A’ togail na brataich aig Sabhal Mòr Ostaig gus a 40mh ceann-bliadhna a chomharrachadh, agus a’ Chomhairle an làthair

http://www.flickr.com/photos/highlandcouncil/8800642815/
http://www.flickr.com/photos/highlandcouncil/8800642071/

Read this in English

Gus an 40mh Ceann-bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig a chomharrachadh, thadhail buill de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd air a’ cholaiste an-diugh (Diardaoin 23 Cèitean) gus barrachd ionnsachadh mun obair a thathar a’ dèanamh gus cothrom chun na Gàidhlig a leudachadh, agus mu na planaichean leasachaidh a tha aig a’ cholaiste airson an ama ri teachd.
Thòisich a’ mhadainn le cuairt gu làrach Baile Leasachaidh na Cille Bige mus deach cuairt eile a ghabhail timcheall air goireasan na colaiste agus Fàs, ionad a tha stèidhichte air na gnìomhachasan cruthachail is cultarail.

Thug Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig, an Comhairliche Sheumais Friseal, seachad truinnsear-cuimhneachaidh dhan Ollamh Boyd Robasdan, Prionnsapal an t-Sabhail Mhòir, agus bratach cheann-bliadhna a thèid a sgaoileadh tron bhliadhna shònraichte seo.

Chaidh Meòrachan Tuigse eadar a’ Chomhairle agus a’ Cholaiste a shoidhnigeadh ann an 2011 agus tha còmhlan-obrach le buill bhon dà bhuidhinn a’ coinneachadh gu cunbhalach gus sùil a chumail air adhartas phròiseactan agus gus cunntas a thoirt air gnìomhachd chom-pàirteach a thaobh nan cuspairean ann am Plana Gàidhlig na Comhairle.

Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal: “Bha e iomchaidh a’ choinneamh againn a chumail ann an Sabhal Mòr Ostaig an-diugh seach gun robh an clàr-gnothaich againn a’ còmhdach grunn chuspairean a bha a’ dèiligeadh ri bhith a’ brosnachadh cànan is cultar na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach na h-obrach a thathar a’ dèanamh mus tig am Mòd Nàiseanta Rìoghail gu Prìomh-bhaile na Gàidhealtachd an-ath-bhliadhna.

“Nuair a chaidh a’ Cholaiste a stèidheachadh ann an 1973 bha lèirsinn àraid aice agus thar nam bliadhnachan tha i air a bhith aig fìor thoiseach gnothaich ann a bhith a’ lìbhrigeadh chothroman ionnsachaidh den inbhe as àirde.  Tha an 40mh ceann-bliadhna a’ toirt cothrom dhuinn coimhead air ais air na chaidh a choileanadh, ach cothrom cuideachd gus coimhead air adhart.  Tha leasachadh na Cille Bige mar Bhaile Gàidhealach airson na 21mh linn a’ toirt cothrom gus coimhearsnachd sheasmhach a chruthachadh le sàr làrach oilthighe na theis-meadhan.  Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair ann an com-pàirteachas le Sabhal Mòr Ostaig airson iomadh bliadhna fhathast.”

Bhon a thàinig i gu bhith na com-pàirtiche gnìomhach de Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, tha a’ Cholaiste air prògraman co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig a thabhann aig ìre cheumnach is iar-cheumnach.  Tha làrach na Colaiste air leudachadh gu mòr gus coinneachadh ri feumalachdan nan oileanach is nam pròiseactan a tha a’ sìor dhol am meud.  Chaidh làrach Àrainn Ostaig a leudachadh le àiteachan-fuirich, àiteachan-oifis agus stiùidio a tha mòr is freagarrach gu leòr airson craoladh.  Beagan bhliadhnachan às dèidh seo chaidh Àrainn Chaluim Chille a chrìochnachadh, a’ toirt seachad barrachd sheòmraichean-teagaisg, àiteachan-fuirich, talla òraidean, ionad-bìdh agus leabharlann farsaing.

Bho chionn ghoirid, chaidh Fàs – an t-Ionad ùr airson nan Gnìomhachasan Cruthachail is Cultarail – fhosgladh gu h-oifigeil le Prìomh Mhinistear na h-Alba.  Tha an goireas ùr a’ cur gu mòr ri àite an t-Sabhail Mhòir mar Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig le bhith a’ toirt cothrom airson tuilleadh leasachadh eaconamach gu h-ionadail agus le bhith a’ leudachadh na h-obrach a thathar a’ dèanamh mar-thà a thaobh teagasg, ionnsachadh, cultar agus rannsachadh.

Thuirt an t-Ollamh Boyd Robasdan: “Tha sinn fìor thoilichte gun robh cothrom aig Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig tighinn dhan t-Sabhal Mhòr sa bhliadhna anns a bheil sinn a’ comharrachadh 40mh ceann-bliadhna na Colaiste.  Thug an turas cothrom do Bhuill eòlas a chur air oighreachd is goireasan na Colaiste agus na planaichean a th’ againn airson na Cille Bige.  Tha Meòrachan Tuigse torach againn mar-thà leis a’ Chomhairle agus thug a’ choinneamh seo seachad dòigh eile gus an com-pàirteachas a dhaingneachadh is a neartachadh.”

Thuirt Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Drew Hendry: “Tha mi a’ cur meal-a-naidheachd air Sabhal Mòr Ostaig air a 40mh ceann-bliadhna. Tha a’ Chomhairle agus a’ Cholaiste air fìor dheagh dhàimh a thogail thar na h-ùine seo.  Tha sinn fìor thoilichte ar dàimh a chumail a’ dol tron Mheòrachan Thuigse againn agus tron taic a tha sinn a’ toirt do Phròiseact na Cille Bige.  Tha seo a’ taisbeanadh nan ceangalan eadar a’ Ghàidhlig ann am foghlam, ann an coimhearsnachdan agus ann an leasachadh eaconamach na Gàidhealtachd.”

CRÌOCH

 

27 May 2013