Tha Acadamaidh a’ Mhòid air an Rathad

.

photoTha Comhairle na Gàidhealtachd, An Comunn Gàidhealach agus Comataidh Eagrachaidh Ionadail Mòd Nàiseanta Loch Abar ag obair ann an com-pàirteachas le Fèisean nan Gàidheal gus Pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid a lìbhrigeadh air thoiseach air a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a thèid a chumail ann an Loch Abar ann am meadhan na Dàmhair.

Tha sgoiltean ann an sgìre Loch Abar an-dràsta a’ faighinn cothrom com-pàirt a ghabhail ann am Pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid, far a bheil oidean Gàidhlig agus oidean ceòl traidiseanta a’ tadhal air sgoiltean anns an sgìre gus oideachadh cànain is ciùil a thoirt do sgoilearan.

Bidh Acadamaidh a’ Mhòid a’ dèanamh cinnteach gu bheil aithne freagarrach air a thoirt do Ghàidhlig, òrain is bàrdachd Ghàidhlig agus ceòl traidiseanta ann an sgoiltean, agus gum bi cothrom aig sgoilearan oideachadh fhaighinn anns na raointean seo. Bheir seo taic do dhaoine òga gus ullachadh airson a’ Mhòid.

An-dràsta, tha 14 sgoiltean san sgìre air cothrom a ghabhail a bhith an lùib Pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid. Tha am Pròiseact cuideachd a’ gabhail a-steach sreath de Thaisbeanaidhean Rathaid airson a’ Mhòid, agus Oifigearan bhon Chomunn Ghàidhealach a’ tadhal air sgoiltean gus aire a thogail mun Mhòd agus mu dhòighean san urrainn do sgoilearan com-pàirt a ghabhail anns na farpaisean is na tachartasan. Thathar an dòchas gum bi barrachd dhaoine òga a’ gabhail com-pàirt sa Mhòd air sgàth seo.

Thuirt Mgr Raghnall Camshron, Cathraiche na Comataidh Eagrachaidh Ionadail, “Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, chuir Meur Loch Abar – meur ionadail a’ Chomuinn – air dòigh oide gus sgoilearan anns na 3 bun-sgoiltean ionadail ullachadh airson Mòd Sgìre Loch Abar.

“Tha sinn fìor thoilichte gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd, ann an com-pàirteachas leis a’ Chomunn Ghàidhealach, air Fèisean nan Gàidheal a thoirt an lùib seo gus Pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid a lìbhrigeadh airson oideachadh a sgaoileadh gu 14 sgoil thar na sgìre san fharsaingeachd agus sgoilearan ullachadh airson an dà Mhòd Ionadail agus airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail. ’S e fìor dheagh naidheachd a tha seo agus bheir e spionnadh do bheartas cultarail is cànain a leanas airson iomadh bliadhna. Tha seo cuideachd a’ toirt fianais thràth air na buannachdan cultarail is eaconamach a tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tabhann dhan sgìre.”

Lean e air adhart, “Tha Pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid a’ com-pàirteachadh sheinneadairean is sheanachaidhean eòlach is cliùiteach bhon sgìre mu thimcheall, nam measg Joy Dunlop, Màiri Anna NicUalraig, Seònaid Chaimbeul agus Sìleas Nic na Ceàrdaich. Bu toil leinn an cothrom a ghabhail taing a thoirt dhan luchd-eagrachaidh, na h-oidean agus na Ceannardan-sgoile a tha an sàs sa phròiseact.”

Thuirt a’ Bh-uas Eilidh NicCoinnich, Manaidsear Fèisgoil, Fèisean nan Gàidheal, “Tha a bhith a’ gabhail com-pàirt ann a bhith a’ dèanamh ceòl Gàidhlig, gu h-àraid ann an suidheachadh buidhne, na dheagh eisimpleir air na nithean as fheàrr mun Churraicealam airson Sàr-mhathais. Le bhith ag obair ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd agus An Comunn Gàidhealach, tha cothrom air a bhith againn sgioba oidean air leth a chur air dòigh, agus is urrainn dhan phrògram a tha sinn air a chur ri chèile taic a thoirt do luchd-obrach agus brosnachadh a thoirt do chloinn – aig an aon àm a’ sealltainn dhaibh gu bheil e dha-rìribh comasach òrain Ghàidhlig ionnsachadh ge brith dè an t-eòlas a th’ agad roimhe air a’ chultar. Cuideachd, tha tòrr fealla-dhà na lùib!”

Thuirt Mgr Iain Moireasdan, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich, “Tha Acadamaidh a’ Mhòid na dheagh eisimpleir air Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, An Comunn Gàidhealach, Comataidh Eagrachaidh Ionadail Mòd 2017 agus Fèisean nan Gàidheal a bhith ag obair ann an com-pàirteachas gus pròiseact innleachdach a lìbhrigeadh, a bheir buannachd dhan a h-uile duine a tha a’ gabhail com-pàirt ann. Tha sinn taingeil airson na taic maoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Maoin nam Pàtranach agus airson nan tabhartasan bho theaghlaichean Theàrlaich MhicColla nach maireann agus Sheòrais Mhic a’ Ghobhainn nach maireann.”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho:

moraganna.macleod@highland.gov.uk;

james@ancomunn.co.uk;