Taisbeanadh Gàidhlig aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2021 ann an Inbhir Nis

Prògram slàn de fharpaisean is ghnìomhaidhean air-loidhne agus gu pearsanta air fhoillseachadh

https://online.flippingbook.com/view/792528110/

Tha comharrachadh tarraingeach agus brosnachail air a’ Ghàidhlig ga ghealltainn as t-fhoghar aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2021 ann am baile-mòr Inbhir Nis.

Bheir an tachartas fad ochd làithean sealladh beag air àbhaisteachd a’ tilleadh, agus luchd-eagrachaidh an t-subhachais ainmeil seo a’ foillseachadh prògram anns am bi sreath de fharpaisean is chuirmean-ciùil, an dà chuid gu pearsanta agus air-loidhne.

Bidh tachartas na bliadhna seo a’ co-mheasgachadh fharpaisean is chuirmean-ciùil aghaidh-ri-aghaidh le clàr lìonmhor de ghnìomhaidhean air-loidhne a bhios air an craobh-sgaoileadh fad na seachdaine. Thèid barrachd fiosrachaidh mun t-susbaint sruthaidh air-loidhne ainmeachadh sna seachdainean a tha ri teachd.

Air a stèidheachadh ann an 1891, bidh fèis na bliadhna seo a’ gabhail àite bho 8 - 16 Dàmhair 2021 ann an ionad aoigheachd Chùirt an Easbaig – a’ chiad tachartas a’ gabhail àite a-staigh san ionad sin bho 2020.

Bidh na prìomh fharpaisean, a’ gabhail a-steach farpais chrìochnachaidh Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich air Diciadain 13 Dàmhair agus farpais chrìochnachaidh Bonn Òir an t-Seann Nòis air Diardaoin 14 Dàmhair, nam pàirt de na h-imeachdan air an lìbhrigeadh gu pearsanta, còmhla ri prìomh fharpaisean na h-òigridh. An àite farpaisean ainmeil nan còisirean, mar thoradh air nach robh e comasach dhaibh a bhith a’ tighinn còmhla, thèid comharrachadh sònraichte air seinn chòisirean ann an Gàidhlig a chumail.

Taobh ri taobh leis na farpaisean, thathar an dùil grunn tachartsan beò a chur air adhart mar phàirt den eileamaid chorporra de shubhachas na bliadhna seo, a’ gabhail a-steach cuirm fosglaidh bheòthail air Dihaoine 8 Dàmhair sam bi ceòl bhon chòmhlan ùr Staran, còmhla ri Còmhlan Cèilidh Ghleann Fhionnain agus an seinneadair Gàidhlig ainmeil, Maighread Stiùbhart.

Air ainmeachadh mar “fuaim ùr na h-Alba thraidiseanta”, bidh Donnchadh Siosalach na stiùir air sreath de rionnagan ciùil air Disathairne 9 Dàmhair. Air an àrd-ùrlar bidh Mairearad Green, Seumas Donnchadh MacCoinnich agus Còmhlan Taighe Ar Cànan ’s Ar Cèol, ri taobh cuid den luchd-ciùil òga as tàlantaiche a tha a’ tighinn am bàrr air a’ Ghàidhealtachd, ’s iad a’ comharrachadh dualchas ciùil beòthail is soirbheachail na Gàidhealtachd.

Bidh am fìdhlear Lauren NicCholla a’ taisbeanadh pìos obrach air ùr-choimiseanadh, air a bhrosnachadh le tachartasan is sgeulachdan bhon chosta timcheall Linne Mhoireibh, a’ rannsachadh thachartasan fìor co-cheangailte ri muir, oirthir, coimhearsnachd is call. Còmhla ri Lauren air Dimàirt 12 Dàmhair bidh Mairearad Green, Anna Massie agus Raonaid Newton.

