| A’ neartachadh na Gàidhealtachd | Na nì sinn airson clann is teaghlaichean |
| Na nì sinn airson na h-eaconamaidh | Na nì sinn airson na h-àrainneachd |
| Na nì sinn airson a bhith èifeachdach |
- Togaidh is ruithidh sinn còig dachaighean cùraim ùr do dhaoine nas sine.
- Obraichidh sinn còmhla ri compàirtichean agus gach ìre dhen Riaghaltas gus furtachd air bochdainn le bhith:
• a’ meudachadh na tha a’ faighinn shochairean air a bheil iad airidh;
• a’ comhairleachadh dhaoine air mar a chuireas iad rin teachd-a-steach le comhairle air còraichean is sochairean sòisealta;
• a’ brosnachadh cleachdadh sheirbheisean an asgaidh no nas saoire; agus
• a’ toirt comhairle air cùisean airgid.
- Cosgaidh sinn £100,000 a’ brosnachadh togail shochairean air feadh na Gàidhealtachd bho 2009-10.
- Nì sinn cinnteach gun lean cùram pearsanta an asgaidh agus obraichidh sinn còmhla ri Riaghaltas na h-Alba gus gum bi goireasan gu leòr ann san àm ri teachd.
- Bidh 600 taigh a bharrachd ann a bhios freagarrach do dhaoine nas sine agus do chiorramaich.
- Meudaichidh sinn àireamh nan daoine as sine (agus feadhainn eile fo chùram) a gheibh taic nan dachaigh le bhith a’ toirt seachadh £1 millean a bharrachd gach bliadhna bho 2008-9 gu 2010-11 agus le bhith a’ cur £4.7 millean gach bliadhna ri uidheaman-taic, atharrachaidhean agus tele-chùram.
- Obraichidh sinn còmhla ri NHS Highland agus feadhainn eile (luchd-cleachdaidh, luchd-cùraim agus buidhnean saor-thoileach) gus plana cùram coimhearsnachd amalaichte a dhèanamh airson: daoine nas sine; daoine le duilgheadasan ionnsachaidh no bodhaig; daoine le iomadh feumalachd; daoine a tha mì-bhuileachadh stuthan; daoine gun dachaigh agus daoine le trioblaidean inntinn. Bheir sinn taic dhaibh gus fuireach san dachaigh cho fada ’s a ghabhas agus nì sinn cinnteach gu bheil barrachd roghainn is smachd aig luchd-cleachdaidh is luchd-cùraim.
- Obraichidh sinn còmhla ri Riaghaltas na h-Alba agus ar compàirtichean, gu h-àraidh NHS Highland, a chùm math slàinte is cùraim an t-sluaigh agus gus neo-ionannachd a thaobh slàinte a lùghdachadh. Gabhaidh seo a-steach lùghdachadh mì-bhuileachadh deoch-làidir is dhrugaichean, a’ sgur de smocadh, a’ lùghdachadh cus cuideim agus a’ dèiligeadh ri bochdainn.
- Leasaichidh sinn taighean na Comhairle le bhith a’ cosg £20 millean gus èifeachdas lùth a leasachadh ann an 3,000 taigh agus £7 millean air cidsinean 1,000 agus 500 rùm-ionnlaid ùr thar nan trì bliadhna a tha romhainn bho 2008-9. Nì sinn plana airson a bhith cinnteach gu bheil gach taigh comhairle a rèir Inbhe Càileachd Taigheadas na h-Alba.
- Leasaichidh sinn ro-innleachd ùr a thaobh cion dachaigh ann an 2008 a sheallas mar a dh’obraicheas sinn còmhla ri Riaghaltas na h-Alba gus cion dachaigh a lùghdachadh agus a stad bho bhith a’ tachairt agus bheir sinn seirbheis freagairt do dhaoine gun dachaigh.
