Na nì sinn airson clann is teaghlaichean


| A’ neartachadh na GàidhealtachdNa nì sinn do sgìrean is do dhaoine nas sine |
Na nì sinn airson na h-eaconamaidhNa nì sinn airson na h-àrainneachd |
Na nì sinn airson a bhith èifeachdach |


  1. Obraichidh sinn còmhla ri Riaghaltas na h-Alba gus prògram calpa 10-bliadhna a leasachadh gus gum bi sgoiltean ùr-nodha aig clann na Gàidhealtachd agus nì sinn cinnteach gum bi am prògram còig-bliadhna a th’ ann an-dràsta, airson trì sgoiltean ùra agus a còig leasaichte, deiseil na àm.
  2. Cuiridh sinn an gnìomh gu slàn am poileasaidh "Getting it Right for Every Child" aig Riaghaltas na h-Alba a nì cinnteach gum faigh clann an cuideachadh a tha a dhìth orra nuair a tha feum aca air, ro 2009.
  3. Bidh sinn nar deagh phàrantan corporra dhan chloinn “ air an coimhead às an dèidh” sa Ghàidhealtachd agus, ag obrachadh còmhla ri ar compàirtichean, cuidichidh sinn iad gu bhith a’ coileanadh na tha nan comas agus iad a’ dol nan inbhich. Nithear seo le bhith a’ leasachadh builean-coileanaidh am foghlaim, a’ lùghdachadh na tha iad an eisimeil àitichean-càirichte taobh a-muigh an ùghdarrais agus a’ cumail taic riutha nuair a ghluaiseas iad a dh’àite-còmhnaidh iomchaidh agus gu foghlam àrd ìre, trèanadh no obair.
  4. Bheir sinn taic nas fheàrr do luchd-altraim, luchd-cùraim càirdeach nam measg, le bhith a’ cosg £420,000 a bharrachd thar dà bhliadhna eadar 2009-10.
  5. Lìbhrigidh sinn agus bheir sinn taic do lìonradh seasmhach de chùram chloinne fad an latha agus do sheirbheisean foghlaim do chlann òg agus an teaghlaichean ro 2011. 
  6. Cumaidh sinn oirnn ag àrdachadh ìrean coileanaidh ann an litearras is àireamhas ron sgoil, sa bhun-sgoil agus san àrd-sgoil agus gleidhidh sinn na h-ìrean àrda ann an coileanadh ann an Siostam Theisteanas na h-Alba agus coileanaidh sinn na builean ann an Curraicealam airson Sàr-mhaitheis. 
  7. Leasaich càileachd an ionnsachaidh, an teagaisg is a' chomais ceannardais sna sgoiltean is sna coimhearsnachdan againn.
  8. Àrdaichidh sinn an àireamh de dhaoine òga a' fàgail na sgoile is a' gluasad gu foghlam, trèanadh no obair (a' gabhail a-steach aontaidhean gnìomha) gu 95% ro dheireadh a' Mhàirt 2011 agus, cuide ris na com-pàirtichean againn, nì sinn ath-bhreithneachadh air an targaid airson 2011.
  9. Cuiridh sinn sgoiltean uile aig cridhe nan coimhearsnachdan againn is obraichidh sinn gus dèanamh cinnteach às an am ri teachd fhada aca le bhith a' leasachadh sgoiltean coimhearsnachd le raon farsaing chleasan is sheirbheisean a bhios a' leudachadh thar latha traidiseanta na sgoile.
  10. Leanaidh sinn air adhart a' leasachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an ro-sgoil is bun-sgoil a bharrachd air a bhith a' leudachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san roinn àrd-sgoile is ag àrdachadh na h-àireimh de luchd-ionnsachaidh Gàidhlig sna sgoiltean againn.
  11. Leanaidh sinn air adhart a' toirt seachad chothroman gus na h-ealain, spòrs is cultar a mhealtainn is gus tachartasan, fèisean is prògram cultarail na Gàidhealtachd a bhrosnachadh.
  12. Bheir sinn prìomhachas do dh’fhallaineachd is sùbailteachd clann na Gàidhealtachd agus cuiridh sinn an gnìomh Ro-innleachd Cluiche na Gàidhealtachd.
  13. Bheir sinn taic do dh’òigridh na Gàidhealtachd tro chomhairlean sgoilearan, dreuchd neach-gairm òigridh, tro leasachadh Guth Òigridh na Gàidhealtachd  agus riochdachadh ann am Pàrlamaid Òigridh na Gàidhealtachd. Obraichidh sinn còmhla ri comhairlean coimhearsnachd gus aois bhòtaidh a leagail gu 16 airson taghaidhean nan comhairlean coimhearsnachd. 
  14. Nì sinn cinnteach gu bheil neach-obrach òigridh ann an sgìre gach Buidheann Sgoiltean Co-cheangailte agus gun dèanar ath-sgrùdadh air na cothroman chur-seachadan is leasachaidh a th’ ann do dh’òigridh.
  15. Foillsichidh sinn aon chairt ghoireasach dhan òigridh gu lèir ro 2011. Bheir seo cothrom dhaibh air cur-seachadan, leabharlainn, ealain is cùisean cultarail, fiosrachadh òigridh agus biadh-sgoile.
  16. Coileanaidh sinn inbhe Eag-sgoil do sgoiltean na Gàidhealtachd gu lèir ro 2011.
  17. Cuiridh sinn cuideam air còmhdhail sgoile shàbhailte, agus brosnaichidh sinn roghainnean fallain agus àrainneachdail mar slighean “coiseachd dhan sgoil”, taic sàbhailteachd agus slighean-bhaidhsagal sàbhailte. 
  18. Obraichidh sinn le Riaghaltas na h-Alba agus com-pàirtichean gus an àireamh de thubaistean dona is bàsmhor a lùghdachadh agus cleachdaidh sinn crìochan-astair 20 mìle san uair gus sàbhailteachd rathaid a leasachadh dhaibhsan a tha sa chunnart as motha a' cleachdadh nan rathaidean, gu h-àraid clann & daoine nas sine.

Riochdaichidh sinn math na Gàidhealtachd le bhith ag obair còmhla ri compàirtichean, riaghaltas Bhreatainn agus na h-Alba nam measg, gus seirbheisean a bhrosnachadh do chloinn is dom pàrantan

  1. Obraichidh sinn còmhla ri Riaghaltas na h-Alba agus ionadan foghlaim àrd ìre gus coinneachadh ri ceist thidsearan tro Mheadhan na Gàidhlig agus siridh sinn maoin airson dà bhun-sgoil Ghàidhlig ùr.
  2. Obraichidh sinn còmhla ri Riaghaltas na h-Alba is Bhreatainn gus leantainn leis a’ phrionnsabal a bhith a’ solar cùram chloinne ruigsinneach dhan na h-uile.