Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ leigeil beannachd le Loch Abar

Read this in English

Às deidh ochd latha de dh’fharpaisean, dèanadasan agus fèisteas, tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ leigeil beannachd leis an aoigh gnàthaichte aige, Loch Abar. Tha an fhèis Ghàidhlig as motha ann an Alba air a bhith air leth soirbheachail, leis an àireamh as motha a-riamh de luchd com-pàirt a’ fàgail dìleab air am bi cuimhne airson bliadhnaichean ri teachd. Thog na mìltean de Ghàidheil is luchd-taic orra chun fhèis gus tlachd fhaighinn bho na tha dol air adhart aig a’ Mhòd, agus timcheall air suas ri £2.5m an dùil a bhith air a chruthachadh airson an eaconamaidh ionadail.

Bithear a’ dùnadh chùisean an-diugh (21 Dàmhair), agus chaidh an tachartas mu dheireadh air sràidean a’ Ghearasdain, leis na mòr-chòisirean a’ dèanamh an slighe tron Àrd Shràid airson an t-seinn còmhla mu dheireadh. Bha riochdairean bhon bhaile aoigheachd ann an 2018, Dùn Omhain, an làthair airson bratach a’ Mhòid fhaighinn bho aoighean na bliadhna-sa. Tillidh fèis na Gàidhlig a Dhùn Omhain airson an ochdamh turas an ath-bhliadhna, agus thèid sin a chumail eadar 12 is 20 Dàmhair.

Is e An Comunn Gàidhealach a tha a’ cur Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air adhart, agus tha Am Mòd mar an fhèis as motha agus as cudromaiche don Ghàidhlig air feadh an t-saoghail. Am-bliadhna nochd àrdachadh anns an àireamh de dh’fharpaisean fo aois 18 a bha a-staigh airson tachartasan an t-seann nòis agus litreachais, le co-dhiù barrachd air 200 tagraiche na bha ann an-uiridh. Tha an àrdachadh anns an fheadhainn a tha togail ùidh ann an fhèis agus a’ chultar Ghàidhlig a tha na cois na chomharra math airson tachartasan san àm ri teachd agus soirbheachas leantainneach a’ Mhòid.

Chaidh na prìomh dhuaisean am-bliadhna gu Alasdair MacMhuirich agus Rachel Walker ann am farpais a’ Bhonn Òir; Iain Iòsaph MacNèill agus Hannah Knight a choisinn na Buinn Òir Seann Nòis, agus Iseabail Chaimbeul agus Coinneach MacLeòid a choisinn na h-Aigeallain Airgid. 

Choisinn Claire Frances NicNèill Duais Cuimhneachaidh ùr Theàrlaich MhicColla airson a’ chiad uair, airson na comharran as àirde fhaighinn ann an Seinn san t-Seann Nòis (aoisean 16-18), agus choisinn Màiri Sophia Mhoireasdan an Duais ùr mar chuimhneachan air Aonghas Neacal.

Ann am farpaisean nan còisir; Choisinn Còisir Sgir' A' Bhac Sgiath Latharna, agus choisinn Bùrach an t-Siorram MacMhaighstir. Air Dihaoine, chaidh Duais Cuimhneachaidh Mhàiread NicDhonnchaidh gu Còisir Loch Abar; agus chaidh Duais MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn gu Inbhir Pheofhtharain airson an dàrna bliadhna.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich:

“Abair gur e deagh bhliadhna a tha air a bhith ann don Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar. Bha e sònraichte a bhith cur fàilte air an àireamh as àirde de dh’fharpaisich ann an deich bliadhna, agus tha seo a’ sealltainn cho làidir is cho cudromach ‘s a tha Cultar na Gàidhlig. Tha inbhe nam farpaisean air a bhith sònraichte math.

