| A’ neartachadh na Gàidhealtachd | Na nì sinn airson clann is teaghlaichean |
| Na nì sinn do sgìrean is do dhaoine nas sine |
| Na nì sinn airson na h-eaconamaidh | Na nì sinn airson na h-àrainneachd |
- Cumaidh sinn oirnn a’ sireadh an luach as fheàrr dhar luchd-còmhnaidh agus do luchd-cleachdaidh ar seirbheisean. Bidh sinn a’ sireadh èfeachdas san dòigh-obrach againn agus a’ sgrùdadh prògraman cosg na Comhairle. Ùraichidh sinn ar seirbheisean gus caomhnadh de 2% a choileanadh a thaobh èifeachdais.
- Tha a’ Chomhairle a’ gabhail ri prionnsabal dì-mheadhanachaidh phoilititigich co-dhùnaidh a bharrachd a tha iomchaidh taobh a-staigh na Comhairle.
- Cumaidh sinn a’ sgrùdadh mar a tha sinn a’ coileanadh gus piseach a thoirt air an dòigh a tha seirbheisean na Comhairle air an dealbh is an lìbhrigeadh. Nì sinn seo le bhith a’ tomhas ar n-adhartais, a’ foillseachadh aithisg phoblach air an sin agus ag èisteachd ri luchd-cleachdaidh is coimhearsnachan.
- Coileanaidh sinn dleastanasan na Comhairle gus co-ionannachd a bhrosnachadh agus gus strì an aghaidh leth-bhreith is eas-bhuannachd – mar fhastaidhear a tha a’ solar sheirbheisean poblach, agus treòrachadh coimhearsnachd is obrachadh chompàirteachail.
- Gheibhear gu co-dhùnaidhean na Comhairle tro bhith a’ sgaoileadh choinneamhan na Comhairle air an eadar-lìon no tro dhòighean eile.
- Bidh e nas fhasa agus nas goireasaiche fios a chur chun na Comhairle (air fòn, eadar-lìon no eile). Cuideachd, meudaichidh sinn uairean fosglaidh a’ fòn.
- Bidh sinn a’ leasachadh fòram uàrd dha gach uàrd. Gheibh am poball is riochdairean coimhearsnachd fiosrachadh is faodaidh iad obair na Comhairle is lìbhrigeadh sheirbheisean a sgrùdadh, planadh coimhearsnachd nam measg.
- Leasaichidh sinn plana riaghlaidh a’ mhaoin gus a bhith cinnteach nach eil seilbh aig a’ Chomhairle air togalaichean, agus nach eil i a’ cleachdadh, ach na dh’fheumar agus gu bheil iad sin freagarrach.
- Nì sinn measadh is co-chomhairleachadh ri luchd-obrach agus aonaidhean ciùird tro cho-chomhairleachadh eadar a’ Chomhairle agus aonaidhean ciùird.
- Obraichidh sinn còmhla ri na h-aonaidhean ciùird gus gum bi cor obrach ùr-nodha againn agus luchd-obrach inbhe shingilte ann an 2010.
- Aontaichidh sinn prògram leasachaidh is trèanaidh gach bliadhna do bhuill thaghte ron Dùbhlachd 2008 agus bidh iomradh dreuchd agus planaichean leasachaidh mu choileanadh againn do chomhairlichean.
- Ath-sgrùdaidh sinn prògram na Comhairle agus foillsichidh sinn aithisg adhartais gach bliadhna.