Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle na Gàidhealtachd a’ cur a’ chiad plana cànain air bhog

Air fhoillseachadh le Bòrd na Gàidhlig

Read this in English

’S e Comhairle na Gàidhealtachd a’ chiad bhuidheann phoblach ann an Alba a tha air aonta foirmeil fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig mu choinneamh a’ Phlàna Cànain aca.

Thèid am plana, a tha ag amas air inbhe agus cleachdadh na Gàidhlig a mheudachadh, a chur an gnìomh air feadh sgìre Comhairle na Gàidhealtachd eadar seo agus 2011.

Tha cumhachd aig a’ Bhòrd brath foirmeil fo Earrann 3 de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a chur gu buidhnean poblach ag iarraidh orra planaichean Gàidhlig ullachadh agus a chur thuca taobh a-staigh ùine shònraichte.

’S i Comhairle na Gàidhealtachd a’ chiad bhuidheann phoblach a th’ air seo a dhèanamh; tha Planaichean bho bhuidhnean eile leithid Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Pàrlamaid na h-Alba fhathast a’ dol tro phròiseas aonta  a’ Bhùird.  Tha dùil ri Planaichean bho Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Riaghaltas na h-Alba a dh’aithghearr.

Tha Plana Chomhairle na Gàidhealtachd a’ toirt a-steach na leanas:

Thuirt Ministear na Gàidhlig, Linda Fabiani:

‘Tha mi a’ cur fàilte air a’ Phlana Ghàidhlig seo bho Chomhairle na Gàidhealtachd agus an cois iomairtean eile nì e cinnteach gun urrainn do luchd-labhairt na Gàidhlig gnothaich a dhèanamh ri seirbheis chudromach phoblach nan cànan fhèin.

‘Tha prògram adhartach aig Riaghaltas na h-Alba gus piseach a thoirt air inbhe na Gàidhlig  - gus dèanamh cinnteach gum bi i buan san àm ri teachd agus gus am bi cothroman air an cruthachadh far an urrainnear an cànan a chleachdadh ann an iomadach suidheachadh eadar foghlam is cultar gu bhith ga cleachdadh gu làitheil ann an seirbheisean poblach.

‘Seo a’ chiad Phlana Cànain a-mach à sreath bho bhuidhnean poblach a tha ag obair còmhla ri Bòrd na Gàidhlig, Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ris an fheadhainn eile fhaicinn agus na buannachdan a thig nan cois do choimhearsnachd na Gàidhlig agus do dh’Alba.’

Thuirt Coinneach Moireach, Àrd-oifigear Bhòrd na Gàidhlig:

‘Tha sinn toilichte ainmeachadh gu bheil a’ chiad Phlana Gàidhlig air a bhith air aontachadh agus tha sinn a’ cur meal-an-naidheachd air Comhairle na Gàidhealtachd airson a’ chlach mhìle chudromach seo a ruighinn.

‘Tha na Planaichean Cànain nan sgàthan air na miannan a tha ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus tha iad a’ ciallachadh gun urrainn do luchd-labhairt na Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh cuid de na seirbheisean poblach fhaighinn sa chànan nas trice.  Cuidichidh seo a’ Ghàidhlig a dhèanamh nas fhaicsinnich ann an obair an ùghdarrais.  Chruthaich Comhairle na Gàidhealtachd plana a bhios a’ cuimseachadh air an amas seo.’

“Tha e cudromach cuimhneachadh nach eil Planaichean Cànain Gàidhlig mu bhith a’ sparradh na Gàidhlig air buidhnean no air daoine, tha iad mu bhith ga dhèanamh comasach is chan ann mu bhith ga sparradh air daoine. Tha am Bòrd, agus na buidhnean leis a bheil sinn ag obair ann an com-pàirteachas, dèidheil air barrachd chothroman a chruthachadh airson luchd-labhairt na Gàidhlig agus daoine aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig a bhith ga cleachdadh cho tric ’s a ghabhas ann an suidheachaidhean làitheil.


