Mion-sgrùdadh a rinneadh air meadhanan sòisealta a’ cuideachadh na Comhairle gus ullachadh airson Seachdain na Gàidhlig 2024

Top post in reach during SnaG
Top post in reach during SnaG 23

Tha Comhairlichean air fàilte a chur air aithisg mhionaideach a tha a’ toirt seachad fios air ais mu Sheachdain na Gàidhlig 2023 agus a bheir cothrom do dh’oifigearan na Comhairle planaigeadh airson treas Seachdain na Gàidhlig (SnaG) ann an 2024.

Chaidh aithisg choileanaidh a thaobh meadhanan sòisealta Chomhairle na Gàidhealtachd agus mar a chaidh tachartasan is gnìomhan a chur air adhart rè SnaG 2023 a sgrùdadh le Buill Chomataidh na Gàidhlig an-diugh.

Chuir a’ Chomhairle taic ris an iomairt nàiseanta a chaidh a chumail eadar 20–26 Gearran 2023 agus a bha air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Hands Up For Trad agus Alba Chruthachail. Chuir Sgioba Gàidhlig na Comhairle raon phròiseactan air dòigh le fòcas air an Dachaigh agus a’ Choimhearsnachd, agus Foghlam. Ghabh grunn sgoiltean sa Ghàidhealtachd pàirt agus chleachd iad na meadhanan sòisealta gus na gnìomhan aca a chur air adhart.

Chlàraich Cathraichean Comataidh na Gàidhlig agus Comataidh an Fhoghlaim bhidiothan airson nam meadhanan sòisealta, a’ cur fàilte air SnaG aig toiseach na seachdain agus a’ toirt taing dhan a h-uile duine a ghabh com-pàirt aig deireadh na seachdain. Chruthaich Sgioba na Gàidhlig, le taic bho Sgioba Conaltradh Corporra na Comhairle, bhidiothan beaga le ainm-àite is sean-fhacal an latha. Am measg nan tachartasan coimhearsnachd a chuir Sgioba na Gàidhlig air dòigh, bha tachartas do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, agus ann an co-bhann leis a’ Chultarlann chaidh tachartas Gàidhlig agus Cèic a chur air dòigh.

Thug an aithisg leasachaidhean am follais ann an coileanadh air na meadhanan sòisealta airson 2023 an coimeas ri iomairt na bliadhna an-uiridh. Air Facebook, ràinig puist na Comhairle 3.6k neach-cleachdaidh a bharrachd air àireamh 2022. Ràinig susbaint SnaG dà uimhir nan daoine air Instagram an coimeas ris a’ bhliadhna roimhe. Air Twitter, chaidh àrdachadh mòr fhaicinn san àireimh dhaoine a bha a’ gabhail com-pàirt is ag ath-sgaoileadh tweets na Comhairle. An coimeas ri 2022, bha an àireamh de chomharran a’ sealltainn gun do chòrd puist ri daoine air meudachadh 26%, agus bha tweets a bha air an ath-sgaoileadh air meudachadh 23%.

Thug an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Chomataidh na Gàidhlig, taing do Sgioba Conaltradh Corporra na Comhairle airson an cuid obrach a thaobh mion-sgrùdadh air dàta nam meadhanan sòisealta tro SnaG.

Bha na leanas am measg nam molaidhean airson na dh’fhaodadh a’ Chomhairle a dhèanamh air na meadhanan sòisealta airson SnaG 2024:

  • barrachd fòcais air com-pàirteachas is cleasan sgoile air Facebook;
  • fìrinnean is beachdan inntinneach mu dhualchas is chultar na Gàidhlig air Twitter;
  • rìdhle ‘Na tha a’ Ghàidhlig a’ ciallachadh dhòmhsa’ air Instagram le ceangal gu cuspair sònraichte SnaG 2024 le vox pops de dhaoine a-muigh ann am bailtean is air an dùthaich anns a’ Ghàidhealtachd; agus
  • fòcas air foghlam, no bhidiothan goirid mu ainmean-àite no sean-fhaclan Gàidhlig air TikTok.

Cleachdaidh Sgioba Gàidhlig na Comhairle am mion-sgrùdadh a rinneadh air na meadhanan sòisealta nuair a thathar ag ullachadh airson SnaG 2024 a thèid a chumail eadar 19–26 Gearran.

Social media analysis will help Council prepare for Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week) 2024

Councillors have welcomed an in-depth report that provides feedback on the Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week) 2023 event and which will enable Council officers to forward plan for the third Seachdain na Gàidhlig (SnaG) in 2024.

A social media performance report on The Highland Council’s promotion of events and activities during SnaG 2023 was scrutinised by Members of the Gaelic Committee today.

The Council pro-actively supported the national initiative which took place from 20–26 February 2023 and was funded by Bòrd na Gàidhlig, Hands Up For Trad and Creative Scotland. The Council’s Gaelic Team organised a range of projects focussing on Home and Community, Education, and several Highland schools participated and used social media to promote their activities.

The Gaelic and Education Committee Chairs recorded videos for social media welcoming and thanking participants to SnaG which were posted at the start and end of the week. The Gaelic Team, supported by the Council’s Corporate Communications team created video clips featuring placename of the day and proverb of the day. Community events included a Gaelic Learners event, and in collaboration with Cultarlann a Gàidhlig agus Cèic event was organised and facilitated by the Gaelic Team to support SnaG.

The report highlighted the improvements in social media performance for 2023 when compared to last year’s campaign. On Facebook, the Council’s posts reached 3.6k more users on the platform than in 2022. The SnaG content reached twice the number of people on Instagram than in the previous year. On Twitter, a considerable increase was seen in people interacting and resharing Council tweets. When compared to 2022, the number of likes had increased by 26%, and retweets by 23%.

Chair of the Gaelic Committee Cllr Calum Munro highlighted and thanked the Council’s Corporate Communications Team at the Gaelic Committee for the work undertaken regarding the social media data and analytics collated on SnaG.

Targeted suggestions for SnaG 2024 social media activity by the Council include:

  • emphasising additional focus on school participation and activities on Facebook;
  • focussing on bitesize engaging facts and interesting insights about Gaelic heritage and culture on Twitter;
  • creating a ‘What does Gaelic mean to me?’ reel on Instagram linked to the specific 2024 SnaG theme with vox pops of individuals outdoors in towns and rural Highland locations; and
  • a focus on education, or short Gaelic placename and proverb videos on TikTok.

The Council’s Gaelic Team will use the social media analysis to help prepare for SnaG 2024 which is on 19–26 February.

1 Jun 2023