Geàrr-chunntas coinneamh na Comataidh Gàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diardaoin, 7 Giblean 2011 aig 2.00f.

 

An Làthair:

 

Mgr S Friseal, A’ Bh-uas I Chaimbeul, Mgr S Farlow, Mgr U Fernie, Mgr G M Mac a’ Ghobhainn, Mgr U MacAoidh, Mgr S MacGilleBhrath, Dr A Nic na Ceàrdaich, A’ Bh-uas S Urchadain, A’ Bh-uas M E NicPheadrais, Mgr C Friseal, Mgr A M Mac a’ Mhuileir, A’ Bh-uas S Chaimbeul, Mgr I Finnie, Mgr F Parr, Mgr T Prag, Dr M E M Foxley

 

Oifigearan a’ frithealadh na coinneimh:

 

Mgr Ù Friseal, Stiùiriche Foghlaim, Cultair is Spòrs
Mgr C Moireach, Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig, Seirbheis Foghlaim, Cultair is Spòrs
A’ Bh-uas N Young, Prìomh Oifigear Foghlaim, Seirbheis Foghlaim, Cultair is Spòrs
A’ Bh-uas M NicGilleMhoire, Oifigear Cùram-cloinne & Foghlam Thràth-bhliadhnaichean (Gàidhlig), Seirbheis Foghlaim, Cultair is Spòrs
A’ Bh-uas M A NicLeòid, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig, Oifis an Àrd-oifigeir
A’ Bh-uas S NicIllinnein, Prìomh Rianaire, Oifis an Àrd-Oifigeir
A’ Bh-uas F NicBheathain, Prìomh Neach-cuideachaidh Rianachd, Oifis an Àrd-Oifigeir
A’ Bh-uas J Green, Neach-cuideachaidh Clèireach (Sealach), Oifis an Àrd-Oifigeir

 

Cuideachd an Làthair:

 

An t-Àrd-Ollamh L Paterson, Oilthigh Dhùn Èideann
A’ Bh-uas F O’Hanlon, Oilthigh Dhùn Èideann

 

Tha rionnag air iomall na duilleige a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle.  Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Comataidh.

 

Mgr S Friseal sa Chathair

 

Gnothach

 

An toiseach

 

Thug an Cathraiche iomradh air na naidheachdan matha a leanas:

  • chaidh teisteanasan a thoirt dha na h-oileanaich uile ann an sgìre an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse a bha air suas gu aonad 144 a chrìochnachadh air Cùrsa Ùlpan;
  • bha òigridh bho Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn air Duais a bhuannachadh airson an Sgriopt a b’ Fheàrr aig Duaisean FILMG ann an Dùn Èideann;
  • chaidh taing a nochdadh do Bhòrd na Gàidhlig airson an cuid taic, tro Mhaoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig, airson nam pròiseactan a leanas:
    - Fèis Spòrs: bha an dà sgioba a bha sa chuairt dheireannaich aig an Tachartas Spòrsail seo a chaidh a chumail air feadh na Gàidhealtachd, air deireadh-sheachdain a chur seachad aig Ionad Bhad a’ Ghiuthais mar phàirt den duais aca; agus
    - bha dreachd Ghàidhlig de Iùl Luchd-tadhail Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd a-nis crìochnaichte;
  • bha còig sgoilearan às a’ Ghàidhealtachd gu bhith an làthair aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach ann an Steòrnabhagh am-bliadhna, a bha a’ fosgladh air an 13 Giblean, agus bhiodh iad a’ toirt seachad taisbeanadh air na fiomaichean aca. 

1.  Leisgeulan

 

Ghabhadh leisgeul Mhgr A S Park, Mhgr R Pedersen, Mhgr A Ghreumaich, na M-uas J Dhùghlais, Mhgr C MhicLeòid, Mgr I Holden agus Mhgr E Mhic an t-Sealgair.

 

2.  Foillseachaidhean Com-pàirt

 

Cha robh foillseachaidhean com-pàirt ann idir.

