Naidheachdan matha airson na Gàidhlig air am moladh le Comataidh Gàidhlig na Comhairle

Tha Comhairle Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd air meal an naidheachd a chur air luchd-buannachaidh duaisean FilmG 2021. Am-bliadhna, chaidh 104 tagradh a chur a-steach chun na farpais, thairis air 17 earrann le 41 film a’ faighinn chun na geàrr-liosta. Chuir Comhairlichean meal an naidheachd air luchd-buannachaidh na Gàidhealtachd a choisinn duaisean.

Thuirt Cathraiche Chomataidh na Gàidhlig, an Comhairliche Calum Rothach: “Bu toil leam meal an naidheachd a chur air luchd-buannachaidh FilmG 2021. ’S e bliadhna dhoirbh a th’ air a bhith againn, ach tha cruthachalachd is brosnachadh air togail a thoirt dhuinn tron ghalar mhòr-sgaoilte agus tha e mar theisteanas air an luchd-eagrachaidh is air na com-pàirtichean gun deach an fharpais a lìbhrigeadh air-loidhne tron ghlasadh. Is math a rinn an luchd-eagrachaidh ann a bhith a’ cur FilmG air leth air dòigh agus is math a rinn luchd-buannachaidh na Gàidhealtachd cuideachd.”

Choisinn sgoilearan Bun-Sgoil Stafainn, Ionatan MacDhòmhnaill agus Lachlann MacLeòid, trì duaisean airson an fhilm aca ‘Thairis na Maidne’ – a tha stèidhichte air prògram naidheachdan maidne Radio nan Gàidheal (Aithris na Maidne). Choisinn iad Duais Roghainn an t-Sluaigh agus Duais Ghàidhlig FilmG airson luchd-labhairt fileanta. Choisinn Ionatan an duais cuideachd airson a’ Chluiche as Fheàrr.

Chaidh am Prògram Aithriseach as Fheàrr a chosnadh le ‘Bhon Làimh Chun a’ Bheòil’ le Eòin Cuimeanach, a tha air an t-siathamh bliadhna ann an Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd sa Phloc.

Sguab Bun-Sgoil Chnoc na Creige dà dhuais leotha, nam measg am Film as Fheàrr ann am Buidheann na h-Òigridh agus am Film as Fheàrr airson ‘Na Cèicean Blasta’ a tha stèidhichte air Nighean Bheag a’ Chòta Dheirg.

Choisinn Fionnlagh MacDhòmhnaill agus Silas Brown à Aichillidh Bhuidhe, a tha nan sgoilearan ann an Àrd-Sgoil Ullapuil, an Riochdachadh as Fheàrr airson ‘Claidheamh Cutach’.  Choisinn Nuala NicDhòmhnaill, a tha cuideachd na sgoilear ann an Àrd-Sgoil Ullapuil, duais Riochdachadh Eadar-nàiseanta airson a film ‘Aonaichte’ a bha a’ coimhead air aonaranachd is cumhachd càirdeis.

Anns an Earrainn Fhosgailte, chaidh duais Film Fòn-làimhe as Fheàrr a bhuannachadh le ‘Conntraigh’ le Tanca Aonghais; am Film as Fheàrr ‘Am Bruadar’ le Calum MacIlleathain; agus an Sgriobt as Fheàrr ‘Aiseirigh’ le Fiona J NicCoinnich a tha na tasglannaiche is na manaidsear air Taigh Chanaigh airson Urras Nàiseanta na h-Alba.

Thuirt Manaidsear Film G, Debbie NicAoidh: “Abair bliadhna a tha air a bhith againn airson filmichean Gàidhlig. A dh’aindeoin galar mòr-sgaoilte, tha luchd-dèanaidh nam filmichean againn air filmichean onarach, brosnachail is cruthachail dha-rìribh a thoirt dhuinn. Dhrùidh cruthachalachd muinntir na Gàidhealtachd oirnn gu mòr agus iad a’ cleachdadh a’ chruth-tìre mun cuairt orra airson brosnachadh a bharrachd – rud a chuidich iad gu mòr nuair a chaidh na filmichean mu choinneamh nam britheamhan.”

Chuir an Comhairliche Rothach fàilte cuideachd air obair dà phròiseact ‘Là Gàidhlig Air-loidhne’ agus ‘Co-obrachadh Cultar na Gàidhealtachd’ agus air naidheachdan matha bho Bhun-Sgoil Dhùn Bheagain agus bho Bhun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.

Thug Là Gàidhlig Air-loidhne mu Fhoghlam tron Ghàidhlig cuireadh do theaghlaichean bho air feadh na h-Alba. Thug seo cothrom seachad do theaghlaichean cluinntinn bhon Ollamh Antonella Sorace, a tha na h-Ollamh ann an Cànanachas Leasachail ann an Oilthigh Dhùn Èideann, agus bha cothrom cuideachd aig teaghlaichean ceistean a chur air Sgioba an Fhoghlaim mu Fhoghlam tron Ghàidhlig. Chaidh seo a chlàradh is a cho-roinn le sgoiltean uile airson a sgaoileadh gu coimhearsnachd nam pàrantan aca. Chaidh an tachartas a thoirt gu crìch le cèilidh teaghlaich spòrsail agus seinn le Leugh le Linda.

