Sgioba na Gàidhlig a’ foillseachadh bhidio a’ cur fàilte air Mòd 2021 a dh’Inbhir Nis/Gaelic Team unveil video welcoming the 2021 Mod to Inverness

Tha Sgioba Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd air bhidio goirid fhoillseachadh airson taic a chur ri Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 a thathar a’ cumail an-dràsta ann an Inbhir Nis.

Tha An Comunn Gàidhealach air dòigh-obrach mheasgaichte a leasachadh am-bliadhna agus tachartasan a’ gabhail àite an dà chuid aghaidh ri aghaidh agus air-loidhne.

Tha Mòd na bliadhna seo a’ toirt cothrom an tachartas fhèin a thaisbeanadh, agus cuideachd Inbhir Nis agus a’ Ghàidhealtachd san fharsaingeachd.

Tha a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan nan àiteachan air leth airson a bhith a’ fuireach is ag obair annta, agus airson ùine spòrsail a chur seachad eadar am baile agus an dùthaich.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ cur taic ri cosnadh òigridh agus thathar gu mòr airson daoine òga a thàladh gu dreuchdan Gàidhlig is cultarail airson a bhith a’ fuireach is ag obair anns an sgìre. Tha a’ Chomhairle adhartach, seasmhach is co-cheangailte a thaobh a dòigh-obrach le coimhearsnachdan agus le bhith a’ frithealadh sluagh na sgìre.

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh na Gàidhlig, “Tha mi fìor thoilichte gu bheil a’ Chomhairle air am bhidio goirid seo a dhèanamh agus e a’ sealltainn gach iomadh rud tha a’ Ghàidhealtachd a’ tabhann a thaobh na Gàidhlig is a cultair co-cheangailte, cothroman cosnaidh agus an àrainneachd fhèin.”

Chithear am bhidio an seo.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho: gaelic@highland.gov.uk

Gaelic Team unveil video welcoming the 2021 Mod to Inverness

The Highland Council’s Gaelic Team have produced a short video in support of the Inverness 2021 Royal National Mòd which is currently taking place in Inverness.

An Comunn Gàidhealach have developed a blended approach to the Mòd as events are taking place both virtually and face to face.

This year’s Mòd provides an opportunity to highlight not only the event, but Inverness and the wider Highland area.

The Highlands and associated Islands are both fantastic areas to live, to work, and to enjoy blended city and rural leisure time.

Highland Council supports youth employment and is keen to attract young people to Gaelic and cultural positions to live and work in the area. The Council is ambitious, sustainable, and connected in its approach to working with communities and serving the population of the area.

Councillor Calum Munro Chairperson of the Gaelic Committee said “I’m delighted that the Council has developed this short video which highlights what the Highlands has to offer regarding Gaelic and its associated culture, employment opportunities and the environment."

For further information contact:gaelic@highland.gov.uk

12 Oct 2021