Comhairle na Gàidhealtachd a’ cur taic ri tilleadh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a dh’Inbhir Nis agus chun na Gàidhealtachd am-bliadhna

Tha Comataidh Ghoireasan Chomhairle na Gàidhealtachd air tasgadh aon turais de suas ri £80,000 aontachadh airson taic a chur ri tilleadh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail gu Baile Inbhir Nis agus chun na Gàidhealtachd am-bliadhna.

Bhathar an dùil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an Inbhir Nis ann an 2020, ach air sàillibh chuingealachaidhean COVID, b’ fheudar an fhèis a chumail air-loidhne.

Seach nach deach Mòd Inbhir Nis air adhart na chruth traidiseanta an-uiridh, tha An Comunn Gàidhealach air moladh gun tèid an clàr-ama atharrachadh agus gun tèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an Inbhir Nis am-bliadhna agus ann am Peairt ann an 2022. Bhathar an toiseach an dùil am Mòd a chumail ann am Peairt ann an 2021.

Tha An Comunn Gàidhealach air miann làidir a nochdadh airson tilleadh a dh’Inbhir Nis as t-fhoghar, an àite fuireach gu 2024 nuair a bhiodh an t-àm ann dhan fhèis a bhith sa Ghàidhealtachd a-rithist.

Tha Comhairle Pheairt is Chinn Rois air gabhail ri dàil san tachartas aca, a bhathar an dùil a chumail ann am Peairt am-bliadhna.

’S e modail measgaichte a bhios ann am Mòd 2021, a’ cleachdadh dhòighean-obrach traidiseanta is air-loidhne, fhad ’s a thathar fhathast a’ lìbhrigeadh nam buannachdan eaconamach is sòisealta do Bhaile Inbhir Nis agus dhan Ghàidhealtachd.

Bidh na tachartasan corporra sa phrògram a’ frithealadh luchd-èisteachd beò aig ìrean cuingealaichte a thèid am meud ma bhios bacaidhean COVID air an togail.

Bheir maoineachadh bho Chomhairle na Gàidhealtachd cothrom dhan tachartas a dhol air adhart ann an Inbhir Nis am-bliadhna, fhad ’s a thathar a’ cur taic ri leasachadh eaconamach agus ceangalan sòisealta is cultarail aig àm nuair a thathar a’ faighinn seachad air buaidhean COVID.

Thuirt Cathraiche Chomataidh nan Goireasan, an Comhairliche Jimmy Gray: “Seach gum b’ fheudar Mòd Inbhir Nis a chur dheth an-uiridh air sàillibh galar COVID, tha Comhairle na Gàidhealtachd air leth toilichte taic a chur ri tilleadh a’ Mhòid a dh’Inbhir Nis agus chun na Gàidhealtachd am-bliadhna.

“’S e co-ghàirdeachas cudromach a th’ ann de chànan, de cheòl is de chultar na Gàidhlig fhad ’s a thathar cuideachd a’ taisbeanadh Baile Inbhir Nis agus a’ Ghàidhealtachd.”

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Chomataidh na Gàidhlig, “Tha mi fìor thoilichte dearbhadh gum bi Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 a’ dol air adhart ann am Prìomh Bhaile na Gàidhealtachd agus tha taic Chomhairle na Gàidhealtachd riatanach a thaobh soirbheachas an tachartais. Tha na tha am Mòd a’ tabhann a thaobh cànan, cultar is cùisean eaconamach cudromach do dh’Inbhir Nis agus dhan sgìre mun cuairt, gu h-àraid às dèidh COVID. Tha sinn a’ cumail ri stiùiridhean an Riaghaltais a thaobh a’ ghalair mhòr-sgaoilte agus mar sin bidh am Mòd a’ dol air adhart an dà chuid ann an cruth air-loidhne agus aghaidh ri aghaidh. ’S e àrd-ùrlar air leth a bhios sa Mhòd airson cothrom a thoirt do dhaoine de gach aois com-pàirt a ghabhail ann an tachartasan, co-dhiù is ann air-loidhne no san dòigh thraidiseanta.”

