Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 ann an Inbhir Nis gu bhith a’ toirt aoigheachd do cho-fharpaisean cliùiteach nam bonn

Issued by An Comunn Gàidhealach

Tha An Comunn Gàidhealach air clàran-eagair fhoillseachadh airson Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa, a bhios a’ dol air adhart ann an cruth air loidhne agus ann an da-rìreabh gu ìre, eadar an 8mh chun an 16mh den Dàmhair. Bheir an clàr-eagair air loidhne, a tha glè choltach ri Mòd air loidhne 2020, cothrom do dhaoine pàirt a ghabhail ann an cruth bhideo. Thathas air farsaingeachd a bharrachd de dh’aoisean agus farpaisean a chur ri Mòd air loidhne na bliadhna-sa ann an oidhirp toirt air na h-uimhir de dhaoine ‘s a ghabhas pàirt a ghabhail.

Bidh grunn fharpaisean seinn aon-neach air an cumail aghaidh ri aghaidh, ann an Eden Court. Nam measg Bonn Òr a’ Chomuinn, Bonn Òr an t-Seann Nòis agus an Aigeallan Airgead. Thèid beagan de phrìomh fharpaisean na cloinne a chumail cuideachd - nam measg buinn Sheumais C Mhic a’ Phì, Buinn airgead a’ Chomuinn agus farpaisean seann nòs.

Tha na clàran-eagair rim faotainn air an làrach-lìn againn, www.ancomunn.co.uk

Bidh cuirmean cuideachd nam pàirt de Mhòd na bliadhna-sa, a’ taisbeanadh cuid den luchd-ciùil as aithnichte ‘s a tha ann an ceòl traidiseanta air a’ Ghàidhealtachd. Bidh am fìdhlear ainmeal Lauren NicColla, a’ taisbeanadh ceòl a rinneadh a dh’aona-ghnothaich airson Bliadhna nan Costaichean is Uisgeachan na h-Alba. Chaidh seo a chur dheth an uiridh mar thoireadh air Covid. Bidh cuirm shònraichte ‘Ar Cànan ‘s ar Ceòl’ a’ toirt sealladh air an uimhir de thàlant ‘s a tha air a’ Ghàidhealtachd. Mar fhreagairt air dùbhlain a’ chòrona-bhìoras a thaobh bacaidhean air àireamhan luchd-amharc, thathas an dòchas na cuirmean seo a chraoladh air loidhne cuideachd gus am faigh daoine air feadh an t-saoghail cothrom a bhith anns an èisteachd.

Ged nach bi farpaisean nan còisirean ann am bliadhna, ri linn ‘s nach eil iad a’ faighinn a’  chothrom tighinn còmhla mar as àbhaist, tha An Comunn Gàidhealach a’ cumail conaltradh riutha tro mheadhain Comunn nan Còisir. Thathas ag obair air ciamar a ghabhas cuirm beò a chumail ann an Inbhir Nis a bhios a’comharrachadh seinn agus ceòl nan còisir. Tha planaichean airson seo aig ìre thràth agus tha còmhraidhean a’ leantainn.

Thuirt Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich Seumas Greumach, “Tha sinn mothachail air na dùbhlain a tha fhathast mu ar coinneamh a thaobh a’ choròna-bhìoras, ach tha sinn beò an dòchas gum faigh farpaisich agus luchd-amharc cothrom air farpaisean agus cuirmean aghaidh ri aghaidh ann an Inbhir Nis am bliadhna, a dh’ aindeoin nach ann sa chruth àbhaisteach a thachras sin. Tha e na thlachd gu bheil sinn air chomas cruth Mòd air-loidhne a chumail, gus cothrom a thoirt do dhaoine air feadh an t-saoghail pàirt a ghabhail.

Tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth le ar co-obraichean aig Eden Court a thaobh cruth nam farpais agus nan cuirm. Tha sinn a’ dèanamh fiughar ri dearbhadh de ghabhas dèanamh am bliadhna ann an Inbhir Nis. Tha sinn cuideachd gu mòr an comain ar luchd-maoineachaidh agus ar buidhnean taic. Bu mhath leinn taing a thoirt do cheannardan agus oifigearan Chomhairle na Gàidhealtachd airson taic a thoirt dhuinn agus airson fàilte a thoirt don Mhòid Nàiseanta Rìoghail a dh’ Inbhir Nis.

Thuirt Calum Rothach, Cathraiche Comtataidh na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, “Tha mi toilichte dha-rìribh gun tèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann am prìomh-bhaile na Gàidhealtachd ‘s bidh taic Comhairle na Gàidhealtachd  deatamach ann a bhith ga dhèanamh soribheachail. Tha buaidh chànanch, chultaral agus eaconomach a’ Mhòid cudromach do bhaile Inbhir Nis agus sgìre na Gàidhealtachd, gu seach àraid aig an am seo.

Bidh sinn a’cumail ri riaghailtean agus comhairle oifigeil a tha a’bunntainn ri Covid, mar sin, thèid am Mòd air adhart ann an cruth digiteach agus ann an dà-rìribh.

‘S e cothrom math a th’ann do dhaoine pàirt a ghabhail anns an tachartas an darna cuid air loidhne neo ann an Inbhir Nis fhèin.

Tha An Comunn Gàidhealach a’ leanntainn air adhart leis a’mhodal seo ri linn Covid ‘s bithear a’toirt cothrom do luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail coimhead air tachartasan agus pàirt a ghabhail ann am Mòd na bliadhna sa.

Bu mhath leam cuideachd dèanamh soilleir gum faigh Inbhir Nis agus sgìre na Gàidhealtachd deagh fhoillseachadh air feadh an t-saoghail le luchd-èisteachd is luchd-amharc a’coimhead air a’ Mhòd, a’sanasachd na sgìre mar “dachaigh” airson na Gàidhlig agus an cultar.