Tha mi air mo dhòigh a bhith cur fàilte air uimhir de dh’aghaidhean ùra am measg an fheadhainn a dh’aithnicheas mi, agus tha sinn an dòchas gun tig iad còmhla rinn gu Dùn Omhain an ath-bhliadhna. Tha e na bhrosnachadh dhuinn a bhith a’ faicinn uimhir de thagraichean òga agus uimhir de bhuannaichean am-bliadhna, agus tha càileachd nam farpais air a bhith sònraichte àrd am-bliadhna. Bu mhath leam taing mhòr a thoirt don h-uile duine a bha an sàs ann am Mòd na bliadhna-sa, agus gu sònraichte don chomataidh ionadail agus a h-uile neach-taic saor-thoileach agus buidhnean-taic. Thathas mu thràth a’ dealbhadh airson Mòd 2018 ann an Dùn Omhain agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn a h-uile duine ann an sin.”

Thuirt an Comhairliche Alister MacFhionghuin, Cathraiche Comataidh nan Goireasan Corporra agus Cathraiche Buidheann Coileanaidh Ro-innleachd na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd:  “Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar air a bhith air leth soirbheachail. Tha mi a’ creidsinn gu bheil am Mòd a’ toirt seachad àrd-ùrlar airson na Gàidhlig agus airson leasachadh chultarail don choimhearsnachd. Tha am Mòd cho cudromach gu nàiseanta mar mheadhan air ìomhaigh is dreuchd na Gàidhlig a thogail nar dualchas. Tha Mòd Loch Abar air dearbhadh gu bheil a’ Ghàidhlig na cànan a tha a’ soirbheachadh, beò agus airson an latha an diugh.

“Tha am Mòd aig cridhe leasachaidhean na Gàidhlig le bhith toirt taic dha foghlam, craoladh – a’ gabhail a-steach na meadhanan ùra, na gnìomhachasan cruthachail, agus a’ cur gu mòr ri eaconamaidh na sgìre far am bithear a’ toirt aoigheachd dha.

“Tha na h-àireamhan de fharpaisich a’ sìor àrdachadh, agus bha seo soilleir na bu thràithe san t-seachdain, gu sònraichte mar a tha roinn na h-òigridh na phàirt mhòr dheth. Is e iadsan a bhios a’ giùlan ar dualchas san àm ri teachd.”

Lean an Comhairliche MacFhionghuin air adhart, “Tha an Gearasdan is sgìre Loch Abar air dearbhadh aon uair eile gu bheil an sgìre seo na dheagh àite airson aoigheachd a thoirt don Mhòd. Tha e cuideachd na thoileachas a bhith faicinn mòran de mhuinntir Loch Abar a’ cosnadh dhuaisean àrd-inbheil ann am prìomh fharpaisean.

“Às leth Comhairle na Gàidhealtachd tha mi airson an cothrom seo a ghabhail meal an naidheachd a chuir air gach farpaiseach, a’ Chomataidh Ionadail, An Comunn Gàidhealach agus a h-uile neach-cuideachaidh saor-thoileach airson an obair chruaidh a rinn iad gus dèanamh cinnteach gum biodh Mòd Loch Abar cho soirbheachail. ‘S math a rinn sibh!”

Thuirt Pòl Bush OBE, Stiùiriche Thachartasan aig Event Scotland: “Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ faicinn Am Mòd Nàiseanta Rìoghail cho soirbheachail bliadhna eile a’ comharrachadh cultar na Gàidhlig.  Bha Loch Abar na dhèagh àite aoigheachd ann an 2017, Bliadhna Eachdraidh, Dualchas is Arc-eòlais na h-Alba, a’ cuideachadh le bhith ag ath-dhearbhadh cliù na h-Alba mar phrìomh àrd-ùrlar airson tachartasan.”

Thuirt Brian Fulton, Stiùiriche Coimhearsnachd is Ceangal Luchd-ùidhe aig CalMac: "Tha Mòd 2017 ann an Loch Abar air a bhith air leth soirbheachail agus tha sinn a’ cur meal an naidheachd air a h-uile duine a bha an sàs ann airson an leithid de thachartas tlachdmhor a chur air dòigh. Tha am Mòd mar thachartas fìor mhòr anns a’ bhliadhna againn agus bha tachartas 2017 gu cinnteach cho fìor mhath sa bha dùil againn a bhiodh e."