 

3.  Sgrùdadh Buidseit Ionmhais – Aithisg gu 28 Gearran 2011

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-6-11 le ceann-là 31 Màrt 2011 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a bha a’ mìneachadh suidheachadh a’ bhuidseit ionmhais airson an ama 1 Giblean 2010 gu 28 Gearran 2011 agus mion-sgrùdadh a bharrachd mun chaiteachas làithreach a bha a’ buntainn ri Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.  Aig an ìre seo sa bhliadhna ionmhasail bha earrann an Fhoghlaim den bhuidseit fhathast a’ sealltainn tar-chosg beag de £8,000, air sgàth Còmhdhail Sgoile, fhad ’s a bha Leasachadh Gàidhlig a’ sealltainn fo-chosg de £10,000 a bha gu mòr air sgàth nan dàilean ann a bhith a’ lìonadh dhreuchdan bàna.  Bhathar an dùil gun deidheadh teachd-a-steach a choileanadh gu h-iomlan.

 

Mar fhreagairt do cheistean nam Ball, dhaingnich an Stiùiriche na leanas:

  • cha robh e comasach fo-chosg ann an teachd-a-steach a ghiùlan air adhart;
  • dheidheadh buidseat Còmhdhail Sgoile na Gàidhlig a chosg ro dheireadh na bliadhna ionmhasail agus bhiodh tar-chosg beag ann.  Dheidheadh fiosrachadh mionaideach mun chosg a thoirt don Dr A Nic na Ceàrdaich;
  • Chaidh Còmhdhail Sgoile na Gàidhlig a chur air dòigh tro Sheirbheis na Còmhdhalach, na h-Àrainneachd is na Coimhearsnachd agus bha eacarsaich solair an-dràsta a’ dol air adhart le dùil cùmhnantan ùra còig-bliadhna a stèidheachadh ro Fhaoilleach 2012.  Dheidheadh tairgsean sam bith a bhathar a’ meas tuilleadh is àrd a chur a-mach gu tairgse a-rithist ach dh’fhaodadh luchd-cùmhnant, air stèidh bhliadhnail, prìs na tairgse aca a chur suas gus atmhorachd is àrdachadh ann am prìsean connaidh a nochdadh; agus
  • seach nach deach atharrachadh sam bith a dhèanamh ris a’ phoileasaidh a chaidh aontachadh an-uiridh airson solar dhreuchdan teagaisg sa bhun-sgoil agus san àrd-sgoil, bhiodh dealbhadh airson luchd-obrach airson Lùnastal 2011 a rèir feumalachdan chlàran-sgoile.

San deasbaireachd, chaidh beachd a thogail gum biodh cosgaisean a bharrachd ann an toiseach nuair a bhathar a’ stèidheachadh Aonadan tro Mheadhan na Gàidhlig, ach gum biodh cosgaisean eile mar teagaisg, glanadh, teasachadh msaa an aon rud ri Foghlam tro Mheadhan na Beurla.  Cuideachd, bha cosgaisean taic is stuthan gu tric na b’ ìsle, gu h-àraid ann an Aonadan tro Mheadhan na Gàidhlig a bha air an stèidheachadh bho chionn fhada.  A bharrachd, dh’fheumadh sgoilearan ann an Aonadan tro Mheadhan na Gàidhlig còmhdhail fhaighinn dhan sgoil co-dhiù, mar sin cha robh e ceart a bhith a’ smaoineachadh gur e an-còmhnaidh cosgais a bharrachd a bha ann an Còmhdhail Sgoile na Gàidhlig.  Bha e cudromach mar sin gun robh airgead sam bith a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba no Bòrd na Gàidhlig air a chur gu ruige a bhith a’ cruthachadh Aonadan FMG ùra.  Cuideachd, mar phàirt den ath-bhreithneachadh air a’ Phlana Ghàidhlig agus ann a bhith a’ deasachadh an dàrna Plana, bhiodh e cudromach soilleireachadh ceart fhaighinn air na cosgaisean a bha an lùib a bhith a’ solarachadh foghlam ann an Aonadan Gàidhlig stèidhte.

