Agendas, reports and minutes

Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig

Date: Thursday, 22 August 2013

Agenda: Read the Agenda

Cumar coinneamh de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diardaoin 22 Lùnastal 2013 aig 2.15f.

Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh is chithear e airson 12 mìosan às dèidh sin.

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.


Leis gach deagh dhùrachd,

Michelle Morris
Iar-Àrd-Oifigear

Thoiribh an aire gum bi a’ choinneamh air a cumail sa Ghàidhlig, le eadar-theangachadh mar-aon gu Beurla.

Gnothachas

1.  Leisgeulan

2.  Foillseachaidhean Com-pàirt

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothaich sam bith air clàr na coinneimh seo.  Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt.  Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.

3.  Cumhachdan Fosaidh

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn toirt fa-near nach deach na Cumhachdan Fosaidh a bhuilich a’ Chomhairle aig coinneamh an 27 Ògmhios 2013 a chleachdadh a thaobh gnothaich Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig.

4.  Naidheachdan Matha

5.  Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 1 “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd” – Aithisg Bhuileachaidh

Tha Aithisg Àir. GIG-12-13 (47kb pdf) le ceann-latha 31 Iuchar 2013 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fiosrachadh do Bhuill mu bhuileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 1 “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd.”

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-

i.  toirt fa-near do dh’adhartas ann a bhith a’ buileachadh Cuspair na Dachaigh
    agus na Coimhearsnachd ann am Plana Gàidhlig 2012-16;
ii. aontachadh gun cuirear am follais ìre lìbhrigidh na Comhairle a thaobh na
    Gàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd;
iii. toirt fa-near dhan ath-sgrùdadh mu fheumalachdan Ionnsachadh Inbheach a
    thaobh na Gàidhlig sa Ghàidhealtachd;
iv. aontachadh gun tèid leantainn air adhart le obrachadh thar-bhuidhneach
    gus ionnsachadh is cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an
    dachannan, sgoiltean agus coimhearsnachdan; agus
v. aontachadh gun obraich a’ Chomhairle le Bòrd na Gàidhlig agus com-
    pàirtichean eile gus raon ghoireasan Ionnsachadh Inbheach a thaobh
    na Gàidhlig a chruthachadh, a’ gabhail a-steach stuthan air-loidhne is eile
    gus taic a thoirt do phàrantan sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na
    Gàidhlig.

6.  Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam” – Aithisg Bhuileachaidh

Tha Aithisg Àir. GIG-13-13 (61kb pdf) le ceann-latha 31 Iuchar 2013 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fiosrachadh do Bhuill mu bhuileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam.”  Tha e cuideachd a’ toirt fiosrachadh seachad mu adhartas le leasachaidhean sna raointean ro-sgoile, bun-sgoile agus àrd-sgoile, a’ gabhail a-steach Roinn ùr Bun-sgoile Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Inbhir Theòrsa agus cur air bhog, aig Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig, mapa-lìn ùr air-loidhne airson Foghlam Gàidhlig na Comhairle.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-

i.  toirt fa-near do dh’adhartas ann a bhith a’ buileachadh Cuspair an Fhoghlaim 
    ann am Plana Gàidhlig 2012-16;
iii. aontachadh gun tèid ìre lìbhrigidh na Comhairle a thaobh Foghlam Gàidhlig a
    chur am follais;
iii. aontachadh gun cuirear fàilte air an obair chom-pàirtich a tha a’ toirt
    adhartas cudromach gu buil sna raointean tràth-bhliadhnaichean, bun-sgoile
    agus àrd-sgoile; agus
iv. aontachadh gun tèid mapa-lìn Foghlam Gàidhlig na Comhairle fhoillseachadh.