Thuirt Sandy Park, Neach-gairm Comhairle na Gàidhealtachd:

“Tha mi làn-thoilichte gur e a’ Chomhairle againne a’ chiad bhuidheann ann an Alba a fhuair aonta bho Bhòrd na Gàidhlig airson Plana Cànain.

“Tha sinn air ùine agus oidhirp mhòr a chur seachad ann a bhith leasachadh a’ Phlana agus tha seo a’ dealbhadh ar dealais ann a bhith ag adhartachadh cànan is cultar na Gàidhlig. Tha e air a stèidheachadh air a’ phrionnsabal spèis co-ionann a bhith air a thoirt don Ghàidhlig agus don Bheurla agus tha e ag aithneachadh gur e pàirt chudromach de bheatha na Gàidhealtachd a tha sa Ghàidhlig.”

Thuirt an Comhairliche Seumas Friseal, Cathraiche Comataidh na Gàidhlig:

“Tha am Plana seo a’ cur an cèill prògram leasachaidh ceithir-bliadhnail agus molaidhean airson structar taic gus na leasachaidhean sin a chur air stèidh sheasmhach.  Le taic bho Sgioba Leasachaidh Gàidhlig agus Comataidh na Gàidhlig cuirear cudrom air dealas na Comhairle a thaobh na Gàidhlig agus cumar e sùil air na poileasaidhean agus am planadh airson na Gàidhlig thairis air seirbheisean na Comhairle air fad. ’S e ar n-amas a bhith toirt cothrom dhan phoball a bhith a’ faighinn sheirbheisean na Comhairle tro mheadhan na Gàidhlig, an co-rèir ri poileasaidhean buntainneach na Comhairle.

“Bidh seo a’ gabhail a-staigh a bhith a’ togail mothachadh mun Ghàidhlig airson cruthachadh beachdan deimhinneach airson leasachadh Gàidhlig. Tha sinn airson raon de chothroman dha daoine òg a thabhann airson Gàidhlig ionnsachadh san sgoil agus ann an ionadan-ionnsachaidh le bhith a’ cluich pàirt mhòr ann an leasachadh foghlam meadhan Gàidhlig aig ìre ro-sgoil agus cùram-chloinne tro mheadhan na Gàidhlig; a’ freagairt ann an dòigh dearbhachd an iarrtas bho phàrantan airson foghlam bun-sgoil tro mheadhan na Gàidhlig agus a’ leudachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an àrd-sgoiltean. Tha sinn airson Gàidhlig a bhrosnachadh ann a bhith ga chleachdadh anns an dachaigh agus cuideachd sa choimhearsnachd air fad. Tha sinn airson siostam ionnsachaidh Gàidhlig farsaing agus co-òrdanaichte a thabhann airson inbhich agus bheireadh sin an cothrom dha luchd-ionnsachaidh an Gàidhlig a leasachadh thairis air agus seachad air beatha a’ phlana seo.”

 ’S iad na sia buidhnean a fhuair fios plana cànain ullachadh sa chiad dol a-mach Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Comhairle na Gàidhealtachd,  Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Comhairle nan Eilean Siar agus Pàrlamaid na h-Alba.

 ’S e Bòrd na Gàidhlig am buidheann reachdail airson Leasachadh na Gàidhlig a chuireadh air chois fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 gus a’ Ghàidhlig adhartachadh an Alba agus thall thairis.  Tha an Achd a thàinig a-steach sa Ghiblean am bliadhna a’ cur ìmpidh air a’ Bhòrd Plana Nàiseanta airson na Gàidhlig ullachadh gus modh ro-innleachdail a stèidheachadh airson leasachadh cànan is cultar na Gàidhlig.
 
FIOS DO LUCHD-NAIDHEACHD

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun fhios-naidheachd seo cuir brath gu
Martin Osler air 07739 185522 no aig martin.osler@geronimocommunications.com.

http://www.bord-na-gaidhlig.org.uk/

29 May 2008