Buannachdan teagasg dà-chànanach a’ cruthachadh iarrtas airson ginealach ùr de thidsearan Gàidhlig.

Read this in English

Tha na figearan mu dheireadh bho Chomhairle na Gàidhealtachd a’ sealltainn buileachadh cudromach am measg sgoilearan Meadhan na Gàidhlig.  Tha na figearan a chuir an t-ùghdarras ionadail ri chèile airson ìrean buileachaidh SQA mu choinneamh sgoilearan mòr-shluaigh a’ taisbeanadh gu bheil sgoilearan a tha a’ faighinn foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ buileachadh co-roinn nas àirde de dhuaisean aig ìre Creideis na an co-aoisean sa Bheurla.

Bha aithisg do Chomataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd (25 Sultain) air buileachadh SQA sa Ghàidhlig a’ comharrachadh gu bheil toraidhean tùsail bho Àrd-sgoiltean na Gàidhealtachd ann an 2009 a’ sealltainn gu bheil sgoilearan a’ dèanamh math chan ann a-mhàin ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig ach cuideachd sna prìomh chuspairean aca.

Thuirt an Comhairliche Hamish Friseal, Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha na toraidhean seo a’ sealltainn gu soilleir gu bheil buannachdan an lùib a bhith a’ toirt foghlam dà-chànanach do chloinn.  Fada o bhith a’ cumail sgoilearan air ais, mar a theireadh cuid de luchd-càinidh, tha dearbhadh an seo a-rithist nach e a-mhàin gu bheil sgoilearan a tha ag ionnsachadh ann an sgoiltean tro Mheadhan na Gàidhlig a’ dèanamh math sa Ghàidhlig ach tha iad a’ dèanamh cho math ri agus nas fheàrr na an co-aoisean ann an cuspairean eile.

“’S ann air an adhbhar seo a tha iarrtas airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig làidir agus ’s ann air an adhbhar seo cuideachd a dh’fheumas sinn na ’s urrainn dhuinn a dhèanamh gus feuchainn ri àite fhaighinn airson an fhàis sin le bhith a’ tarraing agus a’ trèanadh ginealach ùr de thidsearan tro Mheadhan na Gàidhlig.”

Dh’innis Ùisdean Friseal, Stiùiriche Foghlaim, Cultair agus Spòrs Chomhairle na Gàidhealtachd, gu bheil sgoilearan ann an ÀS1 agus ÀS2 a’ coileanadh ìre mhath leughaidh is sgrìobhaidh Gàidhlig.

Thuirt e: “’S e coileanadh teisteil a tha seo seach gu bheil tòrr de na daoine òga a’ tighinn à teaghlaichean far nach eil a’ Ghàidhlig air a bruidhinn.  Dh’fhaodadh seo a bhith air an leughadh is an sgrìobhadh aca sa Bheurla a chuideachadh cuideachd seach gu bheil ìre nas àirde coileanaidh aig na h-aon sgoilearan an coimeas ris a’ bhuidhinn bhliadhna mar aon.”

 San aithisg thug e eisimpleirean seachad gun robh an ceudad cuibheasach a bha a’ coileanadh ìre E sa Ghàidhlig aig deireadh ÀS thar na 5 bliadhna mu dheireadh air a bhith aig 72.6% ann an leughadh agus 58% ann an sgrìobhadh.  Tha na sgòran leughaidh is sgrìobhaidh co-ionnan Beurla airson nan sgoilearan seo aig 79.7% agus 68.2% fa leth.  Tha iad seo mu 9% nas àirde na a’ chuibheasachd airson nam buidhnean bliadhna mar aon.

Tha sgoilearan tro mheadhan na Gàidlhlig a’ toirt seachad deagh choileanadh ann am Matamataig.  Ro dheireadh ÀS2 tha an ceudad cuibheasach de sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig thairis air na 5 bliadhna mu dheireadh aig 74.2% agus tha sin mu 8% nas àirde na cuibheasachd nam buidhnean bliadhna mar aon.

Tha cha mhòr na sgoilearan uile tro mheadhan na Gàidlhlig a’ leantainn air adhart gu deireadh ÀS4 far am bi iad a’ suidhe dheuchainnean a b’àbhaist a bhith air an dealbhadh do luchd-labhairt le Gàidhlig on ghlùin.  Tha an coileanadh aca làidir le co-roinn nas àirde a’ cosnadh dhuaisean ìre creideis seach na buidhne iomlain sa Bheurla.  Bidh luchd-ionnsachaidh na Gàidlhlig cuideachd a’ dèanamh gu sònraichte math le ìre àrd dhuaisean Creideis agus Meadhan Ìre agus a’ seasamh gu math an coimeas ri Frangais agus Gearmailtis.

Ron àm a bhios sgoilearan a’ ruigsinn ÀS5 agus ÀS6 tha na h-àireamhan a’ fàs ro bheag airson ceudadan.  Choisinn 25 a-mach às na 28 sgoilearan a bha a’ suidhe Àrd Ìre tro Mheadhan na Gàidhlig duais A – C.  Cha robh coileanadh cho math am-bliadhna bho Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an ÀS5 ach thathar an dùil gum faodadh pròiseas Ath-thagraidhean SQA eadar-dhealachadh a dhèanamh an seo.  Ghabh àireamh mhisneachail de 18 sgoilear Àrd Ìre Gàidhlig do Luchd-ionnsachaidh ann an ÀS6 agus choisinn 13 duaisean A – C.

Cha robh ach àireamhan fìor bheag ann an ÀS6 a’ dèanamh na h-Àrd Ìre Adhartaich.  Fhuair 3 tro Mheadhan na Gàidhlig agus 8 Luchd-ionnsachaidh duaisean aig A – C.

-crìochnachadh-

1 Oct 2009