A’ Chomhairle a’ cur meal an naidheachd ri linn toraidhean Gàidhlig SQA

Tha Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd air meal an naidheachd a chur air sgoilearan, an teaghlaichean agus luchd-obrach sgoile airson leasachadh a chumail suas ann am buileachadh Gàidhlig Ùghdarras Theisteanasan na h-Alba (SQA) agus airson àrdachadh a thoirt air an àireimh a bha a’ dol air adhart airson deuchainnean anns a’ Ghàidhealtachd, ri linn toraidhean an Lùnastail 2022.

Tha Buill Comataidh Gàidhlig na Comhairle air fàilte a chur air aithisg mu Fhoghlam Gàidhlig Luchd-ionnsachaidh agus mu Fhoghlam tron Ghàidhlig agus mun Ghàidhlig aig ìrean ÀS4, ÀS5 agus ÀS6.

Thuirt Cathraiche Comataidh Gàidhlig na Comhairle: “Bu mhath leam meal an naidheachd a chur air na daoine òga uile a tha air obrachadh gu dìcheallach gus na toraidhean sgoinneil seo fhaighinn agus tha mi a’ toirt taing mhòr dha na teaghlaichean is dha na tidsearan aca airson taic a thoirt dhaibh. Bidh àm ri teachd na Gàidhlig ann an làmhan is ann an guthan nan daoine òga againn agus tha e a’ toirt toileachas is misneachd dhuinn seo fhaicinn.”

Sheall toraidhean 2022 na Gàidhealtachd gun deach pasaichean A-C a choileanadh mar a leanas:

  • Gàidhlig Luchd-ionnsachaidh – 36 Nàiseanta 4; 50 Nàiseanta 5 agus 29 Àrd-Ìre 6.
  • Gàidhlig Luchd-fileanta – 9 Nàiseanta 4; 44 Nàiseanta 5 agus 36 Àrd-Ìre SCQF.

Thug a’ Chomhairle fa-near gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a’ cumail chòmhraidhean le Riaghaltas na h-Alba (Foghlam Alba) agus Bòrd na Gàidhlig mun fheum a tha a’ sìor fhàs airson curraicealam a chruthachadh airson roghainnean cuspair ann am Foghlam tron Ghàidhlig aig an ìre as àirde san àrd-sgoil.

Chuir iad cuideachd fàilte air an naidheachd gu bheil Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis a-nis a’ tabhann teisteanas Àrd-Ìre ann an Eachdraidh tro mheadhan na Gàidhlig agus gu bheil Àrd-Sgoil Phort Rìgh ag obair còmhla ri Prìomh Oifigear Eadar-theangachaidh na Comhairle gus stuthan ullachadh a bheir tuilleadh leasachaidh air na tha iad a’ tabhann aig an ìre as àirde agus iad cuideachd air Ealain agus Teicneòlas Fiosrachaidh a thoirt a-steach do churraicealam ÀS1 agus ÀS2.

Council congratulations extended on SQA Gàidhlig results

The Highland Council’s Gaelic Committee has congratulated pupils, their families and school staff for a maintaining improvement in Gàidhlig SQA attainment and increasing presentation in numbers in the Highlands this August 2022.

Members of the Council’s Gaelic Committee have welcomed a report on Gaelic and Gàidhlig Medium Education Gàidhlig and Gaelic in S4, S5 and S6 years.

Chair of the Council’s Gaelic Committee said: “Congratulations to all the young people who have worked hard to get these excellent results and a huge thank you is extended to their families and teachers for supporting them. The future of the Gaelic language will be in the hands and voices of our young people and these results are very heartening and positive to see.”

The 2022 results for Highland showed that A-C passes were achieved for:

  • Gaelic Learners – 36 National 4; 50 National 5 and 29 Higher 6 levels.
  • Gàidhlig – 9 National 4; 44 National 5 and 36 SCQF Higher.

Members noted that The Highland Council is in discussion with the Scottish Government (Education Scotland) and Bòrd na Gàidhlig on the growing need to create a curriculum for Gàidhlig Medium subject choices at senior secondary school level.

They also welcomed that Inverness Royal Academy is now offering Higher in Eachdraidh (History through the medium of Gàidhlig) and Portree High School is working with the Council’s Gaelic Senior Translator in preparing resources to further develop their senior phase offering as well as introducing Art and Information Technology which has already been introduced into the S1 and S2 curriculum.

1 Sep 2022