidh mar a dheidheadh am fiosrachadh mapaidh a chur suas air Làrach-lìn agus Intranet na Comhairle.  Chaidh cuideam shònraichte a chur air an fheum a bh’ ann am fiosrachadh gu lèir air foghlam Gàidhlig a thoirt còmhla air an làrach-lìn, cho math ris an fheum air fiosrachadh mu sgoil-àraich Ghàidhlig, a’ gabhail a-steach solar airson 0-3 bliadhna, gnìomhan thar-churraicealaim sa Ghàidhlig, cuspairean àrd-sgoile sa Ghàidhlig agus tachartasan coimhearsnachd.  Bhathar an dùil gun deidheadh am fiosrachadh ùr air an làrach-lìn a chur air bhog ro dheireadh an t-seisean sgoile, san Ògmhios 2011.

 

Ri linn deasbaireachd, bhruidhinn Buill air mar a bha am putadh a thaobh ‘dà-chànanas’ airson pàrantan a thàladh gu FMG na shàr dhòigh-obrach agus gum bu chòir aire a tharraing thuige tro cheangal air te de dhuilleagan-dachaigh an làraich agus san earrann air Foghlam.  Airson dèanamh a-mach dè an ìre gum biodh an earran Gàidhlig air a chleachdadh, chaidh a mholadh gum bu chòir inneal-cunntais a chur air an làraich.

 

Mhol a’ Chomataidh a’ bhileag a rinneadh gus buannachdan Dà-chànanas a thoirt gu aire phàrantan, ann an deagh àm airson clàradh-sgoile 2011-12, agus às dèidh sin:

 

i.  THUGADH FA-NEAR dhan adhartas a rinneadh air an eacarsaich chlàraidh;
ii.  DH’AONTAICHEADH gun deidheadh iomradh a thoirt air dà-chànanas air
    duilleag-aghaidh earrann Ghàidhlig làrach-lìn na Comhairle;
iii. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh an stuth a chur air an làrach-lìn ro
    dheireadh an t-seisein sgoile seo san Ògmhios, mar phàirt de
    chomharrachadh 25mh Ceann-bliadhna de sholar FMG sa Chomhairle; agus
iv. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh inneal-cunntais a chur an gnìomh gus
    an àireamh dhaoine a bha a’ tadhal air earrann Ghàidhlig na làrach-lìn a
    chlàradh.

 

8.  Comhairle na Gàidhealtachd agus Bòrd na Gàidhlig – Coinneamh
     mu bhith ag Obair Còmhla

 

Foillseachaidhean Compàirt

 

Dh'fhoillsich Mgr A Greumach com-pàirt ionmhasail sa chuspair seo, seach gu bheil e ag obair do Bhòrd na Gàidhlig, agus dh’fhàg e an seòmar.

 

Chaidh innse do Bhuill gun deach còmhraidhean a chumail air 9 Gearran 2011 eadar Sgioba Gàidhlig na Comhairle agus Bòrd na Gàidhlig gus soilleireachadh fhaighinn air na raointean sin far am biodh e feumail obrachadh còmhla, seach gu bheil an dà sgioba ag amas air cleachdadh na Gàidhlig sa Ghàidhealtachd a thoirt am meud.  Dheidheadh co-iomairtean sam bith, a’ gabhail a-steach co-roinn ghoireasan, a chur gu foirmeil mu choinneamh na Comataidh sa Ghiblean 2011.

 

THUG a’ Chomataidh FA-NEAR dhan fhiosrachadh ùr seo agus gun deidheadh Aithisg a bharrachd a chur mu choinneamh na Comataidh aig an ath choinneimh air 7 Giblean 2011.

 

Chrìochnaich a’ choinneamh aig 12.25f.