Geàrr-chunntas coinneamh na Comataidh Gàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diardaoin, 1 Dùbhlachd 2011 aig 10.30m.

 

An Làthair:

 

Mgr S Friseal, A’ Bh-uas I Chaimbeul, Mgr S Farlow, Mgr U Fernie, Mgr G M Mac a’ Ghobhainn, Mgr U MacAoidh, Mgr S MacGilleBhrath, An Dr A Nic na Ceardaich, A’ Bh-uas M E NicPheadrais, Mgr C Friseal, Mgr A M Millar, Mgr A Greumach, A’ Bh-uas S Chaimbeul, Mgr F Parr, Mgr C MacLeòid, Mgr T Prag, A’ Bh-uas S Dhùghlas, Dr M E M Foxley, Mgr B Gormley, Mgr B Murphy

 

Neo-Bhuill an làthair:

 

 

A’ Bh-uas L Rothach, A’ Bh-uas D MacAoidh, Dr D Alston, Mgr B Clark, Mgr S Black
Mgr D Fallows

 

Oifigearan a’ frithealadh na coinneimh:

 

Mgr Ù Friseal, Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs
Mgr R MacCoinnich, Ceannard nan Seirbheisean Taice, Seirbheis Foghlaim, Cultair is Spòrs
Mgr C Moireach, Manaidsear Leasachadh Gàidhlig, Seirbheis Foghlaim, Cultair is Spòrs
A’ Bh-uas M A NicLeòid, Oifigear Leasachadh Gàidhlig, Oifis an Àrd-Oifigeir
A’ Bh-uas S NicIllinnein, Prìomh Rianaire, Oifis an Àrd-Oifigeir
A’ Bh-uas F NicBheathain, Prìomh Neach-cuideachaidh Rianachd, Oifis an Àrd-Oifigeir

 

Cuideachd an làthair:

 

An t-Àrd-Ollamh Antonella Sorace, Oilthigh Dhùn Èideann

 

Tha rionnag air iomall na duilleige a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle.  Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Comataidh.

 

Mgr S Friseal sa Chathair

 

Gnothach

 

An Toiseach

 

Bhruidhinn an Cathraiche air cho soirbheachail ’s a bha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chaidh a chumail bho chionn ghoirid ann an Steòrnabhagh agus mheal e naidheachd a h-uile duine bho sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd a bha air com-pàirt a ghabhail, ach gu h-àraid a’ chlann-sgoile a bha air dèanamh cho math aig an tachartas.  DH’AONTAICH a’ Chomataidh litir a chur gu Còisir Inbhir Pheofharain, a bha air duais chliùiteach Sgiath MhicShimidh agus Thullaich Bhardain a bhuannachadh.

 

1.  Leisgeulan

 

Ghabhadh leisgeulan às leth Mhgr R Pederson, Mhgr E Mhic an t-Sealgair, Mhgr I Finnie agus Mhgr A S Park.

 

2.  Foillseachaidhean Com-pàirt

 

Thug a’ Chomataidh FA-NEAR do na foillseachaidhean com-pàirt a leanas:

 

Cuspairean 5 agus 6 – Mgr A Greumach (Ionmhasail).

 

3.  Buidseat Ionmhais – Aithisg gu 31 Dàmhair 2011

Chuartaicheadh Aithisg Àir. G-27-11 (123kb pdf) le ceann-là 23 Samhain 2011 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs a’ mìneachadh suidheachadh a’ bhuidseit ionmhais airson an ama 1 Giblean gu 31 Dàmhair 2011, a bha a’ tuairmse fo-chosg de £54 mìle.

 

Chaidh mìneachadh gur e an aon atharrachadh ris an robh dùil sa bhuidseat,  dreuchd Oifigear Leasachaidh an Fhoghlaim Ghàidhlig. Bha an dreuchd seo bàn oir ged a chaidh neach a chomharrachadh airson na dreuchd, bha feum air an neach sin a’ teagasg ann an Àrd-sgoil.  Bha dùil gun deidheadh cùmhnantan còmhdhail sgoile ùr a thòiseachadh ann an 2012 agus dheidheadh sùil mhionaideach a chumail orra seo agus dheidheadh aithris orra rè ùine.

 

San deasbaireachd, bheachdaich Buill gum faodadh cuid de na geàrr-shuimean ann am buileachadh Plana Gàidhlig (PG) 2007-11 a bhith air an seachnadh nam biodh an t-Oifigear Leasachaidh Foghlaim air a bhith ann an dreuchd agus bhathar an dòchas gun deidheadh an dreuchd a lìonadh airson an ath PG airson 2012-16.  Chaidh mìneachadh gun robh deasbaireachd a’ leantainn air adhart, an dà chuid taobh a-staigh agus taobh a-muigh na Comhairle, gus aghaidh a chur ris a seo agus am measg nam ceumannan a bhathar a’ gabhail san eadar-ama bha a bhith a’ toirt seachad ùine leasachaidh bho thidsearan FMG taobh a-staigh roinn na h-àrd-sgoile.