Tha Fèis Rois na pàirt de Cho-obrachadh Cultar na Gàidhealtachd, a tha na phrògram paidhleit airson lìonraidhean cruthachail. Tha obair chom-pàirteach Chomhairle na Gàidhealtachd le Fèis Rois a’ cur fàilte air an naidheachd gum bi neach-ealain air mhuinntireas air a ghabhail a-steach airson luchd-ionnsachaidh òga na Gàidhlig. Bidh obair an neach-ealain air mhuinntireas ag amas air obrachadh còmhla ri luchd-ionnsachaidh òga aig nach robh cothrom air a’ Ghàidhlig taobh a-muigh a’ chlas nuair a bha na sgoiltean dùinte.

Tha àrainneachd ùr Sgoil-àraich Ghàidhlig aig Bun-Sgoil Dhùn Bheagain. Tha barrachd rùim a-nis aig tidsearan is clann a tha a’ cleachdadh campas na sgoile agus ’s e àite misneachail ùr a tha seo airson eòlasan tràth-ionnsachaidh na cloinne a thoirt air adhart.

Bha dithis sgoilearan à Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis – na bràithrean Alasdair agus Ruaraidh MacLeòid – nam masgotan o chionn ghoirid airson Club Ball-coise Caledonian Thistle Inbhir Nis agus leugh iad duilleag na sgioba a-mach sa Ghàidhlig.

Good news for Gaelic commended by Council committee

Highland Council’s Gaelic Committee has congratulated the Highland winners of the 2021 FilmG awards. This year’s competition received a record 104 entries, across 17 categories with a total of 41 films shortlisted. Councillors commended the Highland winners who received awards.

Chair of the Gaelic Committee, Cllr Calum Munro said: “I would like to congratulate the Highland winners of FilmG 2021. During what has been a very difficult year, creativity and inspiration shone through the pandemic and it was a testament to the organisers and participants that the competition was delivered virtually this year during lockdown. Well done to the organisers for a fantastic FilmG and to the Highland winners.”

Staffin Primary Pupils Jonathan MacDonald and Lachlann MacLeod won 3 awards for their film ‘Thairis na Maidne’ - a take on the morning news programme on Radio Nan Gaidheal (Aithris Na Maidne). They won the People's Choice Award and the FilmG Gaelic award for fluent speakers. Jonathan also won the award for Best Performance.

Best Documentary ‘Bhon Làimh Chun a’ Bheòil’ was won by Eoin Cuimeanach, a sixth-year pupil at Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd in Plockton.

Craighill Primary School in Tain scooped two awards including Best Youth Group Film and Best Film for their ‘Na Cèicean Blasta’ - a take on Little Red Riding Hood.

Ullapool High School pupils Finlay MacDonald and Silas Brown from Achiltibuie were awarded the Best Production category for ‘Claidheamh Cutach’.   Also a pupil at Ullapool High School, Nuala MacDonald won the International Representative category for her film ‘Aonaichte’ which looked at loneliness and the power of friendship. 

In the Open Category the Best Mobile Short award was awarded to ‘Conntraigh’ by Tanca Aonghais. Best Film ‘Am Bruadar’ by Calum Maclean; and Best Script ‘Aiseirigh’ by Fiona J NicCoinnich, archivist and manager of Canna House for the National Trust for Scotland.

FilmG Manager, Debbie Mackay said: “What a year it’s been for Gaelic film making. Despite the global pandemic, our filmmakers succeeded in creating honest, inspiring, and truly creative films. We were impressed with the creativity of our highland filmmakers who used the landscape around them for additional inspiration, and this creativity served them well through the judging.”

Councillor Munro also welcomed the work of two projects ‘La Gàidhlig air Loidhne’ and the ‘Highland Culture Collective’ and good news from Dunvegan Primary and Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.

La Gàidhlig air Loidhne – Gaelic Information online session about Gaelic Medium Education shared an invite with families across Scotland. This provided an opportunity for families to hear from Professor Antonella Sorace, Professor of Developmental Linguistics at the University of Edinburgh and ask our Education Team questions about Gaelic Medium Education. This was recorded and shared with all schools to share with their parent communities. The event was concluded with a family fun ceilidh and sing along with Leugh le Linda.

Fèis Rois is part of the Highland Culture Collective, a pilot programme for creative networks.  Highland Council’s partnership working with Fèis Rois welcomes the news that an artist in residence will be included for Highland’s young learners in Gaelic.  The artist in resident’s work will focus on young learners whose access to Gaelic beyond the classroom was impacted by school closures.

Dunvegan Primary is now enjoying their new Gaelic Sgoil-àraich environment at the school. Teachers and children are using the school campus with access to more space which is an exciting new place for the children’s early years learning experiences. 

Two pupils at Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis - brothers Alasdair and Ruaraidh Macleod were recently mascots for Inverness Caledonian Thistle Football Club and read out the team sheet in Gaelic. 

18 May 2021