Comhairle na Gàidhealtachd fìor thoilichte le co-dhùnadh Urras a’ BhBC mu Freeview airson BBC ALBA

Thuirt Neach-gairm Chomhairle na Gàidhealtachd, An Comhairliche Sandy Park: “Tha sinn air ar dòigh glan le aonta Urras a’ BhBC gus BBC ALBA a chur air Freeview.  Tha Comhairle na Gàidhealtachd air a taic a chur ris an iomairt seo airson grunn bhliadhnachan agus tha sinn a’ mealadh naidheachd Urras a’ BhBC airson a’ cho-dhùnaidh.  Tha sinn cuideachd a’ mealadh naidheachd com-pàirteachas a’ BhBC agus MG ALBA airson aithne mar seo a thoirt do BhBC Alba mar sheanal làidir agus mar shàr chraoladair.

“Tha BBC ALBA air dòighean macmeanmnach a lorg gus luchd-amhairc ùr a tharraing gu craoladh Gàidhlig.  Tha sinn cinnteach gun toir an gluasad seo spionnadh is ùrachadh dhan Ghàidhlig agus gun tèid a h-ìomhaigh agus a h-inbhe a neartachadh buileach.  Tha sinn a’ coimhead air adhart ris an t-soirbheas a thig an cois BBC ALBA air Freeview dhaibhsan a tha ag obair gus àm ri teachd fallain agus seasmhach a thogail dhan Ghàidhlig.”

Thuirt Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, An Comhairliche Hamish Friseal: “Gun teagamh sam bith ’s e ceum cudromach a tha seo ann an leasachadh craoladh Gàidhlig, agus ann an leasachadh na Gàidhlig gu h-iomlan.

“Sa chiad àite, tha craoladh air Freeview a’ ciallachadh gum bi e nas fhasa do mhòran a bharrachd de luchd-labhairt na Gàidhlig sàr phrògraman fhaicinn sa chànan, agus bhithinn an dùil gum fàsadh luchd-amhairc air sgàth seo.  San dàrna àite, is dh’fhaoidte a cheart cho cudromach, le bhith a’ toirt àite làidir don Ghàidhlig air àrd-ùrlar cho follaiseach, cuidichidh seo gus ìomhaigh a’ chànain a thogail am measg a’ mhòr-shluaigh.”

-crìoch-

21 Dec 2010