 

Dh’fhoighnich Buill cuideachd co dhiubh a bha droch bhuaidh aig caochlaidhean ann an àireamhan sgoilearan a’ tòiseachadh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air seasmhachd anns an àireimh thidsearan a bhathar a’ fastadh.  Fhreagair an Stiùiriche gun deach àireamhan teagaisg a chur air dòigh timcheall air bannan sgoilearan a’ buntainn ri àireamhan ro-mheasta sgoilearan, mar sin ged nach robh e comasach luaisgidhean uile a rèiteach, cha robh na h-atharrachaidhean as motha ann an ìrean luchd-obrach a chaidh fhaicinn sna bliadhnachan roimhe, a-nis cho buailteach tachairt.

 

Thug a’ Chomhairle FA-NEAR dhan t-suidheachadh fìor ris an robh dùil airson na bliadhna ionmhasail 2011/12 stèidhichte air tuairmsean aig deireadh an Dàmhair 2011.

 

4.  “Bilingualism Matters” – Taisbeanadh leis an Àrd-Ollamh Antonella Sorace bho Oilthigh Dhùn Èideann

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir. G-28-11 (27kb pdf) le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs a’ cur fàilte air an Àrd-Ollamh Antonella Sorace bho Oilthigh Dhùn Èideann agus a’ mìneachadh na seirbheis ‘Bilingualism Matters’ – seirbheis fiosrachaidh is comhairle dhan phoball choitcheann, a tha stèidhichte air rannsachadh.

 

Bha an taisbeanadh aig an Àrd-Ollamh Sorace a’ soilleireachadh cho cudromach ’s a bha dà-chànanas, an dà chuid do mhaireannachd cànan na Gàidhlig agus do na buannachdan a bha an lùib dà-chànanais do chloinn agus do dh’inbhich.  Bha rannsachadh, a’ gabhail a-steach innleachdan gus sgrùdadh a dhèanamh air na dòighean san robh naoidhein òga a’ freagairt a rèir chànanan eadar-dhealaichte, air  dearbhadh gu bheil comas nàdarra aig cloinn gus sgaradh a dhèanamh eadar cànanan eadar-dhealaichte agus gun robh iad cuideachd air tuigse thràth a leasachadh a thaobh dè an cànan a bu chòir a chleachdadh ann a bhith a’ bruidhinn ri diofar dhaoine.  Bha na sgilean seo, agus feadhainn eile, a’ toirt sgilean do chloinn dà-chànanach a dh’fhaodadh iad a chleachdadh ann an dòighean eile agus a dh’fhaodadh a bhith buannachdail a thaobh foghlaim, mar eisimpleir a thaobh sgilean leughaidh agus cànain, tuigse thràth gum faod dòigh-seallaidh eadar-dhealaichte a bhith aig daoine eile, agus comas nas fheàrr gluasad eadar gnìomhan eadar-dhealaichte.

 

Bha fianais air nochdadh gum faodadh na sgilean seo mairsinn gus am biodh iad nan inbhich, agus bha feum air tuilleadh rannsachaidh gus buannachdan fad-ùine dà-chànanais a dhearbhadh.  A rèir coltais bha iad seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ dìon an aghaidh crìonadh comasan inntinn ann an seann-aois agus maill suas ri 4 bliadhna mus tòisicheadh seargadh-inntinn.  Aig cridhe soirbheachas dà-chànanais, bha e cudromach gun cluinneadh clann gu leòr den dà-chànan, agus bha e na b’ fheàrr buileach nam biodh seo bho ghrunn dhaoine an dà chuid taobh a-staigh an teaghlaich agus sa choimhearsnachd as fharsainge.  Seach gun robh clann mothachail mu bheachdan dhaoine a thaobh cànan, bha e cudromach gun robh iad a’ faighinn deagh bheachd air dàrna cànan sam bith agus, an aghaidh beachd cuid, cha robh e cudromach gum biodh làn-thuigse aig leanabh air aon chànan mus tòisicheadh iad air cànan eile.

