Cupa Iomain na h-Òige – Farpais Nàiseanta Iomain do Sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

.

Read this in English

Tha Iomain Cholmcille – pròiseact iomain Gàidhlig – ag obair ann an com-pàirteachas le Sgioba Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd agus High Life na Gàidhealtachd gus tachartas iomain nàiseanta a chur air dòigh airson sgoilearan P4 – P7 ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an sgoiltean air feadh Alba.

’S e pròiseact pìolait a th’ ann an Cupa Iomain na h-Òige – ach thathar ag amas air tachartas bliadhnail a dhèanamh dheth, stèidhichte sa Ghàidhealtachd agus fosgailte do sgoiltean air feadh Alba.

Chaidh an tachartas a chumail ann am Pàirc an Eilein ann am Baile Ùr an t-Slèibh, agus bha a h-uile càil gu tur tro mheadhan na Gàidhlig. ’S e pròiseact a th’ ann an Iomain Cholmcille a tha ag amas air a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh ann an saoghal an iomain agus bithear a’ cur cho-iomlaidean eadar-nàiseanta air dòigh gu cunbhalach, an dà chuid do dh’fhireannaich is do bhoireannaich, le sgiobaidhean iomain a bhruidhneas Gàidhlig na h-Èireann.

Tha Cupa Iomain na h-Òige air taic fhaighinn bhon Chomhairle agus Bòrd na Gàidhlig. Tha Iomain Cholmcille a’ toirt seachad Cupa Iomain na h-Òige dhaibhsan a bhuannaicheas, agus tha a’ Chomhairle a’ toirt seachad taic airson geall-dùbhlain – Duais Ghàidhlig Iomain na h-Òige – a tha a’ dol chun an sgioba aig an robh an deòin as motha an cànan a chleachdadh aig an tachartas, a bharrachd air buinn a tha air an toirt do gach com-pàirtiche. Rinn FilmG, dhan a bheil a’ Chomhairle a’ toirt taic, ceangal leis an luchd-eagrachaidh seach gur e deagh chothrom a bh’ ann dhaibh earrann spòrs a chur an lùib farpais FilmG na bliadhna seo. Bha iad cuideachd a’ filmeadh is ag aithris mu chleasan gaisgeil nan Gàidheal òga.

Thòisich an tachartas aig 11m le 6 cluicheadairean air gach taobh, agus 8 ann an sguad. Ghabh sgiobaidhean à Baile Ùr an t-Slèibh, Loch Abar, Inbhir Nis, Glaschu agus Dùn Èideann com-pàirt. Às dèidh latha farpaiseach, bhuannaich Bun-Sgoil Bhaile Ùr an t-Slèibh  an fharpais agus fhuair Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar Duais na Gàidhlig airson dealas dhan chànan.

Thuirt Mgr Eòghann Stiùbhart, Co-òrdanaiche Iomain Cholmcille ann an Alba: ‘Is e seo an ath ghinealach de chluicheadairean iomain agus de Ghàidheil agus tha e deatamach gum faic iad an ceangal eadar an spòrs agus an cànan o aois òg.  Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air a bhith glè chudromach airson fàs na camanachd agus bha sinn gu math deònach an neart sin a chleachdadh. Tha Iomain Cholmcille glè thoilichte a bhith ag obair ann an co-chomann le Comhairle na Gàidhealtachd air a’ phròiseact seo agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ris an fharpais a leasachadh anns na bliadhnaichean ri teachd. Tha sinn an dòchas gum bi cuid mhath dhen òigridh seo a’ cluich do sgioba Gàidhlig na h-Alba anns an àm ri teachd cuideachd.’

Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig, a thug seachad ‘Duais Ghàidhlig Iomain na h-Òige do Bhun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar agus Cupa na Camanachd do Bhun-Sgoil Bhaile Ùr an t-Slèibh: “Tha mi fìor thoilichte an cothrom fhaighinn an Cupa a thoirt seachad. ’S e fìor dheagh thachartas a bh’ ann seach gun tug e cothrom dhan òigridh sna sgiobaidhean fa leth na sgilean cànain aca a chleachdadh len co-aoisean bho sgoiltean is bho sgìrean eile san dùthaich. Tha seo a’ toirt a’ chànain a-mach à suidheachadh a’ chlas agus tha an òigridh a’ toirt còmhla nan sgilean cànain, spòrs is sòisealta aca, ann an dòigh a tha a’ freagairt air riatanasan clàr-gnothaich a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais.”