Ann an co-rèir ri stiùiridhean an riaghaltais, bidh na h-àireamhan cuibhrichte aig tachartasan corporra a tha air am planadh; ach ma thèid cuibhreachaidhean a lasachadh, feuchaidh an luchd-eagrachaidh ris na h-àireamhan a mheudachadh far an gabh sin a dhèanamh.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn air leth toilichte gun tèid againn air na nithean as fheàrr a ghabhas a thabhann ann an cultar na Gàidhlig, a thaisbeanadh aig Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo. Tha a’ bhliadhna a dh’fhalbh air a bhith dùbhlanach ach tha comas air cuid de dh’eileamaidean a’ Mhòid a thoirt air ais ann an dòigh thar-chinealach, na spionnadh mòr don tachartas agus don choimhearsnachd de fharpaisich, luchd-gnìomhaidh agus luchd-leantainn.  

“Is e nì drùidhteach a bhios ann a’ cluinntinn gnìomhadh beò a’ seirm a-mach à Cùirt an Easbaig aon uair eile, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air daoine à Inbhir Nis agus bho air feadh Alba a thighinn agus tlachd a ghabhail còmhla à ceòl agus òrain Ghàidhlig. Bheir an eileamaid air-loidhne de phrògram na bliadhna seo cead dhuinn luchd-èisteachd a ruighinn air feadh an t-saoghail agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri cànan, cultar agus spiorad nan Gàidheal a chomharrachadh leis na mìltean air feadh na cruinne.”

Thuirt An Comhairliche, Calum Rothach, “Tha sinn air ar dòigh gu bheil am Mòd gu bhith a’ tachairt ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd agus san sgìre mun cuairt. Mar a tha fios againn uile, mar thoradh air a’ ghalar-sgaoilte bha e agus tha e fhathast dùbhlanach a bhith ag eagrachadh a leithid sin de thachartasan, ach tha An Comunn Gàidhealach a’ cumail air adhart ann an dòigh ùr-ghnàthach a’ leasachadh cothlamadh de fharpaisean is thachartasan tar-chinealach, a tha ann an co-rèir ri riaghailtean COVID-19.

“Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail mar aon de na fèisean Gàidhlig is cultair as cudromaiche ann an Alba, mar sin tha e iomchaidh gun gabh e àite ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd far a bheil mòran ionadan-cruinneachaidh, a’ gabhail a-steach Cùirt an Easbaig far am bi a’ mhòr-chuid de thachartasan a’ dol air adhart, agus tha e fìor fhreagarrach airson aoigheachd a thoirt do cho-mheasgachadh de phrìomh thachartasan do dhaoine de gach aois.

“Tha mi a’ coimhead air adhart ri tachartasan a choimhead air-loidhne agus ris na tachartasan aig an t-subhachas mhòr seo a fhrithealadh fad naoi latha, a’ comharrachadh ar cànan is ar cultar saidhbhir gan taisbeanadh air feadh an t-saoghail.”

Thuirt An Leas-Phròbhaist, An Comhairliche Bet NicAlasdair, “Tha mi dha-rìribh a’ coimhead air adhart ris a’ Mhòd a’ tilleadh a dh’Inbhir Nis, bha e an seo mu dheireadh ann an 2014 agus chruthaich e beòthalachd gu leòr sa bhaile. Bha cumail air an tachartais àrd-ìomhaigheil seo ann an Inbhir Nis dha-rìribh cudromach don choimhearsnachd gnothachais sa bhaile. Ach, tha sinn a’ tuigsinn gum bi Mòd 2021 eadar-dhealaichte mar thoradh air a’ ghalar-sgaoilte agus na cuingealachaidhean làithreach, ach bidh am modh-obrach co-mheasgaichte tarraingeach do luchd-amhairc bho cheàrnaidhean agus dhùthchannan eile. Tha mi airson an cothrom seo a ghabhail gu fàilte a chur air na com-pàirtichean chun a’ bhaile agus a’ guidhe gach soirbheachadh dhaibh.”