 

Bha ‘Bilingualism Matters’ air a bhith an gnìomh bho 2008 agus air obair fharsaing a dhèanamh ann an dùthchannan eile le dà-chànanas, leithid Sardinia agus Nirribhidh, agus bha iad air meur ùr a chur air bhog ann an Steòrnabhagh air 20 Dàmhair 2011.  B’ e aon de dh’amasan nan Eilean Siar buidheann de dhaoine òga dealasach a thrèanadh gus buannachdan dà-chànanais a chonaltradh ris a’ choimhearsnachd, gus taic a thoirt do phàrantan gus clann a thogail gu dà-chànanach bho leanabas òg agus gus cothrom a thoirt do theaghlaichean roghainnean fiosraichte a dhèanamh a thaobh buannachdan FMG.  Bha iad cuideachd an dùil fios a thoirt do thidsearan agus do phroifeasantaich slàinte gus am b’ urrainn dhaibhsan cuideachd taic iomchaidh a thoirt do theaghlaichean dà-chànanach.

 

Thug Buill taing dhan Àrd-Ollamh Sorace airson an taisbeanaidh aice agus dh’iarr iad gum biodh am fiosrachadh san taisbeanadh ri fhaotainn gus an cuideachadh a’ brosnachadh FMG, an dàrna cuid air DVD, tro làrach-lìn ‘Bilingualism Matters’, craoladh-lìn na Comhairle no ann an lethbhreac cruaidh.

 

Mar thaic dhan obair leantainnich a bha ‘Bilingualism Matters’ a’ gabhail os-làimh, thug Buill iomradh air an DVD cànain ‘Muzzy’, a chaidh a dhealbh gus clann òga a thoirt an lùib chànanan ùra.  Bhathar an dòchas gum biodh an DVD seo no fear coltach ris ri fhaotainn airson na Gàidhlig uaireigin san àm ri teachd.  Nochd cuid de Bhuill dragh mun chion tasgaidh ann am foghlam nuadh chànanan do chloinn ro-sgoile agus bun-sgoile ach thuirt feadhainn eile, ged nach robh comas ann dà-chànanas iomlan a thabhann ann an nuadh chànanan eile, gun robh Alba fortanach gun robh solar FMG aice a’ leudachadh, agus gun robh seo a’ toirt buannachdan dà-chànanais seachad.

 

Mar fhreagairt do na beachdan seo agus beachdan eile nam Ball, mhìnich an t-Àrd-Ollamh Sorace na puingean a leanas:

  • Cha robh buidseat gu leòr aig ‘Bilingualism Matters’, aig an àm seo, gus DVD proifeasanta a dhèanamh leis an fhiosrachadh a bha san taisbeanadh;
  • mar phàirt den dealas leantainneach do bhith a’ meudachadh tasgadh ann a bhith a’ toirt togail cànain a-steach aig ìre thràth, bhathar a’ buileachadh pròiseact poidhleatach gus buidheann thidsearan a thrèanadh airson aire a thogail mu chànanan eile aig aois 4-5 ann an ochd bun-sgoiltean ann an Dùn Èideann agus Lodainn an Ear.  A’ freagairt ceist bho Bhuill a thaobh co dhiubh a bha ‘boillsgeadh goirid’ de chànain diofraichte co-chòrdail le foghlam dà-chànanach, chaidh mìneachadh gun robh cothrom air cànanan eile buannachdail agus gun robh e cudromach iongantas nàdarra leanaibh airson cànan a bhrosnachadh bho aois thràth; agus
  • bhiodh fàilte air fiosrachadh sam bith a bha a’ Chomhairle airson a thoirt seachad  mu FMG sa Ghàidhealtachd airson làrach-lìn ‘Bilingualism Matters’.

Thug a’ Chomataidh:

 

i.  FA-NEAR dhan taisbeanadh;
ii. DH’AONTAICH a’ Chomataidh gum biodh lethbhreac den taisbeanadh ri fhaotainn
    dha na Buill agus airson a chleachdadh gus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a
    bhrosnachadh; agus 
iii. DH’AONTAICH a’ Chomataidh gun deidheadh fiosrachadh mu Fhoghlam tro
    Mheadhan na Gàidhlig sa Ghàidhealtachd a thoirt seachad airson a chleachdadh air
    làrach-lìn ‘Bilingualism Matters’.

 

5.  Plana Gàidhlig 2007-11 – Fios as ùr mu bhuileachadh

 

Foillseachadh Com-pàirt

 

Dh’fhoillsich Mgr A Greumach com-pàirt ionmhasail sa chuspair seo seach gu bheil e ag obair do Bhòrd na Gàidhlig agus dh’fhàg e an seòmar.

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir.G-29-11 (217kb pdf) le ceann-là 22 Samhain 2011 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs a’ toirt fios as ùr do Bhuill mu bhuileachadh Phlana Gàidhlig 2007-11 na Comhairle.

