Tha Feum Againn air Ceannard Ùr!/We Need a New Head Teacher!

Tha sinn a’ coimhead airson ceannard ùr! We are looking for a new Head Teacher.
Tha sinn a’ coimhead airson ceannard ùr! We are looking for a new Head Teacher.

Watch the appeal video here.

Gaelic Medium Pupils at Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar (Lochaber Primary School) have come out fighting in the battle to recruit a new Gaelic speaking Head Teacher.

In a filming project driven by school-based Parent Council, Comhairle nam Pàrant Loch Abar, school and nursery pupils showcase their wonderful school and its talented pupils in what they hope will be an enticing short film. The shared hope across the school community is that the film will grab the attention of a suitable candidate for the vacant Head Teacher position. In particular, they hope to spark the imagination for someone who might not previously have considered this opportunity.

Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar is situated three miles west of Fort William in the village of Caol and children from across the Lochaber area can attend the school. The school recently won the prestigious Gaelic Medium Award at this year’s Scottish Education Awards. This honour recognises schools that have developed a positive and progressive approach to Gaelic Medium Education. Amongst stiff competition nationally Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar scooped this accolade, which is no mean achievement for a school in only its fourth year since opening.

The short production, entitled “Tha Feum Againn air Ceannard Ùr!”, which translates as “We Need a New Head Teacher!” showcases the wonderful school setting, which nestles between Loch Eil, River Lochy and the Caledonian Canal, with the panoramic Nevis Range sitting in the background. Thinking of moving with a young family? Fort William, known as the Outdoor Capital of the UK, is a vibrant, growing town. The natural geography provides an impressive range of activities on the doorstep: mountain bike trails, hill walking, skiing, swimming, fishing and sailing to name but a few. There are very active local shinty, rugby and football clubs, and the town has a sports centre with a 25m swimming pool and gymnasium.

The current school roll is 106 children, with 34 children enrolled in the Sgoil-àraich (Nursery).  Speaking on behalf of Comhairle nam Pàrant Loch Abar, Chairperson Aoibhinn Lawlor said, “We know that Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar would be perfect for a dynamic, enthusiastic Head Teacher. We are looking for someone who will build on the successes of the school and has a shared interest in fostering the Gaelic language and culture, which is at the heart of the school’s ethos. If you move to Lochaber you will be rewarded with a lovely friendly school, the opportunity to be part of a wider community and a very good quality of life, in a truly spectacular part of the country. Come and visit us to see!”

On behalf of Comhairle nan Sgoilearan Loch Abar (Pupil Council), Jack, Evie, Calum Archie and Shauna shared the following, “We hope that this video gets shared to lots of possible candidates throughout the Gaelic community. This school is so important to all of us and we would love to have a Gaelic speaking Head Teacher that is passionate about being part of our wonderfully unique school community!”

Tha Feum Againn air Ceannard Ùr! @BSGLA can be viewed at this link.

Online applications are encouraged from all Gaelic-speaking qualified teachers, considering the position as Head Teacher of Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar at:

https://www.myjobscotland.gov.uk/councils/highland-council/jobs/head-teacher-primary-bun-sgoil-ghaidhlig-loch-abar-fort-william-hgh07814-166198

or for further information, please phone Highland Council’s Quality Improvement Manager (West), Don Esson on 01478 613697.

Tha Feum Againn air Ceannard Ùr!/We Need a New Head Teacher!

Tha sgoilearan Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar ag iomairt gus ceannard ùr Gàidhlig fhastadh. Ann am pròiseact film air a stiùireadh le Comhairle nam Pàrant Loch Abar, a tha stèidhichte san sgoil, tha sgoilearan na sgoile is na sgoil-àraich a’ taisbeanadh cho eireachdail ’s a tha an sgoil aca agus cho tàlantach ’s a tha a cuid sgoilearan ann am film goirid a tha iad an dòchas a bhios tarraingeach. Tha coimhearsnachd na sgoile an dòchas gun glac seo aire tagraiche freagarrach airson dreuchd Ceannard na Sgoile. Tha iad gu sònraichte airson ’s gun toir seo spionnadh do mhac-meanmna cuideigin nach biodh air smaoineachadh mun chothrom roimhe. 