Thuirt Pòl Bush OBE, Stiùiriche Thachartasan VisitScotland, “Tha mi air leth toilichte a bhith a’ faicinn Mòd na bliadhna seo a’ tilleadh a dh’Inbhir Nis san Dàmhair le taic bho Bhliadhna Chostaichean is Uisgeachan 20/21 agus Maoin Ath-shlànachaidh Thachartasan na h-Alba, a’ dèanamh an tabhartais freagarrach do thachartas tar-chinealach agus a’ leantainn air adhart a’ riochdachadh cultar na Gàidhlig agus na h-Alba air àrd-ùrlar na cruinne.”

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig, “Tha sinn dha-rìribh toilichte a bhith comasach air ar taic don Mhòd Nàiseanta Rìoghail a chumail a’ dol. Bidh cuid de na prìomh fharpaisean gan cumail ann an Inbhir Nis na spionnadh mòr don choimhearsnachd Ghàidhlig, agus nì na tachartasan air-loidhne cinnteach gun urrainn cànan is cultar na Gàidhlig a bhith na thlachd do dhaoine air feadh an t-saoghail.

“Bu mhath leinn meal-a-naidheachd a chur air a’ Chomunn Ghàidhealach agus air buidhnean Gàidhlig eile a tha air a bhith ag obair cruaidh thar nan 18 mìosan mu dheireadh, gus a dhèanamh cinnteach gum faigh mòran daoine buannachd fhathast à èisteachd ri agus com-pàirteachadh ann an cultar na Gàidhlig a dh’aindeoin gach cruadal ris a bheilear a’ cothachadh, agus a bhith nam pàirt de choimhearsnachd chruinneil stèidhichte air cànan na Gàidhlig.”

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, HIE, Caledonian MacBrayne, Maoin Mathas Coitcheann Inbhir Nis agus SQA.

Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a’ ruith bho Dihaoine 8 - 16 Dàmhair 2021.  Faic am prògram slàn a-nis aig www.ancomunn.co.uk. Tha tiogaidean rim faotainn bho oifis Chùirt an Easbaig www.eden-court.co.uk.

Gaelic showcase at The Royal National Mòd 2021 in Inverness

Full programme of in-person and online competitions and performances unveiled

https://online.flippingbook.com/view/792528110/

An exciting and inspirational celebration of Gaelic language and music is promised at The Royal National Mòd 2021 in the city of Inverness this autumn.

The eight-day event will hint at a return to normality as organisers of the prestigious celebration unveil a programme that will include a suite of in-person competitions and concerts.

2021’s hybrid approach will combine face-to-face competitions and concerts as well as a rich schedule of online performances to be broadcast throughout the week. More details on the online streaming content will be announced in the coming weeks.   

Founded in 1891, this year’s festival will take place from 8 - 16 October 2021 from the host venue of Eden Court Theatre - in what will be the first indoor shows at the venue since 2020.

Major competitions, including the An Comunn Gàidhealach Gold Medal final on Wednesday 13 October and the Traditional Gold Medal final on Thursday 14 October, will be part of the proposed in-person proceedings, together with key junior contests. In place of the famous choir contests, as a result of choirs not being able to practice together, there will instead be a celebration of Gaelic choral singing.

Alongside the competitions, several live shows are expected to be part of the physical element of this year’s celebration including a lively opening concert on Friday 8th October featuring music from new outfit Staran, the famous Glenfinnan Ceilidh Band and the legendary Gaelic singer Margaret Stewart.

Dubbed “the new sound of a traditional Scotland”, Duncan Chisholm leads an all-star line-up on Saturday 9 October. Taking to the stage with Mairearad Green, James Duncan Mackenzie and the Ar Cànan’s Ar Cèol House Band, alongside some of the Highland’s most incredible up and coming young musical talents, they celebrate the vibrant and thriving musical heritage of the Highlands.

Fiddler Lauren MacColl will also showcase a newly commissioned work inspired by coastal happenings and stories from around the Moray Firth, exploring real events connected to water, coastline, community and loss. Lauren will be joined on Tuesday 12 October by Mairearad Green, Anna Massie and Rachel Newton.

