Comhairle a’ Cur Dàil ann an Coinneimh Gàidhlig Ghallaibh

Read this in English

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air aontachadh dàil a chur ann an ceann-là coinneimh ann an Gallaibh gus bruidhinn mu Phlana Gàidhlig na Comhairle.

Tha seo a’ tighinn às dèidh deasbaireachd le Bòrd na Gàidhlig far an do dh’iarr comhairlichean Ghallaibh dàil airson barrachd ùine a thoirt don Chomhairle gus cùisean gun rèiteach a chur air dòigh.

Am measg na bha an làthair aig a’ choinneimh bha riochdachadh bhon Bhòrd, air an stiùireadh le Art Carmaig, ceannardas na Comhairle, an Neach-gairm Sandy Park agus an Ceannard Mìcheal Foxley nam measg, agus sianar de 10 bhall na Comhairle à Gallaibh.

-crìoch-

27 Apr 2009