Tha Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar suidhichte trì mìle an iar air a’ Ghearasdan ann am baile a’ Chaoil agus bidh clann bho air feadh sgìre Loch Abar a’ frithealadh na sgoile. Choisinn an sgoil duais chliùiteach Foghlam tron Ghàidhlig aig Duaisean Foghlaim na h-Alba am-bliadhna. Tha an t-urram seo a’ toirt aithne do sgoiltean a tha air dòigh-obrach mhath agus adhartach a leasachadh a thaobh Foghlam tron Ghàidhlig. Bha farpais mhòr ann airson na duais gu nàiseanta agus abair gun do rinn  Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar math an duais a thogail agus gun ach ceithir bliadhna bhon dh’fhosgail an sgoil.

Tha am film goirid, air a bheil “Tha Feum Againn air Ceannard Ùr!” a’ sealltainn suidheachadh eireachdail na sgoile eadar Loch Iall, Abhainn Lòchaidh agus an Canàl Cailleannach, le Raon Nibheis air a cùlaibh. A’ smaoineachadh air gluasad le teaghlach òg? Tha An Gearasdan aithnichte mar Phrìomh Bhaile a’ Bhlàir A-muigh anns an Rìoghachd Aonaichte agus ’s e baile beothail a th’ ann a tha a’ sìor fhàs. Tha an cruth-tìre nàdarrach a’ toirt cothrom airson iomadh cleas air an stairsnich: slighean baidhceadh beinne, coiseachd bheanntan, sgitheadh, snàmh, iasgach, seòladh agus iomadh rud eile. Tha clubaichean iomain, rugbaidh is ball-coise fìor ghnìomhach san sgìre agus tha ionad-spòrs sa bhaile le amar-snàimh 25m agus talla lùth-chleas.

Tha 106 leanabh air clàr na sgoile an-dràsta, le 34 leanabh clàraichte san Sgoil-àraich. A’ bruidhinn às leth Comhairle nam Pàrant Loch Abar, thuirt an Cathraiche Aoibhinn Lawlor, “Tha fios againn gum biodh Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar freagarrach dha-rìribh airson Ceannard sunndach, innleachdach. Tha sinn a’ coimhead airson cuideigin a thogas air soirbheachas na sgoile agus aig a bheil ùidh ann a bhith ag àrach cànan is cultar na Gàidhlig a tha aig cridhe na sgoile. Ma ghluaiseas sibh a Loch Abar bidh sgoil thlachdmhor is chàirdeil romhaibh, cothrom a bhith nur pàirt de choimhearsnachd nas fharsainge agus fìor dheagh dhòigh-beatha ann an ceàrn àlainn dhen dùthaich.

Nach tadhail sibh oirnn ach am faic sibh!”

Às leth Comhairle nan Sgoilearan Loch Abar, bha na leanas aig Jack, Evie, Calum Archie agus Shauna ri ràdh, “Tha sinn an dòchas gun tèid am bhidio seo a sgaoileadh gu tòrr dhaoine air feadh na coimhearsnachd Gàidhlig a dh’fhaodadh a bhith nan tagraichean. Tha an sgoil seo cho cudromach dhuinn uile agus bhiomaid air ar dòigh glan nam biodh Ceannard againn le Gàidhlig, a bhiodh toilichte a bhith nam pàirt de choimhearsnachd àraid is sgoinneil na sgoile againn!”

Chithear Tha Feum Againn air Ceannard Ùr! @ BSGLA an seo.

Faodaidh tidsearan barantaichte aig a bheil a’ Ghàidhlig, agus a tha a’ beachdachadh air dreuchd Ceannard Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar, tagraidhean a chur a-steach air-loidhne an seo:

https://www.myjobscotland.gov.uk/councils/highland-council/jobs/head-teacher-primary-bun-sgoil-ghaidhlig-loch-abar-fort-william-hgh07814-166198 no gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Mhanaidsear Leasachadh Càileachd Chomhairle na Gàidhealtachd (Siar), Don Esson: Fòn. 01478 613697.

29 Jan 2020