Lean e air adhart, “Tha mi airson taing a thoirt dhan Chomunn Ghàidhealach, dhan Chomataidh Ionadail agus do na com-pàirtichean uile oir ’s e àm dùbhlanach a th’ ann do bhuidhnean a tha a’ feuchainn ri prìomh thachartasan cultarail àrd-inbhe a chur air dòigh. Às leth Chomhairle na Gàidhealtachd, bu mhath leam gach soirbheachas a ghuidhe dhan Chomunn Ghàidhealach.”

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ comharrachadh cànan, cultar is spiorad àraid nan Gàidheal, a’ cur air adhart àite is luach na Gàidhlig ann an Alba an latha an-diugh agus a’ taisbeanadh na Gàidhlig am measg luchd-cleachdaidh is luchd-taic a’ chànain. Tha am Mòd gu sònraichte iomchaidh do ghinealaichean ùra de Ghàidheil òga mhisneachail a tha a’ tighinn am bàrr à sgoiltean is oilthighean, agus a tha nam pàirt cho riatanach de dh’àm ri teachd na Gàidhlig.

-crìoch-

 

The Highland Council supports the return of the Royal National Mòd to Inverness and the Highlands this year

The Highland Council’s Resources Committee has agreed to a one-off investment of up to £80,000 to support the return of the Royal National Mòd to the City of Inverness and the Highlands this year.

The Royal National Mòd was due to be held in Inverness in 2020, but due to the restrictions imposed by COVID, the festival was held online.

As the Inverness Mòd did not take place in its traditional form last year, An Comunn Gàidhealach has proposed altering the schedule to host the Royal National Mòd in Inverness this year and in Perth in 2022.  Perth was the original scheduled location for 2021.

An Comunn Gàidhealach has indicated a strong desire to return to Inverness this coming Autumn, rather than wait until 2024, which is the next time that the festival is due to come back to the Highlands.

Perth and Kinross Council has accepted a postponement of their event, due to take place this year in Perth.

The Inverness Mòd 2021 will be a hybrid event model using a mix of traditional and virtual approaches whilst still providing economic and social benefits for the City of Inverness and the Highlands.

The proposed physical events within the programme will cater for anticipated limited live audience capacities, which would increase should there be an easing of COVID restrictions.

The funding from The Highland Council will enable the event to proceed in Inverness this year whilst supporting economic development and social and cultural interaction to recover from the impacts of COVID.

Chair of the Resources Committee, Cllr Jimmy Gray said: “With the Inverness Mòd falling victim to the COVID pandemic last year, The Highland Council are delighted to support the return of the Mòd to Inverness and the Highlands this year.

“It is an important celebration of the Gaelic language, music and culture whilst showcasing the City of Inverness and the Highlands.”

Councillor Calum Munro, Chair of the Gaelic Committee said, “I’m delighted to confirm that the 2021 Royal National Mòd will take place in the Capital of the Highlands and the support of the Highland Council is crucial to its success. The linguistic, cultural and economic input of the Mòd is important to the Inverness and surrounding area particularly during the pandemic.  We are adhering to the Government guidelines in relation to the pandemic, therefore the Mòd will continue to develop both in a virtual and face to face format.  The Mòd will be a great platform for people of all ages to participate in events whether online or in the traditional manner.

He continued, “I wish to take this opportunity to thank An Comunn Gàidhealach, the Local Committee and all the participants as it is a challenging time for organisations who are striving to organise quality key cultural events during these unprecedented times. On behalf of the Highland Council I wish An Comunn Gàidhealach every success.”

The Royal National Mòd celebrates the unique language, culture and spirit of the Gaels, promoting its relevance and value in modern Scotland and is a showcase and focal point for all Gaelic users and supporters, and it is particularly relevant to new generations of confident young Gaels emerging from schools and universities, and who are the lifeblood and future of the Gaelic language.

-ends-

26 May 2021