Chùm Comhairle na Gàidhealtachd, ann an co-bhuinn ri Comann nam Pàrant agus Bòrd na Gàidhlig, Latha Spòrs is Fiosrachaidh soirbheachail Disathairne seo chaidh, aig Àrainn Fhinn ann am Port Rìgh.

Chùm Comhairle na Gàidhealtachd, ann an co-bhuinn ri Comann nam Pàrant agus Bòrd na Gàidhlig, Latha Spòrs is Fiosrachaidh soirbheachail Disathairne seo chaidh, aig Àrainn Fhinn ann am Port Rìgh.

Chùm Comhairle na Gàidhealtachd, ann an co-bhuinn ri Comann nam Pàrant agus Bòrd na Gàidhlig, Latha Spòrs is Fiosrachaidh soirbheachail Disathairne seo chaidh, aig Àrainn Fhinn ann am Port Rìgh. Bha tòrr chleasan spòrsail ann do chloinn fo-sgoile, nam measg peantadh aodainn agus caisteal bocail.

Bha fiosrachadh ann do phàrantan mu chothroman an lùib Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus buannachdan dà-chànanais. Bha deochan is greimeagan-bìdh rim faotainn agus bha an t-airgead a chaidh a thogail a’ dol gu Cròileagan Phort Rìgh.

Thuirt Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig: “Tha Làithean Fiosrachaidh Gàidhlig a’ toirt cothrom do phàrantan chloinne aois fo-sgoile barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu bhuannachdan dà-chànanais, agus cuideachd coimhead air goireasan Gàidhlig a gheibhear gus taic a thoirt do phàrantan a tha airson a’ Ghàidhlig ionnsachadh gus an cuid chloinne a chuideachadh nuair a bhios iad a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.” Lean e air adhart: “Tha a’ Chomhairle an-dràsta a’ buileachadh a Plana Gàidhlig agus tha tachartasan leithid seo bunaiteach gus a’ Ghàidhlig a leasachadh san Dachaigh agus ann an Coimhearsnachdan.”