7.  Pròiseactan Maoinichte leis a’ Chomhairle ann an Com-pàirteachas le Comunn na Gàidhlig

Tha Aithisg Àir. GIG-14-13 (29kb pdf) le ceann-latha 31 Iuchar 2013 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fios as ùr do Bhuill mu obair chom-pàirteach le Comunn na Gàidhlig (CnaG) air iomairtean a tha a’ faighinn taic agus pàirt-mhaoineachadh bho Chomhairle na Gàidhealtachd, agus a’ cur fàilte air  taisbeanadh le Mgr Calum Iain MacLeòid, Stiùiriche Leasachaidh aig CnaG.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-

i.  toirt fa-near dhan taisbeanadh;
ii.  aontachadh gun leanar air adhart leis a’ chom-pàirteachas gus lìbhrigeadh
    taobh a-staigh nan trì cuspairean ann am Plana Gàidhlig 2012-16; agus
iii. aontachadh gun dèan oifigearan na Comhairle sgrùdadh air mar a
    dh’fhaodadh a’ Chomhairle greis-obrach bho Ghreis Gnìomhachais Samhraidh
    nan Oileanach a chleachdadh.

8.  Siostam Dèanadais agus Rianachd Cunnairt – Plana na Gàidhlig 

Bheir Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig taisbeanadh seachad le sealladh coitcheann den adhartas ann a bhith a’ sgrùdadh is a’ buileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, a’ cleachdadh an t-Siostaim Dèanadais is Rianachd Cunnairt (PRMS).

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn toirt fa-near dhan taisbeanadh.


9.  Pròiseactan Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig 2013-14

Tha Aithisg Àir. GIG-15-13 (38kb pdf) le ceann-latha 31 Iuchar 2013 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt sealladh coitcheann do bhuill mu na pròiseactan soirbheachail aig Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) airson 2013-14.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-

i.  toirt fa-near dha na trì pròiseactan soirbheachail GLAIF airson 2013-14;
ii. aontachadh gun dèan oifigearan ceangal le Bòrd na Gàidhlig gus pròiseactan
    soirbheachail GLAIF 13-14 uile a chomharrachadh agus gus coimhead air na
    cothroman a bhiodh ann ath-mheasadh a dhèanamh air Gaisgich
    Choimhearsnachd; agus
iii. aontachadh gum faighear aithisg dheireannach mu bhuileachadh
    phròiseactan GLAIF ann an 2014.

10.  Comann an Luchd-Ionnsachaidh Gàidhlig (CLÌ Gàidhlig)

Tha Aithisg Àir. GIG-16-13 (24kb pdf) le ceann-latha 31 Iuchar 2013 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ cur fàilte air Mgr D. I. Mac an t-Saoir, Stiùiriche CLÌ Gàidhlig, a bheir taisbeanadh do Bhuill mu dhreuchd, raon-ùghdarrais agus obair làithreach CLÌ a thaobh na Gàidhlig san Dachaigh agus ann an Coimhearsnachdan.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-

i.  beachdachadh air an taisbeanadh; agus
ii.  beachdachadh air mar a dh’fhaodadh Clì agus a’ Chomhairle obrachadh
    còmhla gus Cuspair 1 “A’ Ghàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd”
    agus Cuspair 4 “A’ Ghàidhlig san Àite-obrach” sa Phlana Ghàidhlig a
    bhuileachadh.

 11.  Mòd Nàiseanta Rìoghail – Inbhir Nis 2014

 Tha Aithisg Àir. GIG-17-13 (22kb pdf) le ceann-latha 31 Iuchar 2013 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fios as ùr do Bhuill mu adhartas agus leasachadh gu ruige seo a thaobh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a bhios a’ gabhail àite ann an Cathair-bhaile Inbhir Nis san Dàmhair 2014.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-

i.  toirt fa-near dhan chunntas as ùr agus na leasachaidhean gu ruige seo san
    ùine ron Mhòd ‘Tilleadh Dhachaigh’ ann an 2014; agus
ii.  aontachadh gun tèid ceangal dlùth a chumail suas leis a’ Chomunn
    Ghàidhealach gu h-ionadail agus gu nàiseanta.

12.  Buidheann Buileachaidh Gàidhlig na Samhna – Taisbeanadh le Stiùiriche an Dealbhaidh agus an Leasachaidh

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn toirt fa-near gun toir Stuart Black, Stiùiriche an Dealbhaidh agus an Leasachaidh, seachad taisbeanadh goirid do Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig air 14 Samhain 2013, mu chom-pàirteachas na seirbheis aige le Plana Gàidhlig 2012-16 agus mar a thathar ga chur an gnìomh.