In line with government guidelines, planned physical events will cater for restricted audience numbers; however, if restrictions are eased, organisers will endeavour to increase these capacities wherever possible.

James Graham, Chief Executive Officer of An Comunn Gàidhealach, said: “We are delighted that we can once again showcase the best that Gaelic culture has to offer at this year’s Royal National Mòd. The last year has certainly not been without its challenges but to be able to bring certain elements of the Mòd back with a hybrid approach is a huge boost for the event and its community of competitors, performers and fans.

“It will be a magical moment to hear live performance ring out in Eden Court once more and we look forward to welcoming people from Inverness and across Scotland to enjoy Gaelic song and music with one another. The online element of this year’s programme will also allow us to reach audiences around the world and we’re looking forward to celebrating the unique language, culture and spirit of the Gaels with thousands globally.”

Councillor Calum Munro said, “We are absolutely delighted that the Mòd is taking place in the Capital of the Highlands and the surrounding area. As we all know due to the pandemic it has and continues to be rather challenging when organising such significant events, but An Comunn Gàidhealach continues to be innovative in developing a combination of hybrid competitions and events which are in-line with COVID-19 regulations.

“The Royal National Mòd is one of the most important festivals of Gaelic and culture in Scotland, therefore it is fitting that it takes place in the capital of the Highlands where there are many venues including Eden Court where most of the events will take place and is ideal for hosting key blended approach events for people of all ages.

“I look forward to viewing events online and also to attending the events during the nine-day extravaganza which celebrates our rich language and culture and will be showcased globally.”

Deputy Provost Councillor Bet McAllister said, “I’m really looking forward to the Mòd returning to Inverness, it was last here in 2014 and created a real buzz in the city.  Hosting this high-profile event in Inverness was of huge significance financially to the business community in the city. However, we understand that the 2021 Mòd will be different due to the pandemic and current restrictions but the blended approach will attract viewers from other areas and countries. I wish to take this opportunity to welcome the participants to the city and wish them every success.”

Paul Bush OBE, VisitScotland’s Director of Events, said: “I’m delighted to see the Mòd return to Inverness this October with support through Year of Coasts and Waters 20/21 and Scotland’s Events Recovery Fund, adapting their offering to a hybrid event and continuing to represent Gaelic and Scottish culture on the world stage.”

Shona MacLennan, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig, said: “We are hugely pleased to be able to continue our support for the Royal National Mòd.  Holding some of the premier competitions live in Inverness will be a huge boost to the Gaelic community and the online events will ensure that Gaelic language and culture can be enjoyed throughout the world. 

“We want to congratulate An Comunn Gàidhealach and other Gaelic organisations that have worked hard during the last 18 months to ensure that many people were still able to benefit from listening to and participating in Gaelic culture despite all the hardships being faced, and be part of a world-wide community based on the Gaelic language.”

The Royal National Mòd is supported by Bòrd na Gàidhlig, The Highland Council, EventScotland, The Scottish Government, HIE, Caledonian MacBrayne, The Inverness Common Good Fund and SQA.

This year’s Royal National Mòd will run from Friday 8 - 16 October 2021.  View the full programme now at www.ancomunn.co.uk. Tickets are available to buy from Eden Court box office www.eden-court.co.uk.

Launch of The Royal National Mòd 2021 photographs

Picture shows Children from Inverness Gaelic School L_R Ava Williams -age 9 (Mòd) ,Ruaraidh MacLeod - age 6 (Inbhir), Isobel Simpson - age 8 (Nis) ,Hunter Williams - age 8 (2021) celebrating the launch of Mòd 2021 on the banks of the River Ness

Picture shows children from Inverness Gaelic School (L-R) Ava Williams - age 9 (Mòd), Ruaraidh MacLeod - age 6 (Inbhir), Isobel Simpson - age 8 (Nis), Hunter Williams - age 8 (2021) celebrating the launch of Mòd 2021 on the banks of the River Ness.

 

2 Sep 2021