Na nì sinn airson na h-eaconamaidh


| A’ neartachadh na GàidhealtachdNa nì sinn airson clann is teaghlaichean |
Na nì sinn do sgìrean is do dhaoine nas sine |
Na nì sinn airson na h-àrainneachdNa nì sinn airson a bhith èifeachdach |


  1. Obraichidh sinn còmhla ri Riaghaltas na h-Alba, coimhearsnachd a’ ghnìomhachais, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE) agus an treas roinn gus fàs gnìomhachais a bhrosnachadh agus, an lùib sin, barrachd ghnìomhachasan ionadail is iomairtean sòisealta tro stèidheachadh Inntrinn Gnothachais ro 2009 agus taic Comhairle eile.
  2. Obraichidh sinn còmhla ri Riaghaltas na h-Alba, HIE agus an roinn phrìobhaideach gus prìomh roinnean nàiseanta a bhrosnachadh; lùth, biadh is deoch, saidheansan beatha, seirbheisean ionmhais, turasachd agus gnìomhachasan cruthachail tro bhith an lùib leasachadh ro-innleachdan is iomairtean. 
  3. Obraichidh sinn còmhla ri Riaghaltas na h-Alba, compàirtichean ionadail agus an roinn phrìobhaideach a dh’ionnsaigh 6,000 taigh ùr, le goireasan iomchaidh, a thogail sa Ghàidhealtachd eadar 2007-8 agus 2010-11, le 2,000 dhe na taighean ruigsinneach seo rim faotainn air màl agus seilbh taigheadais air cosgais ìosal. Bidh 600 dhiubh do dhaoine nas sine no do chiorramaich. 
  4. Obraichidh sinn còmhla ri Riaghaltas na h-Alba  gus sùil a thoirt air modalan maoineachaidh ùra a thaobh togail agus airson barrachd thaighean comhairle fhaotainn mu choinneamh an iarrtais mhòir ann an iomadh ceàrn dhen Ghàidhealtachd. 
  5. Leasaichidh sinn turasachd – an gnìomhachas as motha a th’ againn - sa Ghàidhealtachd, còmhla ri roinn a’ ghnìomhachais, VisitScotland, EventScotland agus HIE. Cuiridh sinn cuideam air cothroman mar a’ Ghàidhlig, turasachd uaine, tachartasan is gnìomhan. Leasaichidh sinn seirbheisean na Comhairle do luchd-turais. 
  6. Bheir sinn aithne is taic do Phàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh ann an eaconamaidh na Gàidhealtachd. 
  7. Obraichidh sinn còmhla ri HIE, Leasachadh Eadar-nàiseanta na h-Alba agus luchd-solair reachdail bhun-structairean gus gum bi a’ Ghàidhealtachd air àite cho tarraingeach ’s a th’ ann airson gnìomhachas ann an Alba.
  8. Obraichidh sinn còmhla ri Riaghaltas na h-Alba, HIE agus an roinn phrìobhaideach gus taic a chur ri seirbheisean luath a’ bhann-leathainn do ghnìomhachasan is do choimhearsnachdan. 
  9. Ullaichidh sinn Plana Leasachaidh ùr dhan Ghàidhealtachd agus Ro-innleachd Leasachadh Chladaichean ro 2009, agus ullaichidh sinn trì Planaichean Obrach Obair-uisge ro 2011. Bheir iad sin piseach air na cùisean a dh’fheumar airson fàs eaconamach cothromaichte is seasmhach ann an coimhearsnachdan na Gàidhealtachd. 
  10. Ullaichidh sinn trì Planaichean Leasachaidh Ionadail ùra. Bheir iad sin stiùireadh mionaideach air planadh agus nì iad cinnteach gu bheil a’ choimhearsnachd na pàirt dhen ullachadh. 
  11. Tha sinn mothachail gu bheil sgilean cho math ’s a th’ air an t-saoghal aig an luchd-obrach ann an Dùn Ràth agus obraichidh sinn ann an compàirt ri HIE, am Buidheann Dì-choimiseanaidh Nàiseanta agus Riaghaltas Bhreatainn gus àrainn shòisealta is eaconamach Ghallaibh & Cheann a tuath Chataibh a dhìon is a leasachadh rè dì-choimiseanadh Dhùn Ràth.
  12. Cumaidh sinn oirnn le iomairtean a bheir taic do cheannach bathair is sheirbheisean ionadail leis a’ Chomhairle is feadhainn eile. 
  13. Bheir sinn taic do choimhearsnachdan gu bhith a’ cruthachadh urrasan ionadail gus fearann, cuid-seilbh no eile a cheannach no cuid a bhith aca annta às leth na coimhearsnachd. 
  14. Obraichidh sinn còmhla ri Riaghaltas na h-Alba  is Bhreatainn agus compàirtichean gus bochdainn a lùghdachadh no stad a chur air bho thùs le bhith a’ toirt taic do bharrachd dhaoine gu obair sheasmhach. 
  15. Obraichidh sinn còmhla ri luchd-fastaidh, colaistean foghlaim àrd ìre is compàirtichean eile gus cothroman trèanaidh is ceàird a chur am meud air feadh na Gàidhealtachd, le meudachadh 33% san àireamh a tha ag obair dhan Chomhairle 2010-11 (ag èirigh gu 200).
  16. Cumaidh sinn oirnn a’ gluasad obraichean na Comhairle air falbh on mheadhan air feadh na Gàidhealtachd agus obraichidh sinn còmhla ri compàirtichean gus cothroman a chomharrachadh gus barrachd obraichean san roinn phoblaich a sgaoileadh. 
  17. Obraichidh sinn còmhla ri Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus HIE gus taic a chur ri inbhe shlàn oilthigh a ghabhas a-steach ùghdarras gus ceum rannsachaidh a bhuileachadh agus gus a bhith cinnteach à leasachadh comas rannsachaidh acadaimigeach mar bhunait airson leasachadh eaconamach. Bheir sinn taic do leasachadh sàr champus ùr ann an Inbhir Nis mar phàirt riatanach de lìonradh UHI.
  18. Obraichidh sinn còmhla ri Sabhal Mor Ostaig – Colaiste Ghàidhlig na h-Alba – gus pròiseactan compàirteachaidh a leasachadh a bheir taic do dh’amasan na Comhairle airson na Gàidhlig. 
  19. Cumaidh sinn oirnn a’ cur an gnìomh Aonta Tuigse na Comhairle ri Alba Nuadh gus a bhith cinnteach à co-obrachadh air pròiseactan cànain is cultair a bhios gu math gach dùthaich.
  20. Cosgaidh sinn £54 millean thar nan trì bliadhna a tha romhainn gus rathaidean a chumail suas agus gus leasachadh a dhèanamh air ròidean bunaiteach is drochaidean. 
  21. Obraichidh sinn còmhla ri companaidhean bhusaichean gus lìonradh bhusaichean a leasachadh is a bhrosnachadh ann am bailtean is air an tuath, le bhith a’ toirt piseach air càileachd, tricead is ruigsinneachd nam busaichean.
  22. Brosnaichidh sinn leasachadh lìonradh còmhdhail amalaichte.
  23. Ro 2009, cuiridh sinn an gnìomh prògram de £6 millean a chaidh aontachadh airson riaghladh trafaig agus coltas shràidean ann am meadhan Inbhir Nis. Beachdaichidh sinn cuideachd air dòighean eile gus dùmhlachd trafaig a lùghdachadh agus piseach a thoirt air càileachd na h-àrainneachd. 
  24. Tha sinn mothachail gu bheil sinn beò ann an coluadar ioma-chultarail agus tha sinn a’ cur fàilte air luchd-imrich agus an teaghlaichean a tha a’ tighinn nar measg agus cuiridh sinn oideachadh Beurla am meud gus an cuideachadh.
  25. Obraichidh sinn tro Chaidreachas Eòrpach na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Riaghaltasan Bhreatainn is na h-Alba gus am buannachd as motha fhaotainn dhan Ghàidhealtachd bho phrògraman maoineachaidh Eòrpach dhan sgìre agus gus làn phàirt a bhith againnn ann am prìomh bhuidhnean Eòrpach.  

