Coronavirus COVID-19

Free Helpline 0300 303 1362 for advice on volunteering, or getting help with food, welfare or business support.

Check the latest updates

Am Mòd Nàiseanta Rìoghail | Royal National Mòd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ cur taic ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a tha An Comunn Gàidhealach a’ cur air dòigh air-loidhne am-bliadhna. Bha am Mòd gu bhith air a chumail ann an Inbhir Nis bhon 9 chun an 17 dhen Dàmhair, ach chan eil sin comasach air sgàth galar Covid-19.


The Highland Council supports the Royal National Mòd which An Comunn Gàidhealach is hosting online as a Virtual Mòd this year. The Mòd was due to be held in Inverness from 9 to 17 October, but fell victim to the ongoing Covid-19 pandemic.

Prògram Mòd Nàiseanta Rìoghail Air-Loidhne 2020 | Virtual Mòd 2020 Programme

This year’s Mòd is a bit different to what we are used to, participants were invited to record performances in the comfort of their own homes.

Prògram Mòd Nàiseanta Rìoghail Air-Loidhne 2020 | Virtual Mòd 2020 Programme, read more

Cèilidh na Comhairle | Council Cèilidh/Concert

Tha Mòd Air-loidhne 2020, a bhios a’ tighinn gu crìch air Dihaoine 16 Dàmhair, air a bhith soirbheachail dha-rìribh, le mòran thagraidhean air tighinn a-steach bho air feadh na cruinne.

Mus tig sinn uile far-loidhne ge-tà, tha Comhairle na Gàidhealtachd agus Fèis Rois a’ toirt cuireadh dhuibh gu aon hòro-gheallaidh eile – Cèilidh na Comhairle air Dihaoine 16 Dàmhair aig 9f. Bidh Cèilidh na Comhairle a’ taisbeanadh is a’ comharrachadh beartas cultar na Gàidhlig ann an Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba.

Ge brith càite a bheil sibh, nach tig sibh còmhla rinn a dh’èisteachd ri ceòl traidiseanta is òrain Ghàidhlig bho air feadh na Gàidhealtachd. Tha sinn an dòchas ur faicinn gu pearsanta as t-Fhoghar sa tighinn ann an Inbhir Nis, Prìomh Bhaile na Gàidhealtachd, bhon 8-16 dhen Dàmhair. Bidh fàilte mhòr Ghàidhealach romhaibh!


The official 2020 Virtual Mòd online, which draws to a close on Friday 16 October, has been a huge success with many entries submitted online from across the globe.

However, before we all log off, the Highland Council and Feis Ròis are inviting you to join them in one final fling, Cèilidh na Comhairle (Council Cèilidh/Concert) on Friday 16 at 9pm. Cèilidh na Comhairle showcases and celebrates the wealth of Gaelic culture which exists in the Highlands and Islands of Scotland.

Wherever you are, sit back, relax and enjoy Gaelic song and traditional music from across the Highlands. We hope to see you all next Autumn in person in Inverness, the Capital of the Highlands, from the 8-16 October. A huge Highland welcome awaits you!

Message from Cllr Raymond Bremner

Message from Cllr John Finlayson

Message from Cllr Calum Munro