Bu mhath leam taing a thoirt don Chomunn Ghàidhealach, do Bhuidhean-Eagrachaidh a’Mhòid agus do na com-pàirtichean air fad. ‘S e àm gu math dùbhlannach a th’ann an-dràsta do bhuidhnean tachartais a tha a’ feuchainn ri tachartasan culturach a chur air adhart. Mar sin, tha mi a’guidhe gach soribheas don Chomunn Ghàidhealach le Mòd na bliadhna sa.”

’S i An Comunn Gàidhealach aon de na Prìomh Buidhnean Lìbhrigidh aig Bòrd na Gàidhlig agus thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard na buidhne:

“Tha sinn a’ cur fàilte air an naidheachd gun tèid cuid de na farpaisean air adhart am-bliadhna ann an Inbhir Nis is gum bi an cothrom aig coimhearsnachd na Gàidhlig a thighinn còmhla uair eile.  Tha a’ bhuidheann air a bhith a’ dèiligeadh le suidheachadh Covid gu proifeasanta is iomchaidh agus tha sinn a’ moladh a’ Chomuinn airson an cuid saothair thairis air a’ bhliadhna dhuilich a dh’fhalbh.”

Thèid làn phrògram de thachartasan fhoillseachadh nuair a thèid cùisean a dhearbhadh gu h-iomlan agus gu bheil planaichean air tighinn gu ceann.

Royal National Mòd 2021 in Inverness to host prestigious medal competitions

An Comunn Gaidhealach have published competition syllabuses for The Royal National Mòd 2021 which will take place in a hybrid format this year from 8th to 16th October 2021. The online syllabus, similar to the one used for the online Mòd last year, will give people the opportunity to take part in this year’s Mòd by submitting videos of their performances. Age ranges and disciplines in the online syllabus have been extended this year to encourage as many participants as possible.

A number of solo singing competitions, including the An Comunn Gàidhealach Gold Medal, The Mary Lamont Traditional Gold Medal and the An Comunn Gàidhealach Silver Pendant will be held at Eden Court as well as a selected, limited number of premier junior competitions. These include the James C MacPhee Memorial Medals as well as the An Comunn Gàidhealach Silver Pendant and Traditional Medals.

Information on both the online and Eden Court syllabuses can be found at: www.ancomunn.co.uk

Mòd 2021 in Inverness will also feature premier concerts showcasing some of the leading names in traditional Gaelic music. Acclaimed Highland-based musician Lauren MacColl will perform specially commissioned music as part of The Year of Coast and Waters themed year celebration which has been rolled over to 2021 due to the pandemic. It is anticipated also that a special concert, Ar Cànan ‘s ar Ceòl will showcase the depth of musical talent in the Highlands. As a response to any on-going restrictions on audience capacities, it is hoped that many of these events will be streamed online for audiences to enjoy across the globe.

Although there will be no customary choral competitions this year due to choirs having been unable to come together to practise and prepare in the normal manner, An Comunn Gàidhealach are liaising with choirs, through The Association of Gaelic Choirs, as to how best to deliver a live event in Inverness which will celebrate Gaelic choral singing. Plans for this are at an early stage and with discussions ongoing.

An Comunn Gàidhealach Chief Executive, James Graham, said, “We appreciate the challenging circumstances we still find ourselves in, but we are extremely hopeful that competitors and audiences will be able to enjoy a live experience in Inverness this year, albeit different from the conventional format. We are pleased to be able to retain and capitalise on the benefits of the online aspect of the Virtual Mòd as it gives people across the world the opportunity to take part in the event.

We have been working very closely with our colleagues at Eden Court to plan the live element to this year’s event and we are excited to explore possibilities for this year’s event in Inverness. We are also extremely grateful to all our funders and wish to thank the leaders and officers at The Highland Council for their support to us in welcoming the Royal National Mòd back to the Highlands this year.”

Councillor Calum Munro, Chair of the Gaelic Committee said, “I’m delighted to confirm that the 2021 Royal National Mòd will take place in the Capital of the Highlands and the support of the Highland Council is crucial to its success. The linguistic, cultural, and economic input of the Mòd is important to the Inverness and surrounding area particularly during the pandemic.

We are adhering to the Government guidelines in relation to the pandemic, therefore the Mòd will continue to develop both in a virtual and face to face format.

The Mòd will be a great platform for people of all ages to participate in events whether online or in the traditional manner.

Due to the pandemic An Comunn Gàidealach are developing a hybrid Mòd and Fringe events some of which will be held virtually online this allows for world-wide audiences to both view and participate in the events.

I also wish to highlight that images of the Capital of the Highlands and surrounding areas will be viewed across the globe due to online broadcasting and social media platforms, therefore promoting and marketing the area as a ‘home’ for Gaelic and its associated culture.”

He continued, “I wish to take this opportunity to thank An Comunn Gàidhealach, the Local Committee and all the participants as it is a challenging time for organisations who are striving to organise quality key cultural events during these unprecedented times. On behalf of the Highland Council, I wish An Comunn Gàidhealach every success.”    

Shona MacLennan, Head of Bòrd na Gàidhlig said, “An Comunn are one of Bòrd na Gàidhlig’s main delivery partners and we welcome the news that some competitions will go ahead this year in Inverness and that there’ll be an opportunity for the Gaelic community a come together again. The organisation has dealt with the challenge Covid professionally and competently and we commend An Comunn for their work in the past year.

An Comunn Gàidhealach will publish a full programme of events for this year’s Mòd when more details are confirmed, and planning has progressed.

31 May 2021