Seiminear gus beachdachadh air mar a bheirear taic dhan Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan

Tha Buill Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd air aontachadh gun cùm an t-ùghdarras ionadail seiminear bhiortail airson beachdachadh air dòighean gus taic a thoirt dhan Ghàidhlig is fàs a thoirt air a’ Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan na Gàidhealtachd.

Thuirt Cathraiche Comataidh na Gàidhlig, an Comhairliche Calum Rothach: “Fhad ’s a tha sinn a’ gluasad gu bhith ag ullachadh airson ceathramh Plana Gàidhlig na Comhairle (PnG4) tha e cho fìor chudromach gun leasaich sinn seo tro dhòigh-obrach fiosraichte is aonaichte. ’S e amas an t-seimineir seo seata de ghnìomhan aontaichte a mhìneachadh agus thèid iad sin a stèidheachadh tro na còmhraidhean. Bheir na gnìomhan seo buaidh dhìreach air ceathramh Plana Gàidhlig na Comhairle.” 

Bidh an tachartas cuideachd a’ beachdachadh air toraidhean an sgrùdaidh a dh’fhoillsich Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean The Gaelic Crisis in The Vernacular Community.

Dh’aontaich comhairlichean cruth an t-seimineir anns am bi trì taisbeanaidhean le deasbaireachd a’ leantainn sin, agus seiseanan cheistean is fhreagairtean

Thèid an seiminear fhosgladh leis an Àrd-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin, Stiùiriche Institiud Rannsachaidh Cànain Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Stiùiriche lìonra rannsachaidh sòisio-chànanach Soillse. Bheir e seachad facal tòiseachaidh agus foir-shealladh air an sgrùdadh a rinneadh mu chainnt na dùthcha. Còmhla ris bidh Iain Caimbeul, a bha na cho-ùghdar air an sgrùdadh, agus a tha na Cho-eòlaiche Rannsachaidh aig Institiud Rannsachaidh Cànain Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Anns an dàrna seisean, bheir sgoilearan ceann shuas na h-àrd-sgoile ann an Àrd-Sgoil Phort Rìgh seachad taisbeanadh agus bidh iad a’ riochdachadh guth òigridh an Eilein Sgitheanaich aig an t-seiminear.

Bidh an treas seisean air a stiùireadh le Sabhal Mòr Ostaig (SMO) a bheir cunntas às ùr mun ionnsachadh is mu na h-ath cheumannan a thàinig am bàrr bhon t-seiminear aca ‘An t-Slighe air Adhart’ a chaidh a chumail o chionn ghoirid.

Thathar a’ toirt cuireadh do riochdairean bho Bhòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus High Life na Gàidhealtachd airson tighinn còmhla ri Buill Chomhairle na Gàidhealtachd airson beachdachadh air na taisbeanaidhean agus air raon chuspairean a tha a’ toirt buaidh air àm ri teachd na Gàidhlig, a leithid cothrom air seirbheisean dùthchail, eaconamaidh is turasachd, agus cultar.

Seminar will consider how to support and grow Gaelic in Highland communities 

Members of The Highland Council’s Gaelic Committee have agreed that the local authority will hold a virtual seminar to consider how to support and grow Gaelic in Highland Communities.

Chair of the Council’s Gaelic Committee Cllr Calum Munro said: “As we move towards preparing for the Council’s fourth Gaelic Language Plan (GLP4) it is vital that we develop this in an informed and cohesive approach. The aim of this seminar is to define an agreed set of actions which are informed by the discussions. These actions will directly influence the direction of the Council’s GLP4.”

The event will also consider the findings of the UHI-published-study on the ‘Gaelic Crisis in The Vernacular Community’.

Councillors agreed the format of the seminar which will include three presentations followed by discussion, and question and answers sessions.

The seminar will be opened by Professor Conchúr Ó Giollagáin, Director of the UHI Language Sciences Institute and the Director of the Soillse sociolinguistic research network. He will provide an introduction and overview of the Vernacular Study. With him will be Iain Caimbeul co-author of the study, and Research Fellow in the UHI Language Sciences Institute.

In the second session, Senior Pupils from Portree High School will deliver a presentation and will represent Skye’s youth voice at the seminar.

The third and final session will be led by Sabhal Mòr Ostaig with an update on the learning and next steps arising from their recent seminar ‘An t-Slighe air Adhart’ (The Way Forward).

Representatives are being invited from Bord na Gàidhlig, Scottish Government, Highlands and Islands Enterprise and High Life Highland to join Council Members to consider the presentations and a range of topics affecting the future of Gaelic including access to rural services; economy and tourism and culture.

2 Mar 2022