Riochdaichidh sinn cuideachd math na Gàidhealtachd le bhith ag obair còmhla ri compàirtichean, nam measg Riaghaltas Bhreatainn agus na h-Alba, gus an eaconamaidh a leasachadh. 

  1. Obraichidh sinn còmhla ri Riaghaltas na h-Alba, Còmhdhail na h-Alba agus HITRANS gus piseach a thoirt air sàbhailteachd rathaid agus ùine siubhail air a’ phrìomh lìonradh rathaid sa Ghàidhealtachd, gu h-àraidh le bhith a’ leasachadh an A9, A96 agus an A82 gus buannachdan eaconamach is seasmhachd a thoirt dhuinn.
  2. Obraichidh sinn còmhla ri Riaghaltas na h-Alba agus Còmhdhail na h-Alba airson Prìomh Rathad Ceangail Inbhir Nis a chur ann am prògram nam prìomh ròidean. Bhiomaid ag amas air a’ chuid dhan ear a chrìochnachadh ann an 2012/13. Bheireadh seo slighe gu campus OGE Inbhir Nis, Abhainn Nis agus rathad Sligh’-uisge a’ Ghlinne Mhòir ro 2015.
  3. Obraichidh sinn còmhla ri Puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean, HITRANS, agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean gus seirbheisean ùra agus nas fheàrr a thàladh dhan Ghàidhealtachd aig gach port-adhair. Cumaidh sinn oirnn ag obair gus an t-slighe-adhair eadar Inbhir Nis is Gatwick a dhìon; bidh sinn ag iomairt gus an t-slighe-adhair eadar Inbhir Nis is Heathrow ath-thòiseachadh agus gus Port-adhair Inbhir Ùige a leasachadh.
  4. Obraichidh sinn còmhla ri compàirtichean gus piseach a thoirt air seirbheisean bathair air an rèile gu h-ionadail is gu nàiseanta agus airson ùine siubhail nas giorra. 
  5. Cumaidh sinn oirnn a’ còmhradh ri Uisge na h-Alba is feadhainn eile gus a bhith cinnteach nach cuir cion bun-structair maill air taigheadas no leasachaidhean eile.
  6. Cuiridh sinn cuideam air Riaghaltasan na h-Alba is Bhreatainn gus cur às dha na fiachan taigheadais a tha a’ toirt buaidh air a’ Chomhairle agus an luchd-màil, no an lùghnachadh no taic airgid a thoirt seachad.
  7. Cumaidh sinn sùil air dùnadh oifisean puist sa Ghàidhealtachd agus nì sinn strì an aghaidh a’ chòrr lùghdachaidh san t-seirbheis gu 2011.
  8. Cumaidh sinn a’ sireadh atharrachadh ro-innleachdach ann an seilbh storasan mara le bhith ag obair còmhla ri Riaghaltas na h-Alba agus a’ cur cuideam air Riaghaltas Bhreatainn gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air Oighreachdan a’ Chrùin.