- Obraichidh sinn còmhla ri compàirtichean, gu h-àraidh na poileis agus Riaghaltas na h-Alba, gus piseach a thoirt air sàbhailteachd sa choimhearsnachd le bhith ag obair gus na leanas a lùghdachadh: eucoir co-cheangailte ri deoch-làidir is drugaiachean; reat ath-dhìtidh; fòirneart air boireannaich agus eucoirean gràin. Feuchaidh sinn cuideachd ri piseach a thoirt air dràibheadh sàbhailte.
- Lìbhrigidh sinn Ro-innleachd Tasglann na Gàidhealtachd a bheir dhuinn Tasglann Ealain Ùr-nodha, Eachdraidh Teaghlaich agus Ionad Chlàran a dh’fhosglar ro 2009 mar chridhe lìonraidh de ghoireasan tasglainn ionadail, le bhith ag obair còmhla ri compàirtichean mar a bhios iomchaidh.
- Leasaichidh is brosnaichidh sinn cleachdadh Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Ealain Inbhir Nis agusTaigh-tasgaidh Muinntir na Gàidhealtachd, a bhuineas dhan Chomhairle, agus bheir sinn taic do dh’iomadh taigh-tasgaidh sa choimhearsnachd air feadh na Gàidhealtachd le comhairle, trèanadh agus taic-airgid.
- Tha sinn a’ toirt taic do Bhliadhna an Tillidh ann an 2009 agus leasaichidh sinn ro-innleachd dhan Ghàidhealtachd gus a bhith cinnteach gum bi pàirt mhòr againn sa chomharrachadh.
- Còmhla ri ar compàirtichean, leasaichidh sinn Ro-innleachd Fhèisean is Thachartasan agus cumaidh sinn a’ toirt taic do dh’iomairtean mar Am Baile, na Fèisean, Fèis Blas agus am Mòd Nàiseanta Rìoghail.
- Còmhla ri ar compàirtichean bheir sinn cothroman seachad air Ionnsachadh Fad Beatha.
- Cuiridh sinn Plana na Gàidhlig an gnìomh agus ath-sgrùdaidh sinn e gach bliadhna. Tha sinn dealasach dhan phrionnsabal a thaobh co-ionannachd spèis dhan Ghàidhlig is dhan Bheurla agus tha sinn mothachail air na tha de dhual-chainntean sa Ghàidhealtachd.
- Bheir sinn taic do leasachadh spòrs agus, gu h-àraidh, brosnaichidh sinn iomain.
- Nì sinn aonta ris an treas roinn (buidhnean carthannais, saor-thoileach is coimhearsnachd agus iomairtean sòisealta) sa Ghàidhealtachd, agus nochdaidh sinn mar a bheir sinn taic agus mar a dh’obraicheas sinn còmhla.
- Aontaichidh sinn Sgeama ùr dha na Comhairlean Coimhearsnachd ro 2010 agus cumaidh sinn a’ toirt taic ionmhais is taic phractaigeach dhaibh
- Cleachdaidh sinn inbhe nàiseanta a thaobh brosnachadh choimhearsnachdan.
Riochdaichidh sinn cuideachd math na Gàidhealtachd le bhith ag obair còmhla ri compàirtichean, Riaghaltas Bhreatainn agus na h-Alba nam measg, gus seirbheisean do choimhearsnachdan is do dhaoine nas sine a bhrosnachadh.
- Mar bhall de Bhuidheann-obrach Connadh Carbon-uisge na Gàidhealtachd is nan Eilean, obraichidh sinn còmhla ri ar compàirtichean sna h-ùghdarrasan ionadail ann a bhith ag iomairt airson phrìsean cothromach is co-ionann air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus brosnaichidh sinn connadh seasmhach eile a thèid an àite connadh stèidhte air carbon-uisge.
- Siridh sinn taic Riaghaltas na h-Alba gus a bhith a’ toirt air falbh an lùghdachaidh a tha fhathast ann a thaobh Cìs Chomhairle air Dara Dachaigh.