Fèis na h-Òige cruinn còmhla a-rithist

Fèisean nan Gàidheal activities
Fèisean nan Gàidheal activities

Issued by Fèisean nan Gàidheal

Thàinig òigridh, oidean is luchd-taic Fèis na h-Òige cruinn còmhla a-rithist an t-seachdain seo chaidh (5mh gu 9mh Iuchar) airson a’ chiad turas ann an cha mhòr dà bhliadhna, mar phàirt de thachartas Chomhairle na Gàidhealtachd Samhradh an Dòchais.

Ghabh 30 òganach pàirt ann am bùithtean-obrach ciùil, ealain is spòrs ann an Gàidhlig tron t-seachdain aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis (BSGI) cuide ri oidean ionadail.

Thuirt ionmhasair na Fèise, Kirsteen Russell: “Tha Fèis na h-Òige air a dòigh a bhith ag obair cuide ri Comhairle na Gàidhealtachd le meanbh-Fhèis a chur air dòigh tro phrògram Samhradh an Dòchais. Tha e air còrdadh glan ris a’ chloinn a th’ air a bhith aig an Fhèis cheana a bhith cruinn còmhla a-rithist agus tha e air còrdadh ris an òigridh a tha ùr don Fhèis. ‘S e deagh chothrom a th’ ann dhaibhsan blasad den Fhèis fhaighinn agus dhuinne a bhith a’ cur Fèisean air dòigh a-rithist”.

Thuirt Cathraiche Comataidh an Fhoghlaim, an Comhairliche Iain Fionnlastan:  “Tha luchd-obrach na Comhairle air a bhith ag obair le Com-pàirtichean air a’ Ghàidhealtachd airson prògram de thachartasan spòrsail a chur air dòigh do chlann is òigridh agus tha am prògram Samhradh an Dòchais a-nise air bhonn. Mholainn do theaghlaichean air a’ Ghàidhealtachd sùil a thoirt air na bhios a’ dol anns an sgìre agus cothrom a ghabhail air na seiseanan sna seachdainean ri thighinn. ‘S e àm a th’ anns an t-samhradh a bhith ri plòigh agus a’ coimhead air aghaidh, tha sinn an dòchas, ri teirm-sgoile far nach bi an uidhir de bhacaidhean ann”.

Thèid an ath shreath de bhùithtean-obrach a chumail eadar 2mh agus 6mh den Lùnastal agus bidh iad fosgailte do chlann a bhios a’ dol gu BSGI. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh agus foirm clàraidh bho Dholina Ghrannd air Dolina.Grant@highland.gov.uk neo 07884 308751.

Youth arts festival returns to in-person activities

Volunteers of Inverness-based Gaelic community arts festival, Fèis na h-Òige, were overjoyed at being able to hold their first in-person event in nearly two years last week (5th-9th July) as part of the Highland Council led Summer of Hope.

Fèis na h-Òige, meaning Festival of the Youth, held a series workshops through the medium of Gaelic in music, arts and crafts and sport for thirty children at Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis (BSGI).

Fèis Treasurer, Kirsteen Russell, said: “Fèis na h-Òige is absolutely delighted to work in conjunction with Highland Council through the Summer of Hope initiative and provide a mini-Fèis. The children have really liked being back together and we have lots of new youngsters who have never been before who have enjoyed the week. This is a great opportunity to ease them into the Fèis and ease ourselves back into it”.

Chair of The Highland Council’s Education Committee, Cllr John Finlayson, said: “Council staff have been working with Partners across Highland to create and deliver a programme of fun activities for our children and young people and the Summer of Hope programme is now underway. I would encourage Highland families to take a look at what is on offer in their area and take advantage of the fantastic sessions and events coming to so many communities over the next few weeks. This summer is a time to have fun, to recharge batteries, and to look ahead to hopefully, a less disrupted school session from August”.

The next workshops will be from 2nd - 6th August and are to open to children who attend BSGI. For more information and booking, please contact Dolina Grant on Dolina.Grant@highland.gov.uk or 07884 308751.

13 Jul 2021