 

Às dèidh sin:-

 

i. THUG a’ Chomhairle FA-NEAR do shuidheachadh a’ bhuidseit ionmhais aig 28
   Gearran 2011 agus an suidheachadh ris an robh dùil aig deireadh na bliadhna
   a bha a’ sealltainn gun deidheadh buidseat cothromaichte a choileanadh;
ii. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh cunntas den chaiteachas airson
   Còmhdhail Sgoile na Gàidhlig airson na bha air fhàgail den bhliadhna
   ionmhasail 2010/11 a thoirt don Dr A Nic na Ceàrdaich; agus
iii. DH’AONTAICHEADH, mar phàirt den mhion-sgrùdadh air cosgaisean
   rianachd, gun deidheadh aithisg a thoirt do choinneamh den Chomataidh
   san àm ri teachd.  Bhiodh an aithisg seo ag amas gu sònraichte air Aonadan
   Gàidhlig a bha air an stèidheachadh bho chionn fhada agus a’ gabhail aire do
   nithean mar còmhdhail sgoile.

 

4.  Comhairle na Gàidhealtachd agus Bòrd na Gàidhlig – Obrachadh 
     Còmhla

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-7-11 le ceann-là 30 Màrt 2011 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a thug fiosrachadh as ùr mun cho-obrachadh leantainneach eadar a’ Chomhairle agus Bòrd na Gàidhlig às dèidh co-labhairt a chumadh air 9 Gearran 2011.

 

Bha a’ cho-labhairt air grunn chuspairean a chòmhdach, nam measg: àm ri teachd Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig, Plana Gàidhlig na Comhairle agus planaichean gus 25mh Ceann-bliadhna solar Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG) sa Ghàidhealtachd a chomharrachadh.  Ach, bha aire shònraichte air solar foghlam thràth-bhliadhnaichean airson aois 0-3 oir, bhathar ag aithneachadh gun robh a’ bhuidheann seo fìor chudromach a thaobh a bhith a’ toirt fàs air àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig san àm ri teachd.  Bhathar a’ dèanamh sgrùdadh air moladh a bheireadh seachad eadar-ghluasad siùbhlach, gun bhriseadh bho 0-5, a’ toirt sgoilearan a-steach gu foghlam foirmeil timcheall air an t-solair FMG a th’ ann mar-thà sna Buidhnean Sgoiltean Co-cheangailte.  Dheidheadh an leudachadh seo ann am FMG gu raointean ùra a dhealbhadh gu cùramach agus, ann a bhith ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha taic airson na h-earrainn 0-3, chaidh deasbaireachd a chumail le Bòrd na Gàidhlig mu dhreuchdan is àireamhan Luchd-obrach Thràth-bhliadhnaichean (LTB).  Bha Bòrd na Gàidhlig air dearbhadh gun toireadh iad maoineachadh seachad airson  cuid de dhreuchdan LTB agus chuidicheadh a’ Chomhairle le nithean leithid àiteachan-fuirich, taic san oifis msaa.  Bha deasbaireachd a’ leantainn air adhart mun dòigh san deidheadh na dreuchdan LTB a bha air fhàgail a mhaoineachadh.

 

Fhad ’s a bhathar ag aithneachadh gun robh com-pàirteachas sa Ghàidhlig aig na tràth-bhliadhnaichean fìor dheatamach, bha e cuideachd deatamach aghaidh a chur ris an eadar-ghluasad bho bhun-sgoil gu àrd-sgoil ann am FMG agus gun robh sgoilearan àrd-sgoile a’ leantainn air adhart a’ gabhail com-pàirt sa chànan ma bha àireamhan a bha a’ dol tron t-siostam gu bhith air an cumail suas.  Ach, chaidh aithneachadh gun robh e cudromach gun robh buidhnean Tràth-bhliadhnaichean seasmhach agus gun robh taic ann gus dèanamh cinnteach gun leanadh iad air adhart.  Bha e cudromach cuideachd gun robh goireasan air an amas gu sònraichte gus àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a thoirt am meud agus gun robhar a’ cumail sùil chùramach air a seo agus gun robhar a’ dèanamh rudeigin mu dheidhinn nuair a bha feum air.

 

A thaobh a bhith a’ toirt FMG a-steach ann an Inbhir Theòrsa, chaidh innse do Bhuill gun robh deasbaireachd a’ leantainn air adhart leis a’ Chomataidh Chroileagain ionadail.  A dh’aindeoin duilgheadasan ann a bhith a’ fastadh tidsear, bha an clàr-sgoile ris an robh dùil fhathast gu math àrd agus, gus ùidh a chumail suas ann an Inbhir Theòrsa, dheidheadh aithisg a thoirt seachad do choinneamh san àm ri teachd, a’ toirt cunntas air adhartas.

 

Às dèidh sin:

 

i. THUG a’ Chomhairle FA-NEAR dhan fhiosrachadh as ùr a’ toirt cunntas air
   adhartas a thaobh obrachadh com-pàirteach le Bòrd na Gàidhlig, gu h-àraid
   an cruaidh fheum airson com-pàirteachas is aonta air solar 0-3;
ii. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh coinneamhan co-obrachail a bharrachd
   a chumail gus gnìomhan iomchaidh aontachadh agus gus am feum as fheàrr
   a dhèanamh de ghoireasan is eòlas na Comhairle agus Bhòrd na Gàidhlig; agus
iii. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh aithisg a thoirt do choinneamh san àm
   ri teachd, gus cunntas a thoirt air adhartas ann a bhith a’ stèidheachadh
   FMG ann an sgìre Inbhir Theòrsa.

 

5.  Pròiseact Rannsachaidh Oilthigh Dhùn Èideann – Foghlam tro
     Mheadhan na Gàidhlig ann an Alba: Roghainn agus Buileachadh aig
     Ìre na Bun-sgoile agus Tràth san Àrd-sgoil

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-8-11 le ceann-là 24 Màrt 2011 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a bha a’ cur fàilte air taisbeanadh leis an Àrd-Ollamh Lindsay Paterson agus a’ Bh-uas Fiona O’Hanlon, Oilthigh Dhùn Èideann, mun Phròiseact Rannsachaidh aca “Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Alba: Roghainn agus Buileachadh aig Ìre na Bun-sgoile agus Tràth san Àrd-sgoil.”

 

Thug a’ Bh-uas O’Hanlon seachad fiosrachadh mun fheadhainn a ghabh com-pàirt san rannsachadh agus thug i geàrr-chunntas air na prìomh adhbharan a thug pàrantan seachad airson FMG a thaghadh; b’ e an dà adhbhar a bu trice a bhathar a’ toirt seachad: dualchas is dearbh-aithne agus na buannachdan a bhathar a’ meas a bha an lùib dà-chànanas agus leasachadh smaointeachail.  Am measg nan adhbharan eile bha feartan sòisealta phàrantan agus cho cudromach ’s a bha leantainneachd, mar eisimpleir eadar clann san aon teaghlach no bho sgoil-àraich gu bun-sgoil no bho bhun-sgoil gu àrd-sgoil.  Ann a bhith a’ toirt geàrr-chunntas air ìrean buileachaidh, chaidh mìneachadh gun robh, anmoch sa bhun-sgoil, ìre buileachaidh na b’ àirde aig sgoilearan FMG ann an leughadh Beurla agus gun robh iad air cànan eile a thogail no a leasachadh gun a bhith a’ dèanamh milleadh air raon sam bith eile sa churraicealam a bha iad ag ionnsachadh.  Bha sgoilearan FMG buailteach a bhith na bu làidire ann am Beurla seach Gàidhlig an dà chuid ann an leughadh agus sgrìobhadh.  Bha seo a’ sealltainn gun robh buannachd foghlaim ann a bharrachd air a’ bhuannachd chultarail a bha an lùib FMG.

 

Chuir Buill fàilte air toraidhean an rannsachaidh agus mhol iad gum biodh e buannachdail seo a thaisbeanadh do Bhuill uile na Comhairle, cuide ri eaconamas aonadan is sgoiltean FMG a bha stèidhte bho chionn fhada, mar a chaidh a dheasbaireachd aig Cuspair 3 air a’ chlàr-gnothaich.  Ach, bhathar an dùil gun robh feum air barrachd fiosrachaidh air na ceangalan eadar dà-chànanas is dearbh-aithne chultarail, air dòighean gus tidsearan FMG a bhrosnachadh gus teagasg tro mheadhan na Gàidhlig agus gum bu chòir tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh air ìrean buileachaidh eadar sgoilearan ann an sgoiltean FMG agus aonadan FMG.  Bhathar cuideachd ag aithneachadh gun robh e cudromach clann a bhrosnachadh gus a’ Ghàidhlig a bhruidhinn san raon-chluich agus taobh a-muigh na sgoile, seach san t-seòmar-teagaisg a-mhàin.

 

Mar fhreagairt do cheistean bho na Buill, chaidh na leanas a mhìneachadh:

  • ’s e an t-adhbhar as cumanta a thug pàrantan seachad airson nach do thagh iad FMG nuair a bha e ri fhaotainn, gun robh dragh orra nach biodh e comasach dhaibh taic gu leòr a thoirt dhan cuid cloinne le obair-dachaigh, agus bha an dà chuid iadsan a bhruidhneadh agus nach bruidhneadh a’ Ghàidhlig a’ toirt seo mar adhbhar.  Mar sin bha e cudromach gun robh taic ionadail ri fhaotainn gu furasta do phàrantan.  Am measg nan draghan eile bha iomagain gum biodh sgàineadh eadar an dà aonad cànain san sgoil, agus gum biodh duilgheadas aig cloinn a’ beirsinn air far an robh càch, nam biodh iad a’ gluasad gu sgìre le FMG agus gun iad air an cuid foghlaim a thòiseachadh ann an aonad no sgoil FMG;
  • bha FMG ann an Alba annasach taobh a-staigh na Roinn Eòrpa oir, ged is e mion-chànan a tha sa Ghàidhlig, bha litearras air a theagasg ann an sgoiltean FMG sa Ghàidhlig an toiseach.  Sa chuid as motha de shuidheachaidhean dà-chànanach, bha litearras air a theagasg an toiseach ann an cànan a’ mhòr-shluaigh.  Bha e comasach seo a dhèanamh ann an Alba oir b’ urrainn do phàrantan, agus gu ìre an comann-sòisealta as fharsainge, na sgilean riatanach ann an cànan a’ mhòr-shluaigh, i.e. a’ Bheurla, a thoirt seachad, agus b’ urrainn dhan an sgoil an aire a chumail air litearras sa Ghàidhlig tràth sa bhun-sgoil;
    ged a bha meud chlasaichean FMG air a bhith na bu lugha na clasaichean Beurla nuair a thòisich FMG an toiseach, bha barrachd iarrtais airson FMG a’ ciallachadh gun robh mòran chlasaichean a-nis den aon seòrsa meud.  Bha stoidhle teagaisg a’ toirt buaidh na bu mhotha air buileachadh, agus bha rannsachadh air sealltainn gun robh an àrainneachd ann an clasaichean FMG buailteach a bhith na b’ fheàrr is na bu thaiceil;
  • cha robh an rannsachadh a rinneadh air sealltainn gun robh seasmhachd FMG na dhragh do phàrantan, ged a bha coltas ann gun robh ceist mu choinneamh leantainneachd is cho furasta ’s a bha e tidsearan fhaighinn, gu h-àraid aig ìre na h-àrd-sgoile;
  • a thaobh luchd-labhairt na Gàidhlig a bhith a’ togail treas cànan, bha e mì-fhortanach gun robh a’ Ghàidhlig gu tric clàraichte air clàran-ama sgoiltean mu choinneamh chànanan eile;
  • bha tòrr fianais aithriseach ann a bha a’ nochdadh gun robh pàrantan Meadhan na Beurla ann an sgoil dà-aonaid a’ cur fàilte air na buannachdan cultarail a bha FMG a’ toirt chun na sgoile;
  • bha am briathar ‘breithneachadh tidseir’ air a chleachdadh san rannsachadh ach bha seo a’ buntainn ri toraidhean a bha tidsearan air a chur ri chèile bho raon mheasaidhean sa chlas, agus cha b’ ann dìreach bho bheachd pearsanta;
  • a thaobh inbhich a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig ann an sgoiltean, dh’fhaodadh gum biodh e comasach seo a dhèanamh ann an àrd-sgoiltean ach bhiodh draghan ann mu cho freagarrach ’s a bhiodh na stuthan is na stoidhlichean teagaisg aig ìre na bun-sgoile, gu h-àraid seach gum bi inbhich ag ionnsachadh nas èifeachdaiche ma tha an dà chuid stuthan agus  modhan freagarrach air an cleachdadh.  Bha roghainnean iomlan airson luchd-ionnsachaidh inbheach rim faotainn air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig agus, ann an cuid de sgoiltean, bha rèiteachaidhean neo-fhoirmeil air dòigh gus am b’ urrainn do phàrantan cuideachadh ann an seòmraichean-teagaisg, agus dheidheadh sgrùdadh a dhèanamh air dòighean gus rèiteachaidhean leithid seo a dhèanamh foirmeil;
  • bha e cudromach gun robh sgoiltean msaa, air an cleachdadh airson thachartasan Gàidhlig sa choimhearsnachd gus dèanamh cinnteach gun robh cothroman ann gus an cànan a chleachdadh sa choimhearsnachd as fharsainge, oir chaidh dearbhadh gun robh an seòrsa is an co-theacsa cleachdaidh seo riatanach airson cànan a thogail;
  • bha an rannsachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a’ daingneachadh is a’ neartachadh an rannsachaidh a rinneadh sna 1990an, ann an tràth-bhliadhnaichean FMG.  Bha seo air sealltainn gun robh deagh thoraidhean FMG air leantainn air adhart thar ùine, air sgèile na bu mhotha agus thar suidheachadh na b’ fharsainge; agus
  • chaidh suim £25,000 fhaotainn bho Bhòrd na Gàidhlig airson thachartasan gus 25 bliadhna de FMG sa Ghàidhealtachd a chomharrachadh agus mar sin chan fhaodadh e bhith air a chleachdadh airson adhbhar sam bith eile.

Às dèidh sin:

 

i. THUG a’ Chomataidh FA-NEAR dhan taisbeanadh;
ii. THUGADH FA-NEAR do thoraidhean a’ phròiseict rannsachaidh;
iii. THUGADH FA-NEAR gum biodh sgioba a’ phròiseict a’ toirt fios air ais do na
    sgoiltean sin air Ghàidhealtachd a bha air com-pàirt a ghabhail ann an
    toraidhean an rannsachaidh; agus
iv. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh tuilleadh rannsachaidh air FMG a
    bhrosnachadh, a’ gabhail a-steach ìrean buileachaidh eadar sgoilearan ann
    an Aonadan tro Mheadhan na Gàidhlig agus Sgoiltean tro Mheadhan na
    Gàidhlig.

 

6.  Planaichean Gàidhlig – Dàrna Ginealach 2012

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-9-11 le ceann-là 30 Màrt 2011 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a bha a’ toirt fios as ùr mun adhartas ann a bhith a’ deasachadh an dàrna Plana Gàidhlig agus a’ toirt cunntas air na ceumannan a bha air thoiseach gus gluasad bhon a’ Phlana Ghàidhlig a th’ ann an-dràsta chun an dàrna Plana, a bha ri dhol gu Bòrd na Gàidhlig airson aonta deireannach sa Chèitean 2012.

 

Chaidh mìneachadh gum biodh a’ Chomhairle ag obair gu dlùth le Bòrd na Gàidhlig air an dàrna Plana Gàidhlig a bhiodh a’ togail air a’ Phlana Nàiseanta airson na Gàidhlig agus, às dèidh clàr-ama de cho-chomhairleachadh, a’ gabhail a-steach com-pàirteachas Sheirbheisean thar na Comhairle agus Co-chomhairle Poblach 3-mìosan, dheidheadh an dàrna Plana Gàidhlig a chur a-steach chun na Comhairle iomlan airson beachdachadh air tràth ann an 2012.

 

Chaidh cuideam a chur air cho cudromach ’s a bha com-pàirteachas iomlan le Buill uile na Comhairle, agus THUG a’ chomhairle FA-NEAR do na ceumannan a bhathar a’ gabhail gus an dàrna Plana Gàidhlig a dheasachadh.

