Committees
Bidh coinneamh den Chomataidh Ghàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diardaoin 12 Faoilleach 2012 aig 2.00f no nuair a chrìochnaicheas coinneamh Comataidh an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, ge brith dè as anmoiche.
Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh is chithear e airson 12 mìosan às dèidh sin.
Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.
Leis gach deagh dhùrachd,
Michelle Morris
Iar-Àrd-Oifigear
Thoiribh an aire gum bi a’ choinneamh air a cumail sa Ghàidhlig, le eadar-theangachadh mar-aon gu Beurla.
Gnothach
1. Leisgeulan
2. Foillseachaidhean com-pàirt
Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothaich sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan ron a’ choinneimh.
3. Teachd-a-steach – Aithisg gu Samhain 2011
Tha Aithisg Àir. G-1-12 (68kb pdf) le ceann-là 4 Faoilleach 2012 ga cuartachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ mìneachadh dearbh shuidheachadh a’ bhuidseit ionmhasail airson an ama 1 Giblean 2011 gu Samhain 2011.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan t-suidheachadh fìor ris a bheil dùil airson na bliadhna ionmhasail 2011/12, stèidhichte air tuairmsean aig deireadh Samhain 2011.
4. Fios air ais bho na Tachartasan Co-chomhairleachaidh mu FMG a chumadh mar chomharradh air 25mh Ceann-bliadhna FMG le Comhairle na Gàidhealtachd
Tha Aithisg Àir G-2-12 (72kb pdf) le ceann-là 28 Dùbhlachd 2011 ga cuartachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt seachad duilleagan fios air ais iomlan bho na sia Tachartasan Co-chomhairleachaidh mu FMG a chumadh mar chomharradh air 25mh Ceann-bliadhna FMG le Comhairle na Gàidhealtachd.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:
i. toirt fa-near dhan fhios air ais iomlan a fhuaireadh bho na sia Tachartasan Co-
chomhairleachaidh airson 25mh Ceann-bliadhna FMG;
ii. aontachadh gun tèid leantainn air adhart a’ cur toraidhean nan tachartasan
seo ri deasbaireachdan mu dhreachd Phlana Gàidhlig 2012-16 na Comhairle;
agus
iii. aontachadh gun tèid am fiosrachadh a chaidh fhaighinn a chleachdadh gus
fios a chur ri dealbhadh FMG airson an ama ri teachd aig ìrean ionadail agus
nàiseanta, mar a tha iomchaidh.
5. Obrachadh Com-pàirteach agus Lìbhrigeadh Pròiseict le Comunn na Gàidhlig.
Cuach na Cloinne and Sgeama Greis Gnìomhachais
Tha Aithisg Àir. G-3-12 (34kb pdf) le ceann-là 28 Dùbhlachd 2011 ga cuartachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fios do Bhuill mun obrachadh chom-pàirteach le Comunn na Gàidhlig (CnaG) gus Cuach na Cloinne (an Fharpais Bhall-coise Ghàidhlig airson Sgoiltean), agus an Sgeama Greis Gnìomhachais (am Prògram Greis Gnìomhachais Gàidhlig do dh’Oileanaich), a lìbhrigeadh.
Bheir Calum Iain Macleod, Manaidsear Leasachaidh aig CnaG, seachad taisbeanadh mu na pròiseactan a tha air am pàirt mhaoineachadh leis a’ Chomhairle.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh beachdachadh air an taisbeanadh agus toirt fa-near dhan adhartas a rinneadh leis an dà phròiseict.
6. Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF)
Tha Aithisg Àir. G-4-12 (47kb pdf) le ceann-là 28 Dùbhlachd 2011 ga cuartachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fios do Bhuill mun adhartas le bhith a’ buileachadh phròiseactan Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) a chaidh aontachadh airson 2011-12.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh beachd a thoirt seachad agus toirt fa-near dhan adhartas ann a bhith a’ cur nam pròiseactan GLAIF an gnìomh.
7. Aithisg air a’ Cho-chomhairle Phoblaich airson Dreachd Phlana Gàidhlig 2012-16
Tha Aithisg Àir. G-5-12 (958kb pdf) le ceann-là 11 Faoilleach 2012 ga cuartachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fios do Bhuill mu na beachdan a chaidh a chur a-steach ri co-chomhairle phoblach Plana Gàidhlig 2012-16, a chaidh a thoirt gu crìch air 4 Faoilleach 2012. Thèid aithisg iomlan mun Cho-chomhairle Phoblaich fhoillseachadh rè ùine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dha na freagairtean a fhuaireadh gu ruige seo.
8. Dreachd Phlana Gàidhlig 2012-16
Tha Aithisg Àir. G-6-12 (45kb pdf) le ceann-là 28 Dùbhlachd 2011 ga cuartachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fios do Bhuill mun adhartas ann a bhith a’ deasachadh dàrna Plana Gàidhlig na Comhairle, bho bha a’ choinneamh mu dheireadh aig a’ Chomataidh Ghàidhlig air 1 Dùbhlachd. Thathar an dùil gun tèid an Dàrna Plana Gàidhlig aontachadh mun Chèitean 2012.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:
i. toirt fa-near mun adhartas gu ruige seo agus tuilleadh bheachdan a thoirt
seachad mu dhreachd Phlana Gàidhlig 2012-16;
ii. toirt fa-near do na deasbaireachdan a thathar an dùil a chumail a
dh’aithghearr le Bòrd na Gàidhlig a thaobh a bhith a’ co-thaobhadh leis a’
Phlana Ghàidhlig Nàiseanta agus àrd-amasan ro-innleachdail; agus
iii. aonta a thoirt dhan chlàr-ama ùr airson a bhith a’ cur a’ Phlana a-steach mar
a tha air a mhìneachadh ann am Pàipear-taice 1 dhen aithisg.