 

Às dèidh geàrr-chunntas den aithisg a chluinntinn, thug Buill na beachdan a leanas:

  • chaidh togail air cho cudromach ’s a bha a’ bhuidheann-aoise 0-3, agus bu chòir cunntas mu adhartas san earrainn seo a thoirt do choinneamh den Chomataidh san àm ri teachd, le plana-gnìomha ùraichte.  Chaidh aithisgean adhartais leantainneach iarraidh cuideachd a thaobh clàradh ro-innleachdail solar FMG timcheall air na Buidhnean Sgoiltean Co-cheangailte, gu h-àraid adhartas leis an iomairt phoidhleataich a bha a’ fastadh 5 luchd-obrach (co-ionnan ri làn-ùine) thràth-bhliadhnachan thar na Gàidhealtachd, a dheidheadh a thoirt air adhart mar phàirt de Phlana Gàidhlig 2012-16;
  • ann an earrainn ‘Sgoiltean Gàidhlig-uile’ na h-aithisg buileachaidh, bu chòir a dhèanamh soilleir gun robhar a’ dèanamh obair chudromach air sgoiltean Gàidhlig a sheasadh leotha fhèin ann am Port Rìgh agus sa Ghearastan, agus bha Buill dòchasach gum biodh maoineachadh a bharrachd ann do na sgoiltean seo;
  • bha e na bhriseadh-dùil gun robh solar Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile fhathast ‘measgaichte’, agus chaidh iomradh a thoirt air Àrd-sgoil Loch Abar aig nach robh ach aon thidsear FMG.  Bha feum air obair mhòr gus tidsearan FMG a tharraing gu earrainn na h-àrd-sgoile ach, san eadar-ama, gus toradh nas fheàrr a choileanadh san fharsaingeachd, dh’fhaodte gum biodh feum air dòigh-obrach nas ro-innleachdaiche a thaobh solar FMG thar na Gàidhealtachd, seach a bhith a’ dol an gnìomh a rèir dealasachd ionadail;
  • bu chòir gun tuigeadh am poball gun robhar an dùil gun robh PG 2012-16 a’ togail air PG 2007-11 agus nach e Plana ‘ùr’ a bh’ann, agus chaidh iomradh sònraichte a thoirt air an fheum gus ath-bhreithneachadh a dhèanamh air poileasaidh soidhnichean dà-chànanach airson PG 2012-16;
  • bha feum air barrachd a dhèanamh gus solar cùram sgoil-àraich agus cùram ro agus às dèidh sgoile a leasachadh, agus bhathar an dòchas gun toireadh sgoil ùr Ghàidhlig sam bith an seòrsa cùraim seo seachad;
  • bhathar ag aithneachadh cho cudromach ’s a bha e ceangalan a chumail suas le com-pàirtichean ann an dùthchannan eile agus dh’fhoighnich Buill mu thadhalan gu sgìrean aig an robh suidheachaidhean coltach ris a seo a thaobh mion-chànanan; agus
  • chaidh fiosrachadh a shireadh mu dheidhinn cho furasta ’s a bha e goireasan Gàidhlig fhaighinn ann an Leabharlannan na Gàidhealtachd, gu h-àraid dhan a’ chloinn as òige ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Mar fhreagairt, bha eacarsaich chlàraidh FMG a’ gabhail dòigh-obrach ro-innleachdach a thaobh a bhith a’ meudachadh comas làithreach ann am Buidhnean Sgoile Co-cheangailte.  A thaobh cho cudromach ’s a bha FMG nan tràth-bhliadhnachan, chaidh tòrr obrach a dhèanamh air a’ phròiseact phoidhleatach gus 5 luchd-obrach thràth-bhliadhnachan (co-ionnan ri làn-ùine) fhastadh ann an co-bhuinn le Bòrd na Gàidhlig, an Care & Learning Alliance (CALA) agus Sgioba Thràth-bhliadhnachan na Comhairle.  Bha Bòrd na Gàidhlig mar-thà a’ fastadh 2.5 neach-obrach (co-ionnan ri làn-ùine) le comas Gàidhlig taobh a-staigh sgìre na Comhairle agus bhathar a’ dol a chumail coinneamhan an dà chuid le CALA agus Bòrd na Gàidhlig ann an ùine gun a bhith fada gus barrachd adhartais a dhèanamh air a’ phròiseact seo.  Bhathar a’ gabhail obair a bharrachd os làimh, aig ìre nàiseanta, le Foghlam Alba agus bha seo a’ cruthachadh lìonradh nàiseanta de luchd-cleachdaidh thràth-bhliadhnachan agus bha a’ Chomhairle ag ainmeachadh dhaoine gus a’ Ghàidhealtachd a riochdachadh taobh a-staigh na lìonradh seo.  Chaidh toirt fa-near do na dùbhlain taobh a-staigh FMG; gu h-àraid an fheadhainn ann an roinn na h-àrd-sgoile, agus seach gun robh seo na adhbhar iomagain gu nàiseanta, dheidheadh a thoirt air adhart tro Phlana Gàidhlig 2012-16 na Comhairle.  A thaobh a bhith a’ tadhal air sgìrean le mion-chànanan ann an dùthchannan eile, chaidh toirt fa-near gun robh Oifigearan air tadhal a chur air dòigh le co-obraiche ann an Alba Nuadh aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Steòrnabhagh agus, air sgàth na h-aimsir ionmhasail làithrich, dh’fheumadh buntanas a chumail suas ann an diofar dhòighean, deasbaireachd eadar-lìn nam measg.

 

Às dèidh sin DH’AONTAICH a’ Chomataidh:

 

i.  an aithisg adhartais fo ùmhlachd gun deidheadh na h-atharrachaidhean a chaidh a
    mholadh san deasbad a dhèanamh;
ii. gun deidheadh a cur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig; agus
iii. gun deidheadh fiosrachadh mu thuaiream agus suidheachadh an stuth Ghàidhlig a
    bha ri fhaotainn do chloinn ann an Leabharlannan na Gàidhealtachd a thoirt
    seachad do Bhuill.

 

6.  Plana Gàidhlig 2012-16 – Fios as ùr mun Cho-chomhairle Phoblaich 

 

Foillseachadh Com-pàirt

 

Dh’fhoillsich Mgr A Greumach com-pàirt ionmhasail sa chuspair seo seach gu bheil e ag obair do Bhòrd na Gàidhlig agus dh’fhàg e an seòmar.

 

Chuartaicheadh Aithisg Àir. G-30-11 (27kb pdf) le ceann-là 22 Samhain 2011 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs a’ toirt fios do Bhuill mun adhartas ann a bhith a’ deasachadh an dàrna Plana Gàidhlig, a thathar an dùil aontachadh sa Chèitean 2012, agus fios mun cho-chomhairle phoblaich a tha a’ Chomhairle a’ cur air adhart.

 

Chaidh cuimhneachadh do Bhuill gun deach ochd coinneamhan co-chomhairle phoblach a chumail air feadh na Gàidhealtachd.  B’ e 4 Faoilleach 2012 an ceann-latha mu dheireadh airson freagairtean agus bhathar a’ brosnachadh a’ phobaill gus com-pàirt a ghabhail sa phròiseas.  Bhathar air deasbaireachd a chumail le Bòrd na Gàidhlig (BnG) cuideachd, agus iad fhèin a’ beachdachadh air an Dreachd Phlana Gàidhlig Nàiseanta, agus bha oifigearan air a bhith an làthair aig na coinneamhan co-chomhairleachaidh seo aig BnG a bha air an cumail sa Ghàidhealtachd.  Chaidh tòrr dha na puingean a chaidh a thogail aig coinneamhan co-chomhairleachaidh na Comhairle a thogail aig na coinneamhan seo agus bhathar a’ cur an fhiosrachaidh uile còmhla agus dheidheadh a chur a-steach chun na h-ath choinneimh aig a’ Chomataidh.

 

San deasbaireachd, chaidh meas a nochdadh gun deach coinneamh cho-chomhairleachaidh air Plana Gàidhlig na Comhairle a chumail san Aghaidh Mhòir agus gun robh seo air a bhith oideachail agus fiosrachail.  Ach, bha briseadh dùil ann nach do chùm BnG tachartas ann an sgìre Bhàideanach agus Shrath Spè agus bha e cudromach ma bha tachartasan air an cumail ann an Inbhir Nis, gun deidheadh fios a chur gu poball Bhàideanach agus Shrath Spè gun robh cothrom aca com-pàirt a ghabhail ann an coinneamhan leithid seo.

 

Às dèidh sin:

 

i.  Thug a’ Chomataidh FA-NEAR gun deach na h-ochd coinneamhan co-
    chomhairleachaidh a chrìochnachadh
ii. Thug a’ Chomataidh FA-NEAR gur e 4 Faoilleach an ceann-là dùnaidh airson
    beachdan bhon phoball; agus
iii. DH’AONTAICH a’ Chomataidh an clàr-ama ùr.

 

Chrìochnaich a’ choinneamh aig 12.40f.