 

7.  25mh Ceann-bliadhna Solar Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig –
     Ag Ionnsachadh bhon Àm a Chaidh Seachad: A’ Togail airson an
     Ama ri Teachd

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir G-10-11 le ceann-là 30 Màrt 2011 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a bha a’ toirt fiosrachadh às ùr do Bhuill mu na pròiseactan airson 25mh Ceann-bliadhna Solar Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig le Comhairle na Gàidhealtachd.

 

Rè geàrr-chunntas den aithisg, chaidh fàilte a chur air an £25,000 de mhaoineachadh a fhuaireadh bho Bhòrd na Gàidhlig agus chaidh a dhaingneachadh gun deidheadh seo a chosg gus coinneamhan co-chomhairleachaidh a chur air bhonn ann an Inbhir Nis, Ullapul, Inbhir Pheofharain, sa Ghearasdan agus am Port Rìgh eadar 7 Cèitean agus 4 Ògmhios 2011 gus measadh a dhèanamh air feumalachdan FMG sna bliadhnaichean ri teachd.  Dheidheadh an t-airgead a bhiodh air fhàgail a sgaoileadh gu dìreach gu sgoiltean FMG uile gus cothrom a thoirt dhaibh na tachartasan comharrachaidh aca fhèin a chur air dòigh, seach gun robh cus cosgais is duilgheadais an lùib a bhith a’ cur aon tachartasan mòr air dòigh.  Dheidheadh aithisg mu na tachartasan a thoirt dhan Chomataidh san Lùnastal 2011.

 

San deasbaireachd, nochd Buill briseadh-dùil nach robh am fiosrachadh mu na tachartasan co-chomhairleachaidh a chaidh a chur gu pàrantan air a bhith dà-chànanach.  Mar fhreagairt chaidh innse gun deach Poileasaidh na Comhairle a leantainn seach gun robh tiotalan is fo-thiotalan uile sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.  Bha fios air ais bho choimhearsnachdan air moladh gun robh pàrantan nach bruidhneadh a’ Ghàidhlig buailteach gun a bhith a’ fosgladh bhileagan san robh tòrr Gàidhlig agus gun robh am fiosrachadh sna bileagan ag amas air pàrantan aig nach robh a’ Ghàidhlig.  Bha am fiosrachadh cuideachd ri fhaotainn sa Ghàidhlig agus bhiodh seo ann dhaibhsan a bhiodh ag iarraidh dreachd Ghàidhlig.

 

Dh’iarr Buill cuideachd gun deidheadh geàrr-chunntas den Phròiseact Rannsachaidh aig Oilthigh Dhùn Èideann mu FMG ann an Alba a chleachdadh mar phàirt de na tachartasan co-chomhairleachaidh a bhathar an dùil a chumail.  Bheireadh seo cothrom deasbaireachd a thogail ann an co-theacsa ionadail mu na h-adhbharan a bha daoine a’ taghadh FMG.  Am measg chuspairean eile a bhathar a’ meas cudromach airson deasbaireachd bha a bhith a’ leantainn air adhart solar FMG aig ìre na h-àrd-sgoile, le fiosrachadh ga shireadh mu dhòighean gus bacadh a thoirt air an lùghdachadh ann an àireamhan sgoilearan FMG eadar bun-sgoil is àrd-sgoil agus an ìre chun a bheil solar thidsearan àrd-sgoile FMG fo ùghdarras Cheannardan Sgoile.

 

Às dèidh sin:

 

i. THUG a’ Chomataidh FA-NEAR do dh’adhartas nam pròiseactan
   comharrachaidh;
ii. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh aithisg dheireannach fhaighinn mu
   thachartasan a’ 25mh Cheann-bliadhna aig a’ choinneimh a tha clàraichte
   airson 18 Lùnastal 2011; agus
iii. DH’AONTAICHEADH gum bu chòir cothrom a bhith ann aig na coinneamhan
   co-chomhairleachaidh airson FMG beachdachadh cuideachd air:

  • geàrr-chunntas Pròiseact Rannsachaidh Oilthigh Dhùn Èideann air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Alba mar a chaidh a
  • dheasbaireachd fo Chuspair 5 air a’ chlàr-gnothaich; agus
    na dùbhlain a bha mu choinneamh earrann na h-àrd-sgoile.

Chrìochnaich a’ choinneamh aig 3.45f.