Soirbheas do Sgoil Sgitheanach is sgoilearan a’ togail prìomh dhuais aig a’ Mhòd

Tha còmhlan-ciùil Bun-Sgoil Stafainn san Eilean Sgitheanach air a’ phrìomh dhuais a bhuannachadh ann am farpais nan còmhlan dhaibhsan fo aois 13 aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis.

Bha Megan NicIomhair, Eòin Peutan, Isla NicLeòid agus Erin Nic’Ill’Iosa a’ cluiche sa chòmhlan. Bhuannaich còmhlan eile às an sgoil an aon fharpais aig Mòd 2012 ann an Dùn Omhain.

Airson na siathamh bliadhna às dèidh a chèile tha Comhairle na Gàidhealtachd air sponsaireachd a thoirt dhan fharpais seo, ann an com-pàirt le Fujitsu a tha air eàrlas £500 a thoirt seachad dhan chòmhlan shoirbheachail.

Thuirt Abby Wilson, Manaidsear Buannachd Coimhearsnachd aig Fujitsu: “Tha Fujitsu fìor thoilichte brosnachadh a thoirt do chom-pàirteachas dhaoine òga air fad ann am Mòdan Nàiseanta air fad le bhith a’ co-sponsaireachd Farpais nan Còmhlan dhaibhsan fo aois 13. ’S math a rinn Bun-sgoil Stafainn agus tha mi a’ guidhe gach soirbheas do na còmhlain agus na daoine fa leth air fad a tha an lùib nam farpaisean thairis air an t-seachdain a tha romhainn.”

Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd: “Bha e na urram mòr dhomh geall-dùbhlain na farpais sgoinneil seo a thoirt seachad agus bha mi gu sònraichte toilichte a thoirt seachad do sgoil às an Eilean Sgitheanach.  ’S e seo an dàrna turas a tha an sgoil air an duais seo a thogail agus mar sin bu chòir meal-an-naidheachd dha-rìribh a chur air an luchd-obrach, na sgoilearan agus na pàrantan. Tha an ìre a’ fàs nas fheàrr a h-uile bliadhna agus bu chòir dhan òigridh a tha a’ gabhail com-pàirt a bhith moiteil às na rinn iad. Tha làn dhùil agam gun dèan iad uile adhartas mòr agus gum bi iad nan tosgairean soirbheachail dhan Ghàidhlig san àm ri